VII MOLADH NAM BÀRD UIBHISTEACH
Séisd:—
Ho ro ho ì, hó ro nan, 565
Ho ro chall éileadh,
Ho ro ho ì, hó ro nan.
’S an Uibhist an Eòrna
Gheibhte beòil an deagh-reumaidh.
Beòil gun uireasbhuidh cainnteadh, 570
Beòil nan teangannan geura;
Beòil nan teangannan sgaiteach,
Ullamh, acfhuinneach, gleusach;
Beòil labhairt na Gàidhlig,
Nach do ghànraich a’ Bheurla, 575
A chuireadh facail a’ freagairt
Ann an eagaibh a chéile.
Fhuair iad saor air bheag iomrall
Ioma iomradh is sgeula
Air an aiseag bho sìnnsreadh 580
Mar a dh’ìnnseadh le beul iad.
Fhuair iad eòlas nam bàrd
A bha romh Phàdruig an Éirinn;
Le beith, luis, agus Òghum
Fhuair iad eòlas a leughadh. 585
Thug sibh mionnan is bòidean
Aig a’ Mhòd an Dun Eideann,
Gum biodh urram a’ chrùin leibh
Air a ghiùlan gu h-eutrom;
Air a ghiùlan leibh dhachaigh, 590
Olc air mhath le luchd-eud ribh;
Eadar Leódhas is na h-Earradh,
Tuath no ’n ear air Caol Shléibhte.
title | VII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |