LXX TRIALL GU “CÙIRT NAN CON”
’S a’ mhadainn Di-sathuirn thàinig brath oirnn a-nall, 8140
Chuir sud ann am cheann-s’ an t-ànradh so;
Gu feumta Di-ciadaoin bhith triall chun na cùirt,
’S nach fhaigheamaid cù gun phàidheadh oirnn.
Bhòidich sinn uile mu’n deach sinn a-null
Nach tugamaid fiù na fàirdinn dhaibh, 8145
’S gun tòir sinn a-mach e gu b’oil leis na beòil,
Bho’n fhuair sinn a’ chòir o’n Phàrlamaid.
Ma dh’ìnnseas mi’n fhìrinn bha’n t-sìde car doirbh,
Nuair thog sinn air falbh bho ’r n-fhàrdaichean;
’S e bhith coiseachd gun dìobradh ri dìle ’s ri stoirm, 8150
Dh’fhàg an turus cho searbh dha m’ chnàmhan-sa.
Mu’n deachaidh sinn seachad air Clachan Loch Bì,
Cha robh rib air mo dhruim nach fàisgeadh tu,
’S cha bhithinn a’ gearain a dh’aindeoin gach cùis
Nan gleidhinn mo chù gun bhàthadh orm. 8155
Nuair ràinig sinn Gramasdal bha’n t-aimsir car fuar,
’S an fhadhail a tuath cha tràigheadh i,
’S bha mi’n dùil gu robh agam deagh charaid an cùirt
A chuireadh a-null le bàta sinn.
’S ann thuirt e gun dannarr’, “Cha charaich ’s cha ghluais 8160
Gus an cuir sibh mo dhuais ’nam dheàrnaidh dhomh,”
’S thuirt mis’, “Ann ad dhòrn gun téid còrr agus crùn,
Ma chuireas tu null sinn sàbhailte.”
Chaidh sinne g’ar garadh a thigh Mhic-a- Phì,
’S sinn airtneulach sgìth ’s glé ànrachdach, 8165
’S gun dh’éirich a’ chailleach ’s thug i làmh air poit tì,
Dol a dheanamh a’ bhìdh nach b’fheàirrde sinn.
“Bha thu falbh feadh an tighe ’s i agad air chluais,
’S thug thu còrr agus uair an sàs innte,
’S e bhith feitheamh na caillich ’s mi ’gam lathadh leis an fhuachd, 8170
Dh’fhàg cho faisg air an uair so ’m bàs orm.”
Mu’n dh’éirich am bodach ’s mu’n dheònaich e falbh,
Bha sinne glé shearbh dhe chànranaich,
’S e ’g innse na dh’aisig e seachad an dé,
’S mar bha iad an déidh a shàrachadh. 8175
“Cha bhi mi ’gad mholadh, cha robh thu air chòir,
Bha tuilleadh ’s a chòir ri ràdh agad;
’S mur b’e nach robh unnad ach bodach gun treòir,
Bha pleit air mo bhròig ’s cha b’fheàirrd’ thu e.”
Bha sinn fliuch chun a’ chraicinn ’s sinn airtneulach sgìth, 8180
Nuair chaidh sinn air tìr an Càirinis,
’S an Caimbeulach còir a chaidh còmhla ruinn ann,
’S e cheannaicheadh an dram ’s a phàidheadh i;
Thug e nuas thugainn botul de’n stuth a b’fheàrr brìgh,
’S gun dh’éirich mo chrìdh le gàirdeachas 8185
Ri deagh mhac na bracha bu mhath ’s an là fhuar,
’S a bheòthaicheadh suas ar càileachd-ne.
Nuair dh’òl sinn an dram ’s leig sinn seachad ar sgìos,
Gun d’fhalbh sinn air thì bhith ’n àit-eigin;
’S an tigh MhicGhill’Eathain chuir sinn seachad an oidhch’, 8190
’S gun d’rinn iad gu coibhneil, càirdeil ruinn.
“Cha bhi mi ’gad mholadh, chan urrainn mi ann;
Chan eil ann am cheann do ghàirdeachas
Na dh’innseas ’s an duan h-uile buaidh ’s cha bu ghann,
Bha fuaight’ ris an dream o’n tàinig thu.” 8195
title | LXX |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |