LXXIII O, FAIGHIBH SUAS AN COGADH
O, faighibh suas an cogadh,
E, faighibh suas an cogadh,
Briosgaidean is feòil nan crogan,
’S e an cogadh is docha lìnn.
Cuiribh Albainn ás a h-ànradh 8390
Bho’n tha crannchur mar a thà e,
Grodadh le caitheamh nan cnàmhan
Is dol gu bàs le cion a’ bhìdh.
Dheasaicheadh acfhuinn ’s a’ Ghearmailt,
Chuireas Glaschu ’na sgealban 8395
Fuil is gaorr is daoine marbh ann,
Cuirp is anmannan a dhìth.
Bidh Ameireaga fo ghruaimean
Mur a reic i móran cruadhach;
Chan eil sinne ach gortach, truagh, 8400
Gur coingeis leinn tuasaid no sìth.
’S beag an t-ioghnadh ged bhiodh sòlas
Air gach aon anns an Roinn-Eòrpa;
Gheibh iad gunnachan ’nan dòrn
An àite flùr is feòil is ìm. 8405
An nàmhaid a dh’fheuch ri’r marbhadh
Anns an iarmailt ’s air an fhairge,
Togaibh suas as ùr a h-armailt,
’S cuiribh ceannabhaidh air an cìnn.
Tha iad anabarrach am bliadhna, 8410
Chaidh droch ainm dhiubh leis na briagan;
’S ann a bh’annta daoine ciallach
Nach robh iarradach air strì.
Feumaidh sinn a dhol ’nan cleamhnas,
A bhith réidh riu aig an àm so; 8415
Tha na béistean tha’n taobh thall dhiubh
’S iad cho teann orra aig a’ chrìch.
Seall sibh fhéin air cor an t-saoghail,
’S mar tha inntinnean nan daoine;
Móran sluaigh ag iarraidh saorsa, 8420
’S nach biodh maoir ’gan toirt fo chìs.
’S e na Ruisianaich ar nàmhaid,
’S feumaidh sinne dhol g’an smàladh,
’S dearbh mu’n till sinn as a’ bhlàr sin
Cha bhi cus air fhàgail dhìnn. 8425
Rìoghachdan air chùl na gréine,
’S iad a’ diùltadh bhith toirt géill dhuinn;
Dùil aca mar mhuinntir Éireann,
Gur ann leo fhéin a tha an tìr.
Ged tha Sìna fad air falbh bhuainn, 8430
Mìltean mìle bho chrìochan Albann;
Feumaidh sinne dhol g’am marbhadh,
’S greasad oirnn mu’m marbh iad sìnn.
Théid na gillean òg’ ’nan deann ann,
Théid na gruagaichean ’nan ceann ann; 8435
Fàgaidh iad mi fhìn ’s an t-seann té,
’S bidh an stall againn dhuinn fhìn.
Saoil nach sòlasach an ceart uair
Bhith fò òrdain aig MacArtuir,
Rùsgadh phàisdean feadh an t-sneachda, 8440
’S bhith ’gan sgailceadh mu na cìnn.
Saoil nach gasda bhith losgadh fùdair,
Bhith cur braidseil ris an dùthaich,
Mnathan òg’ is sean ’gan rùsgadh;
Thoill MacArtuir crùn an rìgh. 8445
title | LXXIII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |