LXXV CION A’ GHUAIL
Air Fonn: “Siream sios.”
Séisd:—
Teine shìos, teine shuas,
’S gun a bheag do ghual ri fhaighinn, 8500
Teine shìos, teine shuas,
Gu dé mar mhaireas gual dhomh.
Nuair a dh’éireas mi ’s a’ mhadainn
Bidh mi éisleanach àm fada,
Nuair a dh’éireas mi ’s a’ mhadainn 8505
Bidh a’ chagailt’ fuar-reòt’.
Teine shìos, etc.
Nuair a dh’éireas mi ’s a’ mhadainn
Cha bhi éibhleag ’s am bi sradag,
’S bidh mi séideadh air na maidean 8510
Gus ’n tig sad á luatha.
Teine shìos, etc.
Nuair a thig an geamhradh reòta
Cha bhi dad do ghual aig Dòmh’all,
Nuair an thig an geamhradh reòta 8515
Bidh Dòmh’all is am fuachd air.
Teine shìos, etc.
Nuair a thig an geamhradh reòta
Cha bhi móran guail aig Dòmh’all,
’S bidh mi cuimhneachadh le bròn 8520
Mu’n mhòin’ a bh’anns na cruachan.
Teine shìos, etc.
Dé mar a bhios teine ’s branndair
Shìos is shuas ’s an gual cho gann oirnn?
Dé mar a chumas mi ann e 8525
Leis cho gann ’s tha gual oirnn?
Teine shìos, etc.
Dé mar a bhios teine ’s branndair
Shìos is shuas ’s an gual cho gann oirnn?
Feumar cuimhneachadh ’s an t-samhradh 8530
Gum bi geamhradh fuar ann.
Teine shìos, etc.
title | LXXV |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |