LXXVI FEAR FREASDAIL IS AINM DHOMH
Air Fonn: “Òran na caillich.”
Séisd:—
O hì, o hà! fear freasdail is ainm dhomh;
Hu, o hò! fear freasdail is ainm dhomh;
Hì, o hà! fear freasdail is ainm dhomh,— 8535
’S toil agam falbh bho’n bhòilich.
Chan eil e ’nam shùil bhith giùlan cunnairt,
Ma chuireas Mac Crùiseaf smùid ri Lunnainn;
’S ann bhios mi làn sùnnd, gun tùrs’, gun tuiream,
Air cùlaibh Muile nam mór-bheann. 8540
Cha robh mi fo dhìth, no sgìth dhe’n fhasan,
Nan gleidhinn an t-sìth feadh clìchdean Shasuinn,
Ach thàinig mo thìm bhith sìneadh chasan
Gus tìr is fhasa bhith beò ann.
’S gum bi mi air dòigh le beò-shlaint’ mhath ann, 8545
Tha sitheann is feòil ann, geòidh is cathain,
’S an oidhch’ a bhios reòta teòdhadh làmhan,—
’S mi spreòdadh àmhuinnean mòna.
Gun caisg mi mo mhiann le biadh is earradh,
Tha spréidh air an t-sliabh gus bial na mara, 8550
’S gun glac mi do dh’iasg ann shìos air carraig
Na lìonas barailt’ is còrr dhomh.
Tha muinntir an airgid ’s dealbh ’nan sealladh
Air Ruisianaich dhearg’ ’s an fhearg ’gan dalladh;
Mu’n leig sinn a failms’ air falbh g’am mealladh,— 8555
An t-arm a dhealaich ri tròcair.
Ged bha mi os cionn nan Iùdhaich uile,
’S e ’m bad a bha m’ùidh ann, stiùp do Mhuile,
’S nan tigeadh an ùpraid ’s dùirn gu buillean,
Mi’n dùil gun cumainn an deò ann. 8560
Ma thionndas a’ chùis car ùr ’s a’ chuidhill,
’S an iarmailte shuas bidh fuaim a rithist,
’S ma thig iad a-nuas gum buail dhiubh dithist,
Mo thruaighe thu Uibhist an Eòrna!
title | LXXVI |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |