LXXIX SO A’ BHLIADHN’ THUG A-NUAS MI
Séisd:—
Their mi ó na hì iù ó,
Their mi ó na hó ghealladh;
Hao ri ó mi fo éislein, 8795
’S ar leam fhéin chan e an t-annas.
So a’ bhliadhn’ thug a-nuas mi,
Chuir mo ghruaidhean an tainnead;
So a’ bhliadhn’ bhios ’nam chuimhne
Gus an sìn mi ’s an anart. 8800
Bliadhna millidh mo shòlais
Rinn bho m’eòlaich mo sgaradh;
Chuir mi’n greim aig na Leòdaich
Air mo sheòladh air m’aineol,
’S chan e fortan le fàbhar 8805
Chuir am bàrd g’a cheart aindeoin
Ghrunndachadh phuill chun nan glùinean
Ann an dùthaich Chlann Chanain,
Far nach cluinn mi ach Beurla
’S miosa bho threud nan ceann falamh; 8810
Chan eil cuimhn’ air a’ Ghàidhlig,
Chaidh i bàs air an talamh
Ann an dùthaich nach caomh leam,
Far nach taobh mi ri caraid;
Saoil an dùisg e dhuibh ioghnadh— 8815
Mac an t-Saoir bhith fo smalan.
Mac an t-Saoir bho thaobh Chruachain
Dha’m bu dual na fuar-bheannaibh,
’S nach do chleachd an tùs m’òige
Bhith fo òrdugh nan Gallaibh. 8820
’S truagh nach mis’ a bha’m màireach
Mar a bhà mi ’s cha b’ainneamh,
Triall gu Uibhist an Eòrna,
Seachad Mòrair gu Mallaig.
B’e mo mhiann bhith ’s a’ bhàta 8825
Faighinn fàileadh na mara,
Solus Chalbhaidh ’nam shùilean,
’S i air cùrs’ o Cheann Chanaidh.
Chithinn Rudha na h-Òrdaig,
Sud an t-sròn tha cruaidh, carrach; 8830
Chithinn bhuam ’s iad air fàireadh
Mullach àrd nam beann Barrach
Chithinn Eilein na h-Òige,
Far nach d’eòlaich mi gainne;
Far an ithinn an t-eòrna, 8835
Far an òlainn am bainne.
Gheibhinn breac air Loch Grianach,
Fuaran fìor-uisg’ fo bhearradh;
Spréidh is ianlaith air garbhlach,
’S iasg na fairge an cùl carragh. 8840
Gheibhinn furanach fàilte,
Gheibhinn càirdean gun cheannach,
’S gann nach crathainn an aois dhiom,
Dh’fhàsainn aotrom a dh’eallach.
Ach ma ghleidheas mi’n t-slàinte, 8845
Ma tha’n dàn dhomh bhith maireann,
Chìtear seachdainn bho’m màireach
Mi aig bàr Pholl a’ Charra.
title | LXXIX |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |