LXXX ’S E MO CHAOCHLADH MÓR A THÀINIG
Séisd:—
’S e mo chaochladh mór a thàinig,
’S e mo chaochladh fàth mo smaointean; 8850
’S ann a’ triall gu m’ dhaoin’ a thà mi,
’S e mo chaochladh mór a thàinig.
Marbhphaisg bhith air aois na dunach,
Thig i air daoin’ gun chuireadh;
Aithnichidh mi ’m bliadhna ’s an uiridh 8855
Gum bheil rudeigin a’ fàillinn.
Bha mi uair a shiùbhlainn eutrom,
Choisninn geall a’ cur na réise;
Sheinninn pìob mhór air dheagh ghleusadh,
Dhannsainn is leumainn is shnàmhainn. 8860
Bha mi uair gu h-uallach, amasgaidh,
Sheasainn fuachd air uachdar fairge;
Dhìrinn suas gun luasgan anathaidh
Ris na garbhlaichean a b’àirde.
Tha mi’n diugh gu crùbach, creubhaidh, 8865
Tha mo shùilean gann do léirsinn,
’S beag mo shùnnd ri siubhal sléibhe,
’S trom mo cheum seach mar a b’àbhaist.
’S trom mo cheum air sràid an ìsleich,
Cha b’e ceàrn a b’àill le m’inntinn, 8870
Ach na mullaich bu duilghe dhìreadh
An dean am fìor-eun a thom tàmha.
Fear a dh’àraich Innse-Gall,
’S a shiubhail fraoch air aodann bheanntan,
Fàth mo smaointean ma ’s e Ghalldachd 8875
Bad ’s an adhlaicear mo chnàmhan.
’S fhad’ bho’n dh’fhàg mi Earrach m’ùine,
Tha mo Shamhradh air mo chùlaibh;
Thàinig Geamhradh dubh na dùldachd,
Dh’fhalbh mo Lùnasdal ’s mo Dhàmhair. 8880
Chrom mo cheann ’s gun dh’fhàs mi crotach,
Gu cnàmhanach, crainntidh, crosda;
Dh’fhàs mi craicionnach, seacta, rocta,
’S pailt leam sprochd ged ’s teachd leam gàire.
title | LXXX |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |