DAIN EADAR-THEANGAICHTE
TÓMAS SEANNTAIR
AN DÀ CHÙ
LOCH NAN GEÀRR
[314]LXXXII TÓMAS SEANNTAIR
Nuair dh’fhàgas reiceadairean féill 8925
’S a choinnicheas nàbaidhean a chéil’
Latha a’ mhargaidh aig a cheann
’S na daoine a’ falbh ’s an t-anmoch ann
Nach sinne tha mear mu thimchioll bùird
A’ sìor thoirt balgam as an liùnn; 8930
Is beag a shaoileas aig an àm
’S ar cluas ri ceòl ag òl an dram’
A liuthad mìle fada buan—
Gach bota ’s poll, gach toll is bruaich,
Gach leathad cas, gach bruthach àrd 8935
Ri chur ’nar déidh le ceum air ghàig
Mu’n ruig sinn dhachaigh falamh fann
Gu té tha dùinte, durghaidh ann
Ag altrum feirg air réir a tuar
’S ’ga cumail blàth ma fàs i fuar. 8940
Ach ’s ioma crois a thig mu cheann fir
Mar tha fios aig Tómas Seanntair;
Fhuair e caibhleachadh is tàir
Is ruaig, is réis, e fhéin ’s an làir
Aig Fuath ’ga ruith ’s e muigh tràth marbh 8945
Na h-oidhche dhuaichnidh, dhuathal, gharbh,
A’ tighinn á Ayr ’s deur ’na cheann,
’S cha b’ann a’ chiad uair dha bhith ann;
An Ayr aosda nam fear còir
Tha ionraic onarach ’nan dòigh, 8950
’S nam maighdeanan nach faca sùil
A’ coiseachd blàir na b’àille gnùis.
Nam biodh tu Thómais air bhith glic
Is feart thoirt air an tè bha tric
’Gad chomhairleachadh, Ceit do bhean, 8955
A thug do theisteanas cho glan,
’S a dh’inns dhut cuideachd sùil mu’n t-sròin
Nach robh do shamhla ’n tìr nam beò
Le raoit, bho t’òige riut a lean
Gun dad nas fheàrr bho dh’fhàs thu sean; 8960
’Nad dhrongair, raoitear, misgear òil
A’ casg do mhiann gun srian ri t’fheòil;
’S mur eil an cèabhar ort gun fhalbh,
Cho stùiceach, bùireach, borb ri tarbh,
Gun latha margaidh a bhios ann, 8965
Ge b’fhad a’ bhliadhn’ o cheann gu ceann,
Nach faicear Tómas air an fhéill
A’ gabhail òran ’s stòp ri bheul.
An deach thu cheàrdaich riamh le each
Nach faca càch thu dol mu seach 8970
No mhuileann gràin gun tilleadh as
Thu nunn ’s a-nall gun seasamh chas,
Gu ruig is tigh an Tighearna féin;
Am facas duine riamh fo’n ghréin
Ach thus’, thug Sàbaid ann gu Luan 8975
’S tu còmh’ ri Sìne sìnte ’n cluain:
Gun dh’ìnns i dhut có e do dhreag
Do chlosnach ghrànd’ bhith sàs mu chreig,
Le cairbheas fosgailt’ os do chiùnn
’Gad fhaighinn bàite an Sruth an Dùin: 8980
No oidhche air choreigin bhith ann
A gheibheadh bòcain tigh’nn mu d’cheann
’S do thogail leotha sgudal glan
Gu grìosach dhearg an Fhir-nach-can.
O mhnathan truagh mu thuath ’s mu dheas 8985
Nach lìonmhor comhairle gu leas,
Nach ioma searmon fada glic
A dh’éisdeas fear ris ’s car ’na phluic—
Ach so gu m’ sgeul, bha oidhche ’n sud
’S bha Tómas ann an smior na nead 8990
Mu choinneimh teine mór de ghual,
Bu bhriagha braoisg a’ craosladh suas,
Bha ’n deoch ’ga lìonadh air a’ bhòrd
’S i dathta donn am bonn an stòip
Gu curracagach a’ copadh suas 8995
E nall gu shròin is cròic mu chluais,
A thogadh sunnd ’s a dhùisgeadh ceòl
Nach briagha chrùn os cionn a’ bheòil
Cho gile dhut ri bainne blàth
’Ga bhlioghadh ùr á ùth na bà. 9000
Iain Greusaiche ri uilinn ann,
Nach sòradh tuasaid, duan no rann.
B’e sud a charaid air a chùl
Gu briathran beòil, no dòrn mu’n t-sùil.
An innseadh Iain naidheachd ait? 9005
Nach toireadh Iain gàire air cat?
An òladh Iain? Air do chosg,
A leòra, dh’òladh mar an trosg.
Ach b’fheàrr le Tómas e ri bhus
Na mac a mhàthar, b’fheàrr is cus. 9010
Bu tric a dh’fhalbh iad cas ri cois
Thoirt mìos is còrr ag òl gun fhois.
Bha ’n oidhche cnàmh le gàire is gliog
’S bha ’n deoch a’ cnàmh gu màs a’ phig’,
A h-uile stòp mar thigeadh as 9015
Na b’fheàrr ’s na b’fheàrr am bàrr ’s am blas.
Bha bean-an-tighe is Tómas trang
A’ cuimhneachadh mu’n tìm a bh’ann,
Bha’n duine fhéin ’s e sìos is suas
A chìbhlean sgapta o chluais gu cluais 9020
Ag éisdeachd Iain, ach a-muigh,
Bha fead ri fuaradh, fuaim ri fraigh.
Ma thà nach séid ’s nach seinn gach toll,
Cha b’ mhò le Tómas stoirm ’s am poll.
Chaidh cùram saoghalta fo eud 9025
Air stòp dhe’n dràm gun dhall e fhéin.
Gus arabhaig a chur gu bàs
Cha ghluais e nochd far ploc a mhàis.
Mar sheillean ruadh fo chuallach meala
Theicheadh uair gu luath á sealladh 9030
Sleamhnaichte air a slighe réidh
Le ùilleadh caoin-ghlan aosd’ o’n chléith.
Mu shòlas rìgh tha giùlan crùin
Bha sòlas Thómais os a chiùnn,
Gach cagnadh cùis ’s gach cùram car 9035
Cho fad bho bhial ’s tha ’n iar o’n ear.
Ach sòlas saoghalt’, fhir mo ghràidh,
B’e sin an goireas goirid, geàrr,
Mar chléiteag gheal air bhàrr an t-sruth’
Mu’m priob an t-sùil a thionndas dubh, 9040
Mar dhìthean briagha dearg am fàs
Cha luaithe ’ad làimh na chaill e ’m blàth,
Mar theachd ’s mar imeachd nam Fear Clis
’Ga nochdadh fhéin ’s na speuran ris,
A chaochlas cruth na h-àirde tuath 9045
’S a sheargas as a cheart cho luath,
No mar am bogha-frois ’s a’ mheall
Gun sgial air fhéin mu’n éigh thu “seall”.
Seòl sruth na tìm, cha teadhraich neach,
Tha’n duan gu cheann, tha’n t-àm air teachd 9050
A dh’fheumar Mairead, an làir ghlas,
A chur air ghleus, gu ceum thoirt as.
Air cridhe dearg a’ mhiadhoin oidhch’
Bhuail e’n dìollaid air a druim,
’S a leithid sin do dh’oidhche dhuibh 9055
Chan fhacas crìosdaidh riamh a-muigh.
Bha’n stoirm an ion ’s bhith as a beachd
Le frasan móra garbha sneachd’,
Dorchadas a’ slugadh sìos
Teine adhair uamhrach uaine is liath, 9060
Bha’n tàirneanach gu sracach geur
Gu tururach trom an com nan speur;
Gun tuigeadh pàisdein beag’ gun lochd
G’eil Sàtan fhéin air sgéith an nochd.
Ach bhaganaich mo ghille e fhéin 9065
Bha’n làir am bann, a ceann ’s an t-sréin;
Chuir Tómas ingnean ’na gath-muing
’S gun d’fhuair e ’r éiginn air a muin,
Thar chorra-bioda gheàrr i leum
’S gum b’aotrom uallach fuaim a ceum 9070
’S i stiream, starum sìos an ròd
’S a gnùis ri sìon; mo liagh thu sheòid,
A’ marcachd air do chapall glas
Cha d’ chuir na b’fheàrr ri làr a cas;
Bu shuarach aice lod no lòn 9075
’S i mach “bo-hi-homh” ’s séid bho sròin.
Gun sgrog e uime bhoineid ghorm
Gun choc e smigeid suas ri stoirm,
Crabhat’ a’ crathadh air a chùl,
Bha steall aig uisg’ air ruisg a shùl: 9080
Cha chuireadh eabar, briachd no poll,
No dìg, no bota, sloc no toll,
No teine dealain, stoirm, no gaoth,
No uisge speur e ceum gu taobh.
E gnòdhanaich ri òran binn, 9085
’S bha sin aig Tómas, meòir air fuinn,
’S air iomad òran aosda ’s rann
O linn nam bàrd a b’fheàrr a bh’ann.
Bha shùil mu’n cuairt cho luath ri neas
Mu’n tigeadh bòcain air gun fhios, 9090
’S an eaglais dhubh a’ teannadh dlùth
’S nam b’fhìor gach sgeul bhiodh treud ann dhiùbh;
E nis a’ dìreadh suas o’n àth
’Na thachdadh anns an t-sneachd an ceàrd,
Far ’n d’fhuaras Teàrlach Misgeir marbh 9095
Thar cnàimh na h-ugann dubh ’na chairbh.
E faicinn fàireadh air a’ chreig
Far ’n d’fhuaras muirte ’m pàisde beag,
’S an tobar dhris fo thigh na baoibh
A chroch i fhéin le sréin ri craoibh. 9100
Bha uisge an Dùin gu tuilteach trom
A’ brùchdadh suas ri bhruaichean crom
’S a’ dòrtadh thairis orra ’m falbh
’Na dheann gu cuan le nuallan garbh.
Mu choinneimh, ’s ann á mullach nan speur 9105
Bha tururaich uamhailt, uamhraidh gheur;
’S na dealanaich gu biorach bras
O dheas gu tuath gun tuar dol as;
Bha’n stoirm a’ stararaich feadh nan craobh
’Gan lùbadh sìos. “ ’S a Dhia nan naomh, 9110
Gu dé ’n oileadhag tha mu’n chill?
’N e daoine marbha dh’ fhalbh ’s a thill?”
Thuirt Tómas nuair a thog e cheann
’S a mhothaich e dha’n chùis a bh’ann.
Bha’n eaglais dhubh ’s i laiste suas, 9115
Gun bhris palàbhar air a chluais
Le farum bhonn, is buille, is brag,
’S an ceòl a b’àille ’s gàire ’s glag,
Is gaoir, is gliong a-stigh ’s a-muigh
’S ri fuigh ho-ré ’s ho-ré ri fuigh. 9120
Fhir mhóir na misnich, Mhic-na-bracha,
Bu tu ’m fear feachd an gleac na ’m faiche,
Nach lìonmhor gàbhadh doirbh tigh’nn as
Dha’n treòraich déidh ort ceum ar cas;
Their làn na cuaicheadh aoibhneas dhuinn, 9125
Ni tè no dhà dhiubh dàna sinn,
Ni trì no ceithir sinn cho treun
’S nach gabhta sgàth tromh Shàtan fhéin.
Cha toireadh Tómas ’s tu ’na cheann
An smoc de’n phìob air mìr a bh’ann 9130
’S bha Mairead nach do bhlais do stuth
Air chrith cho luath ri slait an sruth;
Ma mhiontraig i cha b’ann le deòin,
Ach cuip ri cliathaich, srian ri sròin
’Ga thoirt gu bial an doruis mhóir, 9135
’S le móran ioghnadh ghlaodh e “Bhó”.
Nuair chunnaic e gu dé bha steach
Bha, Dhia bi timchioll air gach neach,
Na buidsichean ’nan còmhlan cruinn
Le piorraid àrd air bhàrr an cinn. 9140
Bha cailleachan mór is bodaich ghlas
A’ cnagadh làir air bhàrr an cas:
Chan ann ri gleòrais neònach chéin
A’ dol mu’n cuairt ’s ’ga suainteadh fhéin,
Ach Mac-Iain-Ghasda ’s Tulach Gorm, 9145
A thogadh bonn le fonn is foirm,
A thilgeadh eamsag uallach àrd
Le luighein luath air uachdar làir.
Fo uinneig aig an taobh an ear
’S e seinn gu siùbhlach, sùnndach mear 9150
Bha Sàtan fhéin le sùil gun iochd
’Na shuidhe air sorchan ann an riochd
A’ choin bu ghràinde dh’fhàs an cruth
’S e giobach, gruamach, gaoisneach dubh.
Bha lasair bhiorach uaine ’s dhearg 9155
’Nan steall bho shùilean ’s driùchd le chalg
A’ seinn ’s a’ geigeil air a thòin
’S a’ cur nan smùdan as a shròin,
Gun dh’fhàisg e mhaladh ’s shuaint e dhos,
Bha gaoir is gleadhraich thall ’s a bhos. 9160
Bha cistichean-laigh’ air an cinn
Mu’n cuairt ’s na cuirp a bha ’nam broinn
’Nan seasamh mar a fhuair iad bàs
’Nan stiorraidean aognaidh chaola chnàmh.
Thug innleachd dheamhnaidh cumhachd dhaibh 9165
Air solus liath a bhith ’nan làimh
A’ deanamh soillse leis ’m bu léir
Do Thómas bòrd ’s na bh’air gu léir.
Bha murtair mór ann crochta an croich
’S na h-iarruinn shuas cho cruaidh ri cloich; 9170
’S bha dithis phàisdean sìnte paisgte
Nach deach riamh tromh uisge bhaistidh;
Meàirleach crochta geàrrta nuas
A theanga lùbta null gu chluais
Le réis dhith mach le port a’ bheòil 9175
Mar thàinig spàirn air ’s dh’fhàg e’n deò.
Bha cóig claidhmhnean ruadh le meirg
’S bha cóig tuaghnan ann ’s iad dearg
Le fuil na mhurt iad anns gach àite,
’S gartan leis na thachdadh pàisde, 9180
Sgian a thug air sgòrnan sgathadh
Leis na mhurt am mac an t-athair,
Leig a fhuil gu spùtach bras
A’ sruthadh sìos le fhiasaig ghlais,
’S gu togail fianuis gnìomh an uilc 9185
Na gasan liath air cas na cuirc,
Is ceud rud eile dhùisgeadh sgràth
Bu pheacach dhòmhsa ’n còrr dhe ràdh.
Mar dh’fhuirich Tómas as an t-sealladh
Chaidh am bàl gu hóire-ghealladh, 9190
Chaidh am pìobaire gu cluich
Cho cruaidh ’s a shéideadh deud is pluic;
Bha meòirean dubha tè mu seach
A’ cur nam both dhiubh mach ’s a-steach,
Bha balg ag éirigh air gach bus, 9195
Bha beuc is bùirean aig na duis,
Na dannsairean a’ gabhail chaoich
A-null ’s a-nall o thaobh gu taobh
A’ sradadh dhiùbh gach lùb mu’n com
’S ’gam feuchainn fhéin ’nan léintean lom; 9200
Gun ruidh’l iad, leum iad, dh’éigh iad “fuigh,”
Gach fear is tè gu chéile ruith;
Bha boinne air bailc an ceann gach sreath,
’S cha b’ioghnadh e—bha’n t-àite teth.
Nam biodh iad sin ’nan comunn òg, 9205
Cho briagha gnùis ’s a ghiùlain bròg
An àite léine mhogach dhearg
Air craicionn lachdunn seacta air searg,
Bhith còmhdaichte le anart lìn
Cho geal ri sneachd air muineal mìn, 9210
A Thómais, cha bhiodh ioghnadh orm,
Thu dh’fhuireach ann ’s do cheann fo stoirm,
Mo bhriogais fhìn an aon té th’ann,
’S bha uair nach robh mi dhiubh cho gann,
A fhuair mi ùr ’s i briagha gorm 9215
’S nach tig a bhàin gun cnàmh i orm,
Gun tilginn dhìom an té sin fhéin
’S cha ghabhainn nàire càch ’ga sheinn
Air son am faicinn ge b’ann bhuam
An còmhlan òg as bòidhche snuadh, 9220
Ach seann chranàidseichean gun tlachd
Le luirgnean cruaidhe, ruadh is breac,
A’ leum ’s ag eacarsaich ri port,
An tug iad idir dìodhairt ort?
Ach stad is ann bha shùil air caileig 9225
Air am b’eòlach Dùthaich Charraig,
Iomadach bliadhna ’na dhéidh
’S cha b’ann gu’m buannachd, sluagh no spréidh,
Oir leag i eòrna ’s corca sìos
’Na lic ri làr gun ghràn, gun dias, 9230
Gach brùid ’s gach bàta chuir a dhìth,
Gun sgaoil i fiamh air trian dhe ’n tìr,
’S chan fhaiceadh Tómas ach i fhéin
An oidhch’ ud ’s i gun snaoim ach léin’
Còmh’ ri càch ’s an Eaglais Dhuibh 9235
A’ gearradh leum ’s ag éigheach “fuigh,”
’S i aotrom beòthail air gach bonn
A’ crathadh cuailean dualach donn,
Le pearsa ghrinn cho dìrich deas
Ri cruinneig òig am bròig a sheas, 9240
Le léine stubach, ghoirid, gheàrr
Nach crom air éiginn réis le h-eàrr,
A bh’aice riamh bho’n bha i òg
’S a rinn a seanmhair, seann bhean chòir;
Ged bha i stubach, goirid, gann 9245
A dh’fhad, ’s i cuideachd cumhang teann,
Bha uaill aic’ innte, ’s i tè b’fheàrr
A bh’aice dhiùbh, ’s a b’ùire ’m bàrr;
Ach ’s beag a shaoil do sheanmhair bhochd
An léine sin a th’ort an nochd 9250
’S a rinn i fhéin dha h-Annaig bhig
’S a chosg a h-uile “riabhach” gliog
A bha ’na pòca ceannach shnàth
Am baile Phàislig, a bhith ’n dràsda
A’ togail bàidse air bàl nan diabhul— 9255
Ach mo bhàrdachd, ’s fheàrr dhut sìoladh.
Chan eil cumhachd ann am cheann
A chuireadh trian dheth sìos an rann
Cho àrd ’s a leumadh Anna suas
’S i aotrom làidir làn do smuais, 9260
Is mar a bha Tómas ’na sheasamh
Mar mhac samhailt fear fo gheasaibh,
Eadhon Sàtan fhéin ’s e thall
Air bhiogairne gu leum a-nall,
Ag iomspaideal ’s e gabhail stoc 9265
Air sàil, is bàrr, is breab, is boc,
Ri “Cnàmh do chìr a Chaora Chrom”
’S i cumail tìm le brag á bonn,
E faicinn sàil, is bàrr a buinn,
Mu thimchioll calpa cuimir, cruinn, 9270
Gun tug i eamsag uallach ait is
Gheàrr i stàilleag ’s gheàrr i’n ath-té,
Chaill mo liagh gach ciall a bh’aige,
’S dh’éigh e “sud sinn” àird a chlaiginn.
Cha bu luaithe o bhial an guth 9275
Na dh’fhalbh gach càil ’s bha’n t-àite dubh.
Mu’n tug e ceann do Mhairead chòir
A-mach na diabhuil air a thòir,
Le ioma fead is sgread is sgriach
Is glaodh air ainm an fhir nach fhiach; 9280
Mar bhrùchdas seilleanan a-mach
Trath théid a nead fo bhinn nan creach
A’ tarruing lann ’s a’ rùsgadh ghath
Le iollach aimhreiteach gu cath;
Mar dh’fhosglas bladadh a’ choin luim 9285
Ri leum na geàrr bho bhàrr an tuim,
’S i dol ri bruaich cho luath ri luin
’S a nàmhaid ìongnach air a muin;
Mar thogas muinntir margaidh ruaig
Le “Ceap-an-gadaiche” ’nan cluais 9290
Gun tharruing Mairead as ’na leum
’S am paca dhiabhuil dian ’na déidh.
Nam b’urrainn, ghreasadh Tómas i
Gun ruisgean cuilg air mullach a chinn
Nach robh ’nan stob cho dìreach teann 9295
Ri muran buainte suainte ’m bann,
’S am bannal dhiabhuil air a chùl
Mar mhìol-choin sheilg’ ’s an t-sealg fo sùil.
Bhiodh bladadh gortach goirt o’m beòil
Air chonfhadh acrais faisg air feòil, 9300
Bhiodh cop mu’n deud ’nan séisdear ruith
Air chùl nan sealg ’s an calg air chrith,
Am fosgladh chraos ’s an gaoiribh guil
Le gnoimh ’nan gnùis ’s an drùis gu fuil.
Tha thusa Thómais bhochd an sàs, 9305
Bidh Ceit ag éisdeachd sgeul do bhàis;
Tha ise nochd ’s a cluas ri geat’,
Ach ’s geàrr an t-àm gusa banntrach Ceit.
A nis, a Mhairead, geàrr do bhoc,
’S ma rinn thu riamh e, dean an nochd 9310
Do mhaighstir a thàrradh as,
Tha’m bàs ’ga ghairm aig t’earball glas.
Gus ’n téid thu null air uisg’ tha ruith
Cha ghléidh thu beò e’n dòigh air bith,
’S mur toir thu’n drochaid dhiubh air luaths. 9315
Bidh esan marbh ’s e falbh air chluais
Gu ìochdar ifrinn, dha’n droch àit
A dhìth air Dia gu sìorruidh bhràth,
’Ga ròstadh ann air branndair teth,
’S b’e ceann gun bhuaidh e uair a bhreith. 9320
Ach cuimhnich thusa smuais do dhream
Their dhiùbh chlach iuchrach ann an àm
’S ged bhiodh “sgal gaoithe” air do thòin
Their fùidse dha ’s do shàil ri shròin.
Mo ghalghad air an làiridh ghlais 9325
Gun cluinnt’ air fuaradh fuaim a cas
’Ga stadhadh fhéin ’s a brù ri làr,
A Dhia nan dùl bu tu mo làir.
Bha fiream, faram brag á bonn
Cho cothrom cruaidh ri duan air fonn, 9330
Cur teine sionnachain as an ròd
Cha sheachnadh dìg air mheud an leòid,
’S i feuchainn bhuaipe air luaths an fhéidh,
Mar earba ruadh ’s an ruaig ’na déidh.
Bu ghraide ceum na leum na geàrr 9335
Bhiodh fiamh ’na sùil ’s an cù ri h-eàrr;
A h-uile rùchd ’na corp ’s ’na com
A’ ruith tromh ’m féithean réidhe lom,
’S i fuasgailteach ’s a h-uile h-eang
A’ dol gu dìreach sìnte, seang, 9340
Mar chrònan ruadh air ruaig tromh ’n speur,
Mar ghóbhlan-gaoithe air an sgéith,
Ag ithe ’n astair air gach leum;
Bha ise luath ’s bha’n uair ’na fheum,
’S a léine stubach air an sàil 9345
Le sitheadh mìle air thùs air càch.
I tighinn gu Tómas mar an speach
Cha tig ’s cha tàinig làir no each
A dheanadh farpais ach gu’m beud
Ri cas mo sguaibeadh, luaidh nan steud. 9350
I cur na brùid gu dùbhlan dubh
A’ dìreadh suas gu bruaich an t-sruth’,
’S ged chopaich aisnichean a cléibh
Cha d’lùghdaich mìr air meud a ceum.
Bha deathach cuim ’na spùt o sròin 9355
Gun bailc na béisteadh réis o tòin,
A’ cur nan ingnean crom an gréim
Nuair gheàrr i sruth le dudar leum;
Gun d’fhuair i maighstir a-nall
Ach dh’fhàg i h-earball giobach thall 9360
An crùidhean Anna, thug sgob le guin,
’S do chnàimh ’s do chraicionn aice o’n bhun.
Ach fhir a thuigeas brìgh mo rann,
A dh’amais gliocas bhith ’nad cheann,
Ma thig do shannd air deoch gu bràth 9365
No smaoin ’ad chridh’ air léintean geàrr,
Their faire mhath gu fan thu saor
Mu’n téid thu’n sàs am pàidh thu daor,
Is cùm do chraos ’s do dhrùis fo ghlais;
Is cuimhnich air an làiridh ghlais. 9370
title | LXXXII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |