II EACHDRAIDH AGUS MAC-MEANMNA
3. An Clachan a Bha Ann
Bha clachan ann, is tha e ann fhathast, ged nach ionann tuar dha an diugh, is chan eil bruadar a thig chugam anns an oidhche nach e as ceann-uidhe dhomh. Thug manaich na h-I deisearachd grèine is cùlachas gaoithe dha, chuir na Lochlannaich ainm, no co-dhiù ath-ainm, air, agus riùsan leis am b’àill a lorgachadh theirinn gu bheil e ri bonn na beinne is ri taobh na mara, is gum bu chomraich riamh a chaladh do luingis a’ Chuain Shiar. Is sgeul-rùin an còrr mur innis na ròin no na lachain e.
Tha craobh-dharaich air grianan os cionn a’ chlachain (mas fìor na theirear, bha i seach a fàs fada mus deachaidh buarach air Buachailleachd nan Eilean) is bu nòs do chloinn a’ bhaile, an àm a duilleachaidh, latha thoirt air a duanadh, is air sgeul roimh-mhithich a sgrùdadh uaipe.
A chraobh-dharaich eunach aosach,
Dean-sa t’fhaosaid mar bu mhithich,
An diugh, an uraidh, chuile latha, chuile h-oidhche,
Soills’ is doillse,
’S a chraobh-dharaich eunach aosach,
Cagar beag is sgeul am chluais:
Fìth, fàth, fatham, fios an fhithich!
Mas ann no nach ann on chraoibh-dharaich an sgeul, no o sheanairean a’ bhaile, no o bhruadar na h-ionndrainn, tha an clachan mar a bha o chian ag itheadh is ag òl, a’ gleachd is ag obair, a’ canntaireachd is a’ tuireadh, an iomadh cridhe an diugh — theagamh gu bheil is an clachan mar a bhitheas e fhathast. Chan eil uair a dhùnas mi fèin mo dhà shùil, is mi am aonar anns an oidhche, nach eil, mar gum b’eadh, loch fìor-ghlan, air nach ruig gaoth, a’ sgaoileadh a-mach fa mo chomhair, is anns an uisge chì mi faileas a’ chlachain o thùs ’eachdraidh gus an là
an diugh, is e sìor-chaochladh o linn gu linn. Chì mi ceall air tolman os cionn a’ chladaich, canntail nam manach is gàir na mara ag iarraidh suas le chèile gus na neòil, fir is mnathan a’ greasad a-mach à bothanan sgratha a dh’èisdeachd ris a’ cho-sheirm bhinn. Chì mi na longa Lochlannach anns a’ chaladh, an clachan ’na smùid — na tha beò de luchd na Gàidhlige gam falach fèin air feadh chreag is chnoc, is dà mhanach ag èaladh a-mach à uaimh, a mhallachadh nan coimheach an diugh, a sheinn an tuiridh am màireach.
Fàth mo leòin, fàth do bhròin,
Thu bhith gun cheòl ’s do chaidreabh an glòir,
’S do riaghailt air chall ’s do steòrnadh,
Is luaineach cadal do rèilig an nochd,
Is fuarraidh luchd do cheallan an nochd,
Ach ’s buidhe don mharbh seach don bheò an nochd,
O, ’s buidhe don mharbh seach don bheò an nochd.
Chì mi teine nan Lochlannach a’ dol às, ceò na beinne a’ teàrnadh car tamaill air an loch is air an fhaileas; ’na dhèidh sin an ceò a’ togail, an clachan tighinn am fradharc a-rithist, trusgan nuadh air; fir a’ bhaile air cnoc na comhairle ag èisdeachd ris a’ bhritheamh is e rèiteachadh cùisean na dùthcha, na mnathan shìos air a’ chòmhnard a’ cuigealadh is a’ bràthadh, òran gach tè do Bhuachaille nan Eilean.
Càit a bheil a h-aon riut cosmhail,
O nach maireann Fionn no Oisean,
Diarmad Donn no Mac Rìgh Lochlann!
Chì mi an sin caochladh tuair air a’ chlachan — an sluagh air chrith, an dara uair le h-eagal, an uair eile le mire-chatha; na fineachan Gàidhealach an sgòrnanan a chèile, gach oiteag ghaoithe a’ giùlan fathainn ùir ’na gob; ceatharn smearail de lasgairean a’ fàgail na laimrige am beul an là, prasgan fann de chreuchdaich a’ tilleadh am beul na h-oidhche, siùil acrach an crochadh o mheadhan a’ chroinn, an stiùradair ag iarraidh phort, mnathan ’nan seasamh air a’ chladach a’ caoidh nan gaolach nach till.
Tha linn is linn a’ dol seachad, is chì mi an clachan aon uair eile air mhire is air bhoile, mar gum biodh sgeul aoibhinn ùr air tighinn don bhaile — mac-alla shuas is mac-fola shìos a’ freagairt a chèile le
Hì ri liuthaill o-ho,
Cò a sheinneas an fhìdeag airgid,
Mac mo rìgh air tighinn a dh’Alba!
Hì ri liuthaill ò.
Is iomadh tuar eile a chì mi air a’ chlachan le mo shùilean dùinte, ach is e as fheàrr leam buileach a bhith meamhrachadh air beatha-làitheil an t-sluaigh, mar dh’aithriseadh i o bheul gu beul is o linn gu linn gus an d’ràinig an sgeul mise. Bha nithean ann, is tha iad air neadachadh am chridhe air a leithid de dhòigh is gu faod mi a ràdh le fìrinn gu bheil mi gam faicinn leis an t-sùil a chunnaic, is gan cluinntinn leis a’ chluais a dh’èisd.
Oidhche is mi tighinn dachaigh às a’ chèilidh, faicear solas an taigh am b’ainneamh solas anmoch fhaicinn, is an earalas dad a bhith ceàrr, deanar dìreach air an doras. Anns a’ cheart uair thàinig tè a b’aithne dhomh a-mach — seann bhean-ghlùin a bha cho làn ghiseag is ubag is ortha is a ta faochag an deagh chladaich de bhiadh — is bha fios gun fhaighneachd agam ciod an gnothach a bheireadh a-mach às a taigh fèin i mu mheadhan oidhche.
“Tha thu aige,” ars ise, ged nach d’fhosgail mi mo bheul. “Fhuaradh leanabh-gille an seo an nochd, fo ghealaich an fhàis, is bha mi ag èaladh a-mach a chur beachd air an t-seòl-mhara, ach is ann a ta gille air tighinn gu nic-leisg! An cuan, an cuan, a laochain, ciod a manadh?”
“Tha an lìonadh oirre anns a’ cheart àm,” arsa mi fèin, “is cha naidheachd duit, is do bhothan am bràigh a’ chladaich, gum bi reabhairt nan eun ’na h-àirde an earar.”
“Buaidh is beannachd an deagh sgeòil ort, fhir a thàinig —
Rugadh Calum-cille mo ghràidh
Ri cuan an lìonaidh, ri gealach an fhàis,
’S b’e an t-àilleagan e fèin.
Thèid thu nis, is tu èasgaidh òg, gu Tobar Chalum-chille, an tobar a bhlaiseas an t-eun mus èirich a’ ghrian, is an ainm na Trianaid togaidh tu làn na cuaiche seo den bhùrn, is thèid thu an sin gus a’ gheodha as fhaisge dhuit, is cuiridh tu, an ainm na Trianaid mar an ceudna, trì boinnean sàil anns a’ bhùrn, is tillidh tu chugamsa gu grad.”
Ma bha no nach robh màirnealachd am thuras, bha a’ bhean-ghlùin gam fheitheamh anns an stairsich, is cha bu luaithe thug mi dhi a’ chuach na bheannaich i am bùrn an ainm na Trianaid, an ainm Mhìcheil is Chliamain, is cuirear trì boisleagan deth air ceann an leinibh.
Uisg’ an easain air do dhos,
Cha laigh rosad ort a chaoidh,
Cha bhàth uisg’ no sàile thu,
’S cha mhò phràmhas tu air luim.
“Is far-ainm,” ars ise, “ainm an leinibh gus am baistear e — gus a sin is e as ainm da Maol-Dòmhnaich — is theagamh gun caimich an t-ainm naomh, mar ris an t-snàthad a chuir mi ’na lèinidh, mo ghaolan beag o gheasa dhaoi is o chleasa shìdhich.”
Leis a seo, dh’fhaitich i air falbh mi, ach mus do chrom mi gus an ùtraid, rug a crònan (mo chrònan fèin, Boisligeadh Brìghde!) air mo chluais, is tha e gus an tràth-sa a’ seinn am chridhe.
Brìghde gad liuthail, gad ionnlaid
Mar liuthail, mar dh’ionnlaid i Crìosda,
Le silteach à fuaran Rìgh Dàibhidh,
Is fionnarachd ainglean ’na fhìor-uisg.
Muire bhith caithris an uanain,
Ga sheunadh o bhruaillean ’s o bhàinidh,
Gu sìor-bhinn gu suanach ga shìobadh
Mar shìob i, mar dhuain i an t-Ard-Rìgh.
A Rìgh na gile ’s na glòire,
A ghineil na h-Oighe fèile,
O dìon is caidir is bràthraich
A-nis ’s gu là-bhràth an eudail.
Chan urrainn domh a ràdh le cinnt, ach an uair a sguir an crònan, ar leam gun cuala mi osna às mo dhèidh: “Tha coite bheag a’ dol gu muir an nochd — atach mo chridhe gun toir i mach an caladh sin bu mhiann leatha — ach, O, a Rìgh nan Dùl, tha a’ choite beag is an doimhne mòr!”
Anns a’ chlachan cha robh ach smuain chlis eadar breith agus bàs. Breith is bàs — lèineag is lèine. Thigeadh bàta steach gu caladh is coigreach oirre; gus an nochdadh e a ghnè air an iolaidh is anns a’ chèilidh, cha b’fhios duinn co-dhiù bhiomaid subhach e dh’fhalbh. Thigeadh leanabh a-steach don t-saoghal, is chan innseadh gealach no seòl-mara le cinnt co-dhiù is e fealla-bhròn no fìor-bhròn a dheanadh an cumha sheinn os cionn ’eislinne. Is cha tàinig “Boisligeadh Brìghde” riamh gu mo chuimhne gun dà chrònan-bàis a thoirt ’na lùib.
Bha an clachan, mar ris a’ Ghàidhealtachd gu lèir, fo bhoile is fo bhuaireas. Bha am Prionnsa ’na dhiol-dèirce anns an Fhraing, is a’ chuid sin de a dhaoine nach robh anns an uaigh no air chèin bha iad fo choill air feadh nam beann. Ach chan fhòghnadh sin le Sasann. Thubhairt na daoine glice shìos an Lunnainn: “Cuiridh sinn briogaisean air na Gàidheil, is bheir sinn uapa gach claidheamh is gach musgaid, is fàsaidh na fir alltha an sin cho soitheamh ciùin ris na h-uain!” Thàinig prasgan shaighdear don chlachan a chur an lagha ùir an sàs, is air ghaol an t-sluaigh is air ghràin an allabain, ma b’fhìor an cainnt, cha robh cabhag falbh orra — is theagamh nach robh fhios aca gu robh e ’na ghnàth-fhacal againne riamh on thàinig iad, “Thoir a-steach an cù is cuir a-mach an Sasannach!” Ach is e brìgh mo sgeòil gun tàinig bàs sgiorragach air iar-cheannard na rèisimeide; chaidh e le creig anns a’ cheò, is e an tòir air ulaidh a shaoil leis a bhith folaichte am fròig beinne. Chuala an ceannard gum b’e nòs na dùthcha a bhith seinn tuiridh os cionn a’ mhairbh, is a thatadh an t-sluaigh chuir e fios air mnatha-tuiridh a’ bhaile — an triùir àbhaisteach — thighinn a sheinn an tuiridh os cionn na h-eislinne. Thàinig na mnatha-tuiridh gu mìn modhail, sheinn iad gu ciùin cràbhach, is ma bha an crònan corr uair tùchanach, a choire sin do bhròn nam ban is iad a’ fras-shileadh nan deur!
Hòbhan, hòbhan, dh’fhalbh an Sasannach,
Hòbhan, hòbhan, dh’fhalbh e nunn,
Gum bu tig an t-aon là thilleas e,
Hithillean ò, on dh’fhalbh e nunn.
Hòbhan ò, is dearg a chòta,
’S e air a chòmhdach le teine nach mùch,
Hòbhan ò, on dh’fhalbh e nunn.
Hithillean ithillean, sinne bhiodh aighearach,
Sinne bhiodh cuireideach, sinne bhiodh caithreamach
Hithillean ò, nam falbhadh càch!
Tha e coltach gun do thaitinn an dà chuid ris a’ cheannard — na deòir a thuig, ma thuig!, is na dubh-fhacail nach do thuig — co-dhiù, thug e bonn airgid an tè do na mnathan.
“Dia thoirt maitheanais dhuinn!” ars a h-aon den triùir, is iad a’ deanamh air ceann thall a’ bhaile, “cha b’e seo oidhche na fochaide, is fear ar gaoil anns an teugmhail!”
“Ceum ann,” ars an dara tè, “is leòr faidead an rathaid gun mhoillead a chur ’na ceann — bhiodh gonadh orm gu là mo bhàis, nam falbhadh fear ar gaoil gun an tàladh ’na chluais is ’na chridhe.” “B’ann oirnne an call, is cha b’ann air-san,” ars an treas tè; “tha beannachd nam bochd ’na tàladh is ’na cluasaig dhàsan.”
An ùine nas giorra na mo sheanachas bha an triùir bhan aig bonn a’ bhruthaich a bha dìreadh gu Taigh-mòr a’ chlachain.
“Sealladh an àigh!” ars an tè bu ghèire sùil, “tha an doras dùinte — tha an anail fhathast anns a’ cholainn.”
Ruigear shuas, rachar a-steach gu bog balbh, seasar ri taobh na leapa, togar a’ channtail:
Thu dol dhachaigh an nochd don t-sìor thaigh-geamhraidh,
don t-sìor thaigh-foghair is earraich is samhraidh,
Thu dol dhachaigh an nochd air seirm nan canntair.
Geal-ainglean gad fheitheamh air bruaich na h-aibhne —
Dia an t-Athair ’na do shuain,
Iosa Crìosda ’na do shuain,
Dia an Spiorad ’na do shuain,
Is caidil gu ciùin, caidil gu ciùin, caidil gu ciùin.
Dhùnadh an dà shùil, dh’fhosgladh an doras, ghabh an anail lorg nan athraichean gu cuan is gu taobh thall na fàire.
“Falbham,” arsa bean-tuiridh, “is an ainm na Trianaid fuineam bonnach is beannachd a chumas clì ann air an uidhe.”
“Falbham mar riut,” ars an dara tè, “is deasaicheam lòchran a shoillsicheas a cheum.”
“Beiream-sa,” ars an treas tè, “na trì buinn airgid a chum a’ ghobhann, is deanadh e iuchair leo a dh’fhosglas doras Fhlaitheanais do fhear ar gaoil — ach och nan och èire! mo lèireadh e bhith uainn.”
Làithean an àigh! Cràbhadh is saobh-chràbhadh air an aon ghleus, a’ caoineadh is ag aslaich leis an aon teangaidh. An àirde na grèine chìtear faileas nan neul air leitir na beinne — ach cò mhiannaicheadh speur anns nach faicte idir neòil!
Chan eil àite an trice am bi mi, no an trice an robh mi, na anns a’ ghoirtean-fhogharaidh is anns an àirigh. Bha tighinn-beò a’ chlachain riamh anns a’ ghoirtean is anns an àirigh. B’annas an t-sidheann is b’annlan an t-iasg; bu mhaith a’ chobhair ach bu bhochd an sabhal iad; b’e ar teachd-an tìr, mar dh’innseas an t-ainm, eòrna gu bonnach is feur gu bainne. Is b’fheàrr corran no cuman na clàrsach gu sean is òg a chur gu seinn is gu cridhealas. Is iomadh hòro-gheallaidh a chunnaic mi fèin anns a’ ghoirtean — ged nach do thachair dhomh a bhith ann an là a thàinig a’ Ghruagach
’S a rug i ’na làimh air a’ chorran,
’S a lìon i le sonas an sguab.
Ach bha fear eile ann an latha sin, is a chionn gum bu bhàrd e, sheinn e an nì a chunnaic is a chuala e.
Chaidh i don òr-lios troimh ’n chruithneachd,
Far an robh na cruinneagan cruinn,
Cuid bha dhiubh ri gabhail òrain,
Iad mar chòmhlan togail an fhuinn;
A’ mhuinntir bha ceangal nam bannan
Ag èigheach E ho rò bha hò - “Nach inntinneach deanamh an arain,
“An cluinn thu ’n caithream ud, Iain Oig!”
Ach b’e mo roghainn fèin seach gach àite an àirigh, taobh thall na beinne os cionn a’ chlachain. Chan eil innte an diugh ach taibhsean, ach chunnaic mo dhà shùil na ceart taibhsean sin air an còmhdach le fuil is le feòil. Nan robh coigreach air fhaighneachd diom anns na làithean sin ciod an seòrsa sluaigh a bha fuireach anns a’ chlachan, theirinn ris, “Tiugainn mar rium don àirigh, is nochdaidh mi sgàthan duit am faic thu cridhe is aigne an t-sluaigh.” Innsidh feadhainn eile cuin is carson a bha an àirigh ann, an seòrsa cruidh, an seòrsa bhothan, a bhiodh oirre, an seòrsa culaidh a bhiodh air na maighdeannan; ach innseam-sa, air ghiorrad an sgeòil, gnè na muinntir a thriall o bhaile gu beinn Là Buidhe Bealltainn, is innseam e le an teangaidh fèin.
Oidhche is gealach an fhàis ann, chunnaic mi cridheag bhòidheach òg a’ dol gu seann tobhta, is a’ cur cuailein bhuidhe de a falt ann an toll anns a’ bhalla, cho àrd is a ruigeadh a làmh — is ars ise:
Mar dh’fhàsas a’ ghealach gu fàs,
Gus an ruig mo cheann cho àrd
Is a ràinig mo làmh an nochd.
Anns an fhacal, chaidh a’ ghealach fodha — no, co-dhiù, chaidh i am folach.
Is chualas osna san àirigh:
Cuiridh làmh bheag ghòrach na h-òige
An cuailean buidhe nas àirde
Na ’n dàn e gu ruigeadh an t-òr-chiabh —
Is och nan och, mo chràdh!
Bidh gealach a’ fàs ’s a’ cnàmh.
Oidhche eile chunnaic mi tè de mhaighdeannan na h-àirigh a’ dol gu Tobar Chalum-chille a dh’fhaotainn sgeòil air fear a gaoil o bhricean a bha cho còir ri manach is cho teòma ri draoidh.
A bhricein, a bhalaich bhig bhòidhich,
Càit a bheil òigear mo ghaoil?
Bheil e an Albainn no ’n Eirinn?
No an cùl na grèine ’na shuain?
A bhricein, a bhalaich bhig bhòidhich,
Bheil Mac na h-Oighe le m’ ghaol?
’S am faod mi mo ghearan nis fhàgail
San tobar nach tràigh a chaoidh?
Chuala mi, is cha b’e aon uair, bantrach a’ gabhail tàlaidh d’a h-aon bhoin, is anns an tàladh sin bha cràbhachd is aoighealachd is teòdhalachd mo shluaigh a’ seinn. “A’ chiad sileadh do Chalum-cille mo ghaoil; an dara sileadh don choigreach is don dìlleachdan mhaoth; an treas sileadh do mo chagaran gràidh.”
Sil a bhòan, sil a bhòan,
Bainne nan neòinean ’s nan sòbhrach,
O sil gu h-uasal còbhrach don choigreach,
’S don dìlleachdan mhaoth.
Chunnaic is chuala mi iomadh nì eile anns an àirigh a bha taitneach no mì-thaitneach a-rèir a’ chuir a bhiodh anns an adhairc. Is cuimhne leam madainn an do chlisgeadh às ar cadal sinn le geumnaich nan laogh, is bha fios is cinnt againn, gun dol na b’fhaide, gu robh Mac Iain Ghiorr à Minge air cheatharnas, is gu robh chuile bò a b’fheàrr na chèile anns a’ bhuaile air a togail, Ciarag is Duinneag is Blàrag, agus mus ruigeamaid-ne an cladach, nan ruigeamaid e, gum biodh esan a’ cur an Rubha Mhòir. Is cuimhne leam cuideachd an adharc a bhith cromadh an taobh-sa. An ciaradh an fheasgair chaidh an sanas air feadh na ceathairne “gum b’i an oidhche an oidhche, nam b’iad na fir na fir” — agus an ath mhadainn bha crodh a’ bhaile is crodh “a’ bhaile ud thall” a’ gleachd ri chèile anns an àirigh! Ach air a shon sin, cha bu chreachadairean idir sinn. Cha tàinig bò riamh troimh Allt-na-crìche nach b’urrainn duinn a ràdh le fìrinn, “Sin nighean no ogha no iar-ogha tè a rugadh is a thogadh anns a’ cheart àirigh seo.” Is ma thàinig an iasad corr uair dhachaigh le faite-gàire, bu leis an Eaglais, no cò-dhiù leis a’ Chlèireach, trian den ghàire!
Chan fhaod mi bhith leth-bhreitheach am sgeul. Ma bha sonas is subhailc anns an àirigh, bha donas is dubhailc innte cuideachd; ach gu cinnteach b’ann de chaise is de dhèine an t-sluaigh na droch bheusan. Bha eun ann roimhe seo is b’e an sgeul air gu robh “Braise na h-iolaire an taise na h-eala” — b’e an t-eun sin dearbh-shamhailt a’ Ghàidheil. Oidhche bha mi muigh anmoch, grathann beag mus do thòisich an ath-thriall o bheinn gu baile, faicear tè air an tàinig seachran-gaoil ’na suidhe air tom, is i seinn òrain-bhoile a chuireadh tiomadh air cridhe cloiche.
Thug thu sear diom is thug thu siar diom,
Thug thu ghealach is thug thu ghrian diom,
Thug thu ’n cridhe a bha ’nam chliabh diom,
Cha mhòr, a ghaoil ghil, nach tug ’s mo Dhia diom.
An ceann treise chaidh i sìos gu sloc dubh, air nach ruigeadh reult, is tòisichear air a’ chorpan-chrèadha a dheilbh, a’ cur nam bior ann oir ri oir. An uair a bha an deilbh a-rèir a miann, thug i nìos dubh-mhallachdan à fròig shnàgaich an ìochdar a cridhe: “Is e an corpan-crèadha seo fuil is feòil is fèith, smuais is cnàimh is craiceann, na tè a chuir a sùil am ghaol-sa; mar chrìonas, mar sgreagas, an crèadh, gun crìon, gun sgreag, ise; is bitheadh gach aon bhior ’na sheachd nimhidh, ga biorgadh, ga siachadh, ga h-iongradh gus an gràin a gnùis do choimhleabach is do dhàimhich!” Shìolaidh an guth às, leig cailleach-oidhche a bha siubhal seachad glaodh aognaidh aisde, ghiùlain oiseag ghaoithe ospag a ghàir na mara, chrom mi fèin gus an àirigh — ach ar leam gun cuala mi osna mnatha às mo dhèidh: “A Thì Mhòir nan Gràs! Fòir air mnaoi leis am b’fheàrr gaol na fuath, nam b’fheàrr le gaol i.”
A’ chuid sin nach do thuig mi de ghnè is de bheus an t-sluaigh, is mi leis a’ chlachan air àirigh, thuig mi is mi leis a’ chlachan air chèilidh. Chì mi fhathast fa chomhair mo shùl an taigh am biomaid a’ cruinneachadh — an teine an teis-mheadhan an ùrlair, gainmhneach gheal air a sadail air gach spàrr is air gach cabar a chumail na snighe o thuiteam, na mnathan a’ cuigealadh, na fir a’ toinneadh sùgain is a’ snìomh sìomain, giollan a’ frithealadh an teine, giollan eile a’ frithealadh a’ chrùisgein. Is iomadh cèilidh mhòr a shuidh is a dh’èisd, a sheinn is a dh’aithris, anns
a’ cheart taigh sin; is, ma bha cèilidh àbhaisteach a’ chlachain maith, is bha i sin, chan ailis oirre ràdh gum b’fheabhas cèilidh na h-an-uaire, tràth bheireadh an oidhche is gaoth nan coimheach luingis nan eilean a-steach do ar caladh. Is ciod an seòrsa mòid a bhiodh againn? Innseadh seachd riaghailtean na cèilidh sin.
(1) Is rìgh fear-an-taigh.
(2) Chan eil claon anns a’ mhodh.
(3) Is mothaid rud aithris.
(4) Seanfhacal o chùil na mòna, tòimhseagan on t-slige-chrùisgein.
(5) Mìn-innseadh nan uirsgeul gu meadhan-oidhche — garbh-innseadh nan uirsgeul gu gairm-choilich.
(6) Sgeul air an sgeul, is òran air an òran, is deiseal air gach nì.
(7) A’ chiad sgeul air fear-an-taighe, is gach sgeul gu là air an aoigh.
**********
Theagamh gur ann an sgàthan-sgeòil, no am bruadar na h-ionndrainn, no troimh ghuirme na beinne a ta fad air falbh, a ta sinn a’ faicinn a’ chlachain a bha ann, is nach robh e idir cho sona no cho sealbhach no cho subhailceach is a thathas ag ràdh. Theagamh nach robh, ach, co-dhiù, faodar a ràdh le fìrinn gum bu bhochd an clachan a bha ann, mur robh e an iomadh dòigh na bu taitniche na an clachan a ta ann. Bha beum-sgèithe gu tric ga bhualadh anns a’ chlachan a bha ann; cha chluinnear an diugh ach mèilich uan, mar gum b’eadh — is thèid luchd na Gàidhlige gu Dun-Eideann, no eadhon gu Lunnainn, le am bonaid ’nan dòrn, a dh’iarraidh cead an cànain fèin a theagasg ’nan dùthaich fèin! Cha robh ach seòrsa de cheistear Gàidhlig a’ cumail sgoile ris a’ chlachan am Bliadhna Theàrlaich; tha sgoil mhòr bhrèagh ann an diugh — is tha an sluagh a’ bruidhinn cànain nach leugh iad, is a’ leughadh cànain nach d’fhuair grèim fhathast air an cridhe! Chan fhaicteadh ach taighean-dubha anns a’ chlachan a bha ann; chan fhaicear ann an diugh ach taighean geala — is tha an sluagh a’ sìor-theicheadh asda gu baile-mòr is
gu dùthchanna-cèin! Cha robh ach aon eaglais anns a’ chlachan a bha ann; tha ceithir eaglaisean ann an diugh — is tha an t-eagal air an t-sluagh laoidhean na h-I, no an samhailt, a sheinn!
Ach chan fhaod e bhith gur e seo deireadh an sgeòil. Is lèir do chuid againn fàir latha an cluinnear an duan-sa feadh eilean is gharbh-chrìoch: “A’ Ghàidhealtachd don Ghàidhlig — a’ Ghaidhealtachd, eadar mhuir is thìr, do luchd na Gàidhlige!” Mas bruadar seo, gum bu fada uainn an dùsgadh!
title | An Clachan a bha Ann |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p |
parent text | II. Eachdraidh agus Mac-meanmna |