4. Far An Robh Naomh

Tha I Chalum-chille iomraideach air feadh an t-saoghail; tha ionada naomha eile ann a ta iomraideach air feadh na h-Albann; ach am fear a bhios tric air allaban, bheir a choiseachd e uair no uair-eigin gu àite air nach cuala e iomradh riamh roimhe, ach mum faod e a ràdh air ball: “Is àite naomh an t-àite seo; tha an t-ainm ga innseadh, is tha mo chridhe fèin ga aideachadh.” Thuirt fear na ceart bhriathran sin o chionn ghoirid, is ena sheasamh an Cladh-chille, ann am Bonn-sgaoid, an Siorramachd Pheirt. Ma chaidh eachdraidh na cille seo riamh a sgrìobhadh, tha i air chall a-nis is cha mhò tha beul-aithris an an diugh ag innseadh e a thog, no iad a fhritheil an ceall, ma bha ceall ann, rud as coltach gu robh, mas ceart an t-ainm. Is e meud an fhiosrachaidh a gheibhear o na seann daoine anns achoimhearsnachd gu robhas uair-eigin ri adhradh anns an àite, isna dhèidh sin gum bìteadh, leis an anabarr iochd, ag adhlacadh choigreach agus chiontach ann, is gum be an neach mu dheireadh a chuireadh fo fhòid ann, leanabh beag a chaochail o chionn còrr is ceud bliadhna. Is fheudar gu robh an tuilleadh eachdraidh air an àite anns an linn a dhfhalbh; co-dhiù, o chionn còrr is fichead bliadhna, thog baintighearna urramach nach beò an diugh carragh-cuimhne anns achill, is tha e sgrìobhte air acharragh sin gu robh deisciobail na h-I ri adhradh an seo. Acur an , ma , an ceann a chèilebeul-aithris an an diugh agus fianais na carragh-cuimhnecha dhuilich na cnàmhan a chòmhdach le fuil is le feòil, is bruidhinn a chur anns an teangaidh bhailbh.

Bha na h-Eileana Siar, eadar dhùn is cheall, fo cheannas nan Lochlannach. Cha leigeadh an t-eagal leis aGhàidhlig a guth a


[34]

thogail an clachan no air laimrig; is gann gun deanadh i cagarsaich fhèin ach an uaimh taobh na mara no ri cùl creige an àird nam beann. Bha I Chalum-chille fuar fàs, gun tùis gun chlag, is cha robh cladach an Innse-gall air nach faicteadh falaisg an ciaradh na h-oidhche, is cha bfhalaisg fhraoich no asbhuain, ach falaisg cheall is theach. Bha na manaichnam fògarraich thalls a bhos; cuid dhiubh, mar neo-chlèirich, gan cosnadh fhèin aig na coimhich an latha, is ag èaladh mu mheadhan-oidhche gu fròig beinne no gu uaimh cladaich a dheanamh na h-Aifrinn is a dhaingneachadh nan creidmheach; cuid eile dhiubh air Tir-mòr, asearmonachadh an t-Soisgeil far nach cualas, is atogail cheall far nach fhacas. Is uair no uair-eigin cha robh manachnam measg nach abradh ris fhèin am beul na h-oidhche: “Am màireach, mus blais an t-eun an t-uisge, togaidh mi orm, is a dheòin Dia ruigidh mi Dun-chailleann mus till mi.” Be siud linn an àigh do Shiorramachd Pheirt. I Chalum-chille air a h-aineol an Dùn-chailleann; gach frith-rathad le manaich atighinn is afalbh; ceum fann màirnealach aige-san a bha tighinn, is ceum luath làidir aige-san a bha falbh. Cha robh I gun ìocshlaint, eadhon air a h-aineol.

Latha bha ann, chaidh fear de na manaich, is e air an uidhe gu Dun-chailleann, air chall is air dubh-chall am monaidhean Athall. Thachair gu robh ceòban uisge ann, is anns acheòban bionann don choigreach tuath is deas, siar is sear. Uair is uair thàinig e air bothan-beinne an robh buachaillean agabhail fasgaidh, ach bu Chruithnich iadsan is bu Ghàidheal esan, is cha do thuig e den cainnt ach na bloighean anns nach robh àirdeachd an rathaid. Iochd air n-achd lapanaich e air aghaidh gus an tàinig e gu mullach cnuic. “Leigidh mi mo sgìos an seo,” ars esan, “is minig a bha Calum caomh an càs na bu chruaidhe, is mar dheanadh esan misebheir mi treis air canntail nan Salm.”

Bheir na beannta sìth don t-sluagh, agus na tulaich. . . Bithidh uachdaranachd aige o fhairge gu fairge, agus on abhainn gu ruig crìochaibh na talmhainn. . . . Beannaichte gu robh an Tighearna Dia, Dia Israeil, an a mhàin a nithe iongantach. Agus beannaichte gu robhainm glòrmhor-san gu sìorraidh; agus lìonar an talamh uile le a ghlòirAmen agus Amen.


[35]

Is gann gu robh an Amen mach às a bheul na thog an ceò, is faicear, shìos fodha is nunn ma choinneamh, sealladh anns an robh adhradh do Dhia agus ùralachd do dhuine; cnuic is coilltean muin air mhuin, is glacagan sòbhragachnan dlùths, agus shìos air ùrlar aghlinne Teimheil nan glumag is nan eas. “Siod mo cheall,” ars am manach, “anns an lagan air taobh thall an àtha.” Tha an ceart bhad ra fhaicinn fhathastcearcall den droigheann, is gach craobh liath le crotal glas na h-aoise.

Cha bfhada gus an robh acheall ùr iomraideach air feadh na dùthcha. Moch is anmoch dhfhàgadh fir an cuid sprèidh, is mnathan an cuid bhràth is chuigeal, a sheinn nan Salm is a channtail nam Freagradh am Bonn-sgaoid. Bha frith-rathaidean ùra gan deanamh tren choille, is be rogha-ciùil na coimhearsnachd gu lèir seirm achluig airgid a fhuair am manach o uasal Athallach, is a bha nis, ge be air bith a dhleasdanas roimhe, agairm an t-sluaigh o bheinn is o bhaile gu Tràtha na h-Eaglaise. Mas iad na leanabanan, bhiodh iad dan deòin adol air chall anns achoillidh, is cha du dìriche dheanadh an t-eun air a nead na dheanadh iadsan air cill amhanaich; is nuair a thilleadh iad dachaigh, bhiodh sgeul aca ra innseadh a chuireadh tiomadh ar cridhe gach màthar. Ach be iongantas nan iongantas an t-amhasg sealgair à Raineach. Gach dàrnacha latha bheireadh an seachran-seilg e gu Bonn-sgaoid, eadhon gus achearcall droighinn, is ged nach bann a dhfhaicinn amhanaich a thàinig e (cha bann idir, ler cead, ach air lorg an daimh! ), air a shon sin, mas e conaltradh a bha fa-near don mhanach, is e conaltradh, is a leòr dheth, a gheibheadh eagus an damh nach robh ann, cha rachadh saighead ann, an latha sin co-dhiù! Ciod nach dean làn-duine? Ciod nach dean teas-ghràdh?

Latha de na làithean, thigeadh coigrich don chillmanaich a bhiodh agabhail an rathaid gu Dun-chailleann, no uaithe. Is iomadh fear a thuirt ris fhèin anns amhadainn: “Bidh mi nochd, a dheòin Dia, an Cill-mo-Chalmaig am Maoilinn,” a sheas, am beul na h-oidhche, air taobh thall an àtha, shìos fon chearcall droighinn. Is an ath mhadainn be an smuain-dùsgaidh, “Gu cinnteach tha an Tighearna anns an àite seo, agus cha robh fios agamsa air.” Ach bu bheag na thigeadh de choigrich fo stiùradh eòlais is gaoil. Bhiodh cèilidh nan cèilidh


[36]

anns achearcall droighinn an oidhche sincèilidh na h-aigheir air a taiseachadh le ionndrainn. Bhiodh sgeula nodha aig na manaich òga air allamharrachd nan Lochlannach is air àmhghar nan naomh, is bhiodh seann sgeula aig na seanairean air cliù na h-I, an uair a bha I mar a bha. Sgeul air an sgeul o shean is o òg; bruadar, aisling, taisbean, manadh; sgeul air Calum, sgeul air Donnan, sgeul air Pàdraig; sgeula ta sgrìobhte, agus sgeula nach eil, “ann an leabhar de leabhraichean na h-Eireann.” Is, aig meadhan-oidhche, na Sailm. Nam be nochd an raoir no an ath oidhche, be Salm an Tràtha an Salm Mòr, is mar nach biodh e fada gu leòr, Sailm nan Ceum, còig dhiubh, còmhla ris. Ach mas manaich a ta an seo an nochd, is eileanaich cuideachdcaob dhaibh-san, ma , den t-Salm sin as caomh le fuil na marachd. (Salm 107; 21-30).

O gu moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bhearta iongantach do chloinn nan daoine. Agus gun ìobradh iad ìobairte buidheachais, agus gun cuireadh iad an cèill a ghnìomharan le luathghaire. Iadsan a thèid sìos don fhairge air longaibh, a obair air uisgeachaibh mòra. Chì iadsan gnìomharan an Tighearna, agus a bhearta iongantach anns an doimhne. . . . Cuiridh e an doineann gu fèath, agus bithidh a tonnannan tàmh. An sin bithidh iad ait, a chionn gum bi iad sàmhach; agus bheir e iad don chaladh as miannach leo.


A rithist; agus a rithist; agus a rithist! Mas maith rin canntail, cha mhiosa rin èisdeachd, na roinn. Blasag eile dhiubh, seirm eile dhiubh, gus am bi na deich rainn cho fada ris an t-Salm Mhòr fhèin.

An sin bithidh iad ait, a chionn gum bi iad sàmhach; agus bheir e iad don chaladh as miannach leo.

Ach, och nan och, is fhad air falbh an caladh sin an nochd!

An ath mhadainn bhiodh caoin na mara ann an guth amhanaich, is theireadh a choimhthional ri cach a chèile air an rathad dhachaigh, “Nach e bha drùidhteach an diugh; is fheudar gum fac e aisling an raoir.” Chunnaic. Agus chì. Ceart cho luath is a bhios iadsan às an t-sealladh, esan lom dìreach air tom seileasdair ri taobh glumaige, is le ealain a chuireadh farmad air


[37]

na sìdhichean, gearraidh is snaidhidh is fuaighidh e bàta, is chan e bàta ach bàtaicheangeòlachan, sgothan, eathraichean, luingis, is gach aon diubh fo làn uigheam, a-rèir a gnàtha. Cha ghlumag aghlumag nas , ach an Cuan Siar; is eileanan na clachan; is ròin na briceinean; is lachaidh na cuileagan. Is ann an siod a bhios an sgiobaireachd, is cha be sgiobaireachd nan Raonallach! Agus sin a dhaindeoin gaoithe a ta gun urram do stiùir no do sheòl, is nach do shèid riamh, gus an diugh, air a buaisle na an slaod a bhios amàgail air Loch Teimheil. Ach mu dheireadh tuigidh aghaoth fhèinleth-char, co-dhiùnach glumag seo ach cuan, is bheir i cead don chabhlaich sheileasdair togail gu muir. Tre Chaol Muile seòlaidh iad, eadar bheag is mhòr, seach aMhorbhairne, seach Aros, seach Tobar-Mhoire, gus am bi iad a-mach o ghualainn thall Mhuile, is an sin sgapaidh iad feadh nan cuan. Cuid is an sròn air Eige, mur h-ann air Canaidh, nas fhaide siar; cuid air fuaradh gu Colla is gu Tiriodh; agus cuidamhòr-chuid, mar bu dual — ’nan deann gu I Chalum-chille, agus bheag bhiorachnam measg a Colosa air sruth an lìonaidh. Ma tha na luingis Lochlannach fathast air sàil, chuir an cabhlach seo gu falach-cuain na reubairean, is chan fhaicear an tanalach no an doimhne ach siùil làna nam manach, is Crois Chrìosda ris gach speur. Is leòr an uidhe, is leòr an sealladh. Sìnidh am manach e fhèin air toman fhraoich, is dùinidh e a dhà shùil, is chan e torman na h-aibhne a bhiosna chluais, ach fuaim an taibh, is gàirich nan tonn air tràigh na h-I.

Fhir-dùthcha, fhir-dùthcha, aidich, ge manach thu, gu bheil an smuain asìolachadh ad chridhe, gum fàg thu, luath no mall, do cheall is do choimhthional, is gun gabh thu lorg do mhuinntir thun achuain. Ach chan abaich an smuain gu bràth. Tha Calbharina do dhroigheann, tha Ina do chearcall, is cha robh dùthchas riamh aig do sheòrsa ach dùthchas nan gaoth a shèideas far an àill. Far a bheil thu, bithidh tu, is chan ann ad aindeoin. Far an do thàlaidh thu na leanabanan is na daoine borba, caidlidh tu. Is anns na làithean a thig, measar ena iochd don chiontach is don choigreach an adhlacadh ad chillis ri do thaobh fèin càirear leanabh beag.

titleFar an Robh Naomh
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textII. Eachdraidh agus Mac-meanmna
<< please select a word
<< please select a page