[50]

IV

AGHAIDHLIG

6. Oraid Bheag mun Ghàidhlig

As t-samhradh seo chaidh, thug mi sgrìobag air mais gu mdhùthaich fèinh-aon de na h-Eileanan Beaga, mar tha fhios aig cuid agaibhis chaidh fhaighneachd dhiom uair is uair càite robh mi nis. Dhinnis mi dhaibh gu robh ni ann an àite monadail ris an abair sinn Strath-loch; ach cha robh fhios aca càite an robh Strath-loch. Thuirt mi riu an sin gu robh mi mu leitheach rathaid eadar Baile-chloichridh is Blàr-an-gobhraidh. Ach cha robh fhios aca càite an robh aona chuid Baile-chloichridh no Blàr-an-gobhraidh. Mu dheireadh thall, thuirt mi gu robh sin -mìle-deug a-mach o Bhlàr-an-athall.

Ud,” ars iadsan, “carson nach duirt thu sin an toiseach? — Blàr-an-athall, sin an t-àite far a bheil iad acumail suas na Gàidhlige cho sgoinneil!”

A-nis, a luchd-dùthcha, is mòr as fhiach deagh-ainm, achs fheàrr na an t-ainm a bhith airidh air. Is tha mi deanamh dheth gu bheil sibhse cur romhaibh gum bi an chuid agaibhan t-ainm agus an thug dhuibh an t-ainmdìlseachd don Ghàidhlig.

Ach, air a shon sin, chan eil mi idir ag ràdh gu bheil na seann daoine anns an sgìreachd seo làn-toilichte le dìlseachd an t-sluaighis neònach leam mur abair iad gu robh mòran tuilleadh Gàidhlig ga bruidhinn o chionn fichead bliadhna na chluinnear an diugh, aguss e as coireach nach eil an òigridh idir cho deas anns aGhàidhligs a bha an athraicheans am màthraichean. Nach tric a chluinnear na facail seo, ged nach ann saGhàidhlig, “O tuigidh mi beagan dith, ged nach urrainn domh a bruidhinn”? Ach, mar thuirt am fear roimhe, “ an agam uiread sin!” Chan fhad a chumas sin an deagh-ainm aig Blàr.

Ach their cuid agaibh, “s urrainn duinn a dheanamh? Tha an òigridh cho coma-co-dhiù an diughs ged a bhruidhneamaid


[51]

riu saGhàidhlig, rud as tric a , nach ann a fhreagras iadsan sinn anns aBheurla.” Tha mi làn-chreidsinn gu freagair, ach theagamh gu bheil cuimhne aig cuid an seo air na làithean nuair a bha slatag den chraoibh bheithe baileach cumanta agus baileach feumail anns na sgoilean. ’S iomadh facal Beurla a chuir an t-slatag sin anns an òigridh. Tha fhios agam gur h-iomadh facal Beurla a chuir i annam, agus is tric mi asmaointeachadh seo: mas urrainn slatag a dhfhàs agus a ghearradh ann an coille Ghàidhealach uiread de Bheurla a chur anns achloinn, nach saoilinn gum burrainn di a dhà uiread de Ghàidhlig a chur annta, ach O cuimhnichibh nach eil mig iarraidh oirbh an sgian a gheurachadh agus ruith dhan choille a bhuain na slaitetha i air dhol à fasan an diugh; chan eil feum aig aBheurla oirre a-nis, is cha bu chòir gum biodh feum aig aGhàidhlig oirre. Ach, slat ann no às, theirinn ruibhis chan ann uile gu lèir air sgàth na Gàidhlig, ach air ur sgàth fèin is air sgàth na cloinneco-dhiù thig no nach tig sibh gu cèilidh, co-dhiù sheinneas sibh no nach seinn sibh diog anns aGhàidhlig, ionnsaichibh co-dhiù Gàidhlig dur cuid cloinne, agus chan e brochan de Ghàidhlig, ach Gàidhlig a sheasas air a chois fhèin, nach fheum iasad on Bheurla anns gach dàrnacha facal. Tha mi làn-chreidsinn gu bheil an fheadhainn as sine anns an sgìreachd coltach rium fhèin anns an seogun dean sinn reic is ceannach maith gu leòr anns aBheurla, ach nuair thig i gu gnothaichean achridhes gu gnothaichean an Spioraid, tha sinn mòran nas deise agus mòran nas blàithe anns aGhàidhlig na tha sinn anns aBheurla. Nach eil sibh afaicinn, ma , mur eil Gàidhlig aig achloinn, gu bheil sibh gan dùnadh a-mach às achuid sin as blàithe agus as fhaige dan chridhe de ur beatha, is mar sin atogail gàradh-crìche eadaraibh nach leum aBheurla gu bràth. Is call e dhuibh fèin; is eucoir e dur cuid cloinne.

Sin, ma , na thagam ri ràdh ruibh an nochd; gum bfhada an deagh-ainm agaibh, ach gum bfhaide gu mòr gur airidh sibh air an deagh-ainm.

titleOraid Bheag mun Ghàidhlig
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textIV. A’ Ghàidhlig
<< please select a word
<< please select a page