8. Earail do Bhuill aChomuinn

A Luchd-dùthcha,
Tha Buidheann aChraobh-sgaoilidh acur fàilte na teòdhalachd oirbh, is ag earbsadh gum bi fàs is feart nur saothair agheamhraidh seo. Is adhbhar gàirdeachais dhuinn meud bhur saothrach anns na làithean a dhfhalbh, is tha sinn làn-chinnteach nach ann an taisead ach am braisead a bhios ur n-oidhirpean adol. Anns aGhàidhealtachd, an uair a thig òganach gu ìreachd duine, is e their càch ris, “Gum meal thu taois, gun cùm thu tòige! ”, is gum bann mar sin a bhitheadh e a thaobh aChomuinnlùth na h-òige anns achnàimh, ciall na h-aoise anns acheann, dualchas aGhàidheil, sean no òg da, anns achridhe.


[57]

A luchd-dùthcha, tha ceithir mìle Gàidheal ceangailte ris aChomunn a-nis; is, ma gach aon, air lughad a chothroim, a dhleasdanas no eadhon bloigh de a dhleasdanas, thèid an gnìomh gun teagamh thar abhruadar. Nach bu bhochd an , nam faodadh ar sliochd, trì cheud bliadhna an dèidh seo, a ràdh: “Trì cheud bliadhna roimhe seo, bhòidich ceithir mìle Gàidheal an cànain a chumail beò, is anns acheart àm bha iomadh fichead mìle de luchd-Gàidhlige an Albainn, is a dhaindeoin sin leig iad an teine às.” Gum bu fada uainn an smal! Chan uallach aGhàidhlig ra thilgeadh dhinn, ach cul-taice ra chumail teann. Mas cudthrom air aGhàidheal a chànain, is cudthrom air pòr na talmhainn aghrian; is bionann, an iomadh dòigh, an dìth grèine don phòr is dìth Gàidhlige don Ghàidheal. Ach, a luchd-dùthcha, ged tha fios is cinnt againn gu bheil an t-anabarr bàidh agaibh ri bhur cànain, cha leòr sin idir, mur eil an gnìomh a-rèir na dùrachd. Nochdadh bàidh e fhèin anns aghuth, anns an làimh, anns achois. Di-Dòmhnaich, coisicheadh bàidh gus an t-searmoin Ghàidhlig; na seachdaine gabhadh bàidh gach cothrom a gheibh air aGhàidhlig a bhruidhinn is a leughadh; is, ann an cùisean na sgìreachd, taghadh bàidh luchd-riaghlaidh a bheir a h-àite fèin don Ghàidhlig an sgoil is an coinneamh. Mur feuch bàidh ris na nithe sin a dheanamh, chan eil eadar e is nàimhdeas ach lìon an damhain-allaidh.

Tha cuid agaibh, a luchd-dùthcha, agus is e bhur gearan gu bheil na fìor-Ghàidheil tearc nur sgìreachdcho tearc is gum faod sibh a ràdh: “Ciamar a sheinneas sinn òran ar dùthcha ann an tìr choimhich!” Ràinig is ruigidh an osna sin cluas aChomuinn. Ach creidibh seo gu bheil tomhas mòr den fharmad nar truas. Is e meud na deuchainne meud na h-urraim. Is ma chuireas sibhse ceum làidir is cridhe aotrom ris agharbh, tha sibh acur Ghàidheal eile gu nàire is gu luaths air an rèidh. Co-dhiù, air lughad bhur n-àireimh, na leigibh dhibh a bhith cruinneachadh an ceann a chèile an dràsd is a rithist, a chumail an teine beò, is a chur tuilleadh blàiths anns achridhe. A co-chomunn thig co-sheasmhachd; à co-sheasmhachd thig aiseirigh ar sluaigh is ar cànaine. Os cionn gach , dhiarramaid oirbh, o dhoimhneachd ar cridhe, aGhàidhlig a chleachdadh anns an dachaigh. Freumhaichibh anns an fhuil òig an smuain seo; gu bheil ar n-uaisle snaimte ris aGhàidhlig; an Gàidheal aig nach


[58]

eil i, gur coigreach ena dhùthaich fèin, an Gàidheal a tàir oirre, gu bheil e toirt maslaidh air fhèin is air a dhaoine nach toir eadhon an cuilean air a mhadraidh.

Tha cuid eile agaibh, a luchd-dùthcha, is theagamh gu bheil sibh anns abheachd, a chionn nach cluinnear an diugh ach Gàidhlig anns an sgìreachd, gur dìomhain, mar sin, a bhith gleac às leth nach eil idir a-rèir coslais, ann an cunnart. Bha sgìreachdan eile anns acheart bheachd ceud bliadhna roimhe seo, ach gu bog balbh shnàig an cunnart a-steach, is cian mus robh luchd na Gàidhligenan earalas, bha an cànain ri uchd bàis. Chan eil sgìreachd air Tir-mòr an diugh, chan eil eilean anns aChuan an Iar, mun urrainnear a ràdh le fìrinn gu bheil an doras dùinte an aodann achunnairt. Is gann gu bheil clachan anns an seas an t-each-iarainn, no caladh anns am buail na soithichean-smùide, anns nach eil an cunnart an chuid atogail a ghutha is asìneadh a cheuma. Dhiarramaid oirbh, ma , an doras a ghrad-dhùnadhchan ann an aghaidh nan coigreach, no an aghaidh an cuid innleachd, ach an aghaidh achunnairt a ta tighinnnan lorg. Mas duine duine, is rìgh ena thaigh fèin; mas duine an Gàidheal, is rìgh ena dhùthaich fèin. Faodaidh neach cuid na h-oidhche thoirt do choigreach, is iomadh fhòghlam uaithe, gun an taigh a sparradh airna shaor-thìodhlac; is faodaidh an Gàidheal uile-shochairean na Beurla shealbhachadh gun aon lide den chainnt mhàthaireil a chall. Is a thuilleadh air sin, a luchd-dùthcha, cunnart ann no às, fhads a ta òigridh nar dùthaich nach urrainn an cànain fèin a leughadh, gun ghuth air a sgrìobhadh, nach eil dleasdanas anns amhasladh sin do gach aon againn? Chan eil leanaban, an aois sgoile, air fòid na Gàidhealtachd an diugh, nach rachadh anns an dearg rudhadh, nam bfheudar da aideachadh nach burrainn da aBheurla aon chuid a leughadh no a sgrìobhadh. Gus am bi an rudhadh, ma , ceart cho dearg anns aghruaidh òig, ma their sinn Gàidhlig an àite Beurla, gus a sin cha bhi sinn làn-riaraichte.

A luchd-dùthcha, chan ann le uaill a ta sinn ga ràdh, ach cha sgìthich, cha ghèill sinn, anns an adhbhar a ghabh sinn os làimh. Tha sinn ameas, ma dhfhalbhas ar cànain, nach annna h-aonar, ach le sreathna dèidh de na nithe sin as caomh leinn. Tha aon taigh anns achlachan as gràin leis na coimhearsnaich.


[59]

Bha uair da is be cagailt na dùthcha, ach an diugh tha e fuarraidh fàs, gun ghàire, gun teine, is grìs na h-oidhchena mhaoile. Be an taigh ud dearbh-shamhailt na Gàidhealtachd, is a cànain fon fhòid. Acreidsinn an a ta sinn acreidsinn, ma , is an-aoibhinn duinn mur dean sinn an spàirn as cruaidhe as urrainn do fhuil is do fheòil a dheanamh, chum an sin a chumail o thachairt nach còir gun tachradh.

titleEarail do Bhuill a’ Chomuinn
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textIV. A’ Ghàidhlig
<< please select a word
<< please select a page