V
DAOINE
9. Gàidheil A B’aithne Dhomh
Bu mhaith leam an nochd iomradh a thoirt air cuid de na Gàidheil urramach a b’aithne dhomh no chunnaic mi, uair no uair-eigin. Tha e ceart agus freagarrach gum biodh cuimhne againn air na daoine sin a rinn obair mhaith ’nan latha agus ’nan linn fèin. Bha cuid de na daoine sin nach d’fhuair an dlighe fhèin ’nan latha fhèin, agus mar sin tha e mar fhiachaibh oirnne a bhith togail nan càrn sin nach do thog na h-athraichean. Gun teagamh, a’ chuid bu mhotha de na daoine sin air a bheil mi dol a bhruidhinn, fhuair iad an dlighe agus an àite fhèin on toiseach, ach faodaidh sinn co-dhiù clach eile a chur anns a’ chàrn. Ach cuimhnicheamaid nach eil mi dol a dh’fheuchainn ri bhith sgrùdadh no tomhas obair nan daoine sin. Is e cèilidh a tha againn an nochd, agus is e a gheibh sibh, chan e aona chuid cur sìos no cur suas air na daoine sin, ach seanachas man deighinn.
Cha robh mi ach glè òg a’ chiad uair a chunnaic mi an t-Ollamh Alasdair Mac’Ille-Mhìcheil, ùghdair an leabhair ainmeil sin, “Ortha nan Gàidheal” no “Carmina Gadelica”. Agus is beag a shaoil mi gun tigeadh an latha anns am bithinn na b’eòlaiche air fhèin agus ’obair na h-aon sam bith eile an taobh a-muigh de a theaghlach fhèin.
Bha dìnneir mhòr aig na h-oileanaich Ghàidhealach ann an Dun Eideann, agus a chionn gu robh mi fhèin anns a’ bhaile aig
an àm, agus gu robh fhios aca nach b’fhada gus am bithinn fhèin ’nam oileanach, fhuair mi cuireadh a dh’ionnsaigh na dìnneireach. Bha Mac’Ille-Mhìcheil ’na shuidhe eadar dà ghill’ òg air an robh sibh anabarrach eòlach an Glaschu bliadhnachan ’na dhèidh sin — Deòrsa MacEanraig, fear-teagaisg na Gàidhlig an Oilthaigh Ghlaschu, agus Eachann MacFhionghain, a bha ’na mhinistear ann an Shettleston. Bha iad le chèile a’ fàgail an oilthaigh, agus bha daoine a’ làn-chreidsinn gun cluinnteadh man deighinn a rithist. Tha cuimhne agam gun d’innis Mac’Ille-Mhìcheil naidheachd bheag a chòrd gu h-anabarrach ris a’ chuideachd gu lèir. “Thàinig,” ars esan, “Uibhisteach òg do bhaile Dhun Eideann a dh’obair, agus thubhairt cuid-eigin ris, ‘Ciamar as urrainn dhuit-sa obair a dheanamh an Dun Eideann, agus thu gun Bheurla?’ ‘Ud, a dhuine,’ ars an t-Uibhisteach, ‘chan ann le m’ theangaidh a bhios mise ag obair idir, ach le mo dhà làimh agus le m’eanachainn!”
Bha Mac’Ille-Mhìcheil agus Deòrsa MacEanraig anabarrach mòr aig a chèile; bha iad dìreach mar gum biodh an t-athair agus am mac ann, agus an uair a gheibheadh iad còmhla anns na làithean ud chluinnteadh seanachas ris am b’fhiach èisdeachd. Ge bè àite an tòisicheadh Mac’Ille-Mhìcheil, chrìochnaicheadh e ann an Uibhist, agus ge bè àite an tòisicheadh MacEanraig anns na làithean ud, chrìochnaicheadh e anns na Hearadh, oir bha e deasachadh san àm bàrdachd Gobha na Hearadh. Rinn iad le chèile obair mhòr, ged nach d’fhuair MacEanraig an cothrom an dàrna leth a dheanamh de na b’urrainn da dheanamh. Chuir obair Mhic’Ille-Mhìcheil urram air a’ Ghaidhealtachd gu lèir, agus coigreach sam bith a leughas “Ortha nan Gàidheal” (Carmina Gadelica), is iongantach mur a h-abair e, “Sluagh sam bith a smaointich na smaointinnean seo, agus a rinn a’ bhàrdachd seo, agus a bha cho dèidheil air maise, an dà chuid ann an obair na h-inntinn agus ann an obair nan làmh, b’olc an airidh gun rachadh an sluagh sin air chùl.” Dh’fhàg Mac’Ille-Mhìcheil mòran saothrach às a dhèidh nach deachaidh an clò fhathast, agus an uair a thig na leabhraichean ùra a-mach (an ath bhliadhna, tha mi an dòchas, no faodaidh e bhith mun tig crìoch air a’ bhliadhna seo fhèin), chì daoine nach bi na leabhraichean sin fad air deireadh air an dà leabhar a dheasaich e fhèin.
A thaobh Deòrsa MacEanraig, bha dà dhuine a’ fantainn
anns an aon cholainn — fear diubh ’na bhàrd is am fear eile ’na sgoilear — agus theirteadh corr uair gun robh an dàrna h-aon a’ milleadh an aoin eile. Is ann a theirinn fhèin gu robh an dàrna h-aon a’ cuideachadh an aoin eile. Ach, biodh sin mar a dh’fhaodas, is e Gàidheal urramach a bh’ann an Deòrsa MacEanraig — uasal ’na dhòigh, geur ’na inntinn, agus (a dh’aindeoin a chuid fòghlaim) cho iriosal ri leanabh beag.
Bha dà fhòghlamaiche eile ann, air an robh mi anabarrach eòlach, oir is ann aig an casan a bha mi ’nam shuidhe, a thaobh fòghlam agus litreachas na Gàidhlig. B’e an dithis sin an t-Ollamh Alasdair MacBheathain an Inbhir Nis agus an t-Ollamh Dòmhnall MacFhionghain an Dun Eideann. Chan eil fhios agam an robh Gàidheal eile ann an Alba, on dh’eug Eòghan MacLachlainn a bha an Obair-eadhain, aig an robh ceann cho maith ri MacBheathain Inbhir Nis, agus bha e cho saothrachail agus cho mionaideach ris na Gearmailtich fhèin, ged nach robh mòran ùine aige ri sheachnadh. Agus bha a’ bhuil air. Mairidh roinn mhòr de a chuid saothrach. Is ann air freumhaichean na Gàidhlig a bu chaomh leis a bhith ’g obair, agus, ma rinn e iomrall an dràsd agus a rithist, mar a nì a h-uile fear eile, chan fhaic mi, co-dhiù, nach ann air obair-san a tha a h-uile obair eile den cheart ghnè air an togail. Nam biodh Mgr Calum MacPhàrlain ’nam àite, theireadh e sin cuideachd, oir is e a dheasaich às ùr Foclair MhicBheathain.
Bha mi anns an sgoil aig MacBheathain trì bliadhna, agus bhiodh e duilich a ràdh co air a b’fheàrr e — Laidinn no Grèigis no Beurla no Gàidhlig. Chan eil fhios a bheil a h-aon ann an seo aig a bheil cuimhne an uair a thàinig MacBheathain do Ghlaschu a leughadh òraid — don Chomann Ghàidhlig, tha mi an dùil — air Gaisgich na Fèinne. Bha e san àm ud a’ deanamh dheth nach b’e daoine a bha ann an Gaisgich na Fèinne idir, ach diathan a bha aig na Gàidheil o shean, agus thòisich e air coimeas nan gaisgeach — Fionn is Oisean is Oscar is Diarmad is iomadh fear eile. Thòisich e air an coimeas ris na diathan Greugach agus Ròmanach. Cò bh’anns a’ choinneamh ach an Gàidheal làidir sin, Donnchadh Mac’Ille-bhàin, agus e ’na fhìor sheann-duine aig an àm, agus bha fios aig Gàidheil Ghlaschu gu lèir gum biodh iad ann an cunnart am beatha, nan abradh iad ri Donnchadh Mac’Ille-bhàin nach robh Fionn no Oisean ann
riamh. Cha robh mise fhathast anns an Oilthaigh, ach bha mi aig a’ choinneamh seo, a chionn gur h-e MacBheathain a bha labhairt. Cha dhìochuimhnich mi gu bràth an drèin, mar their sinn mu thuath, a bha air aodainn Mhic’Ille-bhàin an uair a bha e ag èisdeachd ris na beachdan ùra a thàinig à Inbhir Nis. Bha iongantas orm fhèin nach d’èirich e ’s nach do thog e am bata. Ach, co-dhiù, aig deireadh na coinnimh, dh’èirich e is ghabh e am bata do na beachdan ùra, ged nach do bhean e ris an òraidiche fhèin. Is ann a bha an t-Ollamh MacBheathain anabarrach toilichte leis an t-seann-duine. Thuirt e a rithist, “Chunnaic mi mu dheireadh Oisean an dèidh na Fèinne. Bha mise feuchainn urram a chur air le dia a dheanamh deth, ach tha e coltach gur fheàrr leis-san a bhith leinn fhèin air thalamh!” Mas maith mo bharail, dh’atharraich an t-Ollamh MacBheathain, air a’ cheann fa dheireadh, na beachdan a bha aige a thaobh na Fèinne, is chan eil mi idir ag ràdh nach e Donnchadh Mac’Ille-bhàin a b’fhaisge don fhìrinn fad na h-ùine.
Bha eadar-dhealachadh mòr, ann an iomadh dòigh, eadar MacBheathain Inbhir Nis agus MacFhionghain Dhun Eideann. Bha tuilleadh misneachd aig MacBheathain agus thilgeadh e beachdan am measg dhaoine ged nach biodh e uile gu lèir cinnteach asda e fhèin, agus mar sin sgrìobh e tuilleadh na sgrìobh am fear eile. Bha MacFhionghain cho làn nàistinn is nach cuireadh e aon duilleag an clò gus am biodh e làn-chinnteach gu robh an obair cho maith agus a b’urrainn dàsan a deanamh. Ach cha mhòr aig an robh eòlas cho farsaing ris, gu sònraichte air Gàidhlig na h-Alba, air beul-aithris agus eachdraidh an t-sluaigh, agus air seann riaghailtean an fhearainn. Dh’fhàg e mòran saothrach às a dhèidh, an dà chuid ann an Gàidhlig agus ann am Beurla, nach robh riamh ann an clò, agus, nam biodh a’ chuid a b’fheàrr de na nithean sin air an cruinneachadh còmhla ann an leabhar, bhiodh àite anabarrach àrd aig MacFhionghain am measg nan Gàidheal. Chan iarradh duine fear-teagaisg na b’fheàrr. Leugh mi ‘Beinn Dòbhrain’ is ‘Bìrlinn Chlann Raonaill’ is iomadh bàrdachd eile còmhla ris, agus gu cinnteach, ma bha duine riamh làn de Ghàidhlig agus làn de dh’fhòghlam na Gàidhlig, b’e an duine sin Dòmhnall MacFhionghain.
Bha Gàidheil urramach eile ann an Glaschu is an Dun Eideann air nach eil mi a’ toirt iomraidh idir, a chionn gu bheil mòran ann an seo an nochd a bha na b’eòlaiche orra na bha mise. B’ann de na daoine sin Eanraig Mac’Ille-bhàin( “Fionn”) agus Donnchadh Mac’Ille-ruaidh ann an Glaschu agus Niall MacLeòid, am Bàrd Sgitheanach, ann an Dun Eideann. Den triùir ’s ann air MacLeòid a b’eòlaiche mi, a chionn gum bithinn ga fhaicinn an siod agus an seo air feadh na Gàidhealtachd. Chan eil feum aige air a mholadh ann. Ged nach biodh againn de a chuid bàrdachd ach “An Gleann ’s an robh mi òg”, chumadh sin fhèin ainm beò am measg nan Gàidheal; agus an t-òran ud eile, “Far an robh mi ’n raoir” — òran as fhiach a thrì uiread on a chuir Mgr Calum MacPhàrlain fonn cho grinn ris.
Chan fhaca mi Iain Caimbeul, Bàrd na Leideige, ach aon uair riamh, ged a bha mi eòlach gu leòr air an teaghlach. Duine maith anns a h-uile dòigh agus bàrd maith cuideachd, cumaidh dà nì co-dhiù ’ainm beò — an t-òran ceanalta sin, “Is toigh leam a’ Ghàidhealtachd”, agus na facail seo, “Thig crìoch air an t-saoghal ach mairidh gaol is ceòl”.
An uair a bha mi am bhalachan, chunnaic mi an Gàidheal urramach sin, Iain Murchadh no MacMhurchaidh. Bha e san àm sin ann am baile Inbhir Nis, a’ cur a-mach a’ phàipeir-naidheachd sin dam b’ainm “An Gàidheal”. Agus is ann aige fhèin a bha an gnothach ris. Bha e comharraichte airson dà nì — a bhith toirt a-mach a h-àite fhèin don Ghàidhlig agus an còirichean fhèin don t-sluagh. Ma tha croitearan nas fheàrr dheth an diugh na bha iad anns na làithean ud, ma tha taighean nas fheàrr aca, agus saorsa nas motha, agus os cionn gach nì grèim air an fhearann, buidheachas airson sin do dh’Iain MacMhurchaidh agus a leithid. Còmhla ris gach nì eile, b’e a h-aon de na daoine a chuir air bhonn Comann Gàidhlig Inbhir Nis, agus cò aig nach eil fios air an obair ghrinn agus dhomhainn a rinn an Comann sin? Tha mi làn-chinnteach nach eil a h-aon de na daoine sin a chuir air bhonn Comann Gàidhlig Inbhir Nis beò an diugh ach an Gàidheal eireachdail sin — agus tha e eireachdail anns a h-uile dòigh - an t-Ollamh Uilleam MacAoidh, Inbhir Nis. Nam bithinn a’ toirt iomradh air Gàidheil a tha fhathast beò, bheirinn iomradh air-san, ach chan eil mi toirt iomradh ach orrasan nach beò a-nis.
Is ann air cladach Eige a chunnaic mise Iain MacMhurchaidh an aon uair a chunnaic mi riamh e. Duine cruadalach dubh, mas maith mo chuimhne (ged nach eil mi glè chinnteach), agus fìor choltas an t-saighdeir air, agus fèile beag air de chlò na Hearadh. “A bheil sgeulachd agad?” ars esan rium fhèin. Thuirt mi ris gu robh bloighean agam. “An tèid agad,” ars esan, “air bàta chur a-mach?” Thuirt mi ris gun rachadh, oir thuig mi co air a bha e tighinn. “Ma tà,” ars esan, “bheir mi tasdan dhuit, ma chuireas tu mach an Iùbhrach Bhallach.” Tasdan! An uair a bha mise am bhalachan b’fheàrr tasdan na còig puinnd Shasannach an diugh. Cha robh is cha bhi mi cho beairteach ’s a bha mi, an uair a fhuair mi an tasdan a bha sin, oir fhuair mi e. Tha an t-eagal orm nach fhaighinn e an diugh. Chan eil uair a chuimhnicheas mi air an rann sin nach cuimhnich mi air Iain MacMhurchaidh cuideachd agus nach cuir mi clach eile ann an càrn Gàidheil cho dìreach agus cho dìleas ’s a sheas riamh air cladach.
Cha robh mi ach am bhalachan an uair a thàinig dithis Ghàidheal ainmeil air tìr an Eige còmhla ri uachdaran an eilein. Cò bha seo ach Iain Stiùbhard Mac’Ille-dhuibh agus Alasdair MacNeacail, fear nan sean-fhacal? Chuala sinn uile gu robh daoine urramach a’ tighinn, agus bha còmhlan maith dhaoine air an laimrig an uair a thàinig na coigrich air tìr. Thug Mac’Ille-dhuibh sùil thall ’s a-bhos agus ars esan anns a’ Bheurla, “Am faca sibh riamh roimhe trì Iarlachan a’ tighinn air tìr an Eige?” Bha bodach ait anns a’ chuideachd, agus ars esan, “Ler cead, tha na h-Iarlachan cho pailt ann an Eige ’s gum bi sinn gam marbhadh aig àm Nollaig.” Rinn Alasdair MacNeacail glag mòr gàire is dh’innis e do Mhac’Ille-dhuibh dè thuirt am bodach is, ma dh’innis, chan fhòghnadh le Mac’Ille-dhuibh ach tòiseachadh ri bruidhinn Gàidhlig. Bha e mòran na b’fheàrr air a’ Ghrèigis. Gun teagamh, leughadh e agus dh’eadar-theangaicheadh e Gàidhlig, ach cha deachaidh aige riamh air a bruidhinn air a leithid a dhòigh is gun tuigeadh neach sam bith dè bha e ciallachadh. Co-dhiù, cha do thuig sinne aon fhacal a thubhairt e. Ach bha na h-Eigich cho modhail ’s nach aidicheadh a h-aon diubh sin. “Nach eil fhios gu bheil Gàidhlig mhaith aig an duine,” ars iadsan, “ged nach eil sinne ga tuigsinn. ’S fheudar gur h-ann fada mu dheas a dh’ionnsaich e i.”
Bha tè anns an eilean a thug bliadhna no dhà ga cosnadh fhèin
ann an Loch Raonasa an Arainn, agus an uair a chuala i mu dheighinn Gàidhlig Mhic’Ille-dhuibh, “Cuiridh mise geall,” ars ise, “gur h-i Gàidhlig Arainn a th’aig an duine agus mas i, cha bhi i idir furasda a tuigsinn.” Ach bha Mac’Ille-dhuibh cearta coma co-dhiù bha daoine ga thuigsinn no nach robh; bha e làn-toilichte leis fhèin agus dh’fhàg e daoine eile toilichte cuideachd. Fhad ’s a bha esan anns an eilean cha robh feum air sgeulachd no air òran anns a’ chèilidh — cha chluinnteadh thall ’s a-bhos ach seo, “Dè bha an duine mòr a’ deanamh an diugh?” Agus is iomadh rud sin bha an duine mòr a’ deanamh. Cha bu luaithe a dh’èireadh e anns a’ mhadainn na dheanadh e ruidhle dannsa air beulaibh an taigh-mhòir — ’s mur a faigheadh e h-aon de na searbhantan a dhannsadh còmhla ris, dhannsadh e ri fhaileas fhèin. Bhiodh na gillean òga ag ràdh gur h-e am port-a- beul a bhiodh aige an uair a bhiodh e dannsadh, “ ’S ann ’nam amadan, ’nam amadan, a bha mi riamh.” Ach b’fhada bhuaithe a bhith ’na amadan. Fear sam bith a chruinnich dà mhìle dheug punnd Sasannach a chum Cathair Ghàidhlig a chur air a bonn an Dun Eideann, cha robh a bheag ceàrr aona chuid ri cheann no ri chridhe.
Cha d’rinn an Siorram Alasdair MacNeacail uiread de dh’fhuaim an Eige ’s a rinn Mac’Ille-dhuibh. Bha e na bu shàmhaiche, agus tha mi làn-chreidsinn gum b’fheàrr leis co-dhiù am fear eile a chur air spiris. Bhiodh na h-Eigich a’ fàgail air nach robh latha dh’èireadh e nach rachadh e gu mullach cnuic a dh’fhaotainn seallaidh air a’ Chuilionn Sgitheanach. Agus is fhurasda sin a chreidsinn. Bha a chridhe riamh ann an Eilean a’ Cheò, agus chan iarradh e na b’fheàrr, a-bhos no thall.
Tha seo toirt ’nam chuimhne naidheachd bheag. “Chan fhaca mi sibh aig na coinneamhan fhathast,” arsa searmonaiche-siubhail ri ban-uachdaran ann am Muile.” “Chan fhaca,” ars ise; “chan eil iarraidh sam bith agam orra.” “ ’S nach eil sibh ag iarraidh,” ars esan, “a dhol a Nèamh?” “B’fheàrr leam a bhith am Muile,” ars ise. Is mi chreideadh gun abradh Alasdair MacNeacail na ceart fhacail sin a thaobh an Eilein Sgitheanaich.
Chan fhaca mise an Siorram ach aon uair eile. Bha cruinneachadh mòr an Dun Eideann, ann an taigh Thormaid MhicLeòid, a bha ’na mhinistear ’na dhèidh sin an Inbhir Nis (fear de theaghlach na Morbhairne), agus fhuair cuid de na h-
oileanaich Ghàidhealach an Dun Eideann is an Glaschu is an Cill Rìmhinn cuireadh a dh’ionnsaigh a’ chruinneachaidh a bha seo. “Tha bàrd ainmeil anns a’ chuideachd,” arsa an t-Ollamh MacLeòid uair-eigin mun do sgaoil sinn, “agus gabhaidh e fear de na h-òrain aige fhèin.” Cò thàinig a-mach à cùil ach Alasdair MacNeacail, agus togar am fonn, “Agus hò Mhòrag”, ach ’s e òran Beurla a bh’ann — òran a bha toirt iomraidh air a h-uile blàr a chuir na Gàidheil riamh, on latha sin anns an do thachair iad fhèin agus na Ròmanaich air a chèile thun na cogaidhean beaga sin a bh’anns an Eipheit mun tàinig a’ chrìoch air Victoria. Faodaidh sibh a bhith cinnteach, ma tà, gu robh an t-òran fada. An dèidh don t-Siorram còrr mòr agus fichead rann a sheinn, chuir an t-Ollamh MacLeòid cagar ’na chluais — cagar a chuala sinn uile! “A Shiorraim,” ars esan, “mharbh thu gu leòr an nochd; cùm do chlaidheamh slàn; tha latha eile tighinn.” Goirid ’na dhèidh sin thàinig MacNeacail am measg nan gillean òga is bhruidhinn e ruinn cho blàth coibhneil ’s gur gann a chreideamaid gur e Siorram a bh’ann. Dh’fhaighnich e dhiom fhèin, an uair a chual e m’ainm, an e Sgitheanach a bh’annam, ’s thuirt mi gur h-e ach gun d’rugadh mi an Eige. “Ma tà,” ars esan, “ ’s fhad on chuala mi iomradh air Sasannach a mhuinntir Mhuile, ach cha chuala mi iomradh riamh roimhe air Sgitheanach a mhuinntir Eige!” “A bheil thu creidsinn gun do mhort na Leòdaich Dòmhnallaich Eige ann an uamh Fhraing?” Thuirt mi ris gu robh daoine fàgail sin orra, co-dhiù. “Chan eil e fìor idir,” ars esan; “chan eil ann ach a’ bhreug!” Bha mi deanamh dheth aig an àm nach robh e ach a’ tarraing asam, ach iomadh bliadhna ’na dhèidh sin thuig mi gu robh e a cheart da-rìreadh, agus gu robh e feuchainn ri dhearbhadh nach b’e Sìol Leòid idir a rinn an gnìomh ud ach cuid-eigin eile!
Bha aon naidheachd ann a bhiodh an Siorram ag innseadh, agus bha mi riamh den bheachd gur h-e fhèin a rinn suas i, no co-dhiù gun do chuir e craiceann eile oirre. “Bha uachdaran,” ars esan, “ann an Earraghaidheal a bha deanamh dheth nach robh na croitearan no na tuathanaich Ghàidhealach air an oighreachd idir cho adhartach no cho modhail agus a bu chòir dhaibh a bhith, agus leis a sin shuidhich e am baile-fearainn bu mhotha bh’aige air fear de na bodaich Ghallda. ’S cha b’e sin uile! Chaidh am màl a thoirt sìos ciad no dhà, a chionn gu robh
am bodach Gallda dol a dh’ionnsachadh tuathanachais - agus modh! — do na Gàidheil.”
An ath bhliadhna dè thachair ach gun tug an t-uachdaran dìnneir mhòr do na tuathanaich, agus chaidh am bodach Gallda a chur ’na shuidhe air deas-làimh na baintighearna ann an àite na h-urraim. Seo an còmhradh a bha eatorra. Ars am bodach Gallda, “A bhaintighearna, a bheil thu dèidheil air bruthaiste?” “Chan eil,” ars ise. “A bhaintighearna, a bheil t’athair dèidheil air bruthaiste?” “Chan eil,” ars ise. “ ’S a bheil do mhàthair dèidheil air bruthaiste?” “Chan eil,” ars ise. “Cia meud piuthar a th’agad?” ars esan. “Tha trì,” ars ise. “ ’S a bhain-tighearna, a bheil do phiuthar as sine dèidheil air bruthaiste?” “Chan eil” ars ise. “ ’S a bheil an dàrna tè dèidheil air bruthaiste?” “Chan eil,” ars ise. “ ’S a bheil an tè as òige dèidheil air bruthaiste?” “Chan eil,” ars ise. “ ’S a bheil do bhràthair dèidheil air bruthaiste?” “Chan eil bràthair agam,” ars ise. “Nam bitheadh bràthair agad, saoil am biodh e dèidheil air bruthaiste?” Mu dheireadh ’s mu dhiù, dh’fhaighnich a’ bhaintighearna dheth carson a bha e cur nan ceist sin oirre mu dheighinn bruthaiste. “Chan eil fhios agamsa,” ars an Siorram, “dè fhreagairt a thug am bodach Gallda don bhaintighearna a thaobh bruthaiste, ach co-dhiù — an cead na cuideachd — dh’fhàs ise tinn agus b’fheudar dith am bòrd fhàgail.” Is theireadh an Siorram, “Ach modh nam bodach Gallda!”
An uair a dheasaich Alasdair MacNeacail leabhar nan sean-fhacal, rinn e cuimhneachan dha fhèin a mhaireas. Chan aithne dhòmhsa leabhar eile as fheàrr a tha leigeil ris dhuinn nàdur a’ Ghàidheil agus a h-uile car a th’ann — na caran mòra, ’s na caran èibhinn, agus eadhon na caran neònach.
Nam b’e toiseach na seachdain a bhiodh ann, an àite deireadh na seachdain, bheirinn iomradh air Gàidheil urramach eile a b’aithne dhomh: Màiri nighean Iain Bhàin, a’ bhana-bhàrd Sgitheanach; Mgr. Ailean a bha an Erisga, Gàidheal cho comasach is a b’aithne dhomh, agus a’ bhean-uasal eireachdail a chaochail o chionn ghoirid, a’ Bhan-Tolmach an Dun-bheagan, tè nan òran. Tha a h-uile h-aon de na daoine sin air an tug mi iomradh air falbh a-nis, ach dh’fhàg iad dìleab nach bu bheag às an dèidh, agus an nochd anns a’ chèilidh tha sinne, mar theireadh na seann daoine, a’ cur fàilte na h-ionndrainn orra.
title | Gàidheil A B’aithne Dhomh |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p |
parent text | V. Daoine |