10. Litir gu Caraid
A thasgaidh ’s a chiall,
Tha do litir dìreach air tighinn a-steach, agus rud nach àbhaist dhomh, tha mi ga freagairt an làrach nam bonn. Chan eil fhios agam dè thug air Eòghan Mac-a- phì mo chur am measg nam bàrd B.B. C., ach co-dhiù rinn e aon nì maith an uair a thagh e Calum MacLeòid gu bhith gam sgrùdadh.
A thaobh freagairt nan ceist, an rud a dh’fheumar, feumar, agus chan eil an còrr air.
1. Mar tha fios agad, tha Eilean Eige an teis-meadhan Dùthaich Mhic ’ic Ailein, agus mar sin an teis-meadhan nan sgeul ’s nan òran. Is e Sgitheanach a bha ’nam athair, agus eadar e fhèin agus piuthar m’athar, lìon iad mo cheann le òrain agus le beul-aithris Eilean a’ Cheò. An làithean m’òige, ma tà, bha mi ag òl à dà fhuaran — fuaran Mhic ’ic Ailein agus fuaran Dhun-bheagain is Ròdail. A thuilleadh air sin, an uair a bha mi am leanabh, bha mo mhàthair tinn, agus cò thug glùn domh ach an t-òranaiche is an sgeulaiche a b’fheàrr an Eige! Is iomadh uair a thuirt mo phiuthar (an tè nach maireann), a’ chiad oidhirp a thug mi air bruidhinn, gur e seann tàladh a bha mi feuchainn ri sheinn. Bha piuthar m’athar anabarrach maith air calanas, agus is iomadh lu’adh mòr a bha againn an taigh-sgoile Eige, agus cèilidhean aig am biodh an t-òran agus an sgeul dol mun cuairt mar gum biodh gille-mirein ann. Ach an cothrom a fhuair mise!
2. An uair a bha mi trì bliadhna deug a dh’aois chuireadh mi gu Sgoil Raining, Inbhir Nis, agus an sin lìon an t-Ollamh ainmeil, Alasdair MacBheathain, mo cheann le eòlas ùr agus mo chridhe le bruadaran. Roimhe sin cha robh mi ach ag òl a-steach nan òran agus nan sgeul, gun sìon a dh’fhios agam gu robh mi gan òl, ach a-nis thòisich mi air obair agus dleasdanas a dheanamh dheth. An dràsd agus a rithis chuireadh an t-Ollamh Dòmhnall MacFhionghain, an t-Ollamh Alasdair Mac’Ille-Mhìcheil, agus a’ bhean-uasal Frances Tholmach cagar am chluais, “Airson na chunnaic thu riamh na sgìthich den obair.”
3. Is e an t-Ollamh Dòmhnall MacFhionghain a thug orm tòiseachadh air obair còmhla ri Mrs. Kennedy-Fraser. An uair a dh’iarr i orm, cha robh mi glè dheònach an toiseach, ach thuirt an t-Ollamh rium gum b’e mo dhleasdanas e, an dà chuid do na
h-Eileanan agus do na Gàidheil. Thug Mrs. Watson a’ cheart chomhairle orm roimhe sin, agus, còig mionaidean às dèidh dhomh litir MhicFhionghain fhaotainn, bha mi an sàs anns an obair. An uair a bha facail mhatha aig na fuinn cheana, bha an obair furasda gu leòr; cha robh againn ach Beurla a chur orra mar a b’fheàrr a b’urrainn duinn. Ach bha mòran de na fuinn a bha gun fhacail idir — cha robh iad ach a’ snàmh, mar gum b’eadh, anns a’ ghaoith — agus am bitheantas is ann agamsa a bha ris na fuinn sin a cheangal ri smaointinn no ri sgeul. Dh’fheuch mi ris na Sàr-Ghàidheil a thoirt còmhla: Cù Chulainn, Deirdre, Fionn, Diarmad, Oscar, Calum Cille, Brìghde, Donnan, Buachaille nan Eilean, agus mòran eile; agus ’nan cois obair làitheil an t-sluaigh air muir agus air tìr.
4. Chan eil na leabhraichean ri mo làimh aig a’ cheart àm seo, agus chan eil sìon a dh’fhios agam co mhiad òran a rinn mi. Chan eil e furasd an cunntas — tha cuid dhiubh an Gàidhlig, agus cuid eile am Beurla, agus mòran eile a chàraich mi. Is toigh le luchd-seinn “Tir nan Og” — “Eilean mo Chrìdh” — “Bruadar Cèin” — “Na Beannta Diùrach” — “Gràdh Geal mo Chrìdh” — “An Airigh” — “Air Lorg nan Eilean” — agus “Trusaidh mi na Coilleagan.” Chan eil mi ag ainmeachadh ach na h-òrain Ghàidhlig. Rinn mi còrr is fichead de na fuinn. Tha iad uile air an seinn uair no uair-eigin, ach tha trì dhiubh ainmeil a nis: “An Crònan-bàis” (Death Croon), “Deirdre a’ fàgail na h-Albann”, agus “Brataichean na Fèinne.”
Cha b’ann gam dheòin a thòisich mi air rannan a dheanamh. Ach bha feum aig fuinn air facail, agus b’fheudar tòiseachadh air facail a shnìomh. Is fheàrr leam gu mòr a bhith ri rosg na ri bàrdachd. Mur b’e na fuinn, cha toirinn bonn a h-ochd air a’ chuid as motha de na facail. Is e na fuinn na sgiathan — ach, mu choinneamh sin, feumaidh eadhon an t-eun cnàimheach agus casan.
5. Rud bu mhaith le mo phiuthair a ràdh! Tha i an Dun Eideann an dràsda, ach is minig a thuirt i rium fhèin: “Thusa ag obair do dhaoine eile, agus nach fhaigh thu fiù taing air a shon!” Chan eil an sin ach leth na fìrinn, ma tha an leth fhèin ann. Thug agus fhuair mi “comann is càirdeas is gaol”, agus an diugh tha mo shaoghal làn de bhlàths. Is gann gun creideadh tu na th’agam de chompanaich òga, agus an àireamh a’ sìor-dhol nas
motha. A dh’innseadh na fìrinn, chan eil a h-aon diubh cho òg rium fhèin — is gann gu bheil mi fichead fhathast!
Tha daoine air tighinn a-steach, agus feumaidh mi stad.
Cuimhnichidh mi air a’ Ghàidheal.
Do sheann charaid,
Coinneach.
Chuir mi na h-òrain an dè gu Eòghan.
C.
title | Litir gu Caraid |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p |
parent text | V. Daoine |