11. Iain Og Morragh

An uair a thachras dithis air a chèile a mhuinntir an aon àite, agus gu sònraichte anns na dùthchannan thall, cha chluinnear fad na h-ùine achA bheil cuimhne agad air siod?” ’sA bheil cuimhne agad air seo?” Agus is iomadh sgeul neònach a thèid aithris air daoine a bha ann mun dfhàs a h-uile fear coltach ri h-uile fear eile.

An uair a bha mi am bhalachan òg, bhiodh na daoine a ràinig meadhan-aoise afaighneachd de chach a chèile, “A bheil cuimhne agad air Iain Og Morragh?” O nach eil e idir coltach gum bi leithid Iain Oig ann a rithist, is maith as fhiach innseadh car son a bha e iomraideachna linn.

Bhaathair iomraideachna dhòigh fhèin. Bha oighreachd bheag aige, fo làimh MhicLeòid, anns an Eilean Sgitheanachan sgìreachd Bhràcadail, tha mi an dùil. Uair a bha e seòladh do na Hearadh, sguab oiteag ghaoithe a chleòc a-mach gu fairge, agus chan fhacas i tuilleadh. An làithean mòige bhiodh smùid aig na mnathan-luaidh air

Uallach ho ,
Cleòc aMhorraich,
Bàrd a sheòl i
Seach an Rubha;
Chaidh i dhIle,
Chaidh i dhUibhist,
Chaidh i Thìr
Nan Cailleachan Dubha,

agus a dhiomadh tìr eile, ged nach dràinig i Bràcadail!


[71]

Ach, ma tha cuimhne air an t-seann Mhorrach an diugh, chan ann a chionn gun do chaill e a chleòc, ach a chionn gu robh mac aige ris an abradh na h-EileanaichIain Og Morragh”, ach ris an abradh Clèir an Eilein SgitheanaichAn Dannsair”.

Cha robh Iain ach glè òg an uair a fhuair e, air facal nan daoine mòra, gu bhithna chlèireach an seirbhis an Rìgh ann an Lunnainn. Cha bfhada an sin e gus nach robh uasal òg anns abhaile a bfheàrr a spailpeadh e na Iain Og Morragh. Mas fìor na naidheachdan a bhiodh e fhèin ag innseadh anns an Eilean Sgitheanach agus an eilean Eige, bha ena dhlùth chompanach aig a h-uile fear a bfheàrr na chèile an Cùirt an Rìgh agus an Taighean na Pàrlamaid. Dhionnsaich e dannsadh agus modh on Teachdaire Spàinnteach, agus bha e cho eòlach air aBhan-righ agus nach abradh e rithe air cùl a cinn achSeann Charoline Mhòr Bhreac.” Tha aon fìor co-dhiù. Cha bfhada gus an robh Iain Og anns na fiachan, agus anns na làithean ud bha fiachan aciallachadh prìosain. Ach rinn mo laochan car-mu-chnoc air na maoir, agus chaidh aige air teicheadh às abhaile mum burrainnear a chur an sàs. Thubhairt e fhèin uair agus uair, “Ma ràinig mise an t-Eilean air acheann fa dheireadh, is e mo theanga fhèin a rinn eagus mfhidheall!” Bfhìor thoigh leis an Sgitheanach ainmeil, Alasdair MacNeacail, fear nan seanfhacal, a bhith ag innseadh mar a fhreagair Iain Og Morragh an coitear a thubhairt ris, “A Mhaighistir Iain, a Mhaighistir Iain, na thug thu leat à Bràcadail dhfhàg thu an Lunnainn. Cha do chuir thu aon spiligeanna cheann, agus tha thu an diugh cho falamh rium fhèin.” “Manam-sa nach eil,” arsa Iain Og Morragh; “thug mi leam à Lunnainn mo cheòls mo dhannsadh, mo mhodh, mo bhàrdachd, is moilean, agus thèid thu nas fhaide na Lunnainn mum faigh thu cho maith!”

Dhaontaicheadh uaislean an Eilein Sgitheanaich agus na Hearadh leis. Cha robh taigh-mòr anns am biodh aighear is àbhachd nach fhaigheadh Iain Og Morragh achiad chuireadh da ionnsaigh. Chluicheadh e an fhidheall, dheanadh is ghabhadh e òran, chuireadh e cleasan annasach abhaile-mhòirnan siubhal, dhannsadh e cho maith ris na Spàinntich, agus cha tigeadh crìoch air na naidheachdan ait a bhiodh aige air na h-urracha-mòra an Lunnainn. Bfhiach e cuireadh fhaotainn!

Sin an duine, ma , a thàinig gu eilean Eigena mhaighstir-


[72]

sgoile, an uair a bha an ceathramh Rìgh Deòrsa air aChrùn. An uair a thàinig e air tìr, is e thubhairt e:

Shaoil leam nach robh poll no eabar
An Eige gus an dràinig mi;
Shaoil leam gu robh clachan siùcair
Adlùthadh nan gàrraidhean.

Ach chrìochnaich e:

Bfheàrr leam bhith fo chreig an Eige
Na bhith an taigh an Arasaig.

Bha a dhòigh fhèin aigena theagasg, agus cha be dòigh nan colaisdean! An uair a bhiodh an latha trom fliuch, “A chlann chàich,” theireadh e ris na sgoilearan, “ thug a-mach an diugh sibh? Is olc an t-oide-fòghlaim an dorchadas. Bheir sinn dìreach treis air na h-òrain, agus treis eile air an fhidheall is air dannsadh.” An uair a bhiodh an latha grianach, is e theireadh e, “Nach mòr am peacadh e, achlann bheag neochiontach a bhith air an dinneadh ann an seòmar cumhann, agus na h-eòin cho caithreamach a-muigh! Mach sibh a-nis às an dèidh, agus bidh mi fhèin còmhla ruibh.”

Ach cha be latha gun bhuil gun bhuannachd a bhiodh ann. Cha robh lus no flùr a chitheadh Iain Og nach cuireadh e ainm air do na sgoilearan. Agus, nam biodh iad air mullach cnuic, cha robh àite a bhiodh am fradharc nach innseadh e -eigin dhaibh ma dheighinnRùm is Muile, Slèite is Mùideart, Arasaig is Mòrair, Cnòideart is Canaidh, agus iomadh ainm eile air a bheil blas na meala.

An uair a thigeadh an geamhradh, bheirteadh treiseag bheag a h-uile latha air leughadh is air cunntas is air sgrìobhadh, agusna dhèidh sin leigeadh Iain Og fhaicinn do na sgoilearan mar a dhannsadh an Teachdaire Spàinnteach, agus mar a dheanadh e beic, agus mar bu chòir beic a dheanamh dha. Is ann a bhiodh na sgoilearan diombach an uair a thigeadh an t-àm dol dhachaigh.

Anns na làithean ud, is e ministear na sgìreachd, agus fear eile den Chlèir còmhla ris, a bhiodh aceasnachadh na sgoile, agus


[73]

cha robh iad idir idir toilichte leis an teagasg. “Chan e dannsairean a tha sinn ag iarraidh,” arsa ministear na sgìreachd, “ach sgoilearan. Thoir thusa dhaibh leughadh is cunntas is sgrìobhadh, agus iad fhèin grèim air na nithean eile.” “Leughadh!” arsa Iain Og; “na truaghain, thaca ri leughadh? Cunntas! — na truaghain, thaca ri chunntas? Sgrìobhadh! — na truaghain, co dhionnsaigh a sgrìobhas iad?”

An dèidh dhaibh an sgoil fhàgail, is e thubhairt an coigreach ri ministear na sgìreachd, “Is e mo bheachd-sa gu bheil car a dhìth agus car a bharrachd anns an Dannsair!”

Nam bann an diugh a bhiodh Iain Og ateagasg, cha bhiodh a dhòigh air a meas cho amaideach is a bha ina linn fhèin. Neo-ar-thaing cluich is ceòl anns na sgoilean an diugh, agus chan abair ministear no croitear gur h-olc! Agus, nam faigheadh maighistirean-sgoile an dòigh fhèinagus bfheàrr gum faigheadhbhiodh co-dhiù roinn den teagasg a-rèir gnàths an t-sluaigh agus a-rèir cosnadh na dùthcha. Bhiodh an chuid an sgoil agus an sgìreachd aig am feabhas, nam biodh iad agabhail an rathaid còmhla, ceum air acheum. An uair a bha Iain Og Morragh ateagasg, is e an t-òran a bha deanamh luadh an aodaich agus iomram nam bàta aotrom, agus mar sin bha an t-òran adeanamh roinn den obair a bhiodh ùilleadh agus electricity adeanamh an diugh. Cha bhiodh an teagasg sin fada ceàrr, ma , a bheireadh treis don chosnadh agus treis don bhodhaig.

Chan eil mi ag ràdh gu robh Iain Og Morragh acothromachadh a theagaisg mar bu chòir dha, ach faodar a ràdh co-dhiù gu robh e ceart anns na nithean a rinn e, ged bha e ceàrr anns na nithean a dhfhàg e gun deanamh. Nan robh e air a bhith cothromach anns gach dòigh, cha bIain Og Morragh e.

****

Thug mi iomradh air Iain Og Morragh, am maighstir-sgoile, ach bolc an airidh gun iomradh beag a thoirt air Iain Og Morragh, am bàrd. A-rèir an t-seanfhacail, “An uair a bhios Murchadhna thàmh, bidh e ruamhar,” ach an uair a bhiodh Iain Ogna thàmh, bhiodh e deanamh òran, cuid dhiubh maith agus glè mhaith, agus cuid eile meadhanach. Bha mòran diubh


[74]

aige sgrìobhte ann an leabhar ach, goirid mun do chaochail e, loisg e an leabhar, agus an diugh chan eil cuimhne ach air glè bheag de chuid bàrdachd.

Latha bha ann, thuirt e ris na sgoilearan, “Chan eil sannt agam an diugh air leughadh no sgrìobhadh no cunntas a thoirt duibh, ach tha sannt agam air marbhrann a rinn mi fhìn an raoir ionnsachadh duibh. Rinn e sin, agus chuala mise e, an Loch Raonasa an Arainn, o bheul a dhfhàg eilean Eige trì fichead bliadhna roimhe sin, a bha anns an sgoil aige.

Anns amharbhrann tha Iain Og ag innseadh mar a thàinig bean-shìdhe ga ionnsaigh air latha grianach anns an fhoghar, agus a thuirt i ris, “Nach gluais thu cuide rium, Iain Oig!” Ghluais e cuide rithe agus, ma ghluais, chunnaic e le sùilean ùra obair an fhearainnna siubhalna gam bleoghainn, am feur ga ghearradh, an coirce ga bhuain, agus òran air gach .

Nach inntinneach deanamh an arain — “An cluinn thun caithream ud, Iain Oig?”

ars abhean-shìdhe ris, agus gu cinnteach is e Iain Og a dhaontaicheadh leatha. Bha trian, mura robh thrian, de na daoine-sìdhe ann fhèin, agus tha mi deanamh dheth gur h-e achuid sin deaigneadh a rinn a leithid de ghrèim air òigridh a latha fhèin. Mar a thuirt fear den òigridh sin rium fhèin, agus e nisna sheann duine, “Cha mhisde thu fhèin, a ghràidhein, gun drugadh tu anns acheart sheòmar sin far am biodh Iain Og Morragh afìdhleireachd agus adeanamh òran. Dhfhàg e manadh às a dhèidh, agus be sin am manadh gun ghruaim.”

titleIain Og Morragh
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textV. Daoine
<< please select a word
<< please select a page