13. Maighistir Dòmhnall

O chionn beagan linntean bha gille òg an Uibhist a Tuath ris an abradh na coimhearsnaich Calum na Gealaich. Bha a mhàthairna bantraich agus achuid eile den teaghlach glè òg, agus is ann air Calum a bha uallach an taighe. O mhoch gu dubh bhiodh e buachailleachd crodh abhaile, agus an uair a bhiodh aghealach ann dhobraicheadh e gu meadhan oidhche air fearann a mhàthar. Is e sin a badhbhar gun dfhuair e an t-ainm, Calum na Gealaich. Dhfhàg e dìleab eireachdail aig a shliochd.


[79]

Tha an sliochd sin an chuid lìonmhor agus iomraideach anns an Eaglais. Baithne dhomh fhèin seachd-deug dhiubh, agus, mas maith mo bheachd, bha no tha uiread eile dhiubh ann. Bha iad uilenan deagh mhinistearan, uasalnan dòigh agus dùrachdachnan dreuchd, agus bha cuid dhiubh a choisinn cliù ann am bàrdachd agus an eachdraidheachd.

Nam measg air fad cha robh fear eile a bheireadh bàrr air Maighistir Dòmhnall, mar theireamaid ris mun do rinn Oilthaigh Ghlaschu Ollamh dheth. Ged nach dfhàg e leabhar no sgrìobhadh sam bith às a dhèidh, is fheudar gu robh meudachd annsan a fhuair a leithid de ghrèim air an sgìreachd anns an do rugadh e, agus anns an robh gach dàrnacha teaghlach càirdeach dha fhèin. Ach bha na h-Uibhistich riamhnan daoine lèirsinneach, agus cha robh fear no nam measg nach aidicheadh, mas e fear diubh fhèin a bha seo, gu robh e on chridhe gus a cheann na bàirde na iad fhèin. Thòisich iad le dlighe ministeir a thoirt da: chrìochnaich iad le h-uile dlighe a bha ann a thoirt da. Bhiodh e an diughna bhritheamh, am màireachna chomhairliche, an eararna ionmhasair, agusna phears-eaglais fad na h-ùine. Cha bann le smachd na clèire a thug e mach dha fhèin gaol agus earbsa an t-sluaigh, ach leis achridhe bhlàth, leis an làimh fhosgailte, agus leis an toinisg sin anns a bheil faite gàire.

Bha mi fhèin còmhla ris an latha sin a thàinig fear ga ionnsaigh an imcheist mhòir, a chionn gun tug e bòid sònraichte a dheanamh nach biodh idir a chum maith na h-Eaglais. “Seadh, a ghràidhein,” arsa Maighistir Dòmhnall, “an cuala tu riamh an seanfhacal, ‘Bòid nach còir a thabhairt, cha chòir a chumail’ .” “Ach a bheil sin ceart, a mhinisteir? Nach fiachan air duine rud a gheallas e?” “Saoil, a ghràidhein, an robh Herod ceart an uair a thug e an ceann de Eòin Baiste, los a ghealladh a chumail?” “Cha robh, a mhinisteir, cha robh idir idiragus, ler cead, bidh mi nis afalbh, agus meallach dhiom.”

Ged a bha Maighistir Dòmhnall an chuid dìcheallach agus cothromach anns gach dleasdanas a bhuineadh don sgìreachd, cha robh e idir aig fheabhas gus an seasadh e anns achrannaig. Cha chuala mi searmonaiche riamh a bfheàrr leam èisdeachd ris o thoiseach gu deireadh na bliadhna. Bha tàbhachdna theagasg agus loinn air a chainnt. Gun teagamh cha robh e deas-bhriathrach, ged a bha sinna chomas cuideachd, ’nam be thoil


[80]

e. Bfheàrr leis gu mòr a bhith labhairt ri coimhthional mar gum biodh e areusonachadh ri caraid taobh an teine. Bheireadh e mach ceann-teagaisg, chuireadh e a chorrag air aphrìomh-smaointinn anns acheann-teagaisg sin, agus leanadh e an smaointinn seo tre lùban agus tre chama-lùban gun a lorg a chall, gus an càiricheadh e i gu sèimh socair ann an eanachainn agus an cridhe an luchd-èisdeachd. Cha bu dàna dhomh a ràdh nach robh mòran eaglaisean an Albainn anns an cluinnteadh teagasg cho fallan no cho farsaing is a chluinnteadh an Eaglais Chille-Mhoire an Uibhist a Tuath. Agus bha bhuil ann. Mar thuirt fear den choimhthional, “Far an dfhuair an t-uan am bainne, thèid e rithist ann.”

Ach bha iad ann, eadhon an Uibhist, daoine a bhiodh agearan nach robh Maighistir Dòmhnall cruaidh gu leòr no idir bagarrach gu leòrna theagasg. Chaidh am freagairt aon Dòmhnach co-dhiù. “Faodaidh e bhith gu bheil cuid anns an èisdeachd a their nach eil mi cruaidh gu leòr air daoine, no eu-dòchasach gu leòr man taobh.” Thàinig togail air a cheann agus lasagna shùil. “Rachaibh don chladh ud shìos, matà, agus abraibh an sin, os cionn luchd bhur gaoil, nach eil ministear Chille-Mhoire cruaidh gu leòr a thaobh nam beò no eu-dòchasach gu leòr a thaobh nam marbh. Abraibh e, ma thèid agaibh air.” Mas maith an sgàthan an t-sùil, thàinig tiomadh, mur tàinig fiamh cuideachd, air gach cridhe anns achoimhthional.

An dèidh adhlacadh Chalum Chille, chaidh fear de na manaich a-steach don Eaglais Mhòir a dheanamh ùrnaigh. An uair a dhamhairc e mun cuairt, thàinig rachd caoinidh air; “Is fuar falamh an eaglais an diugh, gun esan innte.”

titleMaighistir Dòmhnall
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textV. Daoine
<< please select a word
<< please select a page