[81]

VI

SEARMONAN

14. Ceòl anns an Oidhche

Anns an àithnidh an Tighearna a thròcair, agus san oidhche bithidh a laoidh maille rium, agus mùrnaigh ri Dia mo bheatha. Salm 42:8.

Anns an t-Salm seo bha an Salmadair ann an inntinn, mar their sinn. Tha e tòiseachadh le bhith ag innse gu bheil tart airanam chum an bheò, agus mar sin tha e dol gu Taigh Dhè còmhla ri cuideachd mhòir air -fèille (is e sin, latha naomh). ’S tha e làn de mholadh agus de ghàirdeachas a chionn gu bheil e ann an Taigh Dhès gu bheil cuideachd cho mòr còmhla ris. Ach, ’na dhèidh sin, tha achuibheall ationndan; tha an coimhthional asgaoileadh, ’s tha Taigh Dhè air a dhùnadh, ’s tha aig an t-Salmadair a-nis ri aghaidh a chur air an t-saoghal, ’s chan eil e faicinn ann an sin ach troimh-chèile agus buaireas: “chaidh do thonnan uile,” ars esan, “thairis orm.” ’S nuair a thèid na tonnan uile thairis air duine, tha sin aleigeil fhaicinn gu bheil stoirm air an fhairge — ’s ann an seagh eile tha e aleigeil fhaicinn gu bheil stoirm ann am beatha an duine. ’S e their iad ruinn, ars an Salmadair, Càite bheil do Dhia? Dìreach mar gum biodh iad ag ràdh ris: “Tha thu creidsinn ann an Dia; is beag as fheàirrd thu sin. Chan eil thu sianadh nas fheàrr dheth na na daoine sin nach eil acreidsinn idir ann — ’s tha do bheatha pailt cho trioblaideach, mura h-eil nas trioblaidichena am beatha-san.” Ach chuimhnich an Salmadair air an taobh eile. Ma bha trioblaideanna bheatha, bha e daonnan afaotainn thairis air na trioblaidean sin, agus ma bha dorchadas atighinn an dràsda agus a rithist, bha e cluinntinn laoidh an Tighearna no (mar a tha e air a ràdh ann an àite eile) òran an Tighearna, agus (ann an àite eile) ceòl an Tighearna. Bha e cluinntinn sin anns an oidhche, anns an dorchadas. Cha biongantach, ma , ged a chrìochnaich e le bhith ag ràdh: “Car son a tha thu air do


[82]

leagadh sìos, O manam? Agus car son a tha thu fo bhuaireas an taobh a-staigh dhiom? Earb thusa à Dia, oir fathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.”

Nis, tha facail ar cinn-teagaisg, “Bidh a laoidh no a cheòl maille rium anns an oidhche” — tha na facail sin fìor ann an iomadh dòigh. Tha iad fìor ann an eachdraidh na h-Eaglais.

Beagan bhliadhnachan an dèidh bàs an t-Slànaigheir, dhèirich na h-Iùdhaich an aghaidh nan Ròmanach, ’s thàinig na Ròmanaich orra le armailtean mòra; sgrios iad Ierusalem, agus achuid sin den t-sluagh nach robh air am marbhadh, bha iad air an sgapadh air feadh an t-saoghailagus na Crìosdaidhean còmhla ri càch. Bha ceannardan na h-Eaglais, agus an t-Abstol Eòin cho maith ri càch, adeanamh dheth gu robh an oidhche no an dorchadas air tighinn. Ach fhaicibh mar a dhoibrich e mach. Na Crìosdaidhean sin a bhair an sgapadh, ghiùlain iad leo an Soisgeul gu dùthchannan ùra, agus dhfhàs an Eaglais na bu làidiriche na bha i riamh roimhe. Ann an aon fhacal, thainig maith às an olc, agus ceòl às an oidhche.

Bliadhnachanna dhèidh sin, thog Impire na Ròimhe a làmh an aghaidh na h-Eaglais, agus chaidh na Crìosdaidhean a chur gu bàs anns a h-uile dòigh bu mhiosa na chèile. ’S e an oidhche a bhann da-rìreadh. Ach a-mach às an oidhche sin thàinig ceòl Dhè, oir cha deachaidh aon mhairtireach a chur gu bàs nach tàinig fichead a chunnaic e air a chur gu bàs, gu bhith acreidsinn anns an t-Soisgeul.

Còmhla ris gach eile, thàinig plàigheannan agus gorta agus cogaidhean gu leòr, aguss e an oidhche a bhann thairis air na dùthchannan, ach a-mach às na nithean sin thàinig abhuannachd seo, gu robh e a-nis soilleir, air cho innleachdachs air cho cumhachdachs gu robh an duine, gu robh nithean ann nach burrainn da a dheanamh, ’s nach burrainn da an saoghal a riaghladh gu ceart fhads a bha e dol an aghaidh teagasg an t-Soisgeil. Ann an aon fhacal, ma , a-mach às an oidhche thàinig ceòl Dhè.

S an sin a tha fìor ann an eachdraidh na h-Eaglais agus ann an eachdraidh nan dùthchannan, tha e fìor cuieachd ann am beatha an duine fhèin. a thann an trioblaid ach dorchadas, ach glè thric tha ceòl Dhè atighinn a-mach às an dorchadas sin. Agus nach tric e tachairt ann am beatha an duine gu bheil math


[83]

atighinn a-mach à olc, agus solas a-mach à dorchadas? Nam biodh a chaochladh fìor, chan eil fhios idir ciamar a bhiodh daoine, no ciamar a burrainn daibh a bhith beò. Tha mi làn-chreidsinn gu bheil ceòl Dhè anns a h-uile trioblaid agus cunnart agus dòrainn, ged a dhfhaodas e bhith nach eil sinne ga chluinntinn aig an àm. Ach ma tha an spiorad ceart annainn fèin, cluinnidh sinn an ceòl an uair a tha an trioblaid no an cunnart no an dòrainn seachad.

Agus aon eile. Nach ann à dorchadas agus à oidhche a thàinig an Comanachadh? Is ann a chionn gu robh Calbhairi agus an Ceusadh aig an doras a chuir an Slànaighear an Comanachadh air bhonn, agus riamh bhuaithe sin bha an Comanachadh adol còmhla ri nithean cudthromach agus sòlaimte.

Anns na seann làithean, an uair a bhiodh daoine afàgail an dachaigh, agus cunnart mòr air thoiseach orra, bhiodh iad agabhail Comanachaidh mun robh iad afàgail. Ach chan eil beatha an duine uair sam bith gun chunnart, ’s faodaidh an cunnart tighinn uair sam bith, an uair as lugha ar dùil ris, agus is mòr as fhiach gum biodh laoidh agus ceòl Dhè aseinn anns achridhe.

titleCeòl anns an Oidhche
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textVI. Searmonan
<< please select a word
<< please select a page