15. Searmon Foghair
Bheir an talamh a thoradh; gum beannaicheadh Dia, ar Dia-ne, sinn! — Salm 67:6.
Bha an Salmaidh a’ moladh Dhè airson iomadh nì, agus cha do dhì-chuimhnich e a bhith ga mholadh a chionn gu robh an talamh a’ toirt a-mach a cuid toraidh ’na h-àm fèin. Tha e anabarrach freagarrach gum biomaid taingeil an àm an fhoghair, oir anns a’ choirce tha biadh againn an dà chuid do dhuine agus do bheathach, agus nì sam bith a tha cumail suas beatha, is nì luachmhor sin. ’S a thuilleadh air sin tha iomadh obair ann mum faod sinn a ràdh le fìrinn, “ ’S e mo làmh-sa a rinn siud ’s cha b’i làmh sam bith eile”, ach chan urrainn duinn sin a ràdh a thaobh an fhogharaidh. Gun teagamh, tha daoine a’ deanamh an cuid fhèin, ach chan eil iad ga dheanamh air fad. Tha grian is
gaoth is uisge a’ deanamh an cuid fhèin, agus tha na nithean sin ann an làmhan Dhè, agus chan ann anns na làmhan againne.
Ach ’s e bu mhaith leam a bhith cur nur cuimhne gu bheil àm an fhogharaidh a’ teagasg iomadh nì dhuinn a bhiodh chum ar maith, an dà chuid ann an seagh nàdurra agus ann an seagh spioradail.
1. Tha am foghar a’ teagasg obair. Tha foghar ann a chionn gu robh earrach ann. Tha buain ann a chionn gu robh cuireachd ann. Tha coirce ann a chionn gu robh treabhadh ann. “Am fear nach cuir, cha bhuain e.” Tha a’ cheart nì fìor ann am beatha an duine. Is e àm na h-òige an t-earrach, agus an sìol a thèid a chur ann an àm na h-òige, is e a bheir toradh ann an àm na buana. Am fear sin a tha cruaidh no mì-onarach no sanntach no breugach no nach gabh earbsa a chur ann, cha b’ann an latha no am bliadhna a dh’fhàs na nithean sin; chaidh an cur ann an làithean na h-òige. Air an làimh eile, ma tha creideamh, dòchas, agus gach maitheas eile air an cur ann an làithean na h-òige, bheir iad a-mach toradh eireachdail ann an làithean na h-aoise. ’S nach eil e anabarrach cho cùramach ’s a tha daoine am bitheantas mu dheighinn a bhith cur an t-sìl cheirt anns an talamh anns an earrach, agus aig a’ cheart àm, faodaidh e bhith, iad anabarrach mì-chùramach mu dheighinn a bhith cur an t-sìl cheirt ann an cridheachan agus inntinnean an cuid cloinne. An e gur fhiach crioman talmhainn tuilleadh na beatha an duine?
2. Tha am foghar a’ ciallachadh creidimh. An uair a tha an sìol air a chur, ’s a dh’amhairceas duine air na h-achaidhean, is iad uile cho dubh agus cho lom, cò shaoileadh gun tigeadh samhradh no foghar? Ach tha an dà chuid a’ tighinn ’nan àm fèin, ’s tha daoine a’ creidsinn gun tig. Co-dhiù, theireadh sibh gur h-e fìor amadan a bhiodh anns an duine sin a theireadh an àm an earraich, “Cha chuir mise sìol am bliadhna, oir tha an t-eagal orm nach fàs e, no gun tig droch shìde an àm an fhoghair, agus nach fhaigh mi a bhuain.” Chan fhaca ’s cha chuala mi duine riamh a theireadh no dheanadh mar sin. Tha creideamh aig daoine. Tha iad a’ deanamh an cuid fhèin agus a’ fàgail gach nì eile ann an làmhan an Fhreasdail, agus nach maith a dh’fhaodamaid a’ cheart riaghailt a leantainn nar beatha latha an dèidh latha — dleasdanas an ama a dheanamh, biodh e cruaidh no furasda, agus gach nì eile fhàgail ’na làmhan-san as
Tighearna an dà chuid air earrach agus air foghar, air toiseach agus air crìoch na h-oibre.
3. Tha am foghar a’ teagasg gun cuir fear is gum buain fear eile. Sin dòigh an t-saoghail. Cha deachaidh obair mhòr riamh air a h-aghaidh — co-dhiù, nan gabhadh i treis — nach fhaodadh e bhith air a ràdh, “Is iomadh fear aig an robh làmh an toiseach na h-oibre nach eil a làthair gu crìoch fhaicinn oirre”. Ach fad na h-ùine feumaidh daoine a bhith cur, co-dhiù chì iad am foghar no nach fhaic. Sin an t-eadar-dhealachadh a tha eadar duine agus beathach. Tha an duine a’ cur, glè thric, airson dhaoine eile; tha e ag obair airson nan daoine a thig às a dhèidh, daoine nach fhaic e ri bheò, dìreach mar a dh’obraich na daoine a dh’fhalbh air ar son-ne. Tha sinn uile, ma tà, a’ buain mum bheil sinn a’ cur — a’ buain an t-sìl a chuir na daoine a bha romhainn, agus a’ cur an t-sìl a bhuaineas na daoine a thig às ar dèidh. Ach tha mi an dùil nach biodh mòran toileachaidh no furtachd anns an smuain mura b’e gu bheil sinn air ar ceanghal ri “Iosa Crìosd, an dè, an diugh, agus gu sìorraidh, an tì ceudna.”
title | Searmon Foghair |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p |
parent text | VI. Searmonan |