17. Na Seann Chomharran-crìche

Na h-atharraich an seann chomharradh-crìche a shuidhich tathraichean. - Gnàth-fhacail 22:28.

S fhada on a chaidh a ràdh gu robh na Gàidheil agus muinntir na h-àird-an-ear cosmhail ri chèile ann an iomadh dòigh. Tha an ceòl aca glè chosmhail ri chèile; tha cuid de na beachdan aca cosmhail ri chèile; agus tha iad anabarrach cosmhail ri chèile a


[88]

thaobh an àite bha iad riamh atoirt do sheanfhacail, an chuidnam beatha agusnan còmhradh. Thun an an diugh tha gu leòr anns aGhàidhealtachd, ’s ma bhios iad abruidhinn air sam bith, ’s gur urrainn daibh a ràdh gun duirt an seann duine seo ma dheighinn, tha dùil aca nach eil an còrr ri ràdh. ’S tha muinntir na h-àird-an-ear, agus na h-Iùdhaichnam measg, den cheart bheachd. Aguss e sin a thug air Rìgh Solamh leabhar a dheanamh de sheanfhacail, no Gnàthfhacail, mar a tha e air a ràdh ann an seo. Tha e air innse gun do labhair Solamh e fhèin trì mìle seanfhacal; chan eil e air a ràdh gun drinn e fhèin suas iad air fadchan eil e cosmhail gun drinn, ach gum baithne dha trì mìle ciod air bith an àireamh dhiubh sin a rinn e fhèin suas. San dol-seachad faodar a ràdh gun deachaidh cheana còrr agus seachd mìle de sheanfhacail Ghàidhlig a chruinneachadh.

Nis, tha an seanfhacal air a bheil sinn asmaointinn an diugh an chuid am measg nan Iùdhach agus am measg nan Gàidheal. “Na h-atharraich,” ars an t-Iùdhach, “an seann chomharradh-crìche.” Agus ars an Gàidheal, “Chan ann am fealla-dhà a thogadh an carragh-cuimhne.” Anns aBhìoball tha na comharran-crìche am bitheantas aciallachadh càrn de chlachan, cuid dhiubh an sin a chum dealachadh a chur eadar fhearann no bhaile, agus cuid eile a chum a bhithnan cuimhneachan air na h-athraichean, agusnan cuimhneachan air na nithean sin a rinn Dia às leth nan Iùdhach anns na làithean a dhfhalbhmar eisimpleir, Iàcob aig Betel agus Iosua ri taobh Iòrdain.

Nis, tha air chùl an t-seanfhacail sin, “Na h-atharraich an seann chomharradh-crìche a shuidhich tathraichean”? Tha, nach eil e idir freagarrach no buannachdail a bhith deanamh tàir air na seann nitheans air na seann bheachdan, ’s air na seann chleachdannan a bhann, fhads a bha na nithean sin a chum gliocais agus a chum maith. Tha seo fìor an chuid ann an seagh nàdurra agus ann an seagh spioradail. Ann an seagh nàdurra, cha bann an diugh no an a rinneadh an saoghal, ’s nach eil e anabarrach amaideach a bhith smaointinn gu robh daoine astrì agus ag obair agus asmaointinn agus ag ionnsachadh fad mhìltean de mhìltean a bhliadhnachan, ’s a dhaindeoin sin nach dfhàg iad dad às an dèidh as fhiach a chumail air chuimhne. Chan eil e idir cosmhail. Togaibh ur


[89]

sùilean is amhaircibh mun cuairt oirnn. Co meud anns an dùthaich no anns an t-saoghal mun urrainn duinn a ràdh, “Sinne a rinn na nithean sins cha be na daoine a bhann. Thuirt Solamhna latha fhèin nach robh ùr ann fon ghrèin, ’s bhiodh e pailt cho furasda sin a ràdh an diugh. Na nithean sin a tha sinn asmaointinn a tha ùr, tha na freumhaichean aca adol fad air ais anns na làithean a dhfhalbh; agus an sruthan sin a tha gabhail seachad le leithid de dheifir, tha an tobar on tàinig e fada shuas am measg nam beann. Tha dùil againn an diugh gur e ùr a thann a bhith toirt àrd-urram don luchd-oibre, ach tha iomadh ceud bliadhna ann on bha ena fhacal am measg an t-sluaigh, “Nuair a bha Adhamh aruamhar agus Eubh asnìomh, càite an sin an robh na h-uaislean?” Is gann gu bheil air an smaointich sinn a tha a chum maith an t-saoghail nach do thòisich iomadh linn air ais. Is iomadh deur a chaidh a shileadh, osna a leigeadh, boinne fala a chaidh a dhòirteadh le daoine air nach eil cuimhne an diugh, mun tàinig laghannan cearta a-staigh don rìoghachd againn. Chìtear na comharran tiugh mun cuairt oirnn, agusna h-atharraichibh na seann chomharran-crìche a shuidhich na h-athraichean.”

Gun teagamh, tha againne ri ar cuid fhèin a dheanamhna nithean a thuit a thogail, na nithean a tha dùinte fhosgladh, na nithean a tha tuilleadh is cumhann a dheanamh farsaing, agus na nithean a tha ceàrr a cheartachadh. Chan urrainn linn sam bith a ràdh: “Is e seo deireadh an sgeòil, agus chan eil an còrr ri dheanamh no ri fhaotainn a-mach”. Chan urrainn, ’s ma tha neach sam bith asmaointinn gur h-urrainn, seasadh e aig bonn nam beann no fo sholas nan reult agus amhairceadh e suas. Chan ann an diugh no am màireach a gheibhear deireadh an sgeòil.

Nis, ma tha seo fìor ann an seagh nàdurra - agus tha e fìor - tha e pailt cho fìor ann an seagh spioradail, aguss ann a dhionnsaigh nithean spioradail a bha mi adeanamh acheuma fad na h-ùine. “Na h-atharraichibh na seann chomharran-crìche a shuidhich na h-athraichean”. Chan eil an Fhìrinn ùr, agus an uair a their daoine, “Thoiribh dhuinn dòigheannan ùra agus beachdan ùra”, feumaidh sinn fhaighneachd, “ tha sibh aciallachadh?” Ma tha iad aciallachadh, “Mùchaibh an Fhìrinn,” tha fios againn càite a bheil iadnan seasamh. Tha fios


[90]

againn cuideachd gum biodh e pailt cho furasda teadhair a chur air aghaoiths a bhiodh e dhuinn an Fhìrinn a mhùchadh. Ach ma tha iad aciallachadh, “Deanaibh an Fhìrinn nas soilleire dhuinn”, is maith an t-iarrtas. Chan eil neach sam bith an aghaidh dhòigheannan ùra a tha feuchainn ris an Fhìrinn a thoirt nas dlùithe do dhinntinn agus do chridhe an duine. Tha toiseach aig a h-uile , ’s bha anns bha na seann chomharran ùr. Ach an uair a their sibh gu bheil seann-fhasanta, chan e sin am facal mu dheireadh.

Cuimhnicheamaid air na seann chomharran-crìche nach bu chòir dhuinn atharrachadh. Ma tha e ceàrr dhuinn comharran-crìche ar n-athraichean atharrachadh, is motha gu mòr a tha e ceàrr comharran-crìche Dhè atharrachadh. Ciod iad na deich àithntean ach deich comharran-crìche a shuidhich Dia a chum clann nan daoine a chumail o dhol air seachran. ’S ged a tha mòran nar latha-ne ag ràdh gu bheil na h-àithntean ro-chumhann, chan eil e idir uair sam bithna chall na h-àithntean a ghleidheil nona bhuannachd am briseadh.

Cha dhiomoladh idir air a ràdh gu bheil e sean. Ged a bhiodh e cho sean ris acheò, ma tha e fìor, cha mhisde bhith liath le h-aois; ’s ann as fheàirrde e sin, oir an sin a thàinig tre shiantan agus tre chunnartan nam bliadhnachan fada, tha sinn nas cinntiche às na tha sinn às an sin nach do dhearbh e fhèin fhathast. Nach seann-fhasanta Creideamh, Dòchas, Gràdh - na trì nithean sin. ’S fhad an latha on a thug Pòl iomradh orra, agus an dfhuair sinn fhathast trì nithean eile a chuireas sinnnan àite? Tha gu leòr de nithean ann air a bheil leigheasan ùra, ach tha nithean ann cuideachd air nach eil. Thun an an diugh chan eil leigheas air pathadh ach deoch òl, chan eil leigheas air acras ach biadh itheadh, agus chan eil leigheas air peacadh ach maitheanas iarraidh agus fhaotainn. Na atharraicheamaid, ma , na seann chomharran-crìche a shuidhich na h-athraichean. a thanns aBhìoball agus an Eaglais ach seann chomharran-crìche a tha togail fianais gu bheil Dia ann? thanns na Sàcramaidean ach seann chomharran-crìche acur an cèill gun do shuidhich Crìosd a Eaglais anns an t-saoghal? thann am Bethlehem ach seann chomharradh-crìche air an t-seann sgeul mhòr-aoibhneis a ta airson nan uile dhaoine? Agus thann an Calbhairi ach seann chomharradh air gràdh Dhè a ta os cionn


[91]

gach gràidh? Tha fagas air mhìle bliadhna on a bha an Slànaighear anns an t-saoghal, agus nam faighnicheadh neach dhinn an diugh, “Ciod e Dia? Ciod e a nàdur? Agus ciod a thoil a thaobh an t-saoghail? ”, an fhreagairt a bhiodh againn ach seo, “Tha Dia ra fhaicinn ann an teagasg agus obair Iosa Crìosd, oir esan a chunnaic am Mac, chunnaic e an t-Athair. Agus esan a leanas na comharran a shuidhich am Mac ruigidh e an t-Athair.”

Anns acho-dhùnadh, ma their daoine, “Gu maith a thanns na seann chomharran-crìche? Nach fheum an saoghal siubhal seachad, agus sluagh mar an ceudna? ”, their sinn gu bheil comharran ann a dhfheumas falbh, na comharran a shuidhich daoine mar sinn fhèin. Ach tha comharran ann nach siubhail seachad. Ann an cùrsa tìm tha Calbhairi mhìle bliadhna air ar cùlaibh, ach ann an spiorad tha e fada air toiseach oirnn. An neach a bfhaide a ghluais air Slighe na Fìreantachd, chunnaic e Calbhairi air thoiseach air; agus an neach a bàirde dhèirich, chunnaic e Calbhairi os a chionn. Neach sam bith a dhfhalbhas o Chalbhairi, ’s ann a chionn gu bheil a chùlaibh ris, agus chan e a aghaidh.

titleNa Seann Chomharran-crìche
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textVI. Searmonan
<< please select a word
<< please select a page