18. Calbhairi

An uair a thàinig iad don àite dan goirear Calbhairi, an sin cheus iad e fèin agus na droch dhaoine. - Lùcas 23:33.

An chuid anns an dùthaich seo agus ann an dùthchannan eile chì sibh an siud agus an seo comharraidhean, no carraighean cloiche, mar their sinn riutha, air mullach nan cnoc no air achòmhnard, agus is iomadh leabhar a chaidh a sgrìobhadh a thaobh na ceiste seo: bha na carraighean cloiche sin aciallachadh? ’S ged tha atharrachadh bheachdan a thaobh na ceiste sin, tha na h-uile co-dhiù ag aideachadh seo: far am faic sinn carragh cloiche, gu bheil e aciallachadh gun do thachair cudthromach air choreigin anns an àite sin - aona chuid gu robh adhradh air a dheanamh an seo, no gun deachaidh duine cumhachdach a thìodhlaiceadh ann, air neo gun do chuireadh blàr anns an àite sin. ’S mar sin chan eil carragh cloiche a chì


[92]

sinn nach eil, mar gum beadh, ag ràdh ruinn, “Thachair cudthromach an seo”.

Nis, tha aon chomharradh ann an eachdraidh an t-saoghail a tha os cionn gach comharraidh eile, aguss e sin Crann-ceusaidh Chalbhairi. Cha bhiodh e tuilleadhs a chòir a ràdh gu bheil eachdraidh an t-saoghail air a filleadh timcheall aChroinn-cheusaidh sin. Tha e soilleir gu bheil bàs Chalbhairi eadar-dhealaichte o bhàs sam bith eile ann an eachdraidh. Is iomadh fàidh urramach agus fianais urramach a thàinig a dhionnsaigh an t-saoghail, agus a bha calg-dhìreach an aghaidh bheachdan agus dhòigheannan an t-saoghail, a chionn gu robh na dòigheannan agus na beachdan sin ceàrr; agus cha robh neach sam bithnan latha fhèin nach fhaodadh a ràdh a thaobh nam fàidhean agus nam fianaisean sin, “Tha na daoine sin cho ceart agus cho eudmhor air taobh na fìrinn is gu bheil e cosmhail gur h-e as crìoch dhaibh gun tèid an cur gu bàs.”

Ach tha Calbhairi aciallachadh tuilleadh agus sin. Cha bu e a dhfhaodadh tachairt, no a bha cosmhail gun tachradh e, ach a dhfheumadh tachairt. Dhinnis an Slànaighear fhèin uair is uair on toiseach gu robh Calbhairi roimhe, agus nach biodh an crùn air an obair a bha aige ri dheanamh gus am biodh Calbhairi air a choimhlionadh. On chiad latha a thòisich e air searmonachadh, bha a shùil agus a cheum air Calbhairi. Cha bu leòr a theagasg no a mhìorbhailtean no eisimpleir gus am biodh iad sin air an crùnadh le a bhàs; agus cha burrainn da a ràdh le fìrinn, “Tha e crìochnaichte”, gus am biodh e atoirt suas an deò air Calbhairi. Agus, cuideachd, cha burrainn dha ruigheachd air cridhe an t-saoghail ach tre Chalbhairi. Mar thuirt e fhèin: “Agus mise, ma thogar suas mi (is e sin, air aChrann), tàirngidh mi na h-uile dhaoine a mionnsaigh.” Nach eil e soilleir, ma , mas e seo an as cudthromaiche anns an t-saoghal, am buntainneas a tha eadar Dia an t-Athair agus clann nan daoine, gur h-e Calbhairi teis-meadhan an sin, agus mar sin teis-meadhan eachdraidh an t-saoghail? a shaoileadh gu robh uiread an crochadh air na facail seo: “An uair a ràinig iad an t-àite dan goirear Calbhairi, an sin cheus iad e?”

Nis, am bitheantas, an uair a bhios daoine smaointinn air Calbhairi, tha iad asmaointinn gu sònraichte air aphian chorporra tren deachaidh an Slànaighear. Agus, gun teagamh,


[93]

eadhon a thaobh na feòla, dhfhuiling e tuilleadh nas urrainn duinne a ghabhail a-staigh, agus faodaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil e air a chiallachadh anns an Tiomnadh Nuadh gum biomaid afeuchainn ri bhith tuigsinn, ann an tomhas, na pèine tren deachaidh e air aChrann, agus gur h-e sin as adhbhar gu bheil cunntas cho mionaideach air a thoirt duinn ma cheusadhmar a chaidh na tàirngeanna làmhan agusna chasan, crùn droighinn air a cheann, agus an t-sleaghna thaobh, agus mar a chlaoidheadh e le pathadh.

Ach aig acheart àm, air cho mòr agus gu robh pian na feòla, is beag as fhiach e ainmeachadh làmh ri pian na h-inntinn agus an spioraid. Is diamhaireachd seo a tha os cionn smuaintean agus faireachdainnean dhaoine, ach tha ceangailte ris air am faod sinn smaointinn.

Thuirt am fàidh o shean gun leagadh an Tighearna air-san smachdachadh a shluaigh, agus tha e air innse dhuinn uair is uair anns an Tiomnadh Nuadh gun do ghiùlain e air aChrann peacaidhean a shluaigh. Thoireamaid nas dlùithe dhuinn fhèin e anns an dòigh seo. Smaointicheadh gach neach air a pheacaidhean fhèinan chuid na nithean a rinn e agus na nithean a tha e buailteach dha a dheanamh: nach goirt an cudthrom e eadhon a bhith smaointinn air? Agus ghiùlain an Slànaighear air aChrann cudthrom a shluaigh gu lèircudthrom sluaigh nach gabh cunntas o thoiseach gu deireadh tìm. Agus chan e sgàile no bruadar a bhanns na peacaidhean sin idir. Chaidh na bha de phuinnsean ann an nàdur an duine o thoiseach gu deireadh tìm a chur anns achupan sin a fhuair esan ra òl. Cha biongantach ged thuirt e, “Athair, mas e do thoil-sa e, cuir an cupan seo seachad orm”. Cha biongantach idir ged a shaoil leis, an uair a bhlais e air achupan seo, gu robh e fhèin caillte. “Mo Dhia, mo Dhia, cuime a thrèig thu mi?” (Ach, mar thuirt mi cheana, is diamhaireachd seo nach urrainn inntinn an duine a ghabhail a-staigh).

S e an dara a dhfhaodamaid a ràdh a thaobh pian an spioraid tren deachaidh ar Slànaighear an seo: gun tàinig e a dhionnsaigh a mhuinntir fhèin, agus nach do ghabh a mhuinntir fhèin risagus chan eil ann as goirte na sin. Nam biodh athair ann, agus gum faigheadh e buille-bàis o a mhac, nach e a theireadh e, “Air cho goirt is air cho cunnartachs gu bheil am


[94]

buille a fhuair mi, ’s e a leòn mi buileach gur h-e mo mhac fhèin a rinn e!” Agus nach fhaodamaid a ràdh gur h-e -eigin den cheart seòrsa, agus ann an seagh mòran as àirde, a bhrist cridhe an t-Slànaigheir air aChrann?

Tha sinn atighinn a dhionnsaigh as fhasa, an uair a tha sinn atighinn a dhionnsaigh na dara cuid den cheann-teagaisg — “An sin cheus iad e, agus dithis eile maille ris, fear air gach taobh.”

Abair gu robh fear ann a bha acreidsinn ann an Dia, ach nach cuala riamh mun t-Slànaighearmar Chornelius ann an leabhar Gnìomharan nan Abstol. Abair gun innseamaid dha mu cheusadh an t-Slànaigheir. Nach e a ghabhadh an t-uamhas, ’s nach eil e cosmhail gu leòr gun abradh e: “Ma tha sin fìoragus tha mo chogais agus mo chridhe agus mo spiorad gu lèir ag innse dhomh gu bheilnach bu chòir gum biodh Calbhairi, agus a h-uile a tha Calbhairi aciallachadh, afaotainn àite nar beatha nach eil sam bith eile afaotainn?” Bu chòir, ’s nam biodh achòir air a cumail, bhiodh na facail sgrìobhte ann an litrichean beò air ar cridheachan: “An uair a ràinig iad Calbhairi, an sin cheus iad e, agus na droch dhaoine”.

titleCalbhairi
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textVI. Searmonan
<< please select a word
<< please select a page