19. Ardachadh is Isleachadh
Ge be neach a dh’àrdaicheas e fèin, ìslichear e; agus ge be a dh’ìslicheas e fèin, àrdaichear e. — Lùcas 18:14.
Air an t-Sàbaid seo chaidh bha sinn a’ smaointinn air an Phairiseach agus air a’ chìs-mhaor a chaidh suas don Teampall a dheanamh ùrnaigh. Rinn am Phairiseach ùrnaigh mhòr ga mholadh fhèin agus ag innse do Dhia cho maith ’s a bha e agus cho dona ’s a bha daoine eile. Agus, air an làimh eile, cha leigeadh an t-eagal no an nàire leis a’ chìs-mhaor fiù a shùilean a thogail suas gu nèamh — bhuail e uchd ’s cha b’urrainn dha an còrr a ràdh ach seo: “A Dhia, dean tròcair ormsa a tha am pheacach.” Agus thuirt an Slànaighear gun do ghabh Dia ri ùrnaigh iriosal a’ chìs-mhaoir ’s gun do chuir e cùl ri ùrnaigh uaibhreach an Phairisich, agus ’s e an co-dhùnadh a dh’ionnsaigh an tàinig sinn gur h-e tha uasal an irioslachd, an dà chuid ann an seagh nàdurra agus ann an seagh spioradail — ann
an seagh nàdurra, gur h-e am fear sin a tha iriosal blàth, agus a ta faotainn dlùth don fheadhainn a ta air an cunntas nas ìsle na e fhèin, gur h-esan a tha uasal agus duineil; agus, ann an seagh spioradail, gur h-e am fear sin a tha smaointinn glè bheag de a mhaitheas fhèin is nach bi tuilleadh is cruaidh air daoine eile, gur h-esan, a-rèir teagasg a’ Bhìobaill, a bhios air a chunntas iriosal uasal ann an sealladh nèimh.
An diugh smaointicheamaid air na facail a thuirt an Slànaighear a thaobh an Phairisich agus a’ chìs-mhaoir air an tug sinn iomradh air an t-Sàbaid seo chaidh: “Ge be a dh’àrdaicheas e fèin, ìslichear e; agus ge be a dh’ìslicheas e fèin, àrdaichear e.”
Tha daoine gan àrdachadh fèin ann an dà dhòigh. Air an aon làimh, tha daoine gan àrdachadh fèin an an dòigh an Phairisich. Tha iad a’ deanamh dheth, ma tha iad a’ leantainn riaghailtean on taobh a-muigh, a’ leughadh a’ Bhìobaill, ’s a’ cumail na Sàbaid, ’s a’ deanamh ùrnaigh, ’s a’ gluasad gu faicilleach am measg an t-sluaigh, gu bheil iad nas fheàrr na daoine eile. Gun teagamh, tha na nithean sin iomchuidh, ma tha iad air an deanamh anns an spiorad cheart, is ann a ta iad a’ fàgail dhaoine iriosal, agus chan ann mòr asda fhèin. Ma tha na nithean sin a’ fàgail dhaoine cho cruaidh cumhann neo-thaitneach agus mòr asda fhèin ris na Phairisich, tha e ’na chomharradh gu bheil an cridhe fuar, agus nach eil an teine air a lasadh ann. Agus, co-dhiù, chan urrainn duinn faotainn thairis air seo — gu robh an Slànaighear fhèin anabarrach dèidheil air a’ chridhe bhlàth. Is ann mu dheighinn tè a bh’air a cunntas ’na bana-pheacaich mhòir a thuirt e: “Tha a peacaidhean a ta lìonmhor air am maitheadh”; air an adhbhar sin ghràdhaich i gu mòr. ’S tha cuimhne agaibh gu robh an Slànaighear, a-rèir coslais, na bu dhèidheile air triùir de na deisciobail na bha e air càch — Peadar, Seumas, agus Eòin; agus a-rèir coslais, cuideachd, b’e an triùir sin luchd a’ chridhe bhlàth. Bha Peadar cho blàth-chridheach ’s gu robh e iomadh uair nach robh fios aige dè bha e deanamh, ’s bha e cearta-coma dè dheanadh e fhad ’s a gheibheadh e blàths a’ chridhe a-mach. ’S bha an t-Abstol Eòin a rithist cho blàth-chridheach ’s gur h-e bhiodh ’na laighe air broilleach an t-Slànaigheir, agus gur h-ann da a thug an Slànaighear an t-àite bu bhlàithe ’na chridhe. Chan eil e ’na iongantas idir, ma tà, ged thuirt an Slànaighear, “Esan a
dh’àrdaicheas e fèin, ìslichear e; agus esan a dh’ìslicheas e fèin, àrdaichear e”, oir chan ann o bhlàths ach o fhuachd a’ chridhe a dh’àrdaicheas duine e fhèin. Agus am fear a dh’àrdaicheas e fhèin, bithibh cinnteach às a seo, biodh e luath no biodh e mall, gun ìslichear e. Faodaidh sin tachairt ann am iomadh dòigh, ach co-dhiù tachraidh e.
Ach cuimhnichibh gu bheil dòigh eile ann cuideachd anns am faod neach a bhith ga àrdachadh fhèin, ’s gun fhios aige air fad na h-ùine. Nach tric a chluinneas sibh fear ag ràdh: “Chan eil mise a’ deanamh aideachadh sam bith; chan eil mi ceangailte ri Eaglais ann, ’s chan eil mi gabhail orm fhèin ann an dòigh sam bith a bhith nas fheàrr na mo choimhearsnaich; ach aig a’ cheart àm chì mi luchd-aideachaidh a’ deanamh iomadh nì nach deanainn-sa, agus ann an iomadh dòigh tha iad nas miosa na mi fhèin.” Dè tha an duine sin a’ deanamh, ma tà, ach ga àrdachadh fhèin — tha e ga dheanamh fhèin ’na bhritheamh air càch, agus a’ toirt breith orra, agus anns an t-seagh sin ga àrdachadh fhèin, agus mura h-ìslichear e ann an dòigh sam bith eile, faodaidh e bhith gun tèid ìsleachadh anns an dòigh seo — gu faic e air a’ cheann fa dheireadh gu robh e ceàrr ’na bheachd. Thuirt duine glic roimhe, “Na toir breith air neach sam bith gus am feuch thu ri thu fhèin a chur ’na àite, agus gus an tuig thu dè bha ’na aire agus dè an dùrachd a bha ’na chridhe.” ’S am bitheantas am fear a nì sin, cha toir e breith idir.
Nis, gu ruige seo bha sinn a’ smaointinn air a’ chiad chuid den cheann-teagaisg — “Esan a dh’àrdaicheas e fèin, ìslichear e; ach tha a’ chuid eile pailt cho fìor — “Esan a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e”. Cha ruig mi leas a chur nur cuimhne mar a dh’ìslich an Slànaighear e fhèin. Dh’ìslich e e fhèin an uair a ghabh e air fhèin nàdur an duine. Dh’ìslich e e fhèin o a bhreith gu a bhàs air sgàth a shluaigh. Agus chan iongantach ged dh’ìslicheadh daoine eile iad fhèin. Tha e air a ràdh ann an Leabhar Aithghearr nan Ceist gu bheil dà sheòrsa peacaidh ann - peacadh gin agus peacadh gnìomh. Is e peacadh gin am peacadh a th’anns an duine gu nàdurra, ’s a chaidh a bhreith còmhla ris, ’s nach fhàg e gus an dealaich an anail ris. Agus is e peacadh gnìomh am peacadh a tha an duine a’ cur an gnìomh, là an dèidh là. Ach tha am Bìoball ag innse dhuinn gu bheil dà sheòrsa de pheacadh gnìomh ann — air an aon làimh, an t-olc a
ta e deanamh; air an làimh eile, am maith a ta e fàgail gun deanamh. Agus ’s e seo an gnothach: ged nach biodh an t-olc a ta daoine deanamh gan dìteadh idir, bhiodh co-dhiù am maith a dh’fhàg iad gun deanamh gan dìteadh. Nach eil e soilleir, ma tà, nach eil dol às ann, ’s nach eil a h-aon againn nach fhaod breith air làimh an fhir eile agus a ràdh, “Ma tha thusa ciontach ann an aon nì, tha mise ciontach ann an nì eile.” Thuirt a h-aon de na naoimh o shean, “A dh’aindeoin na dh’fheuch mi de mhaith a dheanamh, dh’fhàg mi a dhà uiread gun deanamh; ’s iomadh coibhneas a dh’fhaodainn a dheanamh nach d’rinn mi, agus ’s iomadh facal blàth a dh’fhaodainn bhith air a ràdh, nach dubhairt mi; ’s bha mi riamh na bu choibhneile rium fhèin na bha mi ri daoine eile.” Agus cò nach fhaodadh sin a ràdh; ’s nan smaointicheamaid air gu h-onarach, an àite bhith faotainn coire do chach a chèile, ’s e theireamaid, gach aon air a shon fhèin, “A Thighearna, dean tròcair ormsa a ta ’nam pheacach.” Air mo shon fhèin, feumaidh mi aideachadh gum biodh barail a b’àirde agam air an duine a theireadh na dhà no trì facail sin ’na chridhe, ’s e ag imeachd air an rathad-mhòr, na ged bhiodh e air a ghlùinean fad an latha am fianais dhaoine eile. Tha fios aig Dia dè th’anns a’ chridhe, ’s dè tha sinn a’ ciallachadh, ’s dè an dùrachd a th’anns a’ chridhe, agus nach e nì sam bith on taobh a-muigh a tha cunntas air a’ cheann mu dheireadh.
Tha e air a ràdh mu dheidhinn Chalum Chille gu robh e aon latha, o ghairm choileach gu dol fodha na grèine, air a ghlùinean anns an eaglais, a’ deanamh ùrnaigh. An ciaradh an fheasgair chaidh e mach, agus cò thachair ris ach fear de na bràithrean. Dh’fhaighneach Calum Chille dheth càite an robh e air a bhith. “Ma tà,” ars am fear eile, “chuala mi gun deachaidh h-aon de na bràithrean air seachran, ’s chaidh mi a dh’aon ghnothach far an robh e a dh’innse dha, ma bha esan dona, gu robh mi fhèin a sheachd mhiosad ris.” “Is tusa,” ars Calum Chille, “a bha ag ùrnaigh, agus cha b’e mise — mise am fianais dhaoine, ach thusa am fianais nèimh.”
title | Ardachadh is Isleachadh |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p |
parent text | VI. Searmonan |