20. Solas an t-Saoghail
Is mise solas am t-saoghail; an tì a leanas mise, cha siubhail e an dorchadas, ach bithidh solas na beatha aige. — Eòin 8:12.
Chan eil nì ann cho brèagha ri solas, eadhon ann an seagh nàdurra. Nach abradh sibh gu bheil rud-eigin ceàrr air an duine sin nach deanadh gàirdeachas ris a’ ghrian no ri solas an latha, oir tha sinn uile ag aideachadh gu bheil leigheas anns an t-solas agus anns a’ ghrèin. Gun teagamh, bha latha ann, agus b’fheàrr le daoine bhith còmhnaidh ann an uamhachan san talamh no ann an coilltean dùmhail no ann am frògan na beinne, ach ’s e an t-eagal a bha toirt orra sin a dheanamh, oir cha robh riaghladh ann, is bha làmh gach fir an aghaidh a choimhearsnaich, agus mar sin bha cunnart anns an t-solas.
Ach an diugh, an uair a tha eagal o dhroch riaghladh air falbh, cha iarr daoine ach solas agus blàths na grèine — no, mar a thuirt na seann daoine, “Ri cùl gaoithe ’s ri aodann grèine”. Agus gu cinnteach is mòr an t-atharrachadh a nì solas ann an spiorad an duine. An uair a bhios neach ’na laighe air leaba tinneis agus nach eil e faotainn cadal na h-oidhche, nach tric a shùil air an uinneag feuch a bheil solas an latha idir brath tighinn. Agus nach iomadh fear a bhios eu-dòchasach gu leòr feadh na h-oidhche is gnothaichean ag amharc anabarrach dorcha ’na aghaidh, a tha faotainn air ais a dhòchais agus a mhisneachd an uair a thig solas an latha agus a tha a’ ghrian ag èirigh. Nach maith a thuig an Salmaidh seo an uair a thubairt e:
Tràth feasgair fòs ged robh ann bròn,
thig aoibhneas leis an là.
Cha leig leas iongantas sam bith a bhith oirnn, ma tà, gu bheil am facal “solas” air a chleachdadh cho bitheanta anns a’ Bhìoball — anns an t-Seann Tiomnadh a thaobh ceartais, fìreantachd, naomhachd, is Facal an Tighearna; agus anns an Tiomnadh Nuadh a thaobh an t-Slànaigheir agus a Shoisgeil. Mar thuirt e fhèin: “Is mise solas an t-saoghail”.
Chì sinn cho freagarrach is a tha am facal seo, ma smaointicheas sinn air cor an t-saoghail mun tàinig an Slànaighear. Bha trì treubhan no rìoghachdan ann a bha comharraichte am measg chàich — Iùdhaich, Greugaich, Ròmanaich — agus dh’fhaodamaid a ràdh gu robh a’ chuid eile den t-Saoghal a tha aithnichte an diugh ann an dorchadas, eadhon ann an seagh
nàdurra. Agus bha na triùir a dh’ainmich mi ann an dorchadas ann an seagh spioradail, ged nach robh ann an seagh nàdurra.
Bha na h-Iùdhaich air tuiteam on staid àrd anns an robh iad ri linn Dhaibhidh agus Sholaimh; bha an crùn air falbh uapa, agus bha coigrich a’ riaghladh na dùthcha; agus, nì bu mhiosa air fad, bha an seann chreideamh air falbh — bha an teine air a dhol às, agus, ged bha luath gu leòr ann fhathast, bha an cridhe on tàinig an teas fuar marbh. Agus cha robh na Greugaich dad na b’fheàrr. Bha iad comharraichte airson dà nì — maise na h-inntinn agus maise na làimhe. Airson grinneas agus snas, an dà chuid ann an sgrìobhadh agus ann an clachan snaidhte, cha robh leithid nan Greugach riamh ann an eachdraidh an t-saoghail. Ach aig a’ cheart àm cha robh àite do Dhia ann am beatha no ann an obair nan Greugach — neo-ar-thaing nach robh cathair bhrèagha aca, ach cha robh an Dia beò agus fìor ’na shuidhe anns a’ chathair sin. Gun teagamh, bha smaointinn na b’fheàrr aig cuid aca, oir an ceann bhliadhnachan, an uair a thàinig an t-Abstol Pòl don Ghrèig, chunnaic e altair ann a h-aon de na sràidean, agus na facail seo sgrìobht’ oirre: “Don Dia neo-aithnichte”. Agus arsa Pòl riu: “Esan da bheil sibh a’ deanamh adhraidh, gun eòlas agaibh air, is e a tha mise a’ searmonachadh dhuibh”.
Aig a’ cheart àm bha na Ròmanaich ’nan ruith is ’nan cabhaig, a’ cur rìoghachd ri rìoghachd is dùthaich ri dùthaich, a’ toirt a-mach maighistearachd agus glòir an t-saoghail le fuil is le iarann, gun ghuth air an dà nì a mhaireas — Dia agus anam an duine.
An uair a smaointicheas sinn, ma tà, air cor an t-saoghail an uair a thàinig an Slànaighear, agus an uair a chuimhnicheas sinn carson a thàinig esan, chì sinn cho freagarrach is a tha na facail seo: “Is mise solas an t-saoghail”.
Nis, ged tha gnothach againn ris an t-saoghal ann an seagh, agus ris na rìoghachdan ann an seagh, os cionn gach nì tha ar gnothach ruinn fèin. ’S ma thuirt an Slànaighear, “Is mise solas an t-saoghail”, thuirt e cuideachd, “An tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bithidh solas na beatha aige.” ’S nach fhaodamaid na trì dòighean cudthromach anns a bheil Crìosd a’ toirt solas do gach aon, leth fa leth, a chur sìos ann am
beagan fhacal. Tha e a’ toirt solais do dhaoine an là an dè, an là an diugh, agus an là màireach.
An là an dè. Tha an là an dè ’na chudthrom air gach aon againn, agus chan iongantach ged a bhitheadh. Thuirt fear roimhe: “Nan tachradh an là an dè rium an diugh, nach e a chuireadh an t-eagal orm!” Gun teagamh, chuireadh, a chionn gu bheil e làn pheacaidhean air a bheil cuimhne againn agus làn pheacaidhean air nach eil. ’S nan abradh fear ruibh, “Ged a gheibhinn-sa an là an dè air ais a rithist, cha toirinn atharrachadh sam bith às; an nì a bha mi is a tha mi, ’s e dh’iarrainn a bhith gu bràth tuilleadh” ’s e a theireadh sibh mu dheidhinn an duine sin gu robh e aona chuid ga mhealladh fhèin air neo nach do thuig e riamh an t-eadar-dhealachadh a tha eadar naomhachd Dhè agus mì-naomhachd an duine. Mas e an Salmaidh, nach e a thuirt e, “A Thighearna, na cuimhnich an aghaidh do sheirbhisich peacaidhean òige”; agus mas e an t-Abstol Pòl, nach e a thuirt esan, “Och, is duine truagh mi! Cò a shaoras mi o chorp a’ bhàis seo?” “Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia,” ars esan, “tre Iosa Crìosd an Tighearna.” Is e an Slànaighear, ma tà, solas an t-saoghail a thaobh an là an dè. Mas e is gun aidich sinn ar peacaidhean, bheir e maitheanas dhuinn. Is e sin a tha a’ toirt dhinn cudthrom agus eagal an là an dè.
An là an diugh. Tha an là an diugh a’ toirt uilc fèin agus a dhòighean fèin ’na chois, is ma thuit sinn an dè no ma ghèill sinn do na draghannan, ciamar a tha fios againn nach tachair a’ cheart nì an diugh, agus nach tuit sinne; is dè as fheàirrde sinn maitheanas a thaobh an là an dè, ma tha an là an diugh a’ dol a sgrìobhadh cunntais ùir nar n-aghaidh. Is maith dhuinn, ma tà, gu bheil solas an là an dè a’ deàrrsadh air an là an diugh cuideachd. Nam biomaid ag iarraidh coimeas don t-Soisgeul, chan e a h-aon de na comharraidhean sin a chì sibh aig dealachadh nan rathad agus a tha mar gum b’eadh ag ràdh ruinn, “Sin do rathad-sa; imich thusa ann an sin.” Tha an Soisgeul a’ deanamh tuilleadh agus sin air ar son; tha e a’ gluasad còmhla ruinn anns an rathad agus a’ giùlan ’na chois maitheanas airson gach peacaidh, neart airson gach buairidh, leigheas airson gach galair, agus solas airson gach àite dorcha. “An tì a leanas mise”, ’s e tha Crìosd ag ràdh. Tha e fhèin a’ dol air thoiseach anns an rathad, ’s mar a bha an là an dè ’na làimh,
’s mar a tha an là an diugh ’na làimh, mar sin tha an làrna-mhàireach ’na làimh cuideachd, agus a h-uile màireach a bhios ann. “Is e Iosa Crìosd an tì ceudna, an dè, an diugh, agus gu sìorraidh”. ’S ged a tha iomadh solas anns an t-saoghal seo a thèid às — solais a chaidh a lasadh le gliocas no le fòghlam no le innleachd dhaoine, cha tèid an solas aige-san às co-dhiù a chionn gur h-e Solas na Beatha.
title | Solas an t-Saoghail |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p |
parent text | VI. Searmonan |