VII.
SGEULACHDAN
25. Craobh-òir agus Craobh-airgid.
Bha ann roimhe seo rìgh aig an robh bean dam b’ainm Craobh-airgid, agus nighean dam b’ainm Craobh-òir. Latha de na làithean chaidh Craobh-òir agus Craobh-airgid do ghleann far an robh tobar anns an robh breac.
Arsa Craobh-airgid, “A bhricein, a bhalaich bhig, bhòidhich, nach mise an aon bhan-righ as brèagha anns an t-saoghal?”
“O gu dearbh cha tu.”
“Cò eile?”
“Tha Craobh-òir, do nighean.”
Chaidh Craobh-airgid dachaigh agus an cuthach ga dalladh. Laigh i air an leaba, agus cha bhiodh i slàn gu bràth gus am faigheadh i cridhe agus grùthan Chraoibh-òir, a h-inghean, rin itheadh.
Aig beul na h-oidhche thàinig an rìgh dhachaigh, agus dh’innseadh dha gu robh Craobh-airgid, a bhean, glè thinn. Chaidh e far an robh i, agus dh’fhaighnich e dè bha ceàrr oirre.
“O, chan eil ach rud a dh’fhaodas tusa a leigheas, ma thogras tu.”
Gu dearbh, chan eil rud sam bith a b’urrainn dòmhsa dheanamh riut nach deanainn.”
“Ma gheibh mi cridhe agus grùthan Chraoibh-òir, mo nighean, rin itheadh, bidh mi slàn.”
Dh’fhalbh an rìgh agus chuir e a chuid ghillean dan bheinn-
sheilg a dh’iarraidh boc-goibhre, agus thug e a chridhe agus a ghrùthan da mhnaoi rin itheadh; agus dh’èirich i gu slàn fallain.
Dè thachair mun àm seo ach gun tàinig mac rìgh mhòir à thairis a dh’iarraidh Chraoibh-òir ri pòsadh. Dheònaich an rìgh ris a seo, agus dh’fhalbh iad thairis.
Bliadhna an dèidh seo chaidh Craobh-airgid dan ghleann far an robh an tobar anns an robh am breac.
“A bhricein, a bhalaich bhig, bhòidhich,” ars ise, “nach mise an aon bhan-righ as brèagha anns an t-saoghal?”
“O gu dearbh cha tu.”
“Cò eile?”
“Tha Craobh-òir, do nighean.”
“O, ma tà, is fhada sin bho nach eil ise beò. Tha bliadhna ann bhon dh’ith mi a cridhe agus a grùthan.”
“O gu dearbh, is ise nach eil sin marbh. Tha i pòsda aig prionnsa mòr thairis.”
Chaidh Craobh-airgid dhachaigh, agus dh’fheumadh an rìgh an long-fhada a chur air dòigh, gu robh ise a’ dol a choimhead a h-eudail, Craobh-òir, agus gur fhada bho nach fhac i i. Chaidh an long-fhada a chur air dòigh, agus dh’fhalbh iad.
Is i Craobh-airgid fhèin a bha air an stiùir, agus stiùir i an long cho maith agus nach robh iad fada sam bith gun thairis a ruigheachd.
Bha am prionnsa mach anns a’ bheinn-sheilg. Dh’aithnich Craobh-òir long-fhada a h-athar a’ tighinn. “O”, ars ise ris na seirbhisich, “tha mo mhàthair a’ tighinn, agus marbhaidh i mise.”
“Cha mharbh idir; glaisidh sinne staigh ann an seòmar thu far nach fhaigh i nad chòir.”
Is ann mar seo a bha; agus an uair a thàinig Craobh-airgid air tìr, agus a thòisich i air èigheachd, “Thig an coinneamh do mhàthar fhèin agus i air tighinn gad choimhead,” thuirt Craobh-òir nach b’urrainn di, gu robh i air a glasadh anns an t-seòmar, agus nach fhaigheadh i às.
“Nach cuir thu,” arsa Craobh-airgid, “Do mheur bheag a-mach air toll na h-iuchrach, agus gun toireadh do mhàthair fhèin pòg dhi?”
Chuir ise mach a meur, agus dh’fhalbh Craobh-airgid agus stob i bior nimhe innte, agus thuit Craobh-òir marbh.
An uair a thàinig am prionnsa dhachaigh agus a fhuair e Craobh-òir marbh, chaidh e gu mòr-mhulad uamhasach, agus leis cho brèagha agus a bha i cha do thìodhlaic e idir i, ach ghlais e staigh ann an seòmar i, far nach faigheadh gin sam bith ’na còir.
An ceann ùine phòs e rìs, agus bha an taigh uile fo làimh na mnà seo ach aon seòmar, agus bha e fhèin a’ gleidheil iuchair an t-seòmair sin. Latha de na làithean dhì-chuimhnich e an iuchair a bheir leis, agus fhuair an dàrna bean a-staigh don t-seòmar. Dè chunnaic i an sin ach an t-aon bhoireannach bu bhrèagha a chunnaic i riamh.
Thòisich i air a tionndan agus a feuchainn, agus thugadar an aire don bhior nimhe ’na meur. Thug i am bior aisde, agus dh’èirich Craobh-òir beò, cho brèagha agus a bha i riamh.
Am beul na h-oidhche thàinig am prionnsa dhachaigh às a’ bheinn-sheilg, a’ coimhead gu math tùirseach.
“Dè an geall,” ars a bhean, “a chuireadh tu rium nach toirinn gàire ort?”
“O gu dearbh, cha tugadh nì sam bith gàire ormsa ach Craobh-òir a thighinn beò.”
“O, ma tà, tha i beò agad shìos an sin anns an t-seòmar.”
An uair a chunnaic am prionnsa Craobh-òir beò, rinn e toileachas mòr agus thòisich e air a pògadh, ’s a pògadh, ’s a pògadh. Ars an dàrna bean, “Bhon as ise a’ chiad tè a bha agad, is feàrr dhuit leantail rithe, agus falbhaidh mise.”
“O, gu dearbh, chan fhalbh, ach bidh an dithis agaibh agam.”
An ceann na bliadhna chaidh Craobh-airgid dan ghleann far an robh an tobar anns an robh am breac. “A bhricein, a bhalaich bhig bhòidhich,” ars ise, “Nach mise an aon bhan-righ as brèagha anns an t-saoghal?”
“O gu dearbh cha tu.”
“Cò eile?”
“Tha Craobh-òir, do nighean.”
“O, ma tà, chan eil ise beò. Tha bliadhna ann bhon a chuir mi am bior nimhe ’na meur.”
“O gu dearbh is ise nach eil sin marbh; is i nach eil.”
Chaidh Craobh-airgid dhachaigh, agus dh’fheumadh an rìgh an long-fhada a chur air dòigh, gu robh ise a’ dol a choimhead a
h-eudail, Craobh-òir, agus gur fhada bho nach fhac i i. Chaidh an long-fhada a chur air dòigh, agus dh’fhalbh iad.
Is i Craobh-airgid fhèin a bha air an stiùir, agus stiùir i an long cho math agus nach robh iad fad sam bith gun ruigheachd.
Bha am prionnsa mach anns a’ bheinn-sheilg. Dh’aithnich Craobh-òir long a h-athar a’ tighinn.
“O,” ars ise, “tha mo mhàthair a’ tighinn agus marbhaidh i mise.”
“Cha mharbh idir,” ars an dàrna bean; “is ann a thèid sinn sìos ’na coinneamh.”
Thàinig Craobh-airgid air tìr. “Thig sìos, a Chraobh-òir, a ghaoil,” ars ise, “agus do mhàthair fhèin air tighinn gad ionnsaigh le deoch phrìseil.”
“Tha e ’na chleachdadh anns an dùthaich seo,” ars an dàrna bean, “gun toir an neach a bheir seachad deoch balgam e fhèin às an toiseach.”
Chuir Craobh-airgid a beul ris, agus dh’fhalbh an dàrna bean agus thug i dòrn da sìos a craos, agus thuit i marbh. Cha robh aca ach a giùlan ’na closaich mhairbh dachaigh agus a tìodhlacadh.
Bha am prionnsa agus a dhà mhnaoi beò fada an dèidh seo, gu toilichte agus gu rianail.
Dh’fhàg mise an sin iad.
title | Craobh-òir agus Craobh-airgid |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p |
parent text | VII. Sgeulachdan |