26. Na Trì Coin Uaine
Bha ann roimhe seo prionnsa agus a phiuthar. Chaochail an athair agus am màthair, agus bha iadsan a’ fuireach cuideachd. Bha am prionnsa dol a-mach gach latha dan mhonadh às dèidh nan caorach; agus mus fhalbhadh e dh’iarradh e air a phiuthair gun a falt a chìreadh no an uinneag thuath fhosgladh gus an tigeadh esan dachaigh.
Latha de na làithean cò thachair ris ach duine agus trì coin uaine aige.
“An ceannaich thu na coin seo bhuam? ”, ars an duine.
“Gu dearbh, chan eil dad agamsa bheirinn duit air an son.”
“An toireadh tu molt domh air an son?”
“Bheireadh, am fear as fheàrr a tha agam.”
Ma tà, thèid mise an urras nach gabh thu aithreachas airson
sin. Is iad na h-ainmeannan aca Fios, Luaths, agus Trom. An uair a thèid thu don bheinn-sheilg, cha bhi agad fhèin ach suidhe air cnoc agus na coin a chur air falbh, agus bidh fhios aig Fios far am bi na fèidh, agus beiridh Luaths orra, agus bheir Trom dhachaigh iad.”
Is ann mar seo a bha. Fhuair an duine am molt agus fhuair am prionnsa na coin. An ath mhadainn, leis an toileachas a bha air a’ phrionnsa dol a-mach a’ chiad uair dan bheinn-sheilg leis na coin, dhì-chuimhnich e innseadh da phiuthair gun a falt a chìreadh no an uinneag thuath fhosgladh gus an tigeadh esan dachaigh.
Ràinig iad a’ bheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa e fhèin air cnoc agus chuir e air falbh na coin. Bha fhios aig Fios far an robh na fèidh, rug Luaths orra, agus thug Trom dachaigh iad. Air an rathad a’ tighinn dachaigh, arsa Fios ra mhaighistir, “Dhì-chuimhnich thu an diugh innseadh do d’phiuthair gun a falt a chìreadh no an uinneag thuath fhosgladh gus an tigeadh tusa dachaigh; agus leis a sin, an uair a dh’fhalbh thusa, thàinig trì famhairean ga coimhead; rinn iad uamh fon taigh, agus toll troimh ’n ùrlar. Air an toll chuir iad scuttle (trap-door), agus air an scuttle cathair; agus rinn iad fhèin agus do phiuthar suas eatorra gun iarradh ise ortsa suidhe air a’ chathair, air chor agus gun tuiteadh tusa sìos anns an uaimh agus gun itheadh na famhairean thu. Ach gabh thusa mo chomhairle-sa agus na suidh idir air a’ chathair; agus an uair a bheir thu am brochan againne den teine, càirich air an scuttle e, agus thèid mi fhìn agus an dà chù eile an caraibh a chèile, cuiridh sinn car den phoit agus den scuttle, agus tuitidh am brochan mu chinn nam famhairean agus thèid an losgadh.”
Is ann mar seo a bha. An uair a thàinig am prionnsa dachaigh, thòisich a phiuthar air a ghaolachadh agus air a ghràdhachadh agus air iarraidh air suidhe air a’ chathair, gur cinnteach gu robh e sgìth às dèidh tighinn dachaigh às a’ bheinn-sheilg.
“Cha shuidh”, ars esan, gu maith greannach, “ach suidhidh mi far an togair mi fhìn.”
Dh’fhalbh e an uair sin agus thug e am brochan den teine agus chuir e air an scuttle e. Gu tubaisteach, chaidh na coin mun cheart àm a shabaid, agus cuireadar car den phoit agus den scuttle. Thuit am brochan sìos mu chinn nam famhairean, agus
a-mach air an doras a ghabh iad. A-mach às an dèidh ghabh am prionnsa agus na coin, agus dhall iad orra gus an do chuir iad a-staigh doras na h-uamha iad. Thill iad an sin dachaigh agus ghabh iad mu thàmh.
An ath mhadainn chaidh am prionnsa agus na coin dan bheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa fhèin air cnoc, agus bha fhios aig Fios far an robh na fèidh, rug Luaths orra, agus thug Trom dachaigh iad.
An uair a thàinig iad dachaigh, thuirt a phiuthar ris a’ phrionnsa, “Tha mi gad chur fo gheasa agus fo chroisean agus naoi buaraichean mhnathan-sìth, siùbhlach, seachranach, agus an laogh beag as meata, agus do chluas, agus do chaithe-beatha dhiot, mar tèid thu trì uairean às dèidh a chèile don uaimh agus trì glaodhan a thoirt aig an doras.”
An uair a chuir iad iad-fhèin air dòigh, chaidh am prionnsa agus na coin a’ chiad uair don uaimh am feasgar sin. Chaidh am prionnsa fhèin air muin Luaiths mus beireadh na famhairean air. Ràinig iad an uamh. Thug am prionnsa na trì glaodhan às. A-mach às an dèidh thàinig na famhairean, ach cha bheireadh a h-aon aca air Luaths. Chaidh Fios agus Trom an caraibh nam Famhairean agus mharbh iad aonan diubh. Chaidh iad an sin dachaigh agus ghabh iad mu thàmh.
An ath mhadainn chaidh am prionnsa agus na coin don bheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa fhèin air cnoc, agus bha fhios aig Fios far an robh na fèidh, rug Luaths orra, agus thug Trom dachaigh iad.
An uair a chuir iad iad-fhèin air dòigh, chaidh iad an oidhche sin a rìs don uaimh. Chaidh am prionnsa fhèin air muin Luaiths agus thug e trì glaodhan aig an doras. A-mach às an dèidh thàinig na famhairean, ach cha bheireadh a h-aon aca air Luaths. Chaidh Fios agus Trom an caraibh nam famhairean agus mharbh iad aonan diubh. An sin chaidh am prionnsa agus na coin dachaigh, agus gabhadar mu thàmh.
An ath mhadainn chaidh am prionnsa agus na trì coin don bheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa fhèin air cnoc agus bha fhios aig Fios far an robh na fèidh, rug Luaths orra, agus thug Trom dachaigh iad. An uair a fhuair iad iad-fhèin air dòigh, chaidh iad don uaimh an treas uair. Ghlaodh am prionnsa trì uairean aig an doras agus a-mach thàinig an t-aon fhamhair a dh’fhàg iad beò,
agus a phiuthar. Chaidh am prionnsa fhèin air muin Luaiths agus cha bheireadh am famhair air. Chaidh Fios agus Trom an caraibh an fhamhair agus mharbh iad e, agus theich piuthar a’ phrionnsa dachaigh. Chaidh iad an uair sin a staigh don uaimh, agus fhuair iad uidhir òir agus airgid agus a bheireadh Trom dachaigh.
An uair a thàinig am prionnsa dhachaigh, thachair a phiuthar ris anns an doras agus deoch phuinsein aice.
“Siuthad, a ghaoil,” ars ise, “agus òl an deoch mhath seo; is cinnteach gu bheil thu sgìth às dèidh crìoch a chur air na famhairean.”
Dh’òl e an deoch, agus cha luaithe dh’òl e i na thuit e marbh. Thòisich na coin car tacain air caoineadh agus air donnalaich ma thimcheall, agus an sin dh’fhalbh iad. Ghabh iad air an aghaidh a’ coiseachd gus an do ràinig iad tobar far an robh dithis dhaoine — aonan a’ lìonadh soithich leis an uisge, agus am fear eile ag amharc gu dùrachdach air.
“Dè,” arsa Fios, “tha sibh a’ deanamh mar sin?”
“O”, fhreagair am fear a bha a’ lìonadh an t-soithich, “is e tobar-leighis a tha seo, agus tha mi toirt deur den uisge don duine seo.”
“B’fheàrr leam,” arsa Fios, “gun toireadh tu deur dheth dhòmhsa.”
Fhuair e seo, agus tilleadar do thaigh a’ phrionnsa. Dhòirt iad an t-uisge air a’ phrionnsa agus dh’èirich e gu slàn, fallain.
“A-nis,” arsa Fios, “tha mi fhèin agus an dà chù eile a’ falbh.”
“O gu dearbh, chan fhalbh,” arsa am prionnsa; “bu mhòr m’fheum oirbh.”
“O ge tà, feumaidh sinn falbh,” arsa Fios, agus a-mach ghabh iad. As an dèidh ghabh am prionnsa ach ann am priobadh na sùla bha iad às an t-sealladh. Thug e còrr agus seachdain a’ sireadh air an son, ach sireadh esan gus am biodh e sgìth chan fhaigheadh e na coin.
Latha de na làithean mar a bha e a’ gabhail roimhe a’ coiseachd gu maith tùrsach airsnealach, cò a thachair ris ach an aon ghille òg a b’àillidhe chunnaic e riamh.
“Am faca tu trì coin uaine air feadh a seo?” ars am prionnsa.
“Chunnaic,” ars an gille òg; “an aithnicheadh tu iad ri am faicinn?”
“Bu choltach gum faithnicheadh,” ars am prionnsa.
“Ma tà, is mise Fios.”
“O gu dearbh cha tu.”
“Buail thusa an t-slatag seo orm trì uairean,” ars an gille òg, “agus fàsaidh mi am chù.”
Rinn am prionnsa seo, agus mar a thuirt an gille òg dh’fhàs e ’na chù. Bhuail e an t-slat a rithist air agus dh’fhàs e ’na ghille òg. Cò a thàinig an uair sin ach Luaths agus Trom ann an riochd ghillean òga!
“Co aca,” ars iadsan ris a’ phrionnsa, “as fheàrr leat sinn mar tha sinn an dràsd nar gillean òga na mar bha sinn roimhe nar coin?”
“Is docha leam sibh mar a tha sibh a-nis nur daoine. Fanaidh sibh a-nis còmhla rium gu bràth.”
“Tha eagal orm nach urrainn duinn,” arsa Fios; “Is e clann rìgh mhòir a tha annainn. Chaochail ar màthair o chionn fhada, agus chuir ar muime geasa oirnn gum biodh sinn nar coin gus an deanamaid na nithean sin a rinn sinn-fhèin agus thu fhèin. Tha sinn a-nis a’ dol dachaigh, agus thig thusa leinn agus gum faiceadh tu a’ phiuthar bhrèagh a tha againne.”
Dh’fhalbh iad, agus chòrd am prionnsa agus piuthar nan gillean cho maith ra chèile agus nach robh iad fada sam bith gun phòsadh. Dh’fhalbh piuthar a’ phrionnsa agus chan fhaca iad riamh tuilleadh i. Mar sin bha an taigh aig a’ phrionnsa agus a mhnaoi dhaibh fhèin; agus cho fada agus a dheanadh beairteas agus gaol eatorra fèin toilichte iad thèid mise an urras gu robh iad sin.
Dh’fhàg mise an sin iad.
title | Na Trì Coin Uaine |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p |
parent text | VII. Sgeulachdan |