27. Bhean Nach Bfhiach

Bha ann roimhe seo duine agus a bhean agus a nighean. Bha leannan eile aig a mhnaoi, agus, rud nàdurra, bha fear aig an nighinn cuideachd. Air an adhbhar sin bha abhean anabarrach toileach faotainn caoiteas am bodach aice fhèin; agus bha i daonnan afeuchainn ga chur air falbh, ach gu ruig an t-àm seo cha deachaidh aice air sin a dheanamh.

thachair man àm seo ach gun tàinig rìgh ùr thairis air an àite, agus, mar tha tric atachairt, cha robh e glè thoilichte le

[TD 122

thaigh-còmhnaidh. Chual abhean man robh sinn abruidhinn seo, agus falbhadar far an robh an rìgh.

Tha mi cluinntinn,” ars ise, “nach eil thu glè thoilichte le dthaigh-còmhnaidh.”

Tha an t-adhbhar sin agam,” ars esan.

Agus car son nach fhaigheadh tu fear ùr?”

Chan eil gin anns an àite seo a dheanadh fear ùr dhomh.”

Ma , an duine agamsa duit e. Neo-ar-thaing mur eil e leisg, ach, air son sin, is e cosnach math a tha ann. Ma dhiùltas e thu, cha bhi agad ach an claidheamh a chur ri uchd, agus thèid mise an urras gun dean e rud sam bith a dhiarras tu air.”

Ma , mo bheannachd agad,” ars an rìgh, “cuir nìos an duine agad thugamsa a seo.”

Dhfhalbh i, agus dhiarr i air an duine aice a dhol suas far an robh an rìgh.

Car son a bhiodh an rìgh gam iarraidh-sa?” ars an duine.

Is coltach leam,” ars ise, “gu bheil e an air thusa thogail taigh ùr da.”

Ma , sin rud nach urrainn dòmhsa a dheanamh.”

Mur a h-urrainn, thoir do chasan leat,” ars ise, “agus na faiceam thu tighinn an taobh seo tuilleadh.”

Dhfhalbh an duine bochd. Shìn e e fhèin ri taobh cnuic, agus tòisicheadar ri caoineadh. An teas-meadhon na caoinidh seo, thàinig far an robh e ach an seann duine liath bu bhrèagha a chunnaic e riamh.

A dhuine bhochd,” ars an seann duine, “chan eil thu ach gu maith tùrsach acoimhead.”

O, gu dearbh, tha an t-adhbhar sin agam.”

sin?”

Tha an rìgh ag iarraidh orm taigh ùr a thogail da, agus chan urrainn dòmhsa sin a dheanamh.”

Ma , falbh thusa, ghille ghasda, agus tomhais leis an t-slataig seo am meudachd a dhfheumas an taigh a bhith.”

Dhfhalbh an duine, agus cha bfhada air falbh e. Thug e tomhas an taighe dan t-seann duine.

Faodaidh tusa nis a bhith falbh,” ars an seann duine. “Bidh an taigh deiseil, air a thogail agamsa, mus èirich thusa am màireach.”

An uair a dhèirich an duine an làrna-mhàireach, fhuair e


[123]

air a thogail roimhe ach an t-aon taigh-còmhnaidh bu bhrèagha a chunnaic e riamh! Leum a chridhe le toileachas agus chaidh e dhachaigh agus dhinnis e da mhnaoi gun do thog e pàileas dan rìgh, agus pàileas brèagha cuideachd. Bha ise air a dorranachadh an uair a chual i seo, oir bha dùil aice nach burrainn da an taigh a thogail, gum marbhadh an rìgh e airson sin, agus gum faigheadh ise an sin a leannan a phòsadh.

Dhfhalbh i co-dhiù an dàrna uair far an robh an rìgh.

Ma ,” ars esan rithe, “is ann agad tha an duine snasail. Nam faiceadh tu am pàileas a thog e domh! Cha robh mi an dùil gun drachadh aig duine nàdurra sam bith air a leithid a dheanamh.”

Nach duirt mi sin riut! Ach car son nach eil loch agadsa air mullach achaisteil, far am biodh tu ag iasgach, mar a tha aig rìghrean mòra eile?”

O, chan eil gin anns an àite seo a burrainn sin a dheanamh dhomh.”

Ma , an duine agamsa duit e. Neo-ar-thaing mur eil e leisg, ach, air son sin, is cosnach math a tha ann. Ma dhiùltas e thu, cha bhi agad ach an claidheamh a chur ri uchd agus thèid mise an urras gun dean e rud sam bith a dhiarras tu air.”

Ma , mo bheannachd agad,” ars an rìgh, “cuir nìos an duine agad thugamsa an seo.”

Dhfhalbh i, agus dhiarr i air an duine aice dol suas far an robh an rìgh.”

Car son a bhiodh an rìgh gam iarraidh-sa?” ars an duine.

Tha, airson loch far am biodh e ag iasgach a dheanamh air mullach achaisteil.”

Ma , sin rud nach urrainn dòmhsa a dheanamh.”

Mur a h-urrainn, is ceart cho math duit dhol agus thu fhèin a riasladh, agus gum marbh an rìgh thu, ma dhiùltas tu e.”

Dhfhalbh an duine bochd. Shìn e e fhèin ri taobh cnuic, agus thòisich e air caoineadh. An teas-meadhan na caoinidh seo, thàinig far an robh e ach acheart seann duine liath a thàinig far an robh e roimhe.

Seadh, a dhuine bhochd, tha iad adeanamh ort a-nis?”

O, tha an rìgh ag iarraidh orm loch iasgaich a dheanamh air mullach achaisteil, agus chan urrainn dòmhsa sin a dheanamh.”


[124]

Ma , falbh thusa, ghille ghasda, agus tomhais leis an t-slataig seo am meudachd a dhfheumas an loch a bhith.”

Dhfhalbh an duine, agus cha bfhada air falbh e. Thug e tomhas an loch dan t-seann duine.

Faodaidh tusa nis a bhith falbh,” ars an seann duine; “bidh an loch deiseil, air a dheanamh agamsa, mus èirich thusa am màireach.”

An uair a dhèirich an duine an làrna-mhàireach, chunnaic e air a dheanamh air mullach achaisteil an t-aon loch bu bhrèagha a chunnaic e riamhe làn bhriceanan agus iad asnàmh agus aleumatraich gu beòthail anns an uisge. Chaidh e dhachaigh agus innsear da mhnaoi gun drinn e an loch dan rìghgur cinnteach gum biodh e toilichte a-nis, oir nach baithne dàsan rìgh aig an robh pàileas agus loch iasgaich cho brèagha ris.

An uair a chual a bhean seo, dhfhalbh i an treas uair far an robh an rìgh.

Ma ,” ars esan rithe, “is mi tha fadana do chomain airson an duine agad a churna mo rathad. Nam faiceadh tu an loch a rinn e domh! Mur a faicinn e le mo dhà shùil fhèin, cha chreidinn gum burrainn da a leithid a dheanamh.”

O, chan eagal nach dean e rud an uair a theannas e ris. Ach car son nach eil blaith-sheampuill agadsa, mar a tha aig rìghrean mòra eile?”

O, chan eil gin anns an àite seo a burrainn sin a dheanamh dhomh.”

Ma , an duine agamsa duit e. Neo-ar-thaing mur eil e leisg, ach, air son sin, is e an deagh chosnach a tha ann. Ma dhiùltas e thu, cha bhi agad ach an claidheamh a chur ri uchd, agus thèid mise an urras gun dean e rud sam bith a dhiarras tu air.”

Ma , mo bheannachd agad; cuir nìos an duine agad thugamsa an seo.”

Dhfhalbh i, agus iarrar air an duine aice a dhol suas far an robh an rìgh.

Car son a bhiodh an rìgh gam iarraidh-sa?” ars an duine.

Is coltach leam gu bheil e an air thusa a dheanamh blaith-sheampuill da.”

Ma , sin rud nach urrainn dòmhsa a dheanamh.”


[125]

Mur a h-urrainn, bheirinn-sa mar chomhairle ort cur às duit fhèin, agus gum marbh an rìgh thu ma dhiùltas tu e.”

O, gu dearbh, cha chuir mi às domh fhèinis mi nach dean sin! A bheil thu an dùil gu bheil mi cho beag faireachdainn agus gum fàgainn thusa leat fhèin anns an t-saoghal mhosach seo?”

Coma leat dhìomsa; thèid agam air an aire a thoirt orm fhèin. Ach is fheàrr duit a bhith falbh far a bheil an rìgh, mus bi e gabhail fadachd.”

Dhfhalbh an duine bochd. Shìn e e fhèin ri taobh cnuic, agus tòisichear ri caoineadh. An teas-meadhan na caoinidh seo thàinig far an robh e ach acheart seann duine liath a thàinig far an robh e roimhe.

Seadh, a dhuine bhochd, tha cur riut a-nis?”

O, tha an rìgh ag iarraidh orm blaith-sheampuill a dheanamh da, agus chan urrainn dòmhsa sin a dheanamh.”

Ma , ghille ghasda, innsidh mise duit ciamar a thu e. Tha leannan eile aig do mhnaoi, agus tha fear aig do nighinn cuideachd. Tha ròic mòr gus a bhith aig acheathrar aca an nochd, agus falbhaidh tusa dan bhàthaich, agus stobaidh tu bior anns an tarbh. Tòisichidh an tarbh ri geumnaich, agus thig do bhean a-mach a choimhead tha ceàrr. Ceanglaidh tu ise ri earball an tairbh. Thig an uair sin a leannan a-mach, agus ceanglaidh tu esan ri h-earball-se. Thig an uair sin do nighean a-mach, agus ceanglaidh tu ise ri earball-san. Stobaidh tu an sin am bior anns an tarbh, agus leigidh tu às da. Thèid esanna dheann-ruith, agus iadsan aslaodadh ris, sìos rathad achaisteil gus an tuit e anns an loch agus an tèid am bàthadh uile. Bidh am blaith-sheampuill agad an sin ullamh.”

Thug an duine mòran taing dan bhodach, agus dhfhalbh e dhachaigh. Chaidh e dan bhàthaich, agus stob e bior anns an tarbh. Thòisich an tarbh ri geumnaich, agus thàinig abhean a-mach a choimhead bha ceàrr ris. Rug an duine oirre agus cheangail e i ri earball an tairbh. Thàinig an sin a leannan a-mach, agus cheangail an duine e ri h-earball-se. Thàinig an sin an nighean a-mach, agus cheangail an duine i ri earball-san. Thàinig an sin a leannan a-mach, agus cheangail an duine e ri h-earball-se. Stob e an uair sin am bior anns an tarbh, agus mach a ghabh ena dheann-ruith suas rathad achaisteil gus na thuit e anns an loch agus an deachaidh am bàthadh uile.


[126]

An ath mhadainn chaidh an duine far an robh an rìgh a dhiarraidh air a thighinn a choimhead abhlaith-sheampuill. An uair a ràinig iad an loch leig an duine na cuirp fhaicinn dan rìgh, agus dhinnis e da gum be sin am blaith-sheampuill.

Thug an rìgh mòran beartais dan duine, agus a bharrachd air sin thug e a nighean da ri pòsadh. Bha leth na rìoghachd aige fhad agus bu bheò an rìgh, agus an rìoghachd uile an uair a chaochail an seann duine.

Dhfhàg mise an sin iad.

titleBhean Nach B’fhiach
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textVII. Sgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page