29. Iain, Mac an Tuathanaich

Bha ann roimhe seo tuathanach agus a bhean aig an robh mac nach robh glè ghlic dam bainm Iain. Bhiodh an tuathanach agus a chuid daoine dol a-mach gach latha dan mhonadh a dhobair agus, mu mheadhan latha, chuirteadh Iain gan ionnsaigh le


[134]

biadh ach, mar bu trice, bhiodh an t-anmoch ann mus ruigeadh Iain iad.

Latha de na làithean, an uair a bha an tuathanach dol a dhionnsaighobrach thuirt e ri mhnaoi i chuimhneachadh biadh a chur gan ionnsaigh an latha sin co-dhiù ann an àm riaghailteach, oir gu robh obair chruaidh rompa. O, is ise dheanadh sin, agus mu mheadhan latha lìon i sac eich le h-uile seòrsa bìdh agus chuireadh Iain air falbh leis.

Cha robh esan a bheag ach meadhan rathaid an uair a bhuail an t-acras e, agus cha robh ach na bha anns an t-sac itheadh agus tilleadh dhachaigh.

Cha bfhada a bha thu deanamh do ghnothaich,” ars a mhàthair ris.

O”, ars esan, “ge bfhada bhuam iadsan, cha bfhada thuca mise.”

Am beul na h-oidhche thàinig an tuathanach dhachaigh.

O”, ars esan ri mhnaoi, “nach mise a bha air mo nàireachadh an diugh, agus nach do chuir thu gearradh bìdh gar n-ionnsaigh, ged a bha sinn an impis ar cridheachan a sgàineadh le h-obair.”

Ma , is sibhse nach ruigeadh a leas sin, agus gun do chuir mi Iain gur ionnsaigh le loma-làn an t-saic de na h-uile seòrsa bìdh.”

Ma chuir, cha dràinig e sinne, ach ruith a-mach agus thoir a-staigh thugamsa an seo e.”

Rinn i sin.

,” arsathair, “a rinn thusa ris abhiadh leis an do chuir do mhàthair air falbh thu an diugh?”

Dhith mi ears Iain, “agus bfheumach air mi.”

Ma , bhon rinn thu a leithid, cha toir thu oidhche nas fhaide ann am thaigh-sa.”

Chan eil comas air,” ars Iain, “ach falbhaibh, athair, air mo shon-sa a dhionnsaigh ceàrdach nan seachd goibhnean, agus bheir sibh thugamsa an seo bata maith làidir iarainn.”

Dhfhalbhathair, agus cha bfhada air falbh e an uair a thill e le bata maith làidir iarainn. Chuir Iain siod ri ghlùn agus bhrist ena dhà sgonn e.

Cha dean am fear seo an gnothach, athair; rachaibh a dhiarraidh fir eile.”

Dhfhalbhathair, agus cha bfhada air falbh e an uair a thill e


[135]

le bata maith làidir iarainn na bu treise na am fear roimhe.

Chuir Iain siod ri ghlùn agus bhrist ena dhà sgonn e.

Cha dean am fear seo an gnothach, athair; rachaibh a dhiarraidh fir eile.”

Dhfhalbhathair, agus cha bfhada air falbh e an uair a thill e le bata maith làidir iarainn cho làidir agus a burrainn na seachd goibhnean ga dheanamh. Chuir Iain siod ri ghlùn, ach cha burrainn dha a bhristeadh.

am fear seo an gnothach,” ars esan. “Is mithich domh nis a bhith triall,” agus leis a sin thog e air agus dhfhalbh e. Ghabh e roimhe, acoiseachd, gus an tàinig e aig beul na h-oidhche gu taigh rìgh. thachair a-mach ris ach an rìgh fhèin!

Ciod e fàth do thurais, a bhalaich ghasda?” ars an rìgh.

Dhinnis Iain às da.

Thàinig mi o thìr nan crann, far an lìonmhor sonnIain, mac an tuathanaich mi, agus is e bàill leam a bhith sireadh mfhortain.”

Ma ,” ars an rìgh, “is mi tha toilichte gun tàinig thu. Tha buachaille-chruidh an (leg. dìth?) ormsa an dràsd agus theagamh gum biodh tusa deònach gabhail agam.”

Gabhaidh, is mi sin,” ars Iain.

Cùm ort, a sheòid,” ars an rìgh, “Gus an cluinn thu an toiseach na tha agam ri innseadh duit. Bidh agad ri dhol a-mach gach madainn leis achrodh a dhionnsaigh achaidh far a bheil trì famhairean agabhail còmhnaidh. Bidh iad seo daonnan agoid mo chruidh agus amarbhadh nam buachaillean air los agus gu bheil mi an impis a bhith creachte leo. Tha fios agad a-nis seòrsa obrach a tha thu dol a ghabhail fos làimh, agus, ma tha thu fhèin deònach a feuchainn, cuimhnich nach bi agad ri bhith cur iomchair ormsa ged dhèireadh an leibid duit.”

Thuirt Iain, olc no maith mar a dhèireadh da, gu feuchadh e co-dhiù. Is ann mar seo a bha.

An ath mhadainn chaidh Iain a-mach chon an achaidh leis achrodh agus thug e leis am bata mòr làidir iarainn. Cha bu luaithe ràinig e na chunnaic e am famhair mòr atighinn an caraibh achruidh.

A bhodaich dhàna,” ars Iain, “ an gnothach a tha agad ri crodh mo mhaighistir-sa?”

A bhalaich shuaraich,” ars am famhair, “ an gnothach a


[136]

bha agadsa tighinn leo an seo? Ach dhfhaodadh gun tugainn-sa ort e agus nach biodh tu idir air tighinn an rathaid seo a rithist.”

Trian mòr dhuit-sa agus trian beag dhòmhsa,” ars Iain, “is ma dhfhaoidte gun laigh an trian beag agamsa air do dhronnaig fhèin.”

Ghabh am famhair an caraibh Iain agus leis achiad bhuille chuir e a dhruim ri talamh.

A mhic rìgh no mhic ridire,” ars esan, “leigidh sinn air do chois thu agus feuchaidh sinn do dhruim ri talamh aon uair eile.”

Cha mhac rìgh no mac ridire mise,” ars Iain, “ach mac an tuathanaich.” Agus leis a sin rug e air abhata mhòr làidir iarainn, thug e sìos le uile neart e air ceann an fhamhair, agus bha siod aige air claisneach a dhroma air fuarachd na talmhainn.

Am bàs air do mhuin, a bhodaich! Ciod e tèirig?”

Chan eil èirig agam dhuit-sa co-dhiù,” ars am famhair.

Mur h-eil, is ceart cho maith marbh thu.” Agus cha bfhada ris a bha Iain.

Am beul na h-oidhche chaidh e dhachaigh leis achrodh agus cha robh uiread bhainne aca riamh agus a bha aca an oidhche sin. Bha iongantas mòr air an rìgh a chionn agus nach deachaidh Iain a mharbhadh leis na famhairean, agus fhuair e a mholadh agus fhìor-mholadh airson a thapachd.

An ath mhadainn chaidh Iain a-mach leis achrodh agus thug e leis am bata mòr làidir iarainn. Cha bu luaithe ràinig e na chunnaic e an dara famhair mòr atighinn an caraibh achruidh.

A bhodaich dhàna, gu an gnothach a tha agad ri crodh mo mhaighistir-sa?”

A bhalaich shuaraich, an gnothach a bha agadsa tighinn leo an seo, ach dhfhaodadh gun tugainn-sa ort e agus nach biodh tu idir cho geur air tighinn an rathaid seo a rithist.”

Trian mòr dhuit-sa agus trian beag dhòmhsa, is ma dhfhaoidte gun laigh an trian beag agamsa air do dhronnaig fhèin.”

Ghabh am famhair an caraibh Iain agus leis achiad bhuille chuir e a dhruim ri talamh.

A mhic rìgh no mhic ridire, leigidh sinn air do chois thu agus feuchaidh sinn do dhruim ri talamh aon uair eile.”

Cha mhac rìgh no mac ridire mi ach mac an tuathanaich,”


[137]

agus leis a sin rug Iain air abhata mhòr làidir iarainn, thug e sìos le uile neart e air ceann an fhamhair, agus bha siod air claisneach a dhroma air fuarachd na talmhainn.

Am bàs air do mhuin, a bhodaich! Ciod e tèirig?”

Chan eil èirig agam dhuit-sa co-dhiù.”

Mur h-eil,” ars Iain, “is ceart cho maith marbh thu.” Agus cha bu luaithe thuirt na rinn.

Am beul na h-oidhche chaidh Iain dhachaigh leis achrodh, agus bha uiread bhainne aca an oidhche sin agus nach robh de shoithichean aig an rìgh na ghleidheadh e. Fhuair e a mholadh agus fhìor-mholadh on rìghchan fhacas seise abhuachaille seo riamh!

An ath mhadainn chaidh Iain a-mach leis achrodh agus thug e leis am bata mòr làidir iarainn. Cha bu luaithe ràinig e na chunnaic e achailleach mhòr atighinn an caraibh achruidh. ’Na càirean àrd bha fhiacail mhòr fhada leis am biodh i abrodadh an teine agus le h-ìnean bhiodh i atogail na bhiodh a staigh de luaith.

A chailleach dhàna,” ars Iain, “fàg crodh mo mhaighistir-sa.”

A bhalaich shuaraich, an gnothach a bha agadsa tighinn leo an seo? Ged a chuir thu às do na fir, is feàrr duit mise a sheachnadh, no dhfhaodadh gun tugainn ort agus nach biodh tu idir cho geur air tighinn an rathaid seo a rithist.”

Trian mòr dhuit-sa, a chailleach, agus trian beag dhòmhsa. Is ma dhfhaoidte gun laigh an trian beag agamsa air do dhronnaig fhèin.”

Siod an caraibh Iain ghabh achailleach agus leis achiad bhuille chuir i a dhruim ri talamh.

A mhic rìgh no mhic ridire, leigidh sinn air do chois thu agus feuchaidh sinn do dhruim a chur ri talamh aon uair eile.”

Cha mhac rìgh no mac ridire mi ach mac an tuathanaich,” agus leis a sin rug e air abhata mhòr làidir iarainn, thug e sìos le uile neart e air ceann na caillich agus bha siod aige air claisneach a droma air fuarachd na talmhainn.

Am bàs air do mhuin, a chailleach; ciod e tèirig?”

O, leig às domh agus bheir mi duit cist làn òir agus cist làn airgid a tha am falach fo lic an teine.”

Bidh sin agam co-dhiù, a chailleach; ciod e tuilleadh?”


[138]

O, leig às domh agus bheir mi duit claidheamh òir -fhaobhair a ghearras leis achiad bhuille sam bith ris an cuir thu e.”

Bidh sin agam co-dhiù, a chailleach. Ciod e tuilleadh?” “O, leig às domh agus bheir mi duit coinneal òir leis am faic thu seachd mìle romhad agus seachd mìle às do dhèidh.”

Bidh sin agam co-dhiù, a chailleach; ciod e tuilleadh?”

Chan eil an còrr agamsa a bheirinn duit.”

Mur h-eil, is ceart cho maith marbh thu,” agus cha bu luaithe thuirt na rinn.

Chaidh Iain an sin a dhionnsaigh uamh nam famhairean agus fhuair e gach mar a thuirt achailleach.

Am beul na h-oidhche chaidh e dhachaigh leis achrodh agus bha uiread bhainne aca an oidhche sin agus nach mòr nach do bhàthadh cuid diùbhsan a bha gan leigeil. Fhuair Iain a mholadh agus cha dfhuair an còrr on rìgh.

An uair a thàinig Iain dhachaigh an ath oidhche leis achrodh, fhuair e abhanarach acaoineadh roimhe. Dhfhaighnich e bha ceàrr oirre.

O,” ars ise, “chuir fear de na daoine mòra fiadhaich anns an eilean ud thall mar coinneamh fios thun an rìgh an diugh gun tigeadh e a thoirt sgrios air an rìoghachd mar faigheadh e nighean an rìgh ri pòsadh, agus tha ise adol sìos chon achladaich an nochdna choinneamh. Tha còcaire caomh ruadh na feòla adol còmhla rithe agus, ma mharbhas e an duine mòr fiadhaich, bheir an rìgh da fhèin a nighean ri pòsadh.”

Na cuireadh nighean an rìgh dragh sam bith ort,” ars Iain. “Thèid mise an urras nach eagal di.”

Chaidh e an sin a dhionnsaigh uamh nam famhairean, agus thug e leis an claidheamh -fhaobhair agus achoinneal òir, agus thugar an cladach air far an robh nighean an rìgh. An uair a ràinig e, bha ise acaoineadh agus bha còcaire caomh ruadh na feòla an dèidh teicheadh leis an eagal. Thuirt Iain rithe gun eagal sam bith a bhith oirre, oir gu faiceadh esan sàbhailt i, gu robh esan adol a chadal car beagan ùine agus, an uair a chluinneadh i am famhair atighinn, i ga dhùsgadh agus, mur burrainn di sin a dheanamh, i a ghearradh dheth lùdag na làimhe clì.

Beagan an dèidh seo chuala nighean an rìgh sturn-starn stururaich-stararaich uamhasach. Dhèirich amhuirna mill


[139]

agusna beanntaibh agus thàinig dorchadas mòr air an àite. Dhfhalbh ise a dhùsgadh Iain ach, biodh i afeuchainn gum biodh i sgìth, siod cha dhùsgadh gus mu dheireadh am bfheudar di lùdag na làimhe clì a ghearradh deth. Dhèirich e an sin agus ghabh e an coinneamh an fhamhair. Chualas atighinn a-mach à dùbhlachd an dorchadais guth reasgach rasgach: “A bheil an rìbhinn as àlainne snuadh, an gruagach as blàithe sùil agus as deirge gruaidh, an seo?”

Tha i an seo, agus tha mise an seo cuideachd,” ars Iain, agus e alasadh na coinnle leis am faiceadh e seachd mìle roimhe agus seachd mìle às a dhèidh. Rug e an sin air achlaidheamh -fhaobhair leis an gearradh e le aon bhuille rud sam bith ris an cuireadh e e, agus mus dfhuair am famhair a chas air tìr spàrr e an ceann deth agus ceanghlar e air gad. Cha bu luaithe rinn e seo na dhfhalbh e gu balbh sàmhach, gun ghuth gun ghabadh.

An uair a chunnaic còcaire caomh ruadh na feòla gu robh am famhair air a mharbhadh, thàinig e far an robh nighean an rìgh agus cho-èignich e i gu ràdh ri h-athair gur esan a mharbh am famhair. Leis an eagal rinn ise seo.

An ath oidhche, an uair a thàinig Iain dhachaigh leis achrodh, fhuair e abhanarach acaoineadh roimhe.

A bheil thu mar seo agam a rithist?” ars Iain. “ tha cur ort an nochd?”

O,” ars ise, “chuir duine mòr fiadhaich eile anns an eilean ud thall fios thun an rìgh an diugh gun tigeadh e a thoirt sgrios air an rìoghachd mur faigheadh e nighean an rìgh ri pòsadh. Tha ise agus còcaire caomh ruadh na feòla adol sìos chon achladaichna choinneamh agus, ma thèid am fear seo a mharbhadh cuideachd, gheibh an còcaire, a bharrachd air nighinn an rìgh ri pòsadh, leth na rìoghachd.”

An uair chuala Iain seo dhfhalbh e a dhionnsaigh uamh nam famhairean, agus thug e leis achoinneal òir agus an claidheamh -fhaobhair agus rachar chon achladaich far an robh nighean an rìgh. An uair a ràinig e, bha ise acaoineadh agus bha còcaire caomh ruadh na feòla às dèidh teicheadh leis an eagal. Thuirt Iain rithe gun eagal sam bith a bhith oirre agus gu faiceadh esan sàbhailt i; gu robh esan adol a chadal car ùine bhig agus, an uair a chluinneadh i am famhair atighinn, i ga dhùsgadh agus,


[140]

mur burrainn di sin a dheanamh, i meur mheadhan na làimhe clì a ghearradh deth.

An ceann beagan ùine chuala nighean an rìgh sturn-starn stururaich-stararaich uamhasach. Dhèirich amhuirna mill agusna beanntaibh agus thàinig dorchadas mòr air an àite. Dhfhalbh ise a dhùsgadh Iain ach, biodh i feuchainn gum biodh i sgìth, siod cha dhùsgadh gus mu dheireadh am bfheudar di meur mheadhan na làimhe clì a ghearradh deth. Dhèirich e an sin agus ghabh e an coinneamh an fhamhair. Chualas atighinn a-mach à dùbhlachd an dorchadais guth reasgach rasgach: “A bheil an rìbhinn as àlainne snuadh, an gruagach as blàithe sùil agus as deirge gruaidh, an seo?”

Tha i an seo, agus tha mise an seo cuideachd,” ars Iain, agus e alasadh na coinnle leis am faiceadh e seachd mìle roimhe agus seachd mìle às a dhèidh. Rug e an sin air achlaidheamh -fhaobhair leis an gearradh e rud sam bith ris an cuireadh e e, agus mus dfhuair am famhair a chas air tìr, spàrr e an ceann deth agus ceanghlar e air gad. Cha bu luaithe rinn e seo na dhfhalbh e gu dubh-sàmhach, gun aon ghuth a ràdh. An uair a chunnaic còcaire caomh ruadh na feòla gu robh am famhair marbh, thàinig e far an robh nighean an rìgh agus cho-èignich e i gu ràdh ri h-athair gur esan a mharbh am famhair seo cuideachd.

An uair a thàinig Iain dhachaigh an ath oidhche leis achrodh, fhuair e abhanarach acaoineadh roimhe.

Ma ,” ars esan, “a dhaindeoin agus na chunnaic mi, do leithid airson caoinidh chan fhaca mi riamhach idir a tha cur ort an nochd?”

O,” ars ise, “chuir an treasa fear de na daoine mòra fiadhaich anns an eilean ud thall mar coinneamh fios thun an rìgh an diugh gun tigeadh e an nochd a thoirt sgrios air an rìoghachd mur faigheadh e nighean an rìgh ri pòsadh. Tha ise dol sìos chon achladaichna choinneamh, tha còcaire caomh ruadh na feòla adol còmhla rithe, agus ma mharbhas e am fear seo cuideachd a bharrachd air nighinn an rìgh fhaotainn ri pòsadh agus leth na rìoghachd còmhla rithe, gheibh e an rìoghachd uile an dèidh bàs an rìgh.”

An uair chuala Iain seo, rachar a dhionnsaigh uamh nam famhairean, thoirear leis achoinneal òir agus an claidheamh -


[141]

fhaobhair agus falbhar far an robh nighean an rìgh. An uair a ràinig e, bha ise acaoineadh agus bha còcaire caomh ruadh na feòla às dèidh teicheadh leis an eagal. Thuirt Iain ris an nighinn gun eagal sam bith a bhith oirre agus gu faiceadh esan sàbhailt i, gu robh esan adol a chadal car ùine bhig agus, an uair a chluinneadh ise am famhair atighinn, i ga dhùsgadh agus, mur burrainn di sin a dheanamh, i òrdag na làimhe clì a ghearradh deth.

An ceann beagan ùine chuala nighean an rìgh sturn-starn, stururaich-stararaich uamhasach. Dhèirich amhuirna mill agusna beanntaibh agus thàinig dorchadas mòr air an àite. Dhfhalbh ise a dhùsgadh Iain ach, biodh i feuchainn gum biodh i sgìth, siod cha dhùsgadh gus mu dheireadh am bfheudar di òrdagna làimhe clì a ghearradh deth. Dhèirich e an sin agus gabhar an coinneamh an fhamhair. Chualas atighinn a-mach à dubhlachd an dorchadais guth reasgach rasgach: “A bheil an rìbhinn as àlainne snuadh, an gruagach as blàithe sùil agus as deirge gruaidh, an seo?”

Tha i an seo, agus tha mise an seo cuideachd,” ars Iain, agus e alasadh na coinnle leis am faiceadh e seachd mìle roimhe agus seachd mìle às a dhèidh. Rug e an sin air achlaidheamh -fhaobhair leis an gearradh e sam bith ris an cuireadh e e, agus, mus dfhuair am famhair a chas air tìr, spàrr e an ceann deth agus ceanghlar e air aghad còmhla ris an cheann eile. Cheanghal e an gad ann an leithid a dhòigh agus nach burrainn neach sam bith ga fhuasgladh ach e fhèin. Thuirt e an sin ri nighinn an rìgh gun ise a phòsadh duine sam bith ach esan a dhfhuasgladh an gad air an robh na cinn agus, gun an còrr a ràdh, dhfhalbh e.

An uair a chunnaic còcaire caomh ruadh na feòla gu robh am famhair marbh, thàinig e far an robh nighean an rìgh agus thuirt e rithe gum marbhadh e i mur h-abradh i ri h-athair gur esan a mharbh am famhair seo cuideachd. Thuirt ise gun deanadh i sin. Rug an còcaire air aghad agus dhfhalbh iad dhachaigh còmhla.

Bha an rìgh cho toilichte a chionn agus gun deachaidh am fear mu dheireadh de na famhairean a mharbhadh agus nach biodh e idir riaraichte mar deanta abhanais an ceann na seachdain co-dhiù. Cha do chuir a h-aon den dithisna aghaidh agus is ann


[142]

mar seo a bha. Bha achuideachd cruinn agus dhfhaighnicheadh de nighinn an rìgh an robh ise deònach còcaire caomh ruadh na feòla a phòsadh. Thuirt i nach pòsadh i fear sam bith ach esan a dhfhuasgladh an gad air an robh cinn nam famhairean. Dheanadh còcaire caomh ruadh na feòla siodis e a dheanadhagus rug e air aghad ach, biodh e afeuchainn gu -bhràth, siod chan fhuasgladh. Dhfheuch an sin gach fear anns achuideachd e, ach bi sin an fhaoineis. Dhfhaighnich an rìgh an robh na seirbhisich uile cruinn còmhla an sin. Dhinnseadh da gu robh ach luidealach de bhuachaille agus nach fuasgladh esan an gad co-dhiù. Ach is e bha ann gun do chuireadh duine ga iarraidh.

Car son a bhiodh an rìgh gam iarraidh-sa?” ars Iain.

Ma , sin rud nach urrainn dòmhsa innseadh, car son a bhiodh an rìgh ag iarraidh leth-dhuine mar tha thusa.”

Is dòcha nach fhada gus am bi thusa nad leth-dhuine co-dhiù,” ars Iain, agus e acur achlaidheimh roimhe.

Bha an rìgh agabhail fadachd nach robh Iain atighinn agus chuir e teachdaire eile ga iarraidh.

Car son a bhiodh an rìgh gam iarraidh-sa?” ars Iain.

Chan urrainn fear anns achuideachd an gad air a bheil cinn nam famhairean fhuasgladh agus tha an rìgh deònach gu feuchadh tusa.”

Ma , ghille chòir, nan robh na teachdairean eile air bruidhinn cho modhail riutsa, cha tàinig aon tubaist orra.”

Thàinig Iain a-staigh am measg na cuideachd. Rug e air aghad agus cha bfhada ga fhuasgladh e. Dhinnis nighean an rìgh a h-uile car mar a thachair agus cha robh ach gu feumadh a h-uile a chur ceart. Rugadh air còcaire caomh ruadh na feòla, riasladh eadar eachaibh e, losgadh eadar thinnean e, agus leigeadh an luaith leis aghaoith. An ceann beagan làithean phòs Iain agus nighean an rìgh. Rinneadh banais shunndach èibhinn aighearach, agus fad seachd latha na seachdain cha robh ach cuirm air muin cuirme. Fhuair Iain an dàrna leth den rìoghachd. An dèidh bàs an rìgh bha an rìoghachd uile gu lèir aige.

Dhfhàg mise an sin iad agus, mur do shiubhail iad bhuaith sin, tha iad beò fathast.

titleIain, Mac an Tuathanaich
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textVII. Sgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page