[143]

30. An Ridire Cam

Latha bha Fionn Mac Cumhail anns abheinn-sheilge, e fhèin agus an Fhèinn, chunnaic ena shuidhe air cnoc, agabhail na grèine, ach an Ridire Cam. Bheannaich Fionn da ann am briathraibh mìne, modhail, mèinneach, agus bheannaich an Ridire dhàsan an comain nam briathran ceudna, agus mur biad a bfheàrr, cha biad idir bu mhiosa anns an àm. “Ma , a Ridire,” arsa Fionn Mac Cumhail, “tha aghrian a-nisna h-àirde, agus chan fhaca sinn feaman fèidh fhathast, no idir guala gaisgich, gus an do thachair sinn ort fhèin.” “Nach iomadh rud nach fhaic an shùil, a laochraidh na Fèinne,” ars an Ridire Cam; “tha mise mi fhèin air leth-shùil, ach chithinn fiadh, nam biodh sannt fhiadh orm, agus anns acheart uair chì mi gaisgeach nach fann seachd monaidhean air falbh.” Thug Fionn sùil uaithe. “Tha buidhe is uaine mu dhà ghualainn,” ars esan. “Agus baobach (tuathail) orm gu bràth,” arsa Diarmad O Duibhne, “mur eil an claidheamh aige cromadh no cromadh gu leth nas fhaide na mo chlaidheamh fhèin.” “Agus tha beàrn anns acheart chlaidheamh sin,” ars Caoilte Mac Rònan, “anns an cuirinn ròineag de mfhalt.” “Agus chì mi mheanbh-chuileig aruideisna fheusaig,” arsa Conan Maol, agus e leigeil glag mòr gàire às fhèin. “Nach iomadh rud nach bi ann a chì an shùil,” ars an Ridire Cam; “is e tha sibhse afaicinn ach bun craoibhe, a laochraidh na Fèinn! Chan eil mi fhèin ach air leth-shuil, ach chì mi faileas aghaisgich anns an fhraoch, agus e fhèinna chrùban air cùl creige,” “Faileas ann no às,” ars Diarmad O Duibhne, “togamaid às a dhèidh.”

Mach a thog iad ri bruthach agus ri ath-bhruthach, agus ma bha Caoilte Mac Rònan an impis càch a dhalladh leis na fòidean a bha e tilgeil an dèidh a shàlach, theabas e fhèin a dhalladh leis na fòidean a bha curs acathadh o shàiltean an Ridire Chaim. An uair a ràinig an Fhèinn an t-àite, thàinig a-mach o chùl na creige ach an Ridire! “Càite bheil an gaisgeach a chunnaic thu?” arsa Fionn ris. “Tha e an seo,” ars an Ridire Cam, “ ’na sheasamh air bonnaibh mo dhà chois.” “Ma , bu tu fhèin an gaisgeach agus an làn-ghaisgeach,” arsa Fionnma chunnaic thu thu fhèin an cùl na creige, agus thu seachd monaidhean air falbh anns an àm.” “Nach fhaod fear sam bith,” ars an Ridire


[144]

Cam, “an a ta ann fhaicinn, ach is gnìomh gaisgich an sin fhaicinn tha dol a bhith ann.” “Chan eil agam fhèin idir air na dubh-fhacail sin,” arsa Diarmad O Duibhne, “ach bfhìor thoigh leam annas do làimhe fhaicinn, is tu air chùl claidhimh, mun tèid aghrian fodha.” “Bhon is tu fhèin a ta ga iarraidh, a Dhiarmaid,” ars an Ridire, “cuir an tàmailt orm agus mi fhèin an còrr.” “Tha thu cam, a Ridire,” arsa Diarmad. “Cho cam agus gu bheil mi,” ars an Ridire, “chan fhaca mi riamh bun craoibhe agiùlan claidhimh.” “ mi fhèin an còrr,” arsa Diarmad. Agus an caraibh a chèile ghabh iad.

Dheanadh iad bogan den chreagan, creagan den bhogan,
Sitheadh a-null, sàthadh a-nall,
Gliog agus glag o bhàrr gu bun,
Air an leum bheag dol fodha gu glùn,
Air an leum mhòr dol fodha gu sùil,
S iad adùr-liodradhs acruaidh-leadradh an cuid cholann caomha.
S latha gabhail seachad siar.

Mu dheireadhs mu dhiù, thug an Ridire Cam an togail bheag, bheadrach, shoilleir air fhèin, agus chaidh a chlaidheamhna dhearg-lasair le gèiread a ghleòis. “Tha gu leòr aige nis, a Ridire Chaim,” arsa Fionn Mac Cumhail. “A Dhiarmaid, a bheil an Ridire cam a-nis?” “Cho cam ris an iolaire an dèidh na cairbhinn,” arsa Diarmad. “Ma , a Dhiarmaid,” ars an Ridire Cam, “nan robh thu fhèin air leth-shuil mar tha mise, chuirinn ceithir ranna ruadh an domhain mhòir eadar mi fhèin agus annas do làimhe, nam biodh còmhrag fa-near dhuit.”

Dhfhàg mise na gaisgich an siod, amoladh agus ag ath-mholadh cach a chèile.

titleAn Ridire Cam
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textVII. Sgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page