31. Mac na Bantraich agus Rìgh na h-Eireann
Bha rìgh uair ann an Eirinn dam b’ainm Logaidh Lainnseach, agus ged a bha ceithir ranna na h-Eireann aige air a lùdaig, bu shuarach leis fonn no fearann no fàsach, seach an riobag bu mhiosa de fhalt, ma bha miosad ann, rud nach robh. Cha robh latha dh’èireadh e, fhad ’s a bhiodh a’ ghealach ’na fàs, nach
cuireadh e fios air h-aon de na gillean òga anns a’ choimhearsnachd e thighinn thun a’ phàileis a chìreadh no a bhearradh fhuilt, ach is e seo an nì a bha cur an iongnaidh air an t-sluagh. Ma chunnacas fear an dèidh fir de na gillean òga dol suas thun a’ phàileis, chan fhacas fear no fear diubh, no bloigh de dh’fhear aca, a’ tilleadh dhachaigh.
Mu dheireadh thàinig fios gu mac bantraich a dhol suas a bhearradh agus a chìreadh gruaig an rìgh, agus, ma thàinig, chaidh a’ bhantrach ’na boil ’s ’na dubh-bhreislich. An uair a shocraich i, smaointich i gu rachadh i fhèin a choimhead air an rìgh a dh’fhaicinn dè ghabhadh deanamh às leth a mic. “Ar leam, a bhean,” ars an rìgh, “gu bheil thu ann an trioblaid.” “Le ’r cead, a rìgh,” ars ise, “chan iongantach ged a bhitheadh. Chunnaic mi bruadar na dunaidh an raoir — m’aona mhac a bhith marbh, agus ged bu chruaidh sin is e leòn mi buileach sibh fèin, rìgh na h-Eireann, a bhith marbh ra thaobh.” “Ud, ud, a bhean,” ars an rìgh, “feumaidh sinn seòl a dheanamh air do mhac a chumail beò. Tha e tighinn an seo an diugh a bhearradh m’fhuilt, ach mas maith a thig e, is ro-fheàrr a dh’fhalbhas e.”
An ceann treise chaidh mac na bantraich suas don phàileas a bhearradh falt an rìgh. “Nis, a mhic na bantraich,” ars an rìgh, “tha nì beag agam ri ràdh riut. Is iomadh rud a cheileas duine marbh nach ceil duine beò, ach gheall mi do d’mhàthair gu fàgadh tu an taigh seo gu slàn fallan, agus, mar a gheall, nì. Ach a mhic na bantraich, air do cheann is air do chluais is air do chridhe, bheir thu do mhionnan agus do bhòid an ceart làrach nam bonn nach innis thu gu bràth no ’na dhèidh sin nì sam bith a chì no chluinneas tu anns an taigh seo.” Air ghaol a bheatha rinn mac na bantraich mar dh’iarradh air. Bheàrr agus chìr e falt an rìgh, agus thill e dhachaigh am beul na h-oidhche, is cliabh de bhuinn òir air a mhuin.
Ach, ma thill, cha b’ann gu ceol-gàire. Dè th’agaibh air ach gun tàinig tinneas air, agus thàinig e gu pràmh agus caitheamh air, ’s cha robh ibeag no ubag a dheanadh feum dha. Mu dheireadh chaidh a mhàthair far an robh fiosaiche ainmeil aig an robh an dà thrian sin den Sgoil-dhuibh a bhiodh aig fiosaichean eile agus trian a thuilleadh air an fhear a b’fheàrr dhiubh. “Tha fhios agam glè mhaith,” ars am fiosaiche, “dè tha ceàrr air do mhac; tha cuthag ’na inntinn agus cha toir i fois dha gu bràth
gus an innis e an nì sin a tha Logaidh Lainnseach, rìgh na h-Eireann, a’ cleith air an t-saoghal.” “Chan fhaod sin a bhith, fhir na Sgoile-duibhe,” ars a’ bhantrach. “Thug mo mhac mionnan is bòid nach innseadh e gu bràth no ’na dhèidh sin.” Ma tà, a bhantrach chòir,” ars am fiosaiche, “seo mo chomhairle dhuit. Rachadh do mhac thun na coille ud thall agus innseadh e don chraoibh as fheàrr leis fhèin an nì sin a tha Logaidh Lainnseach, rìgh na h-Eireann, a’ cleith. Cuiridh sin a’ ghlas-ghuib air a’ chuthaig a ta ’na inntinn.”
Chaidh mac na bantraich, mar a dh’iarradh air, thun na coille; chunnaic e craobh mhòr ’na seasamh leatha fhèin, agus i ùr-mharbh, agus dh’innis e don chraoibh sin gu bog sàmhach an sgeul beag sin a bha Logaidh Lainnseach, rìgh na h-Eireann, a’ cleith air an t-saoghal. Cha bu luaithe rinn e seo na fhuair e fois on chuthaig a bha ’na inntinn agus, mar a robh e na b’fheàrr na bha e roimhe, cha robh e co-dhiù dad na bu mhiosa.
Dè thachair mun cheart àm seo ach gun do chuir Logaidh Lainnseach, rìgh na h-Eireann, roimhe gun deanadh e cuirm a chuireadh iongantas air an t-saoghal gu lèir, agus thug e sanas don chruitire gu feumadh an ceòl a bhith cho maith ris a’ bhiadh agus gu fòghnadh sin. Ach an rud a bhios an dàn tachraidh e, agus gu tubaisteach bhrist an cruitire a chlàrsach agus thàinig air tè ùr a dheanamh dha fhèin. Chaidh e nunn don choillidh, agus dè chunnaic e ach craobh mhòr ioma-dhuilleagach, agus i ’na seasamh leatha fhèin. “Seo mo chraobh-sa,” ars esan; “nì mi clàrsach aisde seo a chuireas uiread de dh’iongantas air an t-saoghal agus a chuireas còcaire caol ruadh na feòla le chuid còcaireachd!” Ach a dheanamh sgeòil ghoirid dheth, thàinig latha mòr na cuirme mu dheireadh, agus chruinnich rìghrean an domhain mhòir gu lèir, agus a h-uile fear eile a b’fheàrr na chèile fo na rìghrean, an ceann a chèile los a bhith cur ’s a’ caitheadh na cuirme còmhla ri Logaidh Lainnseach, rìgh na h-Eireann. An uair a bha iad sgìth ag ithe agus ag òl, agus sogan beag baoth beartach air gach aon diubh, ghlaodh Logaidh Lainnseach, rìgh na h-Eireann, air a’ chruitire dol air ghleus. Ach cha luaithe rug an cruitire air a’ chlàrsaich na thòisich i air seinn, às a ceann fhèin, an sgeul beag sin a bha Logaidh Lainnseach a’ cleith air an t-saoghal, ach a dh’innis mac na bantraich do’n chraoibh mhòir ioma-dhuilleagach às an deachaidh a’ chlàrsach a
dheanamh. Fheara ’s a dhaoine, òbh, òbh, òbh, ach a’ ghleadhraich ’s a’ ghliogadaich ’s a’ ghlaodhaich a bha sin! Gu fìrinneach, dhùisgeadh iad na mairbh agus bhòdhradh iad am fear nach d’rugadh, agus le dubh-eagal mo bheatha thug mise mo chasan leam agus, cho fìor ris a’ bhàs, chan fhios dhomh thun an latha ’n diugh dè air thalamh a thachair ’na dhèidh sin.
title | Mac na Bantraich agus Rìgh na h-Eireann |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p |
parent text | VII. Sgeulachdan |