VIII

SGEULACHDAN LEASAICHTE

32. Oisean an dèidh na Fèinne
(Version A)

Bha Oisean leis fhèin an dèidh na Fèinne, ’s e dall, ’s an aois ga chromadh sìos, ’s be aon mhiann a chridhe gu faiceadh e aghrian aon uair eile ag èirigh air chùl nan cnoc san àird-an-ears asiubhal troimh na speuran gus a laigheadh i san àird-an-iar san fheasgar. Mun goireadh an coileach samhadainn rachadh Oisean gu cnocan soilleir ri cùl gaoithes ri aodann grèine, ’s dhfhanadh e an sin thrian den latha los an sealladh bu mhiann leis fhaotainn. Mu fheasgar thilleadh e dhachaigh, sgìth, fann, airsneulach, oir bionnan soilleir is doilleir do shùilean Oisein.

Latha de na làitheans e Di-dòmhnaich na Càisg a bhann, ’s bha Pàdraig ag ùrnaigh ann an ceann shìos an taighe agus Oisean sacheann shuas ag innse sgeul mu ghaisge na Fèinne. Ann an teis-meadhan achòmhraidh ghrad leum Oisean chon an dorais.

Than uiseag agairm,”

ars esan, ’s thugar ceum air aghaidh.

Than latha glasadh”,

ars esan a rithist, ’s thugar an ath cheum air aghaidh.


[148]

“ ’S aghrian ag èirigh,”

ars esan, ’s thugar an treasa ceums bha e air achnocan shoilleir. Shuidh e an siod o mhoch gu dubh, ’s bhashùil isaire air aghrèin gus an deach i fodha saChuan-an-iar as t-oidhche.

Thàinig Pàdraig far an robh e. “Ciod a chunnaic thu?” ars esan ri Oisean.

Oisean:

Badan ceò anns an iarmailt
S aghaidh mhìngheal ga shoills’,
S mura Fionn e, ’s en Rìgh e
Choisinn cìos leis an Airionn.”

Seall a rithist, Oisein,” arsa Pàdraig.

Oisean:

Chì min ceò air theine,
S ma thig e nas teinne,
Cha bhi beò an seo.”

“ ’S ciod an sgeul air Oisean fhèin?” arsa Pàdraig.

Oisean:

Muir atràghadhs alìonadh
S aghrian ag iarraidh gu cuan;
Muir atràghadhs alìonadh
S Oisean ag iarraidh gu suain.”

“ ’S math an sgeul e,” arsa Pàdraig.

Pàdraig:

An diugh Di-dòmhnaich na Càisg,
An diugh shaoradh Crìosd on abhàs,
S thug e solas dhan dall
Agus iùl dan bhair chall — ’S faodaidh Oisean a-nis dhol mu thàmh.
O faodaidh Oisean a-nis dhol mu thàmh.”


[149]

An oidhche sin chaidil Oisean.


Oisean an dèidh na Fèinne
(Version B)

Bha Oisean leis fhèin an dèidh na Fèinne. Bha e dall, ’s an aois air a mhuin. Be aon mhiann a chridhe aghrian fhaicinn aon uair eile ag èirigh samhadainn air aghaidh nam beann anns an àird-an-ears asiubhal troimh na speuran gus a laigheadh i feasgar cùl nan tonn anns an àird-an-iar. Mus goireadh an coileach ruadh anns amhadainn, rachadh Oisean gu cnocan gorm ri cùl gaoithes ri h-aodann grèine, ’s dhfhanadh e an sin thrian den latha los an sealladh bu mhiann leis fhaotainn. An ciaradh an fheasgair thilleadh e dhachaigh, sgìth, fann, airsnealach, is aogasg cho gile ris aghrèin nach fhac e. Latha de na làithean, is e Di-Dòmhnaich na Càisg a bhann, bha Pàdraig an ceann shìos an taighe ris na h-ùrnaigheans bha Oisean anns acheann shuas ris na sgeulachdan, ’s bha iad le chèilenan làn-shiubhal. An teis-meadhan an t-seanachais ghrad-leum Oisean chum an dorais.

Than uiseag agairm,”

ars esan, ’s thugar ceum air n-adhart

“ ’S an lathglasadh,”

s thugar an ath-cheum air n-adhart

“ ’S aghrian ag èirigh,”

s thugar an treas ceums bha ena sheasamh air achnocan gorm. Shuidh e an siud o mhoch gu dubh, a shùil is aire air aghrèin gus an deach i fodha anns achuan-shiar am beul na h-oidhche. Thàinig Pàdraig far an robh e.

Ciod a chunnaic thu?” ars esan ri Oisean.
Muir atràghadhs alìonadh
S aghrian ag iarraidh gu cuan,
Muir atràghadhs alìonadh
S Oisean ag iarraidh gu shuain.”


[150]

Is maith an sealladh e,” arsa Pàdraig

An diugh Di-Dòmhnaich na Càisg,
An diugh shaoradh Crìosd on abhàs,
S thug e solas dan dall
Agus iùl dan bhair chall — ’S faodaidh Oisean a-nis dhol mu thàmh.
O faodaidh Oisean a-nis dhol mu thàmh!”

An oidhche sin chaidil Oisean.

titleOisean an dèidh na Fèinne
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textVIII. Sgeulachdan Leasaichte
<< please select a word
<< please select a page