33. Gaisgeach na Sgèithe Deirge

Bha ann roimhe seo Rìgh Eireann, ’s dhfhalbh e fhèins a shluaghs a laochraidhs a mhaitheans a mhòr-uaislean don bheinn shithinn agus sheilg. Shuidh iad, ’s iad sgìth fann airsnealach, air cnocan dath-uaine daite, far an èireadh grian gu moch agus an laigheadh i gu h-anmoch. Bha na mial-choin air lomhainns na gaisgich air an uilinn, agus an dèidh dhaibh an cuibheas a ghabhail de bhiadhs de dhibh, thuirt an rìgh gum bait leis fhèin a-nis treis air cantainn nan sgeul, los togail cinn is cridhe thoirt daibh. Chaidh an cruitire air ghleus:

Sheinneadh e puirt is uirt is cruitean,
Ruitheanna teudor, ruitheanna tairteil,
Curaidheans laoich is aoig mun casan,
Aoig is ainn is boil is buaireas,
S gun cuirteadhna shìor shuain
An saoghal mòr gu lèir
Le binnead aphuirt shìogaidh
A sheinneadh an cruitire.

Ars am fear bu luaithe beul na chèile: “Bha iad ann gun teagamh, curaidheans laoich is aoig mun casanach nis, ann an ceithir ranna ruadh an domhain, aig am biodh a chridhe tàir agus tailceas a dheanamh air Rìgh na h-Eireann, ’s e am meadhan slòigh agus laochraidh, mòr-uaislean is maithean a rìoghachd fhèin?” “Nach amaideach sibh,” ars an rìgh; “dhfhaodadh e tighinn, fear a dheanadh tàir agus tailceas


[151]

ormsa, ’s nach burrainn sibh an rioba bu mhiosana fheusaig a thoirt aisde.”

Mun gann a bha na facail mach às a bheul, chunnacas dùbhradh froise an iomall achuain, atighinn on àird-an-iars atriall don àird-an-ear — ’s marcaiche fàlaire duibhe tighinn gu sunndachna dèidh.

Mar a bu churaidh air tìr nan slèibhte,
Mar reul air na rionnagan,
Mar mhuir mòr air lodannan,
Mar ghual guibhne gobha
Ga bhàthadh aig taobh na h-abhann,
S ann mar sin a dhamhairceadh fir agus mnathan an domhain làmh ris,
An dealbhs an dreachs an cruths an aogas.

Labhair e riu, mar a bfheàrr a baithne da, am briathra fiosnacha, foisneacha, fìor-ghlic, fìor-eòlais, ’s mun robh an tuilleadh seanachais eatorra, cuirear thairis an dòrn, buailear an rìgh eadar am beuls an t-sròn, cuirear trì fiaclan às, ceaparna dhòrn iad, cuirearna phòc iad, falbhar mar thàinig an dùbhradh froise. ] “Nach dubhairt mi,” ars an rìgh, “gum faodadh e tighinn fear a dheanadh tàir agus tailceas ormsa, ’s nach burrainn sibh an rioba bu mhiosana fheusaig a thoirt aisde.” [Bhòidich an seo a mhac mòr, Ridire Chùirn, nach itheadh e biadh, ’s nach òladh e deoch, ’s nach èisdeadh e ceòl, gus an tugadh e bhàrr aghaisgich a bhuail an dòrn air an rìgh an làmh a bhuail. “An t-aon ceudna dhòmhsa,” arsa Ridire Chlaidhimh, “gus an toir mi dheth an ceann a dhealbh.” “An t-aon ceudna dhòmhsa,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge, agus e am broilleach na cuideachd, “gus an toir mi às an cridhe smaointich. ” ] “Thusa, bheathaich mhosaich,” arsa Ridire Chùirn, “ bheireadh tusa leinn? Nuair a rachamaid-ne air thapadh, rachadh tusa air mhì-thapadh. Gheibheadh tu bàs am mòintich bhuig, non sgeilpe chreag, non talamh toll, non sgàth gàrraidh, non àit-eigin.” “Biodh sins a roghainn da ach falbhaidh mi,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. [Thog dithis mhac an rìgh orra, ’s ghabh iad cam-lorg nan liath-chearc chon na h-àird-an-iar. ] Sùil gun tug Ridire Chùirn às a dhèidh, faicear Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge gan leantainn. “,”


[152]

arsa Ridire Chùirn ri Ridire Chlaidhimh, “a sinn ris?” “,” arsa Ridire Chlaidhimh, “an ceann a sgathadh deth.” [Cha dean sinn idir e,” arsa Ridire Chùirn, “is ann a chuireas sinn an dubh-chapall air.” Rinneadh seo gu breodail, agus mach a ghabh dithis mhac an rìgh. Sùil gun tug Ridire Chùirn às a dhèidh, faicear Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge gan leantainn. “ idir a sinn ris?” ars esan ri Ridire Chlaidhimh. “ dìreach,” ars am fear eile, “an ceann a sgathadh deth.” “Cha dean sinn idir e,” arsa Ridire Chùirn, “is ann a chuireas sinn ceangal nan trì chaoil air.” Rinneadh seo, agus ghabh dithis mhac an rìgh rompa, acoiseachd. Sùil gun tug Ridire Chùirn às a dhèidh, faicear Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge gan leantainn. “Braidean dubh,” ars esan, “n t-aon fon ghrèin ghil a sinn ris?” “ dìreach,” arsa Ridire Chlaidhimh, “an ceann a sgathadh deth. ” ] “Ma ,” arsa Ridire Chùirn, “cha dean sinn sin; ach tha carragh mòr cloiche shuas an seo agus ceanglaidh sinn ris e.” “Tha mi toileach sin fhèin a dheanamh,” ars am fear eile. Cheangail iad ris acharragh chloich e, an los fhàgail gus am bàsaicheadh e, ’s ghabh iad air falbh. Sùil gun tug Ridire Chùirn a rithist às a dhèidh, faicear atighinn e, ’s an carragh air a mhuin. “Nach fhaic thu nis am fear sin atighinn a rithists an carragh air a mhuin,” arsa Ridire Chùirn ri Ridire Chlaidhimh; “ sinn ris?” “, an ceann a sgathadh deths gun a leigeadh nas fhaide,” arsa Ridire Chlaidhimh. “Cha dean sinn sin,” arsa Ridire Chùirn, “ach tillidh sinn agus fuasglaidh sinn an carragh dheth. Is suarach dar leithid-ne de dhà làn-ghaisgeach ged a bhiodh e leinn; e fear ghlanadh sgiath, no shèideadh thùrlach, no rud-eigin.” Dhfhuasgail iad e agus thug iad leo e. Ghabh iad sìos an seo chon achladaich. [Cò thachair riu ach Gruagach nan Cumha. Labhair iad ris am briathra fiosnacha, foisneacha, filidheach, fìor-ghlic, fìor-eòlais, agus fhreagair esan anns na briathra ceudnas mur biad a bfheàrr cha biad idir bu mhiosa san àm. “Bu mhiann leinn,” ars iadsan ris, “an t-aiseag fhaotainn an seo.” “Cha bhi chion oirbh,” ars esan:

Is leamsa an long
As fheàrr chuireas tonnna dèidh;
Stiùirna deireadh, siùilna toiseach,
Beairtna buills iad uile rèidh.


[153]

Innis duinn fàth do choibhneis,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Cha dhuilich sin,” arsa Gruagach nan Cumha, “an ceann seachd latha na seachdain, thig sibh gu h-Eilean na Fiacais, ’s ma chì sibh Ailleagan nam Ban an sin, is nighean dòmhsa i. Tha mi gur cur fo gheasa agus fo chroise gun a fàgail air an eilean.” Fhuair e an sin an long ris an abradh iad an Iùbhrach Bhallach. ]

Chuir iad a-mach i, ’s thug iad a toiseach do mhuir, ’s a deireadh do thìr.
Thog iad na siùil bhreaca bhaidealacha bhàrr-ruisgte,
An aodann nan crann fada fulangach fiughaidh.
Bha soirbheas beag laghach aca mar a thaghadh iad fhèin,
Bheireadh fraoch à beinn, duilleach à coill, seileach às a fhreumhaichean,
Chuireadh tughadh nan taighean ann an claisean nan iomairean,
An latha nach deanadh am mac non t-athair e.
Cha bu bheags cha bu mhòr leothasan sin fhèin,
Ach ga chaitheamhs ga ghabhail mar a thigeadh e.
An fhairge fulpanaichs afalpanaich;
An lear deargs an lear uaine lachanaich,
S abualadh thalls a-bhos mu bòrdaibh.
An fhaochag chrom chiar a bha shìos an grunnd an aigein,
Bheireadh i snag air a beul-mòr agus cnag air a h-ùrlar.
Ghearradh i cuinnlein caol coirce le fheabhass a dhfhalbhadh i.

[ “n t-astar a thaig an luing?” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Trian gaoithena deireadhs thrianna sliasaid,” arsa Ridire Chùirn, “bheireadh i air aghaoith luath earraich a bhiodh roimpe, ’s cha bheirteadh oirre leis aghaoith luath earraich a bhiodh às a dèidh.” “Chan astar sin idir do mo luing-sa,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge, “tuilleadh aodaich rithe.” Rinneadh seo, ’s bha na still ariasladh nan sgò. “n t-astar a tha aice nis?” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Ghearradh i an t-ubh air a tharsainn,” arsa Ridire Chùirn. “Chan astar sin idir do mo luing-sa,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge, “tuilleadh aodaich rithe.” Rinneadh seo, agus


[154]

baon sgò an fhairge gu lèir. “n t-astar a tha aice nis?” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Tha i cho luath ri aigne nam ban baoth,” arsa Ridire Chùirn. “Fòghnaidh sin,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge, ’s e toirt sàthaidh di suas gu fuaradh. ] Thug iad trì làithean ga caitheamh mar sin. “Tha mi fhèin afàs sgìth de seo,” arsa Ridire Chùirn ri Ridire Chlaidhimh, “bu mhithich leam sgeul fhaotainn às achrann.” “ ’S tu fhèin is mòr-inbhiche an seo, a Ridire Chùirn, agus leig fhaicinn gum bi spèis agad a dhol suas; agus mur a tèid thu suas, bidh am barrachd spòrs againn ort,” ars Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. Suas a ghabh Ridire Chùirn le roid, ’s thuit e nuasna ghlag paiseanaidh air clàr-uachdrach na luinge. “ ’S dona fhuaras tu,” arsa Ridire Chlaidhimh. “Faiceam an tu fhèin as fheàrr; ’s mas tu as fheàrr leigear fhaicinn gum bi barrachd toil agad dol air taghaidh, air neo bidh am barrachd spòrs againn ort,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. Suas a ghabh Ridire Chlaidhimh, ’s mun dràinig e ach leth achroinn, thòisich e air sgiamhails air sgreadail, ’s cha burrainn e dol a suas no tighinn a-nuas. “Rinn thu mar a dhiarradh ort, ’s leig thu fhaicinn gu robh am barrachd spèis agad a dhol suas; ’s a-nis cha tèid thu suas, ’s cha mhotha thig thu nuas! Cha ghaisgeach mise, ’s cha leth ghaisgeach mi, ’s cha robh meas gaisgich orm an àm fàgail. Gheibhinn bàs am mòintich bhuig, non sgeilpe chreag, non sgàth gàrraidh, non àit-eigin, agus cha bu spàirn orm sgeul a thoirt às achrann,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “A shaoidh mhòir,” arsa Ridire Chùirn, “feuch ris.” “Is saoidh mòr mi an diugh ach cha beadh afàgail abhaile,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. Thomhais e leum o cheannaibh a shleagh gu barraibh òrdag; ’s bha e suas a chlisgeadh anns achrannaig. “ tha thu faicinn? ”, arsa Ridire Chùirn. “Tha e ro-mhòr do dhfheannaigs tha e ro-bheag do dhfhearann,” ars esan. “Fan mar a thagad feuch an aithnich thu thann,” ars iad ris; ’s dhfhan e mar seo treis. “ tha thu faicinn a-nis?” ars iad ris. “Tha eilean agus cearcall teine mun cuairt air, alasadh an ceann a chèile; ’s tha mi smaointeachadh nach eil aona ghaisgeach anns an domhan mhòr a thèid thairis air an teine,” ars esan. “Mur tèid ar leithid-ne de dhà ghaisgeach thairis air,” ars iadsan. “Tha dùil agam gum bfhasa dhuibh sgeul a thoirt às achrann na dol a-steach an siod,” ars esan. “Chan athais e!” arsa Ridire Chùirn.


[155]

Chan eadh, is fìrinn e!” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. Ràinig iad an taobh muigh den teine, ’s chaidh iad air tìr, ’s tharraing iad an Iùbhrach Bhallach suas a seachd fad fhèin air feur glas, ’s a beul fòidhpe, [far nach dubhadh gaoth i, ’s far nach sgagadh grian i, ] ’s far nach deanadh sgoilearan bail-mhòir bùrt no fochaid no magadh oirre, [ ’s far am faigheadh iad fhèin i seach gun iarradh iad i. ] Shèid iad tùrlach, ’s thug iad trì oidhchean is trì làithean aleigeadh an sgìos.

An ceann nan trì latha thòisich iad air lìobhadh nan arm. “Tha mi,” arsa Ridire Chùirn, “afàs sgìth de seo; bu mhithich leam sgeul fhaotainn às an eilean.” “ ’S tu fhèin,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge, “is mòr-inbhiche an seo, agus falbh an toiseach feuch n sgeul as fheàrr a bheir thu dar n-ionnsaigh.” Dhfhalbh Ridire Chùirn, ’s ràinig e an teine, ’s thug e làmh air leum thairtes a sìos ghabh e innte gu ghlùinean; ’s thill e air ais, ’s cha robh rioba caoille no craicinn eadar a ghlùineans a mhuthairnean nach robhna chuaran mu bheul nam bròg. “ ’S done, ’s done,” arsa Ridire Chlaidhimh. “Faiceam an tu fhèin as fheàrr,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Leig fhaicinn gum bi barrachd spèis agad a dhol air taghaidh, air neo bidh am barrachd spòrs againn ort.” Dhfhalbh Ridire Chlaidhimh, ’s ràinig en teine, ’s thug e làmh air leum thairtes chaidh e sìos innte gu ceann reamhar na slèisde, ’s thill e air ais, ’s cha robh rioba caoille no craicinn eadar ceann reamhar na slèisdes am muthairne nach robhna chuaran mu bheul nam bròg. “Ma ,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge, “cha bu ghaisgeach mise an àm fàgail abhaile nur beachd-se; ’s nan robh mo rogha arm is èididh agam de na bheil anns an domhan mhòr, cha bu spàirn orm sgeul a thoirt às an eilean.” “Nam biodh sin againn, gheibheadh tuse,” arsa Ridire Chùirn. “A Ridire Chùirn, be tairm agus tèideadh fhèin dara airm agus èideadh a bfheàrr leam agam anns an domhan mhòr, ged nach tu fhèin dara gaisgeach as fheàrr a thann,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Is e mairm agus mèideadh fhèin as fhasa fhaotainn,” arsa Ridire Chùirn, “agus gheibh thusiad; ach bfheàrr leam gum biodh tu cho maiths gun innseadh tu dhomh na h-airm agus an t-èideadh eile as fheàrr na mfheadhainn-sa.” “Tha airm agus èideadh Mhacaibh Mhòir Mhacaibh an Domhain a bhuail an dòrn air tathair,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge.


[156]

Chuir Ridire Chùirn dheth airm agus èideadh, ’s ghabh Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge na h-airm agus na h-èididh. Ghabh ena threallaichean cath agus cruaidh-chòmhraig. Mar a bha lèinen t-sròls an t-sìoda shleamhainn bhuidhe sìnte ra chneas:

A chòtan caomh cotain air uachdar na caomh chotaige,
A sgiath bhucaideach, bhacaideach, bharra-chaol air a làimh chlì
A cheanna-bheart, clogada cruaidh-chòmhraig
Acoimhead a chinns a cheanna-mhullaich,
An toiseach na h-iorgaill — ’s an iorgaill an-diomain,
A shlacanta cruaidh curaidhna làimh dheis,
Urra-sgithinn gheur an taice ra chneas.

Thog e suas bràigh achladaich, ’s cha robh fòid a thilgeadh e an dèidh a shàlach nach robh cho domhain ri fòid a thilgeadh dalachrann airein nuair bu doimhne bhiodh e treobhadh. Ràinig e an cearcall teine. Leum e o bharraibh a shleagh gu barraibh òrdag thar na teine. Bhan sin an aon eilean bu bhòidhche chunnacas o thùs an domhain gu deireadh na dìleann, [agus thuirt Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge ris fhèin gum bu mhaith an dachaigh-càin seo do ghaisgeach, agus na h-àra seachad. Cluinnear an seo an ceòl-sìdhe bu bhinne chual a dhà chluais riamh fo ghrèin no fo ghealaich, agus a dheòin no dhaindeoin bèiginn da leantainn. “Trom-lighe gun tàmh orm,” ars esan, “mur beir mo dhà chois air na chual mo dhà chluais. ” ] Ghabh e suas feadh an eilein, ’s chunnaic e cnoc maol buidhena mheadhan. Thog e ris achnoc. Bha Ionmhainn Mhnathana suidhe air achnoc, ’s òglach mòrs a cheann air a glùn, ’s ena chadal, [agus ise sìor dhùrdail ciùil os a chionn. “Seo an ceòl,” ars esan ris fhèin, “a mhealladh deòir à sùil is osann à cridhe, ’s a chuireadh boil is buaireasnan gil-suain fad finn fann foinn na gealaich. ] Labhair e rithe ann am briathra fiosnacha, foisneacha, fìor-ghlic, mìne, maighdeanna, fìor-eòlais. Fhreagair ise e anns na briathra ceudna, ’s mur biad a bfheàrr, cha biad dad bu mhiosa san àm. “Is ionmhainn leam fhèin fear do choslais, ’s nam biodh còir agam ort dhfhàgadh tu an t-eilean,” ars an Ionmhainn. “Nam bionmhainn leat fear mo choslais, dhinnseadh tu dhomh bu dùsgadh don òlach seo,” arsa Mac


[157]

an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Tha bàrr na lùdaig a thoirt deth,” ars ise. Thug e làmh air an urra-sgithinn ghèir a bhan taice ra chneas, ’s thug e an lùdag dheth on bhun. Cha tug siod smaoisleachadh no gluasad air an òglach. “Innis domh s dùsgadh don òglach, air neo is dithis den toir mi na cinn, thu fhèins an t-òglach,” arsa Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge. “Is dùsgadh dha,” ars ise, “rud nach dean thusa, no aona ghaisgeach anns an domhan mhòr, ach Gaisgeach na Sgèithe Deirge, dan robh e san tairgneachd tighinn don eilean seo, agus an carragh cloich ud thall a bhualadh air an duine seo ann an carraig an uchd; ’s tha e gun bhaisteadh gus an dean e sin.” Chual esan seo, gu robh a leithid anns an tairgneachd dha, ’s e gun bhaisteadh. Chaidh dòrn air thapadh, ’s dòrn air ghleusadh, ’s dòrn air spionnadh ann. Thog ena dhà làimh an carraghs bhuail e air an òglach mhòr an carraig an uchd e. Thug am fear a bhana chadal blaomadh air a dhà shùils dhamhairc e air. “Aha!” ars am fear a bhana chadal, “an tàinig thu, a Ghaisgich na Sgèithe Deirge? Is ann an diugh a than t-ainm ort. Chan fhada sheasas tu dhòmhsa.” “ thrian de teagal ort fhèin, ’s a h-aon ormsa,” arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge, “chan fhada sheasas tusa dhòmhsa.”

An caraibh a chèile ghabh iad, ’s bha iad acruaidh leadairt a chèile gus an robh beul an ath-dhaths an anmoich ann. [Dheanadh iad creagan den bhogan agus bogan den chreagan; na clacha beaga dol an ìochdars na clacha mòra teachd an uachdar; an t-àite bu lugha rachadh iad fodha rachadh iad fodha chon aghlùine, ’s an t-àite bu mhotha rachadh iad fodha rachadh iad fodha chon an sgròbain. ] Smaointich Gaisgeach na Sgèithe Deirge gu robh e fad o chàirdeans fagas da naimhdean, ’s thug e an togail bheag shoilleir ud air, ’s bhuail e ris an talamh e. Thug òrdag a choise sanas do bhun a chluaise, agus sgath e dheth an ceann. “Ged is mi rinn seo cha mhi gheall e,” ars esan. Thug en làmh on ghualainn deth, ’s thug en cridhe às a chom, ’s thug en ceann bhàrr a mhuineil. Chuir e làmh am pòc aghaisgich mhairbh, ’s fhuair e trì fiaclan seann eich ann, ’s leis an deifir ghabh en àite fiaclan an rìgh iad, ’s thug e leis iad. Chaidh e gu tom coille, ’s bhuain e gad, ’s cheangail e air an làmhs an cridhes an ceann.

[Thog Gaisgeach na Sgèithe Deirge air an seo gu falbh, ’s


[158]

gabhar lorg a dhà shùla chon achuain. Chuir e ghleann is mheall agus thog e giùthsach nan eun, nuair a ghiùlain osag-thoisich na gaoithe osann da chridhe, agus chaidh stadna cheum. “Is truime osann na eubh air mo chridhe,” ars esan, ’s e tilleadh. Faicear àilleagan nam banna suidhe air achnoc mhaol bhuidhe. ] “ acas fheàrr leatsa fantainn an seo, air an eilean seo leat fhèin, na falbh leamsa?” ars esan ris an Ionmhainn. “Is fheàrr leamsa falbh leat fhèin na le fir na h-uir-thalmhanta gu lèir,” ars an Ionmhainn. Thog e leis i air fras-mhullach a ghuailles air uallach a dhroma, ’s ghabh e gus an teine. Leum e thairiss an Ionmhainn air a mhuin. Faicidh e Ridire Chùirn is Ridire Chlaidhimh atighinnna chòdhail, agus boil is buaireasnan sùilean. “ an gaisgeach mòr,” ars iadsan, “a bha às do dhèidh an siud, agus a thill nuair a chunnaic e ar leithid-ne de dhà ghaisgeach atighinn?” “Seo dhuibhse,” ars esan, “an Ionmhainn mhnatha seo, agus trì fiaclan ur n-athar, agus ceann agus làmh agus cridhe an fhir a bhuail an dòrn air. Deanaibh fuireach beag, agus tillidh mise, ’s chan fhàg mi fuigheall sgeòil anns an eilean.” Ghabh e air falbh air ais, agus an ceann treis thug e sùil às a dhèidh, ’s faicear iadsan agus aBhreacach adeanamh falach-cuain air. “Marbhaisg oirbh fhèin!” ars esan; “sian fala mur sùilean! manadh ur crochaidh oirbh! mfhàgail an eilean leam fhèin, gun duine shìol Adhaimh ann, ’s gun fhios agam an nochd mi!” Ghabh e air aghaidh feadh an eilein, ’s cha robh e faicinn taigh no tùrais an àite sam bith, ìosal no àrd. [Bha dubhadh air a bhonnaibh agus tolladh air a bhrògan; neòil shìthe shèimhe an latha falbh, ’s neòil dhubha ghruamach na h-oidhche tighinn, ’s na h-eòin bheaga bhinne bhuchallach agabhail mu bhun nam preass mu bhàrr nan dos; ’s ma bha, cha bu tàmhs cha bu chlos dhàsan e gus am faiceadh non cluinneadh e no duine, laogh no leanabh. ] Mu dheireadh chunnaic e seana chaisteal an ìochdar an eilein, ’s ghabh e da ionnsaigh. Chunnaic e trì òganaich atighinn gu trom, airsnealach, sgìth chon achaisteil. Labhair e riutha ann am briathra fiosnacha, foisneacha, fìor-ghlic, fìor-eòlais. Labhair iadsan an comain nam briathra ceudna. Thàinig iad ann am briathra seanachais air a chèile; agus bha seo ach a thriùir dhearbh chodhaltan. Ghabh iad a-steach an deagh thoil-inntinn air amhòr-bhaile.


[159]

Thog iad ceòls leag iad bròn,
Bha deochanna mìne misgeach,
S deochanna garga gachannach,
Beathanna saora socharach,
Eadar e fhèins a chodhaltan;
Ceòl eadar fhìdhlean leis an caidleadh fir ghointes mnatha-siùbhla;
Searganaich asìor-ghabhail le faram achiùil sin,
A bha sìorachd gu sìor-bhinn an oidhche sin,
[ ’S na dorsan gan sìor-dhùnadh air eagals gun teicheadh an ceòl. ]

Chaidh iad a laighe. Anns amhadainn an làrna-mhàireach dhèirich e ann an deagh thoil-inntinns ghabh e biadh. chual e ach gliogarsaich arm, agus daoine dolnan èideadh. bha seo ach a chodhaltan! “Càite bheil sibh adol?” ars esan riutha. “Tha sinn o chionn lathas bliadhna anns an eilean seo, ars iadsan, “acumail cogaidh ri Mac Dorcha Mac Doilleir, ’s ciad sluaigh aige, agus a h-uile h-aon a mharbhas sinn an diugh bidh e beò am màireach. Tha gheasan oirnn nach fhaod sinn seo fhàgail gu bràth gus am marbh sinn iad.” “Thèid mise leibh an diugh; is fheàirrde sibh mi,” ars esan. “Tha gheasan oirnn,” ars iadsan, “nach fhaod duine dhol leinn mur tèid e ann leis fhèin.” “Fanadh sibhse staigh an diugh, agus thèid mise ann leam fhèin,” ars esan. Thog e air falbh agus dhamais e air sluagh Mhic Dorcha Mhic Doilleir, agus cha dfhàg e ceann air colainn aca. Dhamais e air Mac Dorcha Mac Doilleir fhèin, ’s thuirt Mac Dorcha Mac Doilleir ris, “An tu seo, a Ghaisgich na Sgèithe Deirge?” “Is mi,” ars Gaisgeach na Sgèithe Deirge. “Ma ,” arsa Mac Dorcha Mac Doilleir, “chan fhada sheasas tu dhòmhsa.” An caraibh a chèile ghabh iad, ’s bha iad acruaidh-leadairt a chèile gus an robh beul an ath-dhaths an anmoich ann. [Dheanadh iad creagan den bhogan agus bogan den chreagan; na clachan beaga dol an ìochdars na clachan mòra teachd an uachdar; an t-àite bu lugha rachadh iad fodha, rachadh iad fodha chon aghlùine, ’s an t-àite bu mhotha rachadh iad fodha, rachadh iad fodha chon an sgròbain. ] Mu dheireadh thug Gaisgeach na Sgèithe Deirge an togail bheag, shùnndach, shoilleir ud air Mac Dorcha Mac Doilleir, ’s chuir e


[160]

fòidhe e, ’s thilg e dheth an ceann. Bha an seo Mac Dorcha Mac Doilleir marbh, ’s a thrì mic dheug, ’s còmhrag ceud air làimh gach fir diubh. Bha esan an seo air a mhilleadhs air a reubadh cho mòrs nach burrainn e an àrach fhàgail, ’s cha drinn e ach e fhèin a leigeadhna laighe measg nam marbh fad an latha. Bha tràigh mhòr fodha gu h-ìosal, agus chual e ach an fhairge tighinnna caora teine teinteach — ’na nathair bheumannaich — ’na tarbh truid. Dhamhairc e uaithe agus chunnaic e tighinn air tìr air meadhan na tràghad ach cailleach mhòr fhiaclach nach facas riamh a leithid. Bha an fhiacaill a bfhaidena batana dòrn, agus an bu ghiorrana dealgna h-uchd. Ghabh i nìos gus an àraich, ’s bha dithis eadar i agus esan. Chuir i a meurnam beuls thug i beò iad, agus dhèirich iad suas slàn mar a bfheàrr a bha iad riamh. Ràinig i esan, ’s chuir i a meurna bheul, agus sgath e dhith on alt i. Bhuail i buille de bhàrr a coise air, agus thilg i thar seachd iomairean e. “A bheadagain,” ars ise, “is tu am fear mu dheireadh a dhath-bheothaicheas mi san àraich.” Chrom achailleach air fear eile, agus bha esan an taobh shuas dith. Cha robh fhios aige ciamar a chuireadh e às don chaillich. Smaointich e air an t-sleagh gheàrr a bhaig a mac a thilgeadh oirre, ’s nan tuiteadh an ceann dith gum bu mhaith. Thilg e an t-sleaghs chuir e an ceann den chaillich.

Bha e an seona shìneadh air an àraich; fuil is fèithean is feòil air an dochann, ach gu robh cnàmhan slàn aige. mhothaich e ach cruitire-ciùil feadh na h-àraich. “ tha thu ag iarraidh?” ars esan ris achruitire. “Tha mi cinnteach gu bheil thu sgìth,” ars an cruitire; “thig a-nìos, ’s cuir do cheann air an tulmsaig seo, ’s dean cadal.” Chaidh e suas agus laigh e. Tharraing e srann aleigeadh air gu robh ena chadal. Air a bhonn a bha e gu brisg, ealamh èasgaidh. “Tha thu bruadar,” ars an cruitire ris. “Tha,” ars esan. “ chunnaic thu?” ars an cruitire. “Cruitire-ciùil,” ars esan, “atarraing seana chlaidhimh mheirgich an los an ceann thoirt diom.” Rug e an seo air achruitire-chiùil, ’s chuir e eanachainnna cuibeanan teine trìd cùl a chinn. Bha e an seo fo gheasa nach marbhadh e cruitire-ciùil gu bràth ach le chruit fhèin.

Chual e an seo caoineadh feadh na h-àraich. “ siod?” ars esan. “Tha an seo do thriùir dhearbh chodhaltan gad iarraidh o àite gu h-àite an diugh,” ars iadsan. “Tha mise am shìneadh an


[161]

seo,” ars esan, “agus fuil is fèithean is cnàmhan air an dochann.” “Nam biodh againn an stòpan-ìocshlaint a thaig achaillich mhòir, màthair Mhic Dorcha Mhic Doilleir, cha bfhada bhiomaid gad leigheas,” ars iadsan. “Tha i fhèin marbh shuas an sin,” ars esan, “agus chan eil aice nach fhaod sibh fhaotainn.” “Tha sinne às a geasan gu bràth,” ars iadsan. Thug iad a-nuas an stòpan-ìocshlaint, agus nigh is dhfhailc iad e leis an rud a bhanns an stòp. Dhèirich e an sin suas cho slàn fallains a bha e riamh. Chaidh e dhachaigh leo, agus chuir iad an oidhche seachad ann an deagh thoil-inntinn. Chaidh iad a-mach an làrna-mhàireach ann an deagh thoil-inntinn a dhiomain. Chaidh esan ris an triùir, ’s chuireadh e leth-bhàir sìos agus leth-bhàir suas a-steach orra. Mhothaich iad do Mhacaibh Mòr Mhacaibh an Domhain atighinn don bhaile. Be seo an dearbh chodhalta cuideachd. Chaidh iad a-mach far an robh e, agus thuirt iad ris, “Fhir mo ghaoil, seachainn sinnes am baile an diugh.” “ as coireach?” ars esan. “Tha Gaisgeach na Sgèithe Deirge staigh, agus is tusa tha eg iarraidh,” ars iadsan. “Falbhadh sibhse dhachaigh, agus abraibh ris falbh agus teicheadh, air neo gun toir mise an ceann deth,” arsa Macaibh Mòr Mhacaibh an Domhain. Ged a bha seo uaigneach, mhothaich Gaisgeach na Sgèithe Deirge dha, agus chaidh e mach air an taobh eile den taigh, agus bhuail e beum-sgèithe agus fàd-còmhraig. Ghabh an gaisgeach mòr a-mach às a dhèidh. Thòisich iad air a chèile:

Cha robh cleas a dheantadh le sgithich no le sgothaich,
No le dìsnein ghillean feall,
No le òrgan nam manach,
Nach deanadh na gaisgich:
Mar a bha cleas achleiteam, cleas an òigeam,
Ubhal achleasaiche ga thilgeadhs ga cheapadh
An uchdannaibh a chèile,
Gu dèisinneach, dasannach,
Fuilteach, cneadhach, creuchdanta.


[162]

Toil-inntinn, toil-eadraiginn!
Chuireadh iad trì dìtheannan dearga teine den armaibh;
Acailceadh, den sgiathan, falagus feòla
Den cneas agus den caomh-cholainn,
S iad acruaidh-leadairt a chèile.

Nach amaideach thusa, Ghaisgich na Sgèithe Deirge, nuair tha thu cumail gleachd no cruaidh-chòmhraig riumsa,” arsa Macaibh Mòr Mhacaibh an Domhain. “Ciamar sin?” arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge. “Tha, nach eil gaisgeach anns an domhan mhòr a mharbhas mise gus am buailear mi os cionn teach mo thriubhais,” arsa Macaibh Mòr. “A bhuaidh bheannachd sin duit ga innseadh dhòmhsa! Nan innseadh tu sin domh o chionn fada, is fhada on sgrìob mi an ceann diot,” arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge. “Tha sin barrachd agus as urrainn thu dheanamh. Tha trì fiaclan an rìgh an am phòca, agus feuch an tusa bheir às iad,” arsa Macaibh Mòr. Nuair a chuala Gaisgeach na Sgèithe Deirge càit an robh bàs Mhacaibh Mhòir, bha bhuille aige air a thoirt seachad mun bhuille, shàthadh mun t-sàthadh, fhriochdadh mun fhriochdadh, ’s bhan treas aon anns an talamh, gus an do chladhaich e toll. Leum e an sin an comhair a chùil. Leum an gaisgeach mòr da ionnsaigh, ’s cha tug e an aire don toll, agus chaidh e sìos ann gu teach an triubhais. Ràinig esan air an seo agus thilg e dheth an ceann. Chuir e làmhna phòca, ’s fhuair e trì fiaclan an rìgh ann, ’s thug e leis iad, agus ràinig e an caisteal.

Bha chodhaltan agleusadh chlàr is chruit, agus fios aca gu robh iad a-nis saor o gheasa dhraoidhs o ghuin daoidh. “Fàilt ort, a Ghaisgich na Sgèithe Deirge,” ars iadsan, “bhiomaid gad chùl-chàineadh nam biodh tu na bfhaide gun tighinn.” “Cùl-chainnt na h-ionndrainn, cha chùl-chainnt idir i,” ars esan; “ach eadar dhà sgeuls eadar dhà bheul achlobha, tha gnothach beag agam thall an Eirinn, agus bhithinn fada nur comain, nan deanadh sibh saod domh air an eilean fhàgail. ” ] “Chan eil saod againn,” ars iadsan, “air am fàg thu e; ach fan leinn fhèin gu bràth, ’s cha bhi dìth bìdh no dibhe ort.” “Cha bhi chùis mar sin; ach mur dean sibh saod air mo leigeadh air falbh, [is e bhios ann gum feum mi cleas nan ròn a dheanamh,” ars esan. ] “Tha curachan a bhaig do mhuimes aig toide an seo, agus cuiridh


[163]

sinn leat i gus an tèid thu air tìr an Eirinn. [Chan iarr i seòl no stiùir ach rùn do chridhe fhèin, agus bidh siubhal-sìdhe aice eadhon ri sìde nan seachd sian. ] An taobh a chuireas tu h-aghaidh falbhaidh i leat, agus tillidh i air a h-ais a rithist leatha fhèin [mar thilleas an fhaoileann do chladach a h-eòlais. ] Agus than seo trì chalmains cumaidh iad àirdeachd riut air an rathad,” arsa chodhaltan ris. [Dh ’fhàg Gaisgeach na Sgèithe Deirge an seo beannachd na caoimes na caime aig a chodhaltan agus chuir iadsan uisg an easain air a dhos-san los nach èireadh beud no dochair dha a latha no dhoidhche, agus bhòidich is bhriathraich iadnan ceathrar nach leigeadh iad cach-a- chèile air -chuimhn gu bràth. ] Chuir esan an sin an curachan a-mach, ’s shuidh e innte, ’s cha drinn e stad no fois gus an deachaidh e air tìr an Eirinn. Thionndaidh e h-aghaidh a-mach, ’s ma bha i luath tighinn, bha i na bu luaithe tilleadh. Leig e air falbh na trì chalmain afàgail na h-eathaire. Bha duilichinn air gun do leig e air falbh iad leis cho bòidheachs a bhan ceòl a bha aca.

[Bha an oidhche ann a-nis agus ghabh esan lorg na lacha on chuans rinn e calg-dhìreach air solas beag biorach a chunnaic e eadar beinne is machair. Gheàrr e an fhead chaol chruinn chruaidh a bhaig Caoilte, agus thàinig a-machna choinnimh ach Gruagach nan Cumha. “Fàilt ort, a Ghaisgich na Sgèithe Deirge,” ars esan, “dhaithnichinn do cheann air cladach agus tfhead ri fèath nan eun fionnach càite bheil laogh mo chridhe, Ailleagan nam Ban?” Dhinnis Gaisgeach na Sgèithe Deirge dha gach mar a thachair, agus bhòidich iad le chèile an seasamh nam bonn, nach itheadh iad biadh, nach òladh iad deoch, nach èisdeadh iad ceòl, gus an ruigeadh iad Rìgh na h-Eireann agus an rèiticheadh iad cùiseanna làthair. “Bha mi fhèin fo gheasa roimhe seo,” arsa Gruagach nan Cumha, “nach rachainn thar cuan dhfhios mo nighinn, ach shiùbhlainn a-nis còig còigeadh na h-Eireann cas-ruisgte ri sneachds ri gaillinn, agus cha mhaoidhinn oirre gu bràth e ach mi ga faotainn an deireadh sgeòil.” Thog iad orra le chèile, agus ma bha an t-astar buan bu bhuaine na sin ceòlagraich Ghruagaich nan Cumha agus beòlagraich Ghaisgich na Sgèithe Deirge. ]

Bha abhainn mhòr eadar iad agus taigh an rìgh. Nuair a ràinig iad an abhainn, chunnaic iad duine liath tighinnna dheann, agus e glaodhaich, “A dhaoin’ -uaisle, fanaibh thall, gus an toir


[164]

mise nall air mo mhuin sibh, mum fliuch sibh sibh fhèin.” “A dhuine bhochd, is cosmhail gur h-ann ad phortair air an abhainn a tha thu,” arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge. “ ’S ann,” ars an seann duine liath. “Agus chuir ann thu? ars iadsan. “Innsidh mi sin duibh,” ars an seann duine liath. “Bhuail gaisgeach mòr dòrn air rìgh Eireann, ’s chuir e trì fiaclan às, agus dhfhalbh a dhà mhac a thoirt a-mach dìoghlaidh. Dhfhalbh balachan òg amaideach a bu mhac dhòmhsa leotha, agus nuair a chaidh iadsan air thapadh chaidh esan air mhì-thapadh. Bu shuarach an dìoghaltas leo mise chur am phortair air an abhainn air a shon.” “A dhuine bhochd,” ars esan, “chan athais sin. Mum fàg misam baile bidh thusa gu maith.” Rug e airs thog e leis e, agus chuir ena shuidhe anns achathair a bha ri gualainn an rìgh e. “Chan eil annad ach duine -mhodhail a thàinig don bhaile. Chuir thu am bodach sinna shuidhe ri gualainn mathar, ’s chan fhaigh thu leat e,” arsa Ridire Chùirn, ’s eg èirigh agus abreith air. “Air mo làimh-sa, ’s air mo dhà làimh a shaoradh, gum bu cho maith dhuit breith air Cnoc Leothaid agus breith ormsa,” arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge ris, ’s e ga leagadh ris an talamh. Chuir e ceangal nan trì chaoil air gu daor agus gu docair. Bhuail e buille de bhàrr a choise air, ’s thilg e thar nan seachd sparrannan a bàirde bhanns achùirt e, fo shileadh nan lòchrans fo chasan nan con mòr. Rinn e leithid eile air Ridire Chlaidhimh, agus rinn an Ionmhainn gàire. “Marbhaisg ort fhèin,” ars an rìgh rithe, “tha thu o chionn bliadhna air chomh-biadh, air chomh-deoch rium, ’s chan fhaca mi gean no gàire agad ga dheanamh gus a bheil mo mhic air am maslachadh,” “O rìgh,” ars ise, “tha fios mo riasain agam fhèin.”

, a rìgh, an sgreadails an sgreuchail a tha mi cluinntinn on thàinig mi don bhaile, cha dfhuair mi fhaighneachd gus an seo,” arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge. “Tha, trì fiaclan eich aig mo mhic gan sparradh am cheann o chionn bliadhna le òrd, gus a bheil mo cheann air dol roimhe chèile le bristeadh cridhes le cràdhs le dòrainn,” ars an rìgh. “ bheireadh tusa do dhuine chuireadh ann ad cheann tfhiaclan fhèin gun neimh gun dòrainn?” ars esan. “Leth mo stàit fhads a bhithinn beò, ’s mo stàit air fad nuair a dhfhalbhainn,” ars an rìgh. [ “Is motha an ceannach tèiginn,” arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge, agus e breith air pìos loma-làn den fhìon, ’s acur nan trì fiaclan innte.


[165]

Cha bu luaithe rinn na chaidh gach trulainn; leum an rìgh bhàrr na cathrach; dhatharraich Ridire Chùirn is Ridire Chlaidhimh na trì dathan; thàinig sac is gàire air Ailleagan nam Ban. “A rìgh na h-Eireann”, arsa Gaisgeach na Sgèithe Deirge, “nach òl thu deoch-slàinte nan saoidh agus deoch-nàire nan daoidh? ” ] Dhòl an rìgh an deoch, ’s chaidh fhiaclan fhèinna cheann gu làidir daingeann, a cheart cho maiths a bha iad riamh, ’s a h-uile na h-àite fhèin. “Aha!” ars an rìgh, “tha misaig socair. Is tusa rinn an tapadh, ’s cha be mo chuid mhac-sa.” “Is e,” ars an Ionmhainn, “a burrainn an tapadh a dheanamh, ’s cha be do chuid mhac leibideach-sa, a bhiodhnan sìneadh an siùrra feamann nuair a bhiodh esan adol air ghaisge.” “Chan ith mi biadhs chan òl mi deoch,” ars an rìgh, “gus am faic mi mo dhà mhac gan losgadh am màireach. Cuiridh mi feadhainn a dhiarraidh cuallan glas-daraich airson an losgadh.”

Anns amhadainn an làrna-mhàireach bu mhuiche bha air a ghlùn aig leabaidh an rìgh ach Gaisgeach na Sgèithe Deirge. “Eirich às an sin, a Ghaisgich; n aon bhiodh tu ag iarraidh nach faigheadh tu!” ars an rìgh. “Is e an rud a tha mi ag iarraidh, do dhà mhac a leigeadh air falbh; chan urrainn mi bhith an aon àite am faic mi gam milleadh iad,” ars esan; “bfheàrr bearradh eòin is amadain a dheanamh orra, agus an leigeadh air falbh.” Thoilich an rìgh siud a dheanamh. Rinneadh bearradh eòin is amadain orra. Chuireadh a-mach às an àit iad, ’s coin is geòcaich baile-mhòir às an dèidh. Phòs agus chòrd an Ionmhainn agus Gaisgeach na Sgèithe Deirge. Rinneadh banais a mhair lathas bliadhna, agus bha an latha mu dheireadh dith cho maith ris achiad latha.

titleGaisgeach na Sgèithe Deirge
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textVIII. Sgeulachdan Leasaichte
<< please select a word
<< please select a page