1
Dh’fhàg am ministear Dòmhnall Dubh Alba is chaidh e na mhiseanaraidh a dh’Afraga. Nuair a bha e a’ fuireachd ann an Alba bhiodh e an-còmhnaidh a’ sgrìobhadh litrichean don phàipear-naidheachd a’ cur sìos air na daoine a bha a’ briseadh na Sàbaid. Carson, chanadh e, a bha plèanaichean a’ sgiathalaich air an t-Sàbaid, carson a bha aiseagan a’ ruith? Carson nach robh gach duine a’ deothal bainne blàth na Fìrinn?
Bhiodh e na shuidhe mar bu trice anns a’ mhansa a’ deasachadh a shearmoin airson na Sàbaid, agus cha robh e a’ tighinn a-steach air gu robh an taigh dorch, gruamach. Bha lios an cois a’ mhansa, ach cha robh am ministear a’ toirt aire sam bith dha, agus bha na dìtheanan fiadhaich a’ fàs gu saor, beairteach is pailt. Gu tric air an oidhche bhiodh e a’ cluinntinn guth athar ag èigheachd, “Blainne blàth na Fìrinn,” oir ’s e ministear a bha na athair cuideachd nuair a bha e beò.
’S e duine beag ìosal a bh’ ann dheth, le sùilean beaga biorach,
Mu dheireadh dh’fhàs e cho mì-thoilichte ’s gun tàinig e steach air a dhol na mhiseanaraidh a dh’Afraga. Bha e a’ coimhead na inntinn àite lom anns am biodh searmonan is seinn, anns am biodh a’ chlann a’ fàs suas gu modhail is gu diadhaidh. Shaoil e gu robh an saoghal anns an robh e beò a’ sgàineadh ’s gu robh na sràidean dorch le fuil is peacadh. Bha Dia fhèin, na bheachd-san, air togail air falbh bho na bailtean, bho spioradan nan daoine. Bha gach nì gun òrdugh, ’s an lagh a’ briseadh.
Seach nach robh e pòsta, dh’fhaodadh e a bheatha ìobairt ann an Afraga ’s anaman nan daoine dubha a shàbhaladh, oir bha iadsan ionraic is neoichiontach agus saor bhon phlàigh a bha cur na Roinn-Eòrpa bun-os-cionn.
Air latha doilleir dorch dh’fhàg e Alba, ’s air latha soilleir brèagha ràinig e Afraga. Bha eaglais bheag a’ feitheamh air am measg nan coilltean ’s bha coitheanal beag ga frithealadh. A dh’aindeoin an teas chùm e air a choilear geal is aodach dubh, oir thàinig e steach air gum feumadh e comharradh air choireigin am measg nan duilleagan gorma ud.
Chuir e dragh air gu robh na duilleagan a’ fàs mun cuairt na h-eaglais, agus ’s e a’ chiad rud a rinn e na dìtheanan borba a ghearradh sìos.
A’ chiad oidhche a laigh e air a leabaidh anns an eaglais, bha
Nuair a dh’èirich e às a leabaidh anns a’ mhadainn, chaidh e air tòir ceannard an trèibh, a bha na shuidhe air cathair aost fiodha (cha robh fhios cò às a thàinig i) air beulaibh a’ bhothain chreadha. Bha seòrsa de chrùn air a cheann is bata aige na làimh ann an cruth nathrach. Bha a shùilean aost is mear.
Chuir an ceannard – dom b’ ainm Toko – fàilte air na chànan fhèin, agus bhruidhinn am miseanaraidh ris anns an aon chànan. Bha e fileanta gu leòr ann an cànan an trèibh mus do dh’fhàg e Alba.
“Cia mheud Crìosdaidh a th’ againn?” ars am ministear ris.
Thòisich Toko a’ cunntadh air òrdagan, ’s mu dheireadh thuirt e, “Fichead.”
“Fichead,” arsa Dòmhnall Dubh le uabhas, oir bha e air a bhith den bheachd gum biodh barrachd ann.
“Seadh,” arsa Toko, “agus tha mi fhìn nam measg, oir tha fhios a’m air Àdhamh is Eubha is air Iutharn is air Nèamh. Tha fios a’m air an nathair is air Eòin Baistidh is air an dannsair a gheàrr a cheann dheth.” Is rinn e lachan mòr.
“Cha dèan seo a’ chùis,” arsa Dòmhnall Dubh ris fhèin. “Chan eile fhios aige air bainne blàth na Fìrinn.” Chunnaic e am broinn a’ bhothain mun cuairt air seachdnar bhoireannach nan suidhe air an làr a’ sealltainn ris le sùilean sgeunach. Bha iad uile rùisgte ach gu robh sgiortaichean de dhuilleagan orra.
“Mo nàire, mo nàire,” ars esan ris fhèin. Ged a bha an latha teth ’s e a’ sruthadh le fallas, cha tug e dheth a choilear.
Bha grunn chloinne a’ cluiche anns a’ pholl air beulaibh a’ bhothain, iad uile rùisgte gu lèir.
“Nach eil a thìd’ aig na boireannaich sin aodach a chur orra?” thuirt e ris a’ cheannard.
“Aodach?” ars an ceannard le iongnadh. “Tha e ro theth airson aodach. Agus co-dhiù chan eil aodach aca.”
Cha tuirt Dòmhnall Dubh càil aig an àm.
Cha robh dad mun cuairt air ach bothain bheaga de chrèadh is clann is boireannaich is fireannaich a’ sealltainn ris leis an aon shùil shìorraidh.
“Bidh dùil agam ris na Crìosdaidhean a-màireach anns an eaglais,” ars esan ri Toko, agus thionndaidh e air falbh.
Mo chreach, mo chreach, dè tha mi dol a dhèanamh an seo? thuirt e ris fhèin. Sheall e suas ri na craobhan, a bha tiugh le measan, agus rinn e osann.
Bha Toko fhathast na shuidhe air beulaibh a bhothain is a bhata na làimh, coltach ri cleasaiche ann an dealbh-chluich. Bha am miseanaraidh cinnteach gu robh e a’ gàireachdainn.
title | 1 |
internal date | 2005.0 |
display date | 2005 |
publication date | 2005 |
level | |
reference template | Mac a’ Ghobhainn Am Miseanaraidh %p |
parent text | Am Miseanaraidh |