[63]

12

tha thu adèanamh air ais?” arsa Miraga ris nuair a chunnaic i e atilleadh. “ tha ceàrr?”

Cha do fhreagair e i gu dìreach, ach thuirt e, “Ma dhfhàgas mi an t-àite seo, an tig thu còmhla rium?”
Afàgail an àite seo?” ars ise. Bha e soilleir nach tàinig an smaoin a-riamh a-steach oirre.
Seadh,” ars esan, “carson nach fhàgadh sinn an t-àite?” ’S bha fearg na ghuth.
Chan urrainn dhomh,” ars ise. “s coireach gu bheil thu air ais?”
Thàinig mi dhachaigh nam aonar.”
Carson?”
n diofar a thann? Thàinig mi dhachaigh.”

Bha i adol a-mach an doras nuair a stad e i. “Càit a bheil thu dol?”
Tha mi falbh,” ars ise.


[64]

Cha charaich thu à seo! ”, ’s shad e chun na leapa i. Bha eg èigheachd, a ghuth àrd is critheanach. Theab e dìreach a làmh a chur mu a sgòrnanbha e airson a tachdadh.

Sheall i suas is eagal na sùilean. “ tha thu adol a dhèanamh?”
A bheil thu tighinn no nach eil? Tha mi afàgail an àite seo.”
Chan eil. Chan urrainn dhomh. Cha bhi duine afàgail abhaile seo. Cha do thachair e riamh.”

Cha mhòr nach robh an fheargs an tàmailt ga thachdadh, is thòisich e ag èigheachd rithe, amionnan. Cha mhòr nach robh e às a chiall.

Agus fad na tìde bha e asmaoineachadh cho bòidheachs a bha i, na laighe air an leabaidh, a broilleach ag ats aseacadh.
thu?” thuirt e mu dheireadh.
Gheibh mi duine eile,” ars ise.

Thog e an gunna gu a shùils chunnaic e i aig acheann thall.

Bha i air chrith le eagal ach bha fhios aige nach fhàgadh i.

Shad e an gunna air an làr is ruith e mach às abhothan, gun chàil a dhfhios aige càit an robh e dol.

Sheall e air ais aon turas is chunnaic e gu robh taobh a-muigh abhothain falamh. Cha robh i air tighinn a-mach idir.

Chaidh e chun na h-eaglais is sheas e aig an doras. Theab e a dhol a-steach, ach cha do rinn e sin. Smaoinich e air achùbainn, air na seataichean, air achrois a bha air abhalla, air an àite bheag ghlan ud anns an do chaith e achuid bu mhotha de bheatha. Mhothaich e gu robh na duilleagan adìreadh mun cuairt air na ballachan geala. An dèidh sin dhfhàg e an eaglais agus ruith e a-steach don choille, far an do dhfhairich e sàbhailt. Cha robh àite-siridh air thoiseach air, cha robh acras no pathadh


[65] air. Choisich is ruith e, ’s mu dheireadh fhuair e e fhèin air beulaibh an eas.

Stad e, asealltainn ris mar gum biodh e acur ceist air anns an latha bhalbh theth. Bha e mar easgann ationndadhs ationndadh anns an latha, geal, tuilteach, copach. Shuidh e air a bheulaibh mar gum biodh e asuidhe air beulaibh neach-teagaisg a bha adol a dhinnse brìgh an t-saoghail dha. Fhads a bha e ga choimhead, smaoinich e air lathaichean òige. Smaoinich e air athair, le fheusag fhada gheal. Smaoinich e air a dhachaigh, air an t-slighe air an tàinig e.

Bha an t-eas adòrtadhs cha robh e atoirt fuasgladh sam bith dha, nathair gheal anns an latha. Bha fhuaim mar cheòl gun bhrìgh mun cuairt air. rinn mi air mo bheatha, bha e afaighneachd dheth fhèin. Ach cha robh an t-eas ga fhreagairt. An t-anam, an t-anam, ars esan ris fhèin, an t-anam geal: càit an deach e? Tha an tìr seo air cur às dhomh. Tha i air minntinn a chur bun-os-cionn.
S bha an t-eas adòrtadh gun sgurs e asealltainn domhainn ann. Bha e airson suidhe an siud a-chaoidh. Smaoinich e air acheannards dhaithnich e gur e nàmhaid a bhann bhon toiseach. Cha robh càil air inntinn ach an treubh a chumail ri chèile.

Chuale a ghuth na inntinn. “Tha gach nàdarrach,” bha e ag ràdh. Fearg, gamhlas, am bàstha iad uile nàdarrach. An gaol cuideachd, tha e nàdarrach, ’s ruith gach pèin tro a chorp, cho domhainn ri sleagh. Nàdarrach, nàdarrach, nàdarrach, bha na h-eòin ri seinn, bha an t-eas ag ràdh. Bha an t-eas ud air a bhith ann bho thoiseach an t-saoghail, bha e air a bhith ann mus tàinig e fhèin a dhAfraga. Bha e ann an dòigh àraid afeitheamh ris.


[66]

Fhad ’s a bha e ann an Alba bha an t-eas afeitheamh ris, bha e acur na ceist àraid ud air. Fhads a bha e mach air an t-Sàbaidach càit an robh Sàbaid a-nis, bha gach latha coltach ri chèile, bha iad snìomhte ann an aon lathabha an t-eas afeitheamhs agàireachdainn. Bha an cop ud gun bhrìgh ationndadh.

Agus fhads a bha e fhèin na shuidhe an siud, bha am batals am murt adol air adhart. Bha an leòmhann amarbhadh nam fiadh. Agus aig amhionaid sin fhèin thàinig fiadh geal mar gum bann dìreach à inntinn sìos bho chnocs chuir e a cheann a-steach don eas is dhòl e deoch bhùirn. An-dràstas a-rithist thogadh e a cheann, ’s bha an dithis asealltainn ri chèile.

Cha robh eagal sam bith air an fhiadh. Nach tu a tha bòidheach, arsa Dòmhnall ris fhèin, nach tu a tha fìor bhòidheach, cho geal, cho ciùin. Chan eil fhios nach suidh mi an seo a-chaoidh coltach ri naomh, seòrsa de Chalum Cille ann an Afraga. Chan eil fhios nach tig e thugams nach imlich e an làmh anns an robh an gunna na laighe. Achs ann a thionndaidh am fiadh air falbh agus ann an diog cha robh e ri fhaicinn idir.

Sheall Dòmhnall air falbh agus chunnaic e cuideigin adèanamh a shlige thuige. Leum a chridhe le gàirdeachas, oir shaoil e gur e Miraga a bhann. Thog e a làmhans thòisich e ri èigheachd, “Tha mi an seo, an seo.” Bha mac-talla adèanamh fhuaim mun cuairt air. “An seo, an seo,” bha e ag ràdh. Bha an cruth atighinn na bfhaisges na bfhaisge, is dhaithnich e le tuiteam-inntinn nach e Miraga a bhann idir. Anns an ùine ghoirid bha Tobbuta na sheasamh ri thaobh.
Chunna mi thu,” arsa Tobbuta ris.

A bheil sinn adol a shabaid a-nis? Arsa Dòmhnall ris fhèin le sgìths. Achs ann a thòisich Tobbuta adòrtadh fhacal às a bheul.


[67]

Chan fhaigh mi fois,” bha e ag ràdh. “Chan fhaigh mi cadal. Tha mi adol às mo chiall. Thàinig mi a bhruidhinn riut.” Is chaidh e air a ghlùinean air a bheulaibh. “Bho mhurt Banga mo ghaol,” ars esan, “chan fhaigh mi norradh cadail.” Bha a shùilean asruthadh le deòirean. “Tha mig iarraidh cuideachadh air do Dhia. Tha mig iarraidh a bhith nam Chrìosdaidh. Theab mi mi fhìn a mharbhadh, ach cha burrainn dhomh. Bha mi airson a dhol nam Chrìosdaidh roimhe, ach bha mo nàdar gam chumail air ais.” Agus sheall e dealbh fiodha a bha e air a dhèanamh. Agus thàinig e steach air Dòmhnall gur e seo an dealbh a bha e agearradh às amhaide nuair a choinnich e an toiseach e. “Cha leigeadh e dhomh sin a dhèanamh air sgàth mar a thachair do Bhanga. Ach tha fhios am a-nis gun do rinn mi ceàrr. Tha do Dhia gam smachdachadh.”

Sheall Dòmhnall sìos ris, agus chuale air a chùlaibh ceòl an eas, agus rinn e lachan mòr gàire. Bha an lachan afalbh air feadh an àite le ath-ghairm an dèidh ath-ghairm. Lùb e gu a ghlùineans e fhathast agàireachdainn. Agus dhaithnich e anns amhionaid sin nach be idir an ceannard a bha air buannachadh, nach be idir an ceannard a shnìomh an ròpa mun cuairt air. Dhaithnich e gur e Dia a rinn sin. Thàinig gach bàs is murt a dhaon ghnothach airson gum biodh Tobbuta air a ghlùinean mu choinneamh.
thu,” ars esan, “a bha airidh air na murtan ud?” Ach bha a ghnùis air a ghnùis fhèin, gun shoilleireachd sam bith oirre.

Air a ghlùinean, thòisich e ri ùrnaigh. “Tha mi na Do làmhan,” ars esan, “na Do làmhan,” ’s cha robh e lapach idir. Bha na facail atighinn a-mach ann an tàirneanaich an eas gu rèidhs gu ciùin. “Tha mi na Do làmhan.”


[68]

S bha fuaim an eas afàs na bu mhothas na bu làidire mun cuairt air. Dhèirich e bho a ghlùineans bha cudrom ùr luachmhor air a ghuailnean. Chuir e a làmh a-mach ri Tobbuta. “Thugainn,” ars esan.

Thionndaidh e ris abhaile às an tàinig e, is sheall e ris airson ùine mhòir. “Thugainn,” ars esan a-rithist. “Tha gach nàdarrach. Tha gach air a mhathadh.”


[69]
title12
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn Am Miseanaraidh %p

parent textAm Miseanaraidh
<< please select a word
<< please select a page