[38]

7

Nuair a ràinig e am bothan, bha nighean na seasamh ri thaobh agus dhaithnich e gur i an a bha bruidhinn ris mu dheidhinn a h-athar. A h-aodann agleansadh anns aghrèin, a cìochan rùisgte, a calpans a casan treun is làidir, bha i na seasamh gun chàil oirre ach crios de dhuilleagan.

Bha e air a lìonadh le sannta na feòla, oir bha i mar Bheunas dhubh a bhair tighinn à cuan na coille.
Thuirt an ceannard rium a thighinn,” ars ise, asealltainn ris.

Rug e air làimh oirres chaidh an dithis aca a-steach don bhothan. Laigh iad air an leabaidh, agus bha i mar iasg dubh ationndadhs ationndadh ann an cop, ann an eas, ann am frasan de bhùrn is de ghrèin.

Miraga, Miraga, Miraga.

Tha gach nàdarrach, bha guth ag èigheachd ris. Tha na h-eòin aseinn, tha na cuirp air beothachadh, tha na cnàmhan


[39] air feòil a chur orra, tha ceòl anns achoille. O, gu dubh, gu dubh tha an saoghal. Tha an dubh cho bòidheach, cho dìomhair, faileasan fionnar anns an t-saoghal shoilleir seo.

Bha e afrasadh abhùirn bho a ghuailnean, thionndaidh e anns an uisge, anns an abhainn. Geal mar an latha a bha e na laighe anns an oidhchaost fhallain.

Nuair a dhèirich i bhon leabaidh, chuir i measan a-mach airson an dithis aca, agus dhith iad iad. Bha an sùgh asruthadh sìos aodann.
A bheil sinn gu bhith beò air measan a-chaoidh?” dhfhaighnich e.
Feumaidh tu feòil a chosnadh,” ars ise ann an guth nàdarrach làitheil, gu mnatha a tha air a fear a bhuannachd.
Feòil a chosnadh?” ars esan.
Seadh.”
Innis dhomh,” ars esan, “mu dheidhinn an tiodhlacaidh ud.”
An tiodhlacadh?”
Seadh. Carson a tha sibh acur nan corp suas do na craobhan?”
Tha e na fhasan aig ar daoine. Tha an seòrsa tiodhlacaidh ud air a bhith ann bho riamh.”

Bha i sàmhach, ’s bha fhios aige nach robh an còrr ann a burrainn dhi innse dha.
tha sinn adol a dhèanamh gach latha?” dhfhaighnich e, asmaoineachadh air tìm afàs mun cuairt air gach latha.
tha ri dhèanamh,” ars ise, “ach am bùrn a thoirt bhon tobar agus am biadh a bhuannachadh?”
an seòrsa feòla air an robh thu a-mach?”


[40]

Feòil nam fiadh,” ars ise.
Càit?” dhfhaighnich e.
Anns aGhlasach Fhada,” ars ise.
Innis dhomh mu dheidhinn bhur trèibh,” ars esan.
Mu dheidhinn ar trèibh? Tha sinn acreidsinn anns na h-eòin, anns na fèidh. Tha sinn acreidsinn gu bheil ar mairbh abruidhinn rinn à goban nan eun. Tha iad aseinn rinn. Chan eil fhios am air a’ chòrr. Agus cuideachd tha ar treubh air a bhith ann bho riamh.”
thachair don mhiseanaraidh a bhann romhamsa?” dhfhaighnich e.

Sheall i ris le uabhas. “Bhàsaich e,” fhreagair i. “Chaidh e a dhfhuireach anns achoille is bhàsaich e.”
An en fhìrinn a thagad?”

“ ’S e,” ars ise. “A-màireach thèid thu don Ghlasach Fhada. Chan eil i fadair falbh.”

Bha an aon theas abualadh sìos air an talamh, an aon sholas rèidh.
Cha robh mòran uisge ann am-bliadhna,” ars ise. “ ’S math dhfhaodte nach bi aghlasach cho fadas a chleachd i bhith.”
An e droch rud a bhios an sin?” dhfhaighnich e.

“ ’S e,” ars ise.
Ach s urrainn dhòmhsa a dhèanamh?” dhfhaighnich e. “Chan aithne dhomh sealg.”
Faodaidh tu ùrnaigh a chur suas,” fhreagair i ann an guth neoichiontach. Tha i mar shleagh nan làmhan, sleagh anns achogadh a tha adol air adhart an-còmhnaidh, an cogadh airson biadh is beòshlaint.
An ann airson sin a thàinig thu, airson mo chuideachadh a cheannachd?” ars esan rithe.


[41]

Chuir an ceannard an seo mi,” ars ise gu sìmplidh.

An ceannard. an seòrsa duine a bhann dheth? Glic is aost, làidir, treun, acumail an trèibh ri chèile latha an dèidh latha, bha e beò ann an tìm, anns an dorchadas.
Trobhad,” ars ise gu ciùin, ’s fhuair e e fhèin a-rithist asnàmh ann an eas dubh, iasg am measg nam faileasan, stoirm le dealanaich adòrtadh mun cuairt air, uisge gun chrìoch.
Chan urrainn dhomh dfhàgail a-nis,” ars esan rithe, aslìobadh a cinn. Sheall i ris le sùilean ciùin.
Anns an treubh,” ars ise, “mura faigh thu feòil, feumaidh mi dfhàgail. ’S e sin an lagh.”
Mfhàgail?” ars esan le uamhann.
Seadh,” ars ise, “tha e nàdarrach.”

Ach an gaol, theab e a ràdh, dìlseachd, truasa bheil iad uile crochte ri saoghal aphailteis, a bheil iad uile -nàdarrach?

“ ’S e sin bu choireach,” ars ise, “gun do dhfhàg bean Bhanga e. Cha robh e abuannachd feòla. Bha achlann acrach. ’S e sin bu choireach gu robh e ga bualadh. ’S e sin bu choireach gun deach e na Chrìosdaidh. Bha e smaoineachadh gun ionnsaicheadh e draoidheachd bhuadhmhor anns an eaglais.”

Theab e lachan mòr gàire a dhèanamh. Chaidh Banga air tòir an anama airson feòil a bhuannachd.
Bha e smaoineachadh gu robh draoidheachd làidir anns aChrìosdaidheachd,” ars ise.
An dèidh don mhiseanaraidh eile bàsachadh bha seusan math fluich againn.” Bha i na suidhe air a bheulaibh mar ìomhaigh de dheabonaidh, air a gearradh à tìm, làidir is dubh.

Mfhaileas, mo fhlùran, mo dhorchadas anns a bheil gach buadhmhor agluasad. Dhfhairich e e fhèin mar chruimh geal anns an dorchadas thorrach.


[42]

Bha fhios aige nach be an gaol a bha seo, ’s e a bha seo ach sannt na feòla.

Air a cùlaibh, air cùl tìm, chunnaic e eaglais ag èirigh le turraidean àrda tana, àrd-eaglais, cathair-eaglais.

Ach ciamar a gheibheadh e feòil dhi?

Esan nach do chleachd sleagh a-riamh na bheatha?

Chuir e a làmh mun cuairt oirre. “ dhèanainn às daonais?” bha e ag ràdh, is aodann domhainn na falt. “Bhithinn buileach nam aonar anns an àite sa.”

Do chìochan, do chalpan, do bholtrach cùbhraidh.

Dfheòil, dfheòil!

Na fèidh aruith mar ghathan grèine anns aGhlasach Fhada, ’s esan le sleagh na fìrinn às an dèidh.

Dhfhairich e faileas atuiteam tarsainn air doras abhothain, ’s chunnaic e an ceannard atighinn a-steach. Bha raidhfil aige na làimh.
Thug mi thugad an gunna seo,” ars esan. “Chan aithne do dhuine às an treubh a chleachdadh. e feum dhut anns aGhlasach Fhada.”

Rug am miseanaraidh air aghunna le toileachas. O, nach e an ceannard seo a bha coibhneil. Ach bu choireach gu robh a shùilean cho cian, cho (cha mhòr) magach? Sheall iad ri chèile, an gunna eatarra, mar gum biodh an ceannard atoirt gibhte mhealltach dha.

Ach anns amhionaid fhras aghrian air amhaide aosts bha gach ceart gu leòr a-rithist.

Nuair a dhfhalbh an ceannard, thug Dòmhnall pòg do Mhiraga, ’s bha a làmh air aghunna, sàmhach is ciùin. Ann am beagan ùine chuir ise a làmh air aghunna cuideachd gun eagal sam bith oirre, mar gum biodh i air a corps a h-anam a chur na làmhan.

title7
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn Am Miseanaraidh %p

parent textAm Miseanaraidh
<< please select a word
<< please select a page