[43]

8

Dh’fhàg iad am baile tràth anns amhadainn, e fhèins an ceannards deichnear eile, esan leis aghunna, iadsan uile le sleaghan. Gu sàmhach choisich iad tron choille, am miseanaraidh aleantainn nan daoine a bha air thoiseach air. Bha dealt fhathast air an talamh, ’s an-dràstas a-rithist chitheadh e eun anochdadh tron cheathaich, a sgiathan fluich is glas mar gum be taibhse de dheun a bhann. Bha an saoghal fhèin mar thaibhse de shaoghal, mar smaoin air an inntinn, ’s na craobhan sàmhach, air an còmhdachadh le dealt ghlas. Cha robh ainmhidh ri fhaicinn air feadh na coille, ’s bha na duilleagan fhèin nan tàmh. Gu sèimh, mar thaibhsichean dubha, bha na sealgairean asnàmh air thoiseach airs e fhèin asmaoineachadh fad na tìde. ’S e seo brìgh na beathas chan e a bhith searmonachadh ann an eaglais. Ged nach urrainn do mhac an duine a bhith beò air aran a-mhàin, feumaidh e aran cuideachd. Tha an t-anam afàs às achorp mar fhlùran a bhios ag èirigh san dorchadas.


[44]

Bha na daoine a bhair thoiseach air mar gum biodh acromadh ris an talamh mar gum biodh iad aleantainn fàileadh nan ainmhidh a bha afeitheamh orra. Cha robh facal ga ràdh.

Tha sinn ceangailte air sreang neo-fhaicsinneach, thuirt e ris fhèin, ’s thug e sùil air aghunna a bha na làimh. Am broinn aghunna bha am bàs afeitheamh, sàmhach is deiseil. A dhaithghearr bhuaileadh e tron t-sàmhachd, bheireadh e brag mar chù acomhartaich, is thuiteadh fiadh. Is thàinig e steach air nach robh e air càil sam bith a mharbhadh a-riamh roimhe na bheatha. Ach Bangas a bheans a theaghlach. Ach bha an gunna na bu shìmplidhe na sin, gun thruas, gun fhaireachdainn. An gunna a thàinig às an Roinn-Eòrpa, às an t-saoghal gheal ud aig an robh grèim daingeann air na nithean a bha ri teachd. Thàinig an gunna a-mach às an t-solas, ’s cha bann às an dorchadas; cha robh salchar nam freumhaichean dubha air, ach bha e glan is ciùin.

Anns amhionaid thàinig iad gu deireadh na coille, is bha aghlasach àrd fhada mun coinneamh, coltach ri cuan mòr gormagus dhaithnich e gu robh iad faisg air na h-ainmhidhean. Agus dìreach nuair a thàinig an smaoin sin thuige, chunnaic e sùilean soilleir buidhe air dath an òir, is corp ciùin buidhe faisg air mar shoitheach anns an fhairge a thèid seachad gu sàmhach air soitheach eile, is thuig e gur e leòmhann a bhann. Theab e an gunna a lasadh, ach thionndaidh am beathach air falbh le a chrùn rìoghail, agus chuir e sìos an gunna. Chuir e iongnadh air nach do dhfhairich e eagal sam bith. Shaoil e nach fhacan fheadhainn eile an leòmhann idir, oir lean iad orra gun tionndadh, crom ris an talamh, am feur adìreadh an cuid chorp mar abhainn no mar staidhre ghorm, gus mu dheireadh nach robh e gam faicinn ceart.


[45]

Ach bha fhios aige gu robh am feur beò le ainmhidhean, gu robh e agluasad mar bhratach sìoda mun cuairt air, oir an-dràstas a-rithist bha e acoimhead lasair de shùilean, spògan, cinn, is esan mar gum biodh afalbh tro choirc na h-òige. tha mi dèanamh an seo, bha e afaighneachd dheth fhèin, ach bha fhios aige air an fhreagairt. Bha e anns an fhaice chritheanach ud seach gu robh Miraga ag iarraidh feòla, seach gu robh a chorp crochte ri a corp-se. Feòil, feòil, feòil, fuil, dorchadas, aghlasach àrd ghorm.

Bha iad mar gum biodh asnàmh tron ghlasaichs i fhathast fluich leis an dealt. Thog e an gunna os cionn a chinn gus nach deigheadh a fhliuchadh, agus smaoinich e le gàire nam biodh duine asealltainn air feadh na faiche ud nach fhaiceadh e càil ach an gunna os cionn an fheòir, adol air adhart leis fhèin, mar nach biodh làmh ga ghiùlain.

Bha an ceannard asmèideadh riutha agus chunnaic am miseanaraidh nach mòr nach robh iad air tighinn a-mach às aghlasaichs gu robh abhainn fharsaing mun coinneamh, abhainn fhada uaine mar nathair. Os cionn fuaim na h-aibhne chuale fuaim eile, mar gum be fuaim easa a bhann.

Bha iad a-nis aig bruach na h-aibhne ach fhathast ann am fasgadh na glasaich, agus nuair a thug e sùil air an abhainn chunnaic e sealladh nach fhace riamh roimhe. Bha bruach na h-aibhne loma-làn de dhfhèidh, de sheabrathan cuideachd, le stiallan air an dromannanstiallan bòidheach, stiallan bàsmhor – ’s iad ag òl abhùirns aghrian a bha nis air èirigh alasadh bhon craiceannan.

Cho bochd, cho truagh, cho bòidheachs a bha iad acoimhead, gun chobhair ann an gathan na grèine anns an


[46] àite iomagaineach seodìreach mar gum biodh iad air leum a-steach do dheachdraidh airson mionaid, iomlan, coileanta, nan dreasaichean àraid fhèin. Feòil, feòil, feòil alasadh air a bheulaibh ann an lainnir thuilteach. An-dràstas a-rithist choimheadadh e fèidh atogail an cinns atoirt sùil air thoiseach orra mar gum biodh iad caillte ann an saoghal leotha fhèin, agus a-rithist acromadh an cinns ag òl às an abhainn.

Feòil, feòil, feòil, bha spiorad na bhroilleach ag èigheachd, agus chuir e an gunna ri shùil. Aig ceann thall aghunna chunnaic e druim, ceann, slios. Chunnaic e sleagh ag èirigh a-mach às an fheur gu sàmhach, ’s anns amhionaid leig e urchair às aghunna. Nuair a thuit am brag ud às an adhar, thòisich na fèidh asgapadhs aruith, adèanamh tàirneanaich mun cuairt air. Chunnaic e sleagh eile atuiteam às an adhar, ’s a stad, air chrith airson mionaid, ann an druim aon de na fèidh. Bha an gunna aleigeil urchair an dèidh urchair, ’s bha fuil air an talamhs anns abhùrn anns an robh feadhainn de na h-ainmhidhean air tuiteam. Bha a chompanaich a-nis air leum a-mach às aghlasaich, ach bha na fèidh aruith. Bha fuaim is onghail mun cuairt air, tàirneanaich nan casan air an talamh, cinn ag èirigh a-mach às aghlasaich, aodannan làn eagail. Ann an ùine ghoirid bha gach sàmhach a-rithist.

Choisich iad uile a-mach às aghlasaich is sheall iad sìos ris na h-ainmhidhean. Cha robh ach còig dhiubh air bruach na h-aibhne. Sheas e fhèin asealltainn sìos riutha, an gunna na làimh, ’s e air dìochuimhneachadh mu dheidhinn. Chunnaic e broillichean dubha atarraing osna, abòcadhs aseacadh, chunnaic e sùilean fann asealltainn ris à sìorraidheachd fadàs, chunnaic e bàrr-gùgan fala afosgladh air na cuirp, agus.


[47]

chunnaic e an deichnear eile asealltainn ris. Agus dhaithnich e anns amhionaid nach robh còir aige an gunna a lasadh cho luath, ’s gu robh dùil aca ri mòran a bharrachd de dhfhèidh na fhuair iad.

Airson ùine mhòir sheall iad ris anns an t-sàmhachd, agus bha fhios aige gu robh e air mearachd mhòr a dhèanamh. Bha an sùilean dìreach air aodann mar shleaghan, ged nach robh iad ag ràdh smid. Sheall e sìos ri a làmhan, anns an robh an gunna na laighe, agus thàinig e a-steach air gum faodadh e an-dràsta fhèin am marbhadhs nach biodh fianais air na nithean a thachair an seo, air a chuid amaideis. Ach bha fhios aige nach burrainn dha sin a dhèanamh. Bha amhaich tiugh leis an tàmailt. An urrainn dhomh càil idir a dhèanamh ceart, bha e afaighneachd dheth fhèin. Agus aig an aon àm dhèirich acheist às an fheur mun cuairt air, à cuirp nam fiadh: ma dhfhàgas i mu seach nach tug mi dhachaigh am biadh ris an robh i afeitheamh? Bha e asealltainn mun cuairt air gun sgur asireadh saoraidh, ach bha bruach na h-aibhne lom is sàmhach. Gu slaodadh chrom e is thog e fiadh air a dhruim mar a chunnaic e an fheadhainn eile adèanamh, is thionndaidh e air falbh còmhla riutha air an rathad dhachaigh.

title8
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn Am Miseanaraidh %p

parent textAm Miseanaraidh
<< please select a word
<< please select a page