[98]

LEODHAS.

Le SEUMAS MACTHOMAIS, A.M.

Nuair a bha minam bhalachan òg, bha toil mhór agam a bhi ag éisdeachd ri conaltradh nam bodachnuair a thaghladh iad air oidhche fhada gheamhraidh ann an tigh mathar, no a chrùbainn a steachnan cuideachd an tigh eilesan nàbachd. Tha móran diubh nacheil ri am faicinn an so nas fhaide; dhfhalbh iad dhachaidh len eachdraidh fhéinnan cois. Ach saoilidh mi gur ann an raoir a bha mi ag éisdeachd ri còmhradh fileanta am beòil, agus ar leam gu bheil fiamh an gnùise gu làidir, soilleir fa chomhair minntinn. Tha e cur dealaisnam chridhe bhi meòrachadh orra an nochd, agus aig an aon ám adùsgadh maigne gu cianalas agus fadachd. Bheirinn an rud nach can mi air crathadh làimhe as ùr orra, agus aon sealladh eile fhaighinn air na h-aodannan anns an robh duinealas, faoilte agus muinghinn neo-eiseimeileach air an deargadh gu domhainn.

Dhfhalbh iad, ach dhfhàg iad cuimhne chùbhraidhnan déigh. Bu choma leotha sud co chluinneadh iadnuair a bhiodh an conaltradh aig àirde. Cha tugadh iad boineid a nuas do dhuine geal. Nach fhaca iad fhéin, nach do rannsaich iad a mach, nach do mheòraich iad gu tric? réisd chuireadh teagamhnam barail, no sheòladh iad air an t-slighe baithne dhaibh o chian?

Bodaich thapaidh, neo-sgàthach, sgairteil, nach fàilnicheadh an ám carraid, no cruadail, agus nach robh meata, no gealtachnuair a bha am freasdal gruaimeach, airtnealach. Cha dfhàg iad na bfheàrrnan déidh dhaindeoin fàs ann an eòlas agus ann an comhfhurtachd; cha do dhfhàg iad air an cùl na bu shona agus na bu


[99]

thoilichte ged bu mhinic a bha iad uireasbhuidheach, bochdnan crannchur saoghalta. Mo bheannachd aig bodaich Leòdhais; ged dhfhalbh iad, dhfhuirich iad.

Is mithich leinn an nochd car tamuill meòrachadh air cuid de na nithean anns an robh ùidh aca-san, agus air am bu trice a bha luaidh aca an cuideachd a chéile.

Bha aon ann nach dìochuimhnicheadh iad uair air bith làmh a thoirt air. Be sin eachdraidh agus sloinntireachd nan daoine on dthàinig iad, agus is mór mionghnadh iomadh uair an gréim mionaideach a bha aca air cliù agus eachdraidh am fine dhionnsuidh nan ginealach o chian. Bha mi air agheamhradh so féin an cuideachd fir a chaidh air ais leam cheud gu leth bliadhna alorg friamhan a shinnsireachd. Agus so agaibh a nis mar a chuir e dhòmh-sa achùis:—

Is mise Calum Mac Iain Mhic Leòid, Mac Dhomhnuill Mhic Leoid bu mhac do Dhòmhnull Mac Leoid, a bha pòsda aig Anna Aonghais Dhòmhnuill Mhic Iain Duibh a thàinig á Muile gu ruig Uig anns abhliadhna 1696.

leis a nis a bha Calum? Nach iomadh atharrachadh a thàinig air an t-saoghal on ud?

Dhaithnichinn fhéin gu ro mhath, agus cha chan duine gu bheil mi aosda dhiù, cha chreidinn eseann bhean chòir a rugadh roimh Bhlàr Uatarlù, agus bha cuimhne aice air a seanair a bha beò anns na Hearradh aig an ám, agus a chunnaic, faodaidh e bhi, Prionnsa Tearlach air a thurus air slighe ann an Albainn o Sgalpaidh na Hearradh gu Loch Sìophort agus troimh Phàirce nan Loch gu ruig Loch Steòrnabhaigh asireadh soithich seòlaidh air an teicheadh e don Fhraing anns abhliadhna 1746. Is iongantach cho fad agus a shineadh iad an làmh air ais. Bha Iain Tuathanach ag innseadh


[100]

dhomh o chionn ghoirid gur iomadh uair a chuala e a mhàthair ag aithris nan naidheachdan a bhiodh a shìn-seanair, Dòmhnull Mac Dhonnchaidh, ag innseadh aig achagailt aige fhéin mu na h-amannan carraideach troimh an deach e fhéin an Cogaidhean Napóleon.

Bu mhithich na bodaich a bhi moladh mar an ceudna euchdan nan sonn on dthàinig iad, agus gu sònruichte euchdan nan saighdearan preasaidh a sheas cho dìleas agus cho duineil còir an dùthcha ann an tìrean céine mu dheireadh na h-ochdamh linne deug. Calmachd is tapachd is fearalas cha leigeadh iad idir air diochuimhne. Be Aonghas Greumach am fear mu dheireadh de na daoine fìùghanta so!

Bha iad anabarrach déigheil cuideachd a bhi labhairt am measg a chéile mu chàirdeas agus mu chàirdean. Cha robh teaghlach anns abhaile so, no anns abhaile a bfhaisge nach cuireadh iad an eachdraidh aige air do bhoisco dhiù a bha an eachdraidh sin math no a chaochladh. A bheil thu faicinn an fhir ud; sud agad, matà, iar-ogha do Fhionnlagh Piobaire a chaith iomadh bliadhna ànrachsan Talamh Fhuar agus a thill an deireadh a làithean gu bhi ag ùrachadh a shean eòlais am measg ghleann is bheann is chlachan, agus a phòsna sheann aois nighean piuthar do sheanamhar a bha fuireachd leatha fhéin an òb na Muille. Cha robh an a bu lugha dol air diochuimhne.

Ach cha do stad iad idir le bhi ag iomradh air càirdean agus air càirdeas. Bha iad ullamh gu bhi gleidheadh agus aleantuinn achàirdeis. Thaghladh iad air a chéile o sgìre gu sgìre, agus o bhaile gu baile, o cheann gu ceann den eilean.

Is cuimhne leam fhéin càirdean mo sheanamhar bhi tighinn dhiù aon uairs abhliadhna as na Hearradh


[101]

nuair nach robh rian siubhail ann ach an chois; agusnuair nach robh an rathad mór ach corrach, doirbh ra choiseachdis cuimhne leam iad a thighinn a dhleasadh agus a nochdadh achàirdeis. Agus bu shona sinne ag éisdeachd. Saoilidh mi an diugh gur ann an saoghal ùr a tha mi. Is gann gun aithnich an gille òg bràthair a sheanar, no ogha piuthar a mhathar, agus mar is fhasa an imeachd is ann as ainneamh taghal.

Bhiodh na bodaich atighinn gu tric air fàsachadh na Gaidhealtachd agus nan eileannuair a ghlac aintighearnas an còraichean on t-sluagh, ag cur bailtean fàs air son buailtean chaorach do fhear abhaile, afuadach mnàthan is clann gu fasgadh no bàs fhaotainn far an togradh iad.

Tha iomradh nan amannan carraideach ud air an aiseag a nuas troimh na ginealaich. Agus an comh-cheangal ri so bhiodh iad ag aithris na naidheachdan a fhuair iad fhéin uapa-san a dhfhògradh gu tìrean céine, agus a dhfhuiling iomadh cruadal is acras agus an-dòigh air raointean fuara Chanada. Nach e aon diubh so a thuirt:—

“ ’S na coilltean a siar,
Chan iarrainn fuireachd gu bràth,
Bha minntinns mo mhiann,
A riamh air lagan abhàigh.
An ám dhomh bhi suaint
Am fuachds an cadal abhàis,
Mo leabaidh dean suas,
Ri fuaim na h-Ataireachd àird.”

Is iongantach an gréim a bha aig an uachdaran air an tuath ceud no ceud gu leth bliadhna air ais. Chuala sinn o fhear a chaochail o chionn ghoirid cunntas a fhuair e fhéin o fhear a chunnaic tuath Ghriais air an cruinneachadh le marcaiche mar a thrusas caoraich air son


[102]

gàraidhean nam buailtean a thogail. Achnuair dhiùlt ceartas còmhnadh leotha thug saobh-chreidimh an saorsa dhaibh. de na laithean, thàinig ball-dubh air aghréin agus shaoil leotha-san gur e breitheanas a thugadh orra air son an cuid oibreach. Cha robhsan t-saoghal mun iath aghréin a chuireadh a mach as na tighean tuilleadh iad!

Bha suidheachadh an t-sluaigh an ionadan iomallach an eilein o chionn ceud gu leth no cheud bliadhnana chuspair seanachais gu bitheanta. Bu chuimhne leis na bodaich feadhainn a bha beò an Dr. Muillearnuair nach robh lighiche anns an eilean air fad ach e fhéin, agus àiteachan seachranach doirbh ri an taghal. Ach bha cur feuma air lighichesan ám ud? Bha an sluagh atighinn beò air toradh na mara is an fhuinn, air an còmhdach le clòimh nan caorach aca féin, agus ag cleachdadh nam buadhan cuirp a thug Dia dhaibh air dhòigh agus gum be annasach agus mi-choltach do dhuine sam bith feum a chur air lighiche no cungaidh leighis. Chan itheadh na treun laoich ach na dhfheumadh iad, agus dheanadh iad feum de na dhitheadh iad.

Baithne dhomh-sa boireannach calma a bha beò gus an robh i còrr air ceud bliadhna, agus dhoibricheadh i air achorran o dhéireadh grian Lùnasdail gus an teideadh i fodha air aon bhiadhs an , agus baithne dhomh cuideachd cailleach bheag thapaidh a ghiùlain air a dronnaig poca bholla de mhin tarsuing tràigh Steòrnabhaigh gu Aird Thunga, astar cheithir mìle. Bhàsaicheadh lighiche am measg an t-sluaigh ud leis abhochdainn! Cha robh obair ann dha.

Cha bann ainneamh a chluinnte iomradh aig na bodaich air cuid de na cleachdaidhean annasach a bha am measg dhaoine mus dfhògair an soisgeul an saobh-


[103]

chreidimh agus an t-aineolas. ’Nuair a thàinig Maighstir MacLeòid gu ruig Uig sia fichead bliadhna air ais, be feasgar na Sàbaid an t-ám air son gach cleasachd is fearas-chluiche. An déidh an t-searmon mhaidne gheibheadh na bodaich an tombaca aig dorus na h-Eaglaisenam biodh aca na cheannaicheadh e. ’Nuair dhéidheadh foirfeach don bhaile mhór cha robh athadh idir air taghal anns an tigh òsda, agus ghabhadh e gloine uisge-bheathas amhin choircena cheann, agus an t-altachadh còmhladh.

Bha an t-uisge beatha acag a dheanamhs an ud, le sùgh an eòrna a bha iad atoirt ás an talamh. Is iomadh sumag iomallach air feadh mhonaidhean Leòdhais anns an robh an obair so adol air adhart an an-fhios do luchd na càine an Steòrnabhagh. Bha an lagh trom an aghaidh na h-oibreach. Cha robh duine ghlacte rithe nach robh an t-aon pheanas afeitheamh air is bliadhna am prìosan Inbhir-Pheofharain.

Bha seann duine an Sgìre Nis a bha seachad air ceithir fichead bliadhna, agus aig an robh móran eachdraidh air na nithean so, ag innseadh dhomh mar a chaidh athair fhéin a ghlacadh adeanamh an uisge bheatha am meadhon amhonaidh an àite fàsail. Gus am prìosan a sheachnadh roghnaich e Rònaidh a thoirt air far an do chaith e còig bliadhna gun duine beò ach a bhean òg, balach beag, agus seann fhleasgach a bha air an eilean gu bhi teagasg do theaghlach air ùr theachd mar dheanadh iad càise.

Bha e mar fhiachan air an teaghlach a bha chomhnuidh an Rònaidh mulchag chàise de bhainne nan caorach fa-chomhair gach o Bhealtuinn gu Samhuinn ullachadh, agus an grànna ám a thìreadh air choinneamh na luinge a bha taghal toiseach agheamhraidh air son toradh an eilein aghiùlan chun an uachdarain. Is


[104]

minic a choisinn càise Rònaidh an ceud duais aig margaidhean Inbhir Pheofharain.

Bhiodh na bodaich aseanachas air na nithean a dhainmich mi, air sean eachdraidh agus uirsgeulan eile an eilein, ach mar bu trice chuireadh iad seachad an oidhche fhada gheamhraidh deanamh ath-luaidh air na h-oibrichean anns an robh iad fhéin an sàs, agus o robh am beò-shlainte acaga chosnadh. Be maraichean a bha anns na bodaich air an robh mise eòlachnam òige, agus mar sins iad gnothuichean an iasgaich a bha gu sònruichte glacadh an aire. Cha teirigeadh naidheachd air iasgach an sgadain an Griais, am Portnanguran, agus o mheadhoin an t-samhraidh gu Lunasdal an Gallaibh, an Inbhir Theòrsa, agus am Bun Ilidh.

Is tric a rug droch uair orra tighinn dhachaidh ás na puirt a sear leis na bàtaichean beaga leth-fhosgailte bha aca, ach cha chumadh sin aig an tigh iad. Ged nach biodh an cosnadh mór cha bhiodh an cridhe dubhach ag coinneachadh ri an teaghlaichean.

Cha sgìthicheadh iad ag aithris bliadhnachan an déidh làimh na nithean a chunnaic agus a rinn iad, na gnìomharan treuna bhagan leantuinn. Cha robh àirde ás an séideadh gaoth no ionad anns na chuir iad lion, no bascaid sgadain a ghlac iad nach robh aca air an cuimhne mar gum bann an a thachair e.

Ach is e an as fheàrr air a bheil cuimhne agam-sa na briosgaidean cruaidhe, cruinne bha bàtaichean Ghallaibh toirt dhachaidh chun nam balach. Rachadh poca bolla dhiubh a chrathadh air amhol, agus an còrr nach gabhadh broinn nam balach ghabhadh am pòcaidean. Cha robh fuaran no sruthan uisge air an t-slighe dhachaidh bhon chladach nach biodh bus balaich tomte ann chum ìota chasg an déidh na féisde.


[105]

Bhiodh seanachas adol air obair cur is buain, air brà is muilinn, air iasgach an truisgs an langain. Beag, mórgam biodh soirbheachadh an iasgair be cuid na bantraich agus an dìlleachdain acheud earrann. Bha cathranas agus iochd afàs leis na fìùrain ud.

Is minic a dhéisd mi ris na daoine còire ag iomradh air gach sùgradh agus gàbhadh anns an robh iad, fada, fada an déidh dhaibh cùl a chur ris gach obair.

Be an tigh céilidh an oil-thigh anns an robh iad ateagasg a chéile ann an eòlas air gnothuichean mara is tìre. Cha robh foghluim eile aca no ionndrainn air. So mar a thug bodach Thunga a bheachd air an sgoil a bha air ùr thogails abhaile. Bha na balaich a babhaist a bhi buachailleachd anns an sgoil. Dol seachad leis achrodh aon mhaduinn samhraidh, thog e am bata bhana làimh agus mhaoidh e air an tigh sgoile ag radhIs iomadh buachaille math a tha dol a dhìth annad-sa.”

Bha na bodaich ateagasg a chéile leis na nithean a baithne dhaibh, anns na gnothuichean anns an robh an cridhe, agus anns an robh iad atoirt an teachd-an-tìr. Dhfhalbh na bodaich chòire, ach ma dhfhalbh, dhfhuirich iad. Beannachd leotha-san, agus beannachd leibh-se.

titleLeodhas
writersJames Thomson
internal date1937.0
display date1937
publication date1938
level
parent textAm Measg Nam Bodach
<< please select a word
<< please select a page