[113]

BEINN A’ BHAOGHLA.

Leis an Urr. SEUMAS MACDHOMHNUILL, A.M.

Am Measg nam Bodachnach iomadh rud a tha na facail sin atoirtnar cuimhne? An nochd air dhomh a bhi ag cainnt ruibh an so tha iad atoirt fa-chomhair minntinn-sa iomadh cuimhneachan air laithean sona mòige ann am Beinn aBhaoghlaaon de dheileanan beaga iomallach achuain Siar. Tha mi an ceart uair féin afaicinn gu riochdmhor fa chomhair mo shùla na seann daoine còire air an robh mi eòlach agus a thug dhomh iomadh fiosrachadh air na nithean sin anns an robh iad fhéin ag gabhail tlachd is ùidh. Tha iad a nissan dachaidh bhuain, chaneil an làthaireachd againn, is ged nach gluais iad tuillenar measg cha teid iad air dhi-chuimhne oirnn oir tha àite acanar cridheachan nach toir sinn do aon eile.

Chaneil ach sia seachduinean bhon a bha mise air ghluasad ann an soitheach athair a bha aseòladh aon mhìle troigh os cionn Bheinn aBhaoghla. Chunnaic mi iomadh rud a chuir ioghnadh orm agus ged a bha fhios agam gun robh gu leòir de lochanan beagasan Eilean cha do thuig mi riamh gun robh na h-uibhir dhiùbh ann. Bha iad an sud mar sgàthanan beaga airgid gu soilleir ri fhaicinn gu h-iosal fodhainn. Chaneil iasgair aig nacheil fios gu bheil bric gu leòir annta, ach chan ann air na bric a bha mise asmuaineachadh aig an ám. Nach tric a chuala mi aig na bodaich is mim bhalachan beag mu na h-easganan móra agus na h-uamhasan eile a bha rim faicinns na lochanan sin. Easganan móra grànda aig an robh corp cho garbh ri each, agus a bha comasach air snàmhaiche làidir a tharruing fodhas a bhàthadh. Bha e air a ràdh cuideachd gum bitheadh


[114]

iad adol bho loch gu loch air feadh na h-oidhche, agus afàgail an lorgnan déidh. Saoil am bann a chur an eagail oirnne bha iad, mas ann bu mhath a chaidh aca air. Mar a dhfhaodas sibh a thuigsinn cha robh e idirna annas leinnenuair a chuala sinn mun uile-bheist a tha tathaich Loch Nis, oir beòlach sinne air a bhi ag cluinntinn mu iomadh creutair neo-chneasda mar sin ann am Beinn aBhaoghla bho chionn iomadh bliadhna.

Chaneil aon a labhair air achuspair so, nach dthug iomradh air mar a bha achéilidh anns an eilean dam buineadh iad. Bha achéilidh againn cuideachd is bha móran fiosrachaidh air seann eachdraidh aig bodaich Bheinn aBhaoghla. Nach dfhuair an t-Ollamh Alasdair MacIlle Mhìcheil móran de na tha aige ann an Carmina Gadelica bhuapa. Ma sheallas sibh air deireadh an dara leabhair chì sibh na tha aige ri ràdh mu mhuinntir an eilein agus na thug iad dha. Cha ruig mise leas mar sin móran a radh uime sin oir nacheil e aige-san air a chur far comhair mar tha, nas feàrr nas urrainn dhomhsa a dheanamh. Bha na h-òrain a bhiodh gu tric air an seinn aig na céilidhean air an gabhail sìos cuideachd agus tha amhór chuid dhiubh anns na leabhraichean aig amhnaoi uasail Nic Ualraig Friseal, agus a thaobh nan sgeulachdan, bha aon a tha iomraiteach air son eòlais air beul-aithris na Gàidhealtachd ag innseadh dhomh gun dfhuair e ann am Beinn aBhaoghla mór ulaidh de sgeulachdan nach robh aca ann an àitean eile. Biad sin uile toradh na céilidh.

Mar a thigeadh e do dhEileanaich bha iadnam maraichean barraichte. Is ann an Tigh na Céilidh a fhuair mi mo cheud leasan. Cha robh mi ach glé ògnuair a thuig mi gun robh an saoghal beagan na bu mhotha nan t-eilean beag againn fhéin. Bha fios agam


[115]

gun robh àitean eile ann mar tha an t-Eilean Sgitheanach, Eige is Rùm a bha rim faicinn gu liath neònach air taobh thall achuain, agus bu tric mi ameòrachadh ciod an seòrsa dhaoine a bha afuireach annta. Is ann ag éisdeachd ris na bodaich a dhfhiosraich mi gun robh dùthchannan mór eile ann, thall air cùl nan eilean far an robh bàiltean móra, rathaidean iaruinn le traingead is ùpraid. Bha ena ioghnadh leam a bhigan cluinntinn atoirt iomraidh air na bailtean anns an robh iad agus na seallaidhean a chunnaic iad. Bha aon bhalachnam measg faodaidh mi a radh, a bha ag gabhail mór shuim air ciod a bha aca ri ràdh mu na turusan air an robh iad. Bithidh sinne gu math tric ag gearan air cho duilich is a tha dhuinn gluasad bho àite gu àite gu sònruichte am measg nan eilean, ach nach mór na sochairean a tha againn seach mar a bha aig ar n-athraichean bho shean. Cha robh ena shùgradh móran siubhail a dheanamhs na làithean sin. Is ann le sgoithean a bha iad afàgail an eilein. A réir meòlais bhiodh cuideachd dhiubh atogail orra gu Glaschu mu dheireadh an fhoghair le bathair sam bith a bha aca ri reic. Tha iomradh fhathast air aon turus a rinn Murchadh Mac Iain Ruaidh, ann an seann Sgoth Leòdhasaich. Bha e an déidh cur a mach a Cannaidh le srann math gaoithe aséideadh on Ear, agus dùil aige a bhi an Ceann a Tuath Mhuile mun tigeadh an oidhche air. Cha deach e ro fhada gus an dfhairich e stracadh neònach far nach bu chòir dha bhi. Thug e sùil fodha feuch gu a thachair agus an sin mhothaich e sgàineadh mór eadar a dhà de na cuairtean anns am faodadh e a mheuran a chur. Cha robh aige ach cumail air a chùrsa agus taobh an sgàinidh a chumail ris an fhuaradh gus an do ràinig e Muile. Gu fortanach dha cha do dhatharraich a


[116]

ghaoth, ach nach beagalach a shuidheachadh. Càita bheil iad an diugh a bheireadh sgoth a aon air bith de na h-eileanan air astar cuain cho fada ri Glaschu.

Nach tric a chuala mi cuideachd mar a dhéirich do Lachlann Mac Ghilleasbuig air a rathad air ais as aGhalldachd. Bha an t-astar á Glaschu fada anns na laithean sin agus ghabh e fhéin is charaid ath-ghoirid air bàta a bha dol troimhn Chrionan. Chaneil agam air dhuibh ach gun deach na diùlnaich do thigh a bha dlùth làimh aig aon de na h-àitean anns an do stad am bàta, air son greim bidh, agus mun dfhuair iad air ais bham bàta air falbh. Cha robh aca air sin ach an t-Oban a thoirt orrarud a rinn iad ag coiseachd fad an rathaid; ach mar bha mi-fhortan an dàn chaidh iad air seachran oir cha baithne dhoibh an t-slighe. Bha Lachlann fhéin ag innseadh gur ann an camp nan ceàrd a fhuair iad aoidheachd, agus riamh bhon latha sin bha meas mór aige air na ceàrdan.

Nach mór achoiseachd a dheanadh iadsna seann laithean. Chuala mi mu dhaoine a mhuinntir an eilein a rachadh gu tìr mór agus a choisicheadh gu Inbhir Nis agus ás abhaile sin gu Ceann Phàdruig. Is bitheanta a chuala sinn, agus a rinn sinn gàire, air achuairt a ghabh Gilleasbuig MacRaghail do dhInbhir Nis agus a choisich e air ais gu Port an t-Sròim le srathan a cheannaich e do dhIain Bhóid air a mhuin. Ged bu taitneach leinne a bhi ag éisdeachd mu thurusIlleasbuig, tha mi cinnteach nach bu chùis ghàire sam bithsan ám dha a bhi asiubhal na dùthcha le a leithid de dhuallach.

Chan ann a mhàin air na chunnaic is na dhfhiosraich iad fhéin a bhiodh na bodaich ag cainnt. Thigeadh iad thairis gu bitheanta air sean eachdraidh agus seann bheul aithris. Is tric a dhfhaighniceadh dhiom-sa an


[117]

robh móran beul-aithris am measg nan seann daoine mu thimchioll Prionnsa Tearlach, agus Fionnghal NicDhomhnuill. Bha sin aca.

Chaidh àiteachan a chomharrachadh dhomh air taobh an Ear an Eilein aig a bheil an sgeul fhéin ri innseadh. Chì sibh ann am Fiughaidh agus ann an Ruaibhil na tuill agus na sgorran anns an robh e am falach. Is ann a shaoileadh sibh gun robh iad air an deanamh air son aghnothaich. Tha leabaidh aPhrionnsa ri fhaicinn an sud fhathast, agus ann an Roisinich tha Loch nan Arm far an do thilg e fhéin agus na bha maille ris an cuid airm is iad an déidh cuideachd fhaicinn astar beag air falbh a bha coltach ri saighdearan dearga. Sud làrach na h-àirighe an Roisinich far an do ghabh e comhnuidh fo chùram Ban-tighearna MhicIc Ailein is anns an do dheasaich e a bhiadh fhéin. Bann á so a dhfhalbh e le Fionnghal NicDhomhnuill anns an riochd sin a thug e le tearuinteachd gu a chàirdeansan Eilean Sgitheanach. Chì sibh mar an ceudna laimhrig aPhrionnsa far an deach e fhéin is Fionnghal air bòrd na h-eathair a thug a null gu Trotoirnis iad.

Is dòcha gur anns acheart àirigh anns an robh am Prionnsa an Ròisinich so a bha an gille buachaille mun cuala mi na bodaich atoirt iomraidh agus bu mhath a chòrd an sgeul rium aig an ám. Bha Ròisinichna fhearann chaorach aig Baile nan Cailleach far an robh MacIc Ailein agus bfheudar don bhuachaille fuireach am muigh anns an àirigh. Air uairean bhiodh Dòmhnull Og a bhana bhuachaille ann am Baile nan Cailleach adol a dhionnsuidh aghille ann an Ròisinich le mart bainne agus a tilleadh le mart seasg. Bha an t-astar fada agus air gach sgrìob a ghabhadh e bfheudar dha an oidhche leigeil seachad le buachaille Ròisinichs a


[118]

bhothan. Air oidhche bha sud ghabh na gillean mu thàmh is Domhnull Ogna laighe air beingidh mu choinneimh aghealbhoin. Gu a thachair ach gun dthàinig coigreach a steach ann an sàmhchair na h-oidhche. Ghabh e null far an robh Domhnull agus arsesan gu foirmeil, “Teann suas a Dhomhnuill Oig.” Cha bfhada gus an dthàinig fear eile steach agus an déidh sin fear an déidh fir, gus mu dheireadh an robh a dhà dheug dhiubhsabhothan agus acheart fhàilte aca uileTeann suas a Dhomhnuill Oig.” Rinn Dòmhnull Og bochd mar a dhiarradh gus mu dheireadh an do thuit e thar na beinge agus laigh e gu sàmhach air an ùrlar le chridhe air chrithna chochull leis an eagal. “Nach bochd a bhi gun bhiadh,” arsa fear de na coigrich. “Cha bhi sinn gun bhiadh is a bhó reamhar aig Domhnull Og am mach an sud,” arsa fear eile. A mach a ghabh iad is thug iad a steach abhó. “Ach ciamar a mharbhas sinn i gun sgian againn,” dhfheòraich fear diubh. “Nach math an sgian a tha am pòca Dhomhnuill Oig,” fhreagair fear eile. ’Nuair a bha iad mu thimchioll na theich Domhnull agus chuir e aghaidh ris abhaile is thàr e air falbh cho luath is aleigeadh a chasan leis. Fhad is a bha e aruith bha ecluinntinn farum air a chùl. Adol tarsuing Abhainn aChròig aig Ruaibheal thuit e is laigh e an sud cho sàmhach is a burrainn dha feuch an rachadh gu sam bith a bhana dhéidh seachad air. Gu bhann ach tòrradh. Dìreachnuair a bha iad ri thaobh gu ach gun do bhris aon de na luinn leis an robh iad ag giùlan na ciste. “Ciod a sinn a nis,” arsa fear dhiubh, “Nach math an lann a Domhnull Ogthubhairt fear eile agus ciod a thachair ach gun do chuireadh Domhnull fon chiste, greim aig fear air a cheann agus fear eile aig a chasan is mar sin thog iad orra. Be cladh Bhaile nan


[119]

Cailleach a bu cheann uidhe dhoibh agus air dhoibh uaigh fhosgladh an sin, thubhairt fear aca gun robh iadsan àite cheàrr, gur ann do Chladh Amhlaidh ann an Iochdar an Uidhist a Deas a bu chòir dhoibh a bhi. Thog iad orra matà is Domhnull aca fon giùlan mar a bha e roimhe. Dhfhosgail iad uaigh an sin cuideachd ach cha robh iad fhathastsan àite cheart. Is e Aird Mhicheil a bha rompa a nis. Nuair a ràinig iad Ard Mhìcheil dhfhosgladh uaigh agus gu ach gun do rinn iad tuilles domhain i. Ciod a bha ri dheanamh? “Cha ruig i leas a bhi tuilles domhain,” arsa fear aca, “nach cuir sinn Domhnull Og fon chiste, ni sin a chùis.” Air dha sin a chluinntinn thug Domhnull sgreuch ás is dhfhosgail e a shùilean agus bann le taingealachd a thug e fa-near gun robh ena laighe air abheingidh ann an Ròisnich.

Tha eagal orm gu bheil an ùine air dol seachad is gun mi ullamh fhathast air na bu mhath leam a ràdh mu bhodaich Bheinn aBhaoghla. Tha mi toilichte an cothrom so a bhi agam mun eileansan dfhuair mi màrach. Mo dheadh dhùrachd dhoibhsan uile a tha afuireach ann agus dhuibhse a bha ag éisdeachd rium.

titleBeinn A’ Bhaoghla
writersJames MacDonald
internal date1937.0
display date1937
publication date1938
level
parent textAm Measg Nam Bodach
<< please select a word
<< please select a page