[144]

AN CEARD MOR.

Leis an t-Urr. COINNEACH MACLEOID, D.D. , Giogha.

Chaneil fhios agam thubhairt an toiseachMo chomunn fhéin, comunn nan ceard,” ach bu dearbh bhràthair dhomhsa e. Riamh on a burrainn domh coiseachd, bha eòlas maith agam orra, an chuid anns na h-eileanan agus air tìrmór. Chan e bodach a their sinn ri seann cheard a thana cheannard air sgaoth de mhic agus de nigheanan agus de dhoghachanis e their sinn ris, An Ceàrd Mór, ged nach bu mhotha e na druid. Ach an Ceàrd Mór air a bheil mi atoirt iomraidh an nochd, chan e aon duine a tha ann, ach fichead.

Is tric a their sinn ri càch a chéile, “ an saoghal a tha agad an diugh?” mar gum biodh a h-uile duine agus saoghal aige dha féin. Tha sin fìor co-dhiù a thaobh nan ceard. Tha saoghal saor farsuing aca dhaibh fhéin, agus tha iad ag cur seachad an làithean ag gleachd ris an t-saoghal sin eile a tha fantainn ann an tigheansaoghal nan gadgie (nam fear-tighe) mar their na ceardan fhéin. Thubhairt mi ag gleachd, ach is e cluich a thann, agus chan e gleachd da rìreabh. Tha an ceard atoirt a bheò-shlàinte as aghadgie le caran beaga seòlta a chaidh a chur ann mun dfhàg e gàirdeanan a mhàthar.

Matà, ’ghaolaich,” arsan Ceàrd Mór rium latha, “is beag a fhuair mi fhéin riamh air tàilleabh mo shaothrach, ach is iomadh rud a fhuair mi le beul-bochds le beul-bòidheach, agus giseag no dhà air an cùl.”

S ma tha chluich adol air acheàrd còrr uair, cha chuir sin gruaman sam bith air. “Uair a bha sid,” arsesan, “smaointich mi am inntinn fhéin, nan iarrainn na bu lugha, gum faighinn na bu mhotha; agus nan tairginn pàigheadh air son na dhiarrainn, gur h-e bhiodh ann, gun cumainn an chuid, mairgiod agus mo chliù.


[145]

Ach feuch, thusa, an do chùm. Acheud bhean-tighe, dhan tug mi an tairgse, ghabh i mo chuid airgid, agus cha dfhàg i agam-sa ach mo chliù. Is i nach robh cearbach, a cheart . Ma theid thusa gu bràth air an t-siubhal a ghaolaich, fàg am beul-mór as do dhéidh, agus thoir leat am beul-bochd” —comhairle a gheall mi gun gabhainn, an uair a thigeadh an t-ám.

Ach iad, na ceàrdan? Tha mi deanamh dheth nacheil ach glé bheag de dhfhuil nan gipsies anns na ceàrdan againn fhéin. Gun teagamh, tha móran dhiubh cho dubh ris an fhitheach, ach gheibhear gu leòir de dhaoine beaga dubha air taobh siar na h-Albann agus air taobh siar na h-Eireann, ach is ann de na h-Ibirianich no sluagh na Mediterranean, iadsan. Theireadh an Ceàrd Mór ma bha no nach robh e ceart, gur h-ann a Galla-Ghàidheil, no Galloway a thàinig na ceàrdan ruadha, agus gun do thòisich achuid bu mhotha de na ceàrdan Gàidhealach air an t-siubhal, an uair a bha na fineachan an sgòrnanan a chéile. “Mur be Colla Ciotach,” arsan Ceàrd Mór Mac a Phì, “be mo mhac-sa oighre Cholbhasa an diugh.” “So agad an tul-fhirinn,” arsan Ceard Mór MacDhomhnuill, “tha na daoine againne air an t-siubhal, riamh on theich sinn á Gleanna-Comhainn air oidhche na mollachd agus nan seachd sian.” “Tha cruinneachadh mór ann an Inbhir-nis an diugh,” arsan Ceard Siosal, “agus nam biodh achòir air a cumail, dhfhaodadh mo cheannsa bhi glé àrd am measg nan uaislean a bhios cruinn.” Biodh an uaisle mar a dhfhaodas tha dreach na firinn air achuid eile den t-seanchas.

An uair a chì thu an ceard Mór ag gabhail an rathaid, le cheann sgràbachs le aodach giobach, is beag nach abair thu, “Chaneil air an duine so dìreach nacheil e ag itheadh an fheòir. “Is fada bhuaithe. Tha rud no


[146]

dhàna cheann nach fhaighear aon chuid an sgoil no an leabhar. Tha agam-sa ri bhi beò air éiginn le breacadh de Ghàidhlig, agus leis nas lugha de Bheurla, ach a thuilleadh air Gàidhlig agus air Beurla, tha trì cànainean eile aig aCheard Mhór nacheil aig na sgoilearan as àirde am Breatuinn. Tha aige na dhfhòghnas den Romani, seann chànain nan gipsies. Co-dhiù, nam biodh e ceannach eich no bàta anns an Romani, cha bhiodh e furasda an car a thoirt as, agus nam banngan reic a bhiodh e, ’s e am fear eile bu dòcha call. ’S tha làn a chinn aige den chànain ris an abair na sgoilearan Shelta no Shelru, ach ris an abair an Ceàrd Mór e fhéin an Laideann Eireannach. Rinn na h-àrd-sgoilearan a mach gun deachaidh achànain so a dhealbh ás aGhàidhlig, o chionn còrr agus mìle bliadhna, le bàird agus ollamhan na h-Eireann, los gum faodadh còmhradh a bhi aca ri chéile nach tuigeadh càch. Bha iomadh seòl aca air na facail fhalach. Tha móran dhiubh air an cur cas mu sheach: am facal mac air a thionndan gu cam, agus am facal pog air a thionndan gu gop. Glé thric cuideachd, tha litir no dhà air an cur ri ceann an fhacail no ri iorball, no ris an chuid. Mar so tha am facal aimsir air atharrachadh gu grimsha, agus am facal righ (no rig anns an t-seann Ghàidhlig) gu srigo. Ach chaneil ùine air tuilleadh a radh mu dhéidhinn Shelta, an Laideann Eireannach, agus co-dhiù, tha mi fhéin nas eòlaiche air an treas cànain, mas cànain i, a thaig aCheàrd Mhór, agus ris an abair e fhéin achainnt no còrr uair Am Brothlach. Tha cuimhne agaibh gur h-e Am Brothlach a theireadh muinntir na Féinne ris achoire mhór anns am biodh iad abruich a h-uile seòrsa bìdh còmhla, agus is e fìor mheasgan a thanns achainnt so a bhios na ceardan abruidhinn ri cach a chéile.


[147]

Bhithinn fad an comain nan sgoilearan a tha ag éisdeachd rium an nochd, nan innseadh iad dhomh cia meud cànain a tha an Ceard Mór ag cur fo chìs anns na facail so:—

Gadgie Fear-tighe.

Shan Gadgie Duine mosach.

Bauri gadgie Toirt achair a fear-tighe

Manishi no Beòr Boireannach.

Grannam Coirce.

Carnis Feòil.

Sprach Iarr.

Bir Bàta.

Haben Aran.

Test Ceann.

Wenetra no Fenetra Uinneag.

Pani Uisge.

Pani Deevies Latha fliuch.

Lig no Drom Rathad.

Gauni Cearc.

Ciri Caora.

Meggat Uan.

Gry Each.

Yag Teine.

Mealie Siucar.

Vil Baile.

Sallachan Mionnachadh.

Ringan Coire.

Ja Avree Gabh Romhad.

Bing avree Thig an so, no tiugainn leinn.

Foghnaidh sin an dràsda, ach is fheudar dhomh aideachadh nacheil uair a thachras an Ceàrd Mór orm, nacheil fìor shannt orm mo làimh a churnam bhoineid ri leithid a sgoilear.

Ach chaneil an dùrachd sin aig a h-uile fear. “An


[148]

cuala thu riamh, a ghaolaich,” arsan Ceàrd Mór rium, “mar thuirt mi ris an duine so shuas, an uair a dhiùlt e le feirg, sochar beag a dheanamh domh, agus misena cheart fheum. ‘Tha seòrsa de dhreuchd anns an Eaglais,’ arsa mi fhéin ris, ‘agus theid thu air do ghlùnan, moch is anmoch a dhiarraidh fichead air an Fhreasdal air nacheil feum sam bith agad, ach theid thu fhéin air an dearg chaothach ma dhiarras ceàrd bochd seann bhriogais ort. Och, a dhuine thruaigh, cha bu tu , ’s cha bu mhi an .’ Thug mi sin , dìreach beul mun t-sròin, biodh e buidheach no diombach.” Is mi a chreideas. Is math is aithne don cheàrd mhór a bhi modhail goirt, agus mas fheudar a bhi goirt gun a bhi modhail.

Ach ge mór mfharmad ri fòghlum agus ri airmseachd nan ceard is motha na sin mfharmad rin cuid ceòlmhorachd. Mar thuirt Murchadh nam Port, á Bearnaraidh na h-Earadh, “Neor thaing caran is camagan is cuairteagan anns na puirt agam fhéin, ach manamsa! gur h-e car amhuiltein gun stad a bhios puirt nan ceàrd adeanamh.” Cha mhisde na puirt sin! Is fhada leanainn fhéin an Ceàrd Mór, is ecluich am beul na h-oidhche, “Theid mi dhachaidh Chrò Chinn-t- Sàile,” agus shiubhlainn eadhon na bfhaide a dhéisdeachd ris is e gabhail tàlaidh do na h-oghachan, an ám cadail.

, , ghibean,
, , ghibean,
, , ghibean.
gheibh thu far an laigh thu,
Ghaoil, an nochd?

Gheibh e mo bheannachd-sa co-dhiù, “Far an laigh thu, ’Ghaoil, an nochd.”

titleAn Ceard Mor
writers MacLeod
internal date1937.0
display date1937
publication date1938
level
parent textAm Measg Nam Bodach
<< please select a word
<< please select a page