MUILE.
Le NIALL MAC ’ILLE MHOIRE.
’Nuair a fhuair mi an cuireadh tighinn a labhairt ruibh an nochd, agus a chunnaic mi an cuspair a chaidh a chur mu’m choinneimh chuir e beagan iomcheist orm. “Am Measg nam Bodach!” thubhairt mi rium féin, “cha robh leithid de ni againn ann am Muile ri bodaich, agus mo làmh-sa dhuibh-se gu’m faighinn mo chàineadh am measg mo cho-eileanaich mur cuirinn so an céill dhuibh anns a’ cheud dol a mach. Is fhada o’n chuala mi ’nam measg, an seanfhacal “theid dùthchas an aghaidh nan creag,” agus so aon ni a lean riutha o na gineil a dh’fhalbh, oir an diugh fathast tha feadhainn ann a thogas colg orra ma chluinneas iad iomradh air aois, agus gu seachd sònruichte ma dh’innseas sibh dhoibh gu bheil iad air fàs ’nam bodaich.
Ach chan ’eil an ùine ach goirid, ’s leis a sin teannaibh a stigh agus feuchaidh mi ri innseadh dhuibh beagan de na chuala mi am measg seann daoine an eilein ’s an d’fhuair mi m’àrach. Bha móran de na seann chleachdaidhean air dol a dhìth roimh ’n là agam-sa ach chuala mi cuid mhath de na nithean a bhiodh ag gabhail aire nan seann daoine an ám dhoibh a bhi air chéilidh no a’ seanachas ri chéile.
Anns a’ cheud dol a mach, an tig sibh air chéilidh leam air Iain Eachainn. Tha gach nì tuibhte sìomanaichte aig Iain agus deagh chruach mhòna aige aig ceann an tighe, ’s chan ni so a bu chòir dhuinn a dhi-chuimhneachadh oir tha fiughar againn garadh no dhà fhaotainn aig gealbhan Iain chòir mu’m bi an geamhradh seachad. Tha an teine air ùr bheòthachadh air leac an teintein, is lasagan
beaga ’nan teanganan caola ag éiridh suas eadar gach fòid a th’air an cur gu cùramach ’nan seasamh, agus tha an gealbhan suilbheara ag cur deagh shunnd air a’ chuideachd gu léir.
Mar a bha an cleachdadh air feadh na Gàidhealtachd gu h-iomlan bha, agus tha, fìor riaghailt na céilidh air a gleidheadh againne am Muile. “A cheud òran air fear an tighe, ’s gu làtha air na h-aoidhean.” Is ann car mar so a thòisicheadh Iain còir. “Eisdibh, a chlann, bho’n nach fhiach cuirm gun a còmhradh ’s fhiach naidheachd mhath a h-innseadh dà uair. Nach fhada o’n chuala sibh fear de na h-òrain aig Eachunn Bacach. Bithidh fios agaibh, tha mi cinnteach gur ann de Chlann ’Illeathain an Rois, no Sliochd a’ Chlaidheimh Iaruinn a bha Eachunn. Bha e ’na dhuin’ òg sgairteil ’nuair a bha Sir Eachunn ag cur an uidheim gu dol a mach an aghaidh an truaill Shasunnaich Cromwell. Shuidhich an ceann cinnidh gun cruinnicheadh na treun-fhir a bha ri falbh leis air Faolann a’ Chnuic agus b’e Eachunn aon de cheithir mic dheug a thug am mathair thar Màm Chlachaig gu a Ceann-cinnidh. ’Nuair a ràinig i far an robh e, b’e cheud fhàilte a chuir e oirre, “C’àit an d’fhàg thu Niall Buidhe?”
“Chan fhaod e bhi nach fhàg sibh Niall Buidhe agam féin,” ars’ ise.
“Umh, thoir leat dhachaidh an còrr ach cuir Niall Buidhe g’am ionnsuidh-sa.”
Thill ise dhachaidh, mar a thàinig i, thar a’ Mhàim, agus ’s e a thachair gu’n d’fhalbh Niall Buidhe còmhla ri càch—Fear eil’ air son Eachuinn. Cha do thill dhachaidh de’n teaghlach so á Blàr fuilteach Ionbhar Chéitein ach Eachunn Bacach ’na aonar ’s e air a dhochunn gu mór, agus is esan a rinn an t-òran a tha
ag innseadh mu’n Bhlàr so agus mar a theich na reiseamaidean eile:—
’S a dh’fhàg iad an deagh Mhac ’Illeathain,
Ag cur a’ chatha ’na aonar.
is mar an ceudna:—
Ged dh’fhàg mi mo bhràithrean,
Anns an àraich ’gan casgairt,
Chan e sud tha mi ’g àireamh,
Ach sàr Mhac Shir Eachuinn
A bhi ’n làimh aig luchd Beurla
Is nach fhaod e dol as òrr’.
agus mar sin air aghaidh.
Sin agaibh a nis an cleachdadh a bh’aca ’nuair a theannadh iad ri òran. Rachadh innseadh an toiseach carson a chaidh an t-òran a dheanamh. Chan ann mar a chluinneas sinn aig na cuirmean an diugh, trì ceathramhnan ma dh’fhaoidte, a bha aig na seann daoine còire—ach an t-òran o cheann gu ceann agus na h-uile ceathramh air a ghabhail dà uair gun leabhar gun chuideachadh. “Falbh! Falbh! coma leam na ‘tractaichean’ ,” mar chuala mi deagh charaid, Calum Alasdair, ag ràdh ’nuair a thòisich na leabhraichean òran air fàs cumanta. Ghabhadh e féin òran an déidh òrain de’n t-seann fheadhainn chearta, ach ’nuair a theannadh e ri “thoir a nall dhuinn am botull” aig Ailein Dall chuireadh e loinn air ann an dòigh tha mi’n dùil nach cluinn mis air a chur air am feasda tuille.
Anns na seann laithean ’s gann a thachradh ni cliuiteach sam bith nach rachadh òran a dheanamh g’a chumail air chuimhne, agus tha’n t-òran a rinneadh do theaghlach Pheighinn-na-crois de’n t-seòrsa so. Thog na triùr bhraithrean, Iain is Ailein is Tearlach orra do’n arm an ám cogadh na Frainge. Cha robh Tearlach ach
sia bliadhn’ deug ’s an ám, ach ’na thrì bliadhna fichead bha’n gaisgeach so ’na Chòirneal air Reiseamaid Eniskilling, reiseamaid each cho ainmeil ’s a bha ’s an arm Bhreatunnach, agus bha e air an ceann aig Blàr Waterloo.
Moire! ’s iad mo ghaol na bràithrean,
Iain is Ailein is Tearlach,
Righ! gun dion Thu iad o’n nàmhaid,
’Nám dol sios do bhlàr na fala.
Agus fad ’s tha mi aige feumaidh mi ainmeachadh aon ni nach bu chòir do mhac Muilich sam bith a dhi-chuimhneachadh. Nach tric a chualas aig céilidh am measg muinntir Dhùthaich Shil Eachainn an sgeul mu theaghlach Scallasdail mar a choisinn iad urram dhoibh féin agus cliù do’n Eilean a dh’àraich iad ann an cogadh na Frainge. Nach iomadh uair a dh’innis iad le moit mar a thug Righ Deòrsa ’nuair a bha e air chuairt ann an Dun-Eideann, am bonn suaicheantais d’am màthair, Nighean Mhic Guaire Ulbha, air an robh sgriobhta, “Mathair Nan Gaisgeach” agus ars na seann daoine an ám a bhi ag innseadh mu’n ghnothach, “cha deachaidh a leithid a chosnadh riamh roimhe no na dhéidh.”
Tha cleachdadh eile a bh’aig ma luchd dùthcha a dh’fheumas mi chumail air m’aire chionn cha rachadh a leigeil air di-chuimhn’ aig na seann daoine, gu sònruichte leithid oidhche deireadh bhuana no Nollaig, Calluinn no Bliadhn’ Ur agus b’e sin “Drama do Fhear na saothaireach.” Chuireadh so a h-uile neach a bha stigh gu òrain, no gu sgeulachdan, oir mur gabhadh iad an t-saothair chan fhaigheadh iad an dram. Agus an sin na’n gabhadh neach òran barraichte, b’e àrd urram na cuideachd dha mar a theireadh iad féin, “Mart de chrodh a Mheinneirich” a ghuidhe dha“ ’s gun aige féin ach an gamhainn.”
Oidhche bha sud bha cuideachd cruinn ann an Dearbhaig agus ’nam measg bha Aonghas Peutann, bàrd cho math ’sa dh’àraich Muile riamh. Anns an dol seachad, faodaidh mi radh gu’n d’rinn e òran do Oighre Cholla, Alasdair Og, anns a’ bhliadhna 1827 cho math ’s a rinn bàrd riamh. Bha neach-eigin a leughadh còmhradh á “Cuairtear nan Gleann” agus thàinig e thun nam facal “Fiath nan eun.” Bha Aonghas de’n bharail gu’m b’e Mgr. Niall Mac’Illeathain a bha ’na mhinisteir ann an Tiriodh a bha sgrìobhadh mu na mucan mara ’sa chòmhradh. “Ud, ud,” ars’ esan, “g’e math Mgr. Niall tha e ceàrr an sud. Chan e sin tha ’fiath nan eun’ ag ciallachadh idir. ’S ann a tha’n sin ám sònruichte de’n bhliadhna ’nuair nach cluinnte eun ’s an ealtainn ag goirsinn. Ged thigeadh tu air a chorra-ghridheach fhéin gu’n fhios dhi ’s a’ chladach leumaidh i air falbh gun uiread agus sgriach. ’S e so an t-ám eadar Samhuinn is Féill Mhàrtuinn dìreach an t-ám so de’n bhliadhna eadar an 11mh là agus an 22mh là de’n mhios so.”
B’e sin barail Aonghas Peutan mu ’Fiath nan Eun’ agus ma tha duine ’san éisdeachd a chuala so no brìgh eile aig na facail sin bu mhath a chluinntinn co-dhiubh bha Aonghas ceart no ceàrr ’na bheachd.
Ach chan ’eil math dhomh a nis gun beagan iomraidh a dheanamh air seòrs’ eile de sgeulachdan a bhiodh aig na seann daoine. Bha feadhainn ann nach deanadh nì eile aig a’ chéilidh ach a bruidhinn air taibhsearachd is saobh-chreideamh, bho ghnothuichean cho uamhasach oillteil ris an taghairm a rinn Lachuinn Odhar is Ailein MacEachainn gu ruige na Doideagan Muileach is Eoghan a’ Chinn Bhig, agus faoineasan beag eile nach fhiach an ainmeachadh. Bha mi aon oidhche air chéilidh agus cha deanadh nì feum leis a’ chuideachd ach gu’n innseadh
Iain Eachainn dhuinn mu’n Taghairm. Thòisich e agus ’s ann aige féin a bha ’n gnothuch ris. Tha an sgeul uamhasach a’ tighinn o bheul neach sam bith ach le Iain ’ga h-innseadh, cha mhór nach robh sinn a’ toirt oirnn féin a chreidsinn gu’n robh na h-uile nì mu choinneimh ar sùilean. Bho nach ceadaich an ùine dhomh briathran Iain a dhlùth leantainn, agus a chur mo sgeoil an giorrad, foghnaidh e radh gu’n d’rinn an dà ghaisgeach Leathanach Lachuinn Odhar, agus Ailein MacEachainn—an Taghairm ann an sabhall mór Pheighinn a’ Ghobhainn. Bha iad ag ìobradh chat. B’e Lachuinn Odhar a b’àrd fhear riaghlaidh agus b’e ’n t-òrdugh a thug e do Ailein, “Ge b’e air bith a chì no chluinneas tu, Ailein, cum ris an obair.” Bha so ri dol air aghaidh, gus am foillsicheadh am Fear a bu Mhiosa e féin agus an sin bha na seoid ag creidsinn gu’m faigheadh iad dà nì sam bith a dh’iarradh iad. Lean iad orra gus an do thòisich na droch spioraid air cruinneachadh, agus iad ag gabhail an àiteanan air sparran an t-sabhaill gus mu dheireadh an d’thàinig Cluas-Mhór e féin a stigh. B’e so an t-ám. Gu grad chuir Lachuinn Odhar f’a chomhair na bha dhìth air, is b’e sin, “Cuid agus Clann.” Dh’iarr an curaidh eile “Cuid agus saoghal fada ’na cheann,” agus tha beul-aithris ag innseadh dhuinn gu’n d’fhuair iad mar a dh’iarr. Sin mar a tha an sgeul aig na seann daoine am Muile gus an latha diugh.
Ach tha nì eile cho dlùth ceangailte ris an sgeul so air an oidhche ud ’s nach urrainn mi gun innseadh comhla rithe. Tilleamaid gu taobh a’ ghealbhain aig Iain an rithist. Bha na gillean òga a bha stigh ’s iad ’g an sticeadh féin ni bu dlùithe ’s ni bu dlùithe do chàch a chéile mar a bha Iain cho riochdail ag cur an deilbh fo ar comhair. Bha fear de na bha cruinn anabarrach
gealtach, agus b’ann d’a dheoin a bha Iain an oidhche so a’ tarruing an deilbh ni b’uamhasaiche na chleachd e, oir bha an gnothach air a shocrachadh roimh’ n ám. Thàinig e dh’ionnsuidh nam briathran “Mu dheireadh thàinig Cluas Mhór féin a stigh.” Bha sinn uile gu balbh tosdach, is a’ faicinn gach ni cho soilleir ’nar sùilean agus an sin chualas sgiamh chat. Cha robh an còrr mu dheidhinn, shaoil leis an fhear eile gu’n robh Cluas Mhór fhéin air teachd da-rìreadh, agus le aon chruinn leum bha e ann an teas meadhoin an teine. Chuala e triutan gàire am measg nam balach. Thuig e an sin a’ chuilbheart a chaidh a chluich air, agus mo làmh-sa dhuibh-se ma bha am pronnusg dlùth air Lachuinn Odhar is Ailein MacEachainn nach robh tigh Iain chòir saor is am fàileadh aige gu ceann iomadh là an déidh sin.
Nì eile a bu mhath leam a chur f’ar comhair, agus ’s e sin cho deas-bhriatharach is a bha na seann daoine agus mar chuireadh iad facail an eagamh a chéile cha mhór air mhodh gnath-fhocail. Bha seann duine ag còmhnuidh dlùth air baile Dhearbhaig a bha anabarrach math air a’ ghunna an tùs a làithean. Bha e latha bha sud ag innseadh do’n mhinisteir mar rinn sgiorram de bhalach tàir air a chuimse ’s an dol seachad, “Ach, a Mhaighstir Iain,” ars’ esan, “na’n robh mise mar b’abhaist chuir mi e dhachaidh ’s an fhianuis ’na chois.”
Bha aon nì a thachair anns an leth-iochdaraich a bha cho ùr ann an seanachas nan seann daoine, ceud bliadhna an déidh dha tachairt ’s a bha e ’n latha thachair e agus b’e sin, bàthadh Dhomhnuill Cholla ann an Caolas Ulbha air latha na Sàbaid, an 25mh latha de mhios meadhonach an fhoghair, 1775. B’e Dòmhnull so Oighre Cholla air am bheil an t-Ollamh MacIain a’ toirt iomraidh cho cliuiteach agus a bh’air a mheas cho mór
ann am measg a luchd dùthcha fhéin ’s gur gann nach mùchadh iad an guth an uair a bhiodh iad a’ bruidhinn mu dhéidhinn dlùth air ceud bliadhna an déidh a bhàis. B’ann mar so a thachair a réir mar a dh’innseadh dhomh-sa. Dh’fhàg e fhéin, Mac’Illeathain Loch Buidhe, agus fear no dhà eile tigh na h-Earraidh dlùth air Tobar Mhoire, agus iad a’ deanamh air Innis Choinnich far an robh Sir Ailein Mac’Illeathain ag còmhnuidh. Ach mo chreach cha d’ràinig e riamh a cheann-uidhe. Air an rathad a dol thar a’ mhonaidh, thadhail e air Eachunn Moireasdan a bha ’na mhaor aige air oighreachd Chuimhneis ann an Acha nan Sabhall, agus dh’innis e dha cho mi-thoilichte ’s a bha e le Lochbuidhe a chionn gu’n robh e losgadh ’s a’ marbhadh eun air an turus. Co-dhiubh, lean iad rompa do’n Lagan, agus thadhail iad air Gilleasbuig an Lagain, bràthair Fear Thorloisgte. Cha bu luaithe bha iad a stigh na fhuair Lochbuidhe fàth air iarraidh air fear an tighe feadhainn de na cearcan-fraoich a mharbh e air an t-slighe a dheasachadh air son tràth mheadhoin là, agus an cur mu choinneimh Dhòmhnuill Cholla, air a’ bhòrd, air son an roinn. Shuidh iad gu’m biadh agus chaidh na h-eòin a chur mar dh’iarradh. ’Nuair a thug an t-oighre fa-near gu dé a thachair grad thilg e iad ann an toll na luatha is greim cha ghabhadh e. Thog iad orra an sin a chum an t-aiseag a ghabhail. Mo chreach, cha robh am bàta ach beagan astair a mach o thìr ’nuair a chuir i car dhìth, agus chaidh Dòmhnull Cholla ’s a ghille agus sianar eile a bhàthadh. Fhuaradh e, an aon fhear air an robh làrach—is bha gearradh air aodann. Ghabh Eachunn Moireasdan cùram dheth, shuain e ’na chleoc’ e, agus thug e do Cholla e. Mar a dh’fhaodas sibh a thuigsinn cha robh gaol mór sam bith eadar Loch Buidhe agus
Dòmhnull Cholla oir bha iad le chéile an tòir air nighinn Sir Ailein agus tha e air aithris gu’m b’fheàrr leatha Dòmhnull. Mu’n d’thug iad e á Caol Ulbha thàinig i ás an Innis agus dh’iarr i an t-uaireadair aige. Dh’fhosgail i i, thug i mìr beag de phaipear aisde, agus bha daoine an déidh so de’n bharail gur e còrdadh bha eadar i fhéin agus Oighre Cholla a bh’ann.
Tha e glé choltach gur e so a bu bhun-stéidh do’n bhàrdachd a thug cuspair do’n Bhàrd Tomas Caimbeul ’nuair a sgrìobh e “Lord Ullin’s Daughter” mar a bha na seann daoine ag innseadh dhomh. Bha piuthar Tighearna nan Ard ’na ban-tuathanach ann an Sunipol agus teaghlach bràthar a’ fuireach leatha is bha am bàrd a’ teagasg sgoil doibh. B’e Alasdair Mac’Illeathain a mhuinntir Cholla a bh’aice air ceann a’ bhaile agus thaobh cho drùiteach ’s a bha am bàthadh air inntinnean an t-sluaigh is cinnteach mi gu’m biodh e tric ag innseadh mar a thachair do’n bhàrd.
Sin a nis beagan de na chuala mise am measg mo sheann chàirdean air ám dol air chéilidh orra agus is iomadh Céilidh ghasda bha againn.
Oidhche mhath leibh.
title | Muile |
writers | Neil Morrison |
internal date | 1937.0 |
display date | 1937 |
publication date | 1938 |
level | |
parent text | Am Measg Nam Bodach |