CANNAIDH, EIGE, IS RUMA.
Leis an Urr. SOMHAIRLE MACISAAC.
Eileanan sèimh Mhic Ic Ailean. B’e sin a chanadh na seann daoine ri “Cannaidh is Eige is Ruma is Eilean nam Muc.”
“ ’Nam bu mhi bha roinn an fhearainn,
Bu leat Rum is Eig is Cannaidh,
Eilean nam Muc bho d’ chuid ghearran.”
Bhitheadh na bodaich ag innseadh le sùrd gu’n d’fhuair Ceòlag Chlann Raonuill an dùrachd a bha i rùnachadh anns an duan so. Bhitheadh iad cuideachd ag aithris—ach chan ann idir le sùrd—mu’n mharsantachd leibideach a rinn Mac ’Ic Ailean ’nuair a rinn e suaip ri Tighearna Cholla, ag gabhal bìrlinn an iomlaid air Rum. Gun teagamh bha bhìrlinn gun chomh-ionann air feadh nan eilean. Bha i aotrom air fairge agus snasail ’na cruth—air a togail le fiodh annasach a bha air ùr-thighinn a nall thar a’ chuan-siar agus ris an canadh na seòladairean “Magano.” Ach os cionn a h-uile maise bha oirre, bha i siùbhlach am measg nan garbh-thonn os cionn gach bìrlinn eile is dh’fhàgadh i fad ás a déidh bìrlinn Mhic ’ic Ailean fhéin—nì nach robh iomchuidh idir am beachd Tighearna nan Eilean, oir nach robh e ag gabhail dha fhéin air réir a shuaicheantais, uachdaranachd na mara cuideachd. Co-dhiubh, fhuair Mac ’Ic Ailean a bhìrlinn, ach ma fhuair, chaill Ruma gach nì bha taitneach leis an t-sluagh. Cha robh ach còmh-strì agus droch rùn eadar muinntir an eilein agus na tighearnan neo-shuimeil ùra. Bha earalachadh a’ bhàta bhuidhe ag aobharachadh fuatha is tuasaid, gus mu dhéireadh an robh muinntir
Ruim air am fuadach thar a’ chuain is bha Ruma mean air mhean air fhàgail fàs.
Bithidh na bodaich le cianalas ag aithris fhathast iarrtas dheireannaich an Rumaich ’s e feitheamh an Colla ris a’ bhàs— “Deoch de’n fhuaran Rumaich bho thìr nam fuar-bheinn chorrach, ’s gu’n teid orm an ola mu’n téid mi fo’n ùir an Colla.”
Ged a chaidh móran fhuadach á Cannaidh cuideachd, bha roinn air am fàgail a dh’innseadh sgeul— ’s cha robh cnoc no creag no sgeir gun sgeul.
’S e an imcheist taghadh a dheanamh ann an ùine ghoirid mar so. ’S tric a bhitheadh na bodaich ag aithris mu’n chreach agus mu’n sgrios a rinn na saighdearan dearga ann an Cannaidh is iad an tòir air a’ Phrionnsa. Ged tha an eachdraidh oillteil gun teagamh, chan ’eil i gun tionndaidhean cridheil cuideachd. ’Nuair a rannsaich na saighdearan tigh mór a’ Chorraghain far am bitheadh Mac ’Ic Ailean ag còmhnuidh an ám dha bhi ’san eilean, ’s nach robh Prionnsa no Tighearna ri fhaotainn, chuir iad an tigh mór ’na theine, agus thòisich iad air an nì ceudna a dheanamh ri tighean na Tuatha. Ach bhuail innleachd an ceann gille òig a bha fuireach am bràighe na Cille, a dh’fhuadaicheadh iad. Bha fiughar aige falbh bho thigh a mhathair a bha ’na bantraich ’s i air laighe na leapa. Thairg e do na saighdearan an stiùradh a dh’ionnsuidh an àite anns an robh am Prionnsa, ma b’fhior, am falach. Cha bu ruith ach leum aig na diùlnaich ’s dòchas mór aca ris an duais a bha an geall. Thug an giullan iad gu Creag Langainis agus sheall e dhaibh uamh a tha am meadhoin na creige, anns nach ’eil comas aig neach dol a stigh, ach an udalan le ròpa. Ged a bha an cunnart soilleir, bha an duais buaireasach. Ghabh fear de na saighdearan sios thun
na h-uamha; thilg e bhuaithe an ropa agus sud e stigh le farum air tòir a’ Phrionnsa. Cha b’fhada gus an cualas éibh na h-uireasbhuidh a tighinn ás an uamha. Mach sìos fear eile. Bha an sin dithis ri tuireadh agus ri glaodhaich. Sios a ghabh fear an déidh fir, de na seòid, gus mu dheireadh an robh seachdnar anns an uaimh, agus iad uile glé iarrtach air faighinn ás. Is ann an sin a thuig càch nach robh am Prionnsa na duin’ eile anns an uaimh, ach gur ann a chaidh cùis-bhùirde a dheanamh dhiubh. Cha b’ann gun amhradh ’s gun chunnart no gun chiorramachadh cuideachd a fhuair na saighdearan dearga an slaodadh a mach ás an uaimh suas gu bàrr na creige a rithist. Ghabh iad turus an sin làn de chorruich agus do thàmailt. Agus rinn muinntir Channaidh gàire. “Ach ma rinn,” chanadh na bodaich, “bha dà latha mu’n do rinn iad gàire a rithist.” Is ann an sin a thòisich an rannsachadh dà-rireadh, agus bha murt is marbhadh is sgaradh ’na chois. Mu’n d’thug saighdearan suas dùil am Prionnsa fhaotainn, cha robh teaghlach ann an Cannaidh nach robh ag caoidh an daoine agus an cuid. “Bha ’n crodh air an togail, ’s na daoine air an reubadh.”
Mu dheireadh thall, ghabh na saighdearan air adhart an null gu Uidhist, ach mu’n do ràinig iad thar a’ chuain Sgith, bha am Prionnsa air togail air.
Ma tha an sgeul sin fìor—agus tha mi am beachd gu bheil—faodaidh e bhi gu’n d’fhuair am Prionnsa barrachd comhfhurtachd bho uaimh Creag Langainis—ged nach robh e riamh innte—na fhuair e bho gach uamh eile tha ceangailte ri ainm. Oir fhuair e an t-aotromach bho’n tòir a thug dha cothrom air tàr ás a’ chunnart.
Is ann am meadhon na truaighe so, bha aon bhodach ag innseadh dhomh, a chaidh am bàrd Alasdair MacMhaighstir Alasdair gu Cannaidh. “Shuidh e ag gal fad
fionn fòghnaidh an latha ag amharc air Eilean Mhàrtain thall an sin mu do choinneamh” thubhairt na bodaich ruim, “agus bho’n latha sin cha d’thugadh air ach Eilean a’ Bhàird.”
’S tric a bhitheadh na bodaich ag aithris mar an ceudna sgeul nighean Mhic ’Ic Ailean a chuir seachad ioma latha ann am prìosan cuingeach air a’ Chorraghain Mhór. Bha a h-athair diùmbach dhith a chionn gu’n do leig i a spéis air Mac ’Ic Nèill Bharraidh, agus nach deònaicheadh i cùl a chur ris. Ach is iad na cailleachan a b’fheàrr a dh’innseadh an sgeul sin ’s na deòir a’ sileadh bho’n sùilean. Dh’innseadh iad an còmhradh a bha eadar a’ mhaighdein agus a banalaiche is iad ’nan suidhe air mullach na creige, is a sùil ri tuath is ri deas, a’ feitheamh ri nochdadh na bìrlinn Bharraich a bha an geall tighinn g’a h-iarraidh. Thachair mar bu dual. Air a mheadhoin oidhche thàinig an t-òigfhear gu bonn na creige, shnaim a’ mhaighdean Channach na plaideachan ri chéile, sud sios i gu gairdeanan a rogha-chéile, ’s mach iad a null thar a’ Chuain, mu’n do mhosgail am bodach borb as a cheud chadal. B’ oillteil, agus bu taitneach leinn a bhi ag éisdeachd ri raoicill Mhic ’Ic Ailean ’nuair a chaidh innseadh dha gu’n robh Mairead air falbh ann am bìrlinn anns nach robh “an làmh dhearg air an stiùir.”
B’e crioch na sgeoil so ged tha, gur e ogha no iar-ogha na càraid shealbhaich so a thill air ais gu Cannaidh ’na uachdaran, ’s e pòsda aig té eile de mhaighdeanan Chlann Raonuil a fhuair Cannaidh ’na thochair.
Tha e air innseadh gu’n do nochd am fear as miosa e féin air an Rudha Liath anns an Leithir ’s e air tighinn an tòir air Dòmhnull Dhonaidh Mhic ’Ic Ailean, is e ’na laighe le galar a bhàis. ’Nuair bha Domhnull còir ag
gluasad a mach air cuireadh an duine eile, nach do ghairm an coileach; air dha so a chluinntinn, theich an Donas mar bu dual agus mar sin chaidh beagan moille a chuir air imeachd Dhomhnuill á tìr nam beò.
Tha e coltach gu’n robh Dòmhnull Donaidh, ma’s fhior an sgeul, ’na dhuine a bha borb agus cruaidh chridheach gu sònruichte ris na mnathan. Nach d’rinn e a’ cheart ghnìomh oillteil ann an Cannaidh is a rinn e aig a’ chaisteal Thioram. Bha Màiri nighean Alasdair ’na maighdein òig speisealta air an robh mór mheas am measg a co-eileanaich, ach aon latha, mo thruaighe, thàinig Dòmhnull Donaidh agus dé ach gu’n d’thug e leis i gu cladach. Aig ìsle mhara phleat e a falt ’san fheamainn, agus le tionndadh an làin bha Màiri bhochd air a bàthadh. An ioghnadh idir ged a thigeadh an Donas fhéin ’ga iarraidh aig ceann a thuruis saoghalta, mar a bha na seann daoine ag innseadh a rinn e. B’e na rinn Màiri de chron gu’n d’thug i fàisneachd gu’m bitheadh Tigh Mòr Mhic ’Ic Ailean fhathast ’na chrò laoigh agus an gàradh mór ’na bhuaile cruidh. A dh’aindeoin na rinn Dòmhnull Donaidh cha do chum e an fhàisneachd so gun a coimhlionadh, agus is iomadh bliadhna bho’n a bha an Tigh Mór ’na làraich agus an gàradh ’na fhàsach.
Am Measg nan nithean aosda ’san eilean, tha Teampull Chaluim Chille. Tha cuid de na fòghlumaichean a their nach ’eil iad ro-chinnteach an robh an Naomh riamh an Cannaidh, ach ge b’e air bith beachd a tha aca-san, cha robh teagamh sam bith aig na bodaich ri mo cheud chuimhne-sa. A réir aithris nan seann daoine, nach ann an Cannaidh a chuir e an car am beul na leabaig phròiseil a thàinig am mach á Port nam Bùsa. An ám dhith dol seachad air an Dòirlinn, thòisich i air eubhach “A Chaluim Chille cham-chasaich” ris. “Ma’s
Is tric a chomharraicheadh dhuinn am measgan Cannach a tha air a ghearradh as a’ chreig, leis am biodh Calum Cille a’ tomhas gràin nam bochd. B’e làn a’ mheasgain so a bha air a chur mar fhiachaibh air gach buanaiche a thoirt seachad a chum leas nan uireasbhuidheach air latha na deireadh bhuana.
Anns a’ cheann an Iar, tha Sgor nam Bannaibh agus is iomadh cunntas a bh’aig na bodaich air móran dhaoine a fhuair leigheas bho uisge an fhuarain a tha an so a bheannaich Calum Cille. Ach rachadh na bodaich Channach na b’ fhaide air ais an eachdraidh, na linn Chaluim Chille. Dh’innseadh iad mar gu’m b’ann an dé a thachair e, mu thiodhlacadh Righ Lochlainn air Rudha Langainis, a chaidh a chur fo’n ùir le cheann an àrd ris a’ bhruaich, aghaidh ris a’ Chuan an Iar, agus rud a bha ag cur ioghnaidh oirnne, gu’n robh coire aig a cheann agus coire eile aig a chasan. Bha rabhadh cudthromach r’a thoirt dhoibh-san aig an robh iarrtas dol an tòir air an ulaidh so. Is coltach gu’n d’thàinig Gall do’n Eilean is e an geall air an ulaidh a bhi aige-san. ’Nuair a theann e ri cladhach thàinig stoirm le tein-adhair is tairneanaich is le uisge a’ dortadh gu talamh mar gu’n d’fhosgail na neòil. Ghabh an Gall an t-eagal; theich e le bheatha, ach mo thruaighe, cha b’fhad a mheal e i, oir ann a bhi a’ ruith gu fasgadh chaidh e air iomrall, agus thuit e ri creig is fhuaireadh marbh e an ath làtha. Is e theireadh iad gu’n do dh’aobharaich obair mhi-chneasda fhéin a bhàs dha.
Tha e air a radh gu bheil ulaidh eile an Dùn Channaidh far an do thiodhlaiceadh an Lochlannach a
thug ainm do’n Eilean, agus a réir mar a dh’innseadh na bodaich tha móran ionmhais aig Rudha Lichdeadal cuideachd. Chuala mi fhéin iad ag radh “Tha fo Lic Lichdeadal gibhte as feàrr na Pabadal.” Tha e coltach gu bheil ulaidh luachmhor an so ged nach bu ghliocas do dhuine sam bith dol air a tòir. Tha i an sud fhathast. Dh’fhaodte gu’n teid sinn uile dhachaidh fhathast, is gu’m faigh sinn beartas is sinn an diugh cho earbsach ás na h-uaislean a bhios ag innseadh dhuinn gach maduinn gu dé an seòrsa sìde a bhios againn air feadh an latha. Mar sin cha bhi dùil againn gu’n cur an aimsir bacadh oirnne ’nar sireadh.
Chan ’eil ùine an nochd air iomradh a thoirt air sìthichean, bòcain, no uirsgeulan, ged a bha iad againn mar bha iad anns gach eilean eile. Tha an oidhche car dorcha co-dhiubh, gu bhi a deanamh móran bruidhinn orra. Feumaidh mi ged thà, facal no dhà a radh mu’n Doideag Channach, a chionn bha ise ainmeil agus cumhachdail am measg nan Doideagan eile. Tha e coltach gu’n robh e ’na chleachdadh aig na Doideagan a bhi ag coinneachadh am Muile gu binn dioghaltais a thoirt air gach neach a bha fo’m mallachd. Thuit gu’n do rinn muinntir Thobar Mhoire rud-eigin a thog feirg nan Doideag agus bha am baile ri mhilleadh. Bha bodach ag innseadh dhomh-sa gu’m b’e brathair a shi-seanair a shàbhail am baile. Bha an Doideag Channach ag gabhail an aiseig. Cha b’urrainn do chàch di-milleadh sam bith a dheanamh gus an ruigeadh i, ach bha ise ri port ann an Guirdeal an Rum. Bha i a’ teannadh ri togail oirre ann an slige bhàrnaich anns an robh iteag aice mar sheòl. ’Nuair a thug an seann duine fa-near dhi, gu grad bhrist e an t-slige. Cho fad is as aithne dhomh-sa,
tha’n Doideag ann an Guirdeal fhathast agus tha Tobar Mhoire gun a mhilleadh.
Chan urrainn dhomh, mo chreach, a bhi ag cuimhneachadh air na seann daoine còire a b’aithne dhomh anns an eilean ’s an d’fhuair mi m’àrach, no air gach céilidh ghasda a bha againn, gun a bhi ’gan caoidh. Dh’fhalbh iad is bu laghach iad, is guidheamaid uile dhaibh glòir is sìth.
Oidhche mhath leibh, a chàirdean.
title | Cannaidh, Eige, is Ruma |
writers | MacIsaac Sorley |
internal date | 1937.0 |
display date | 1937 |
publication date | 1938 |
level | |
parent text | Am Measg Nam Bodach |