[58]

SGRIOB BHO’N TIGHX.

A GHOISTIDH CHOIR,

Chaidh mise laighe, ma tha, anns an tigh-osda chathalaideach a bha sud, agus leis cho sgith airtneulach agus a bha mi, cha bfhada gus an robh mi an rioghachd na suain. Thainig gnogadhs amhaduinn gu dorus mo sheomair atoirt caismeachd dhomh gu robhn tide agam gluasad. Sin rinn mi cho luath agus a rachadh agam air, agus an uair a sgioblaich mi mi-fhein rinn mi direach air an t-seomars a faca mi am bodach stagach an oidhche roimhe sin. ’N uair a


[59] bha mi fagail mo sheomair-cadail, chunnaic mi gu robh cuinneag bheag de uisge teith air fhagail aig dorus an t-seomair agam. Cha dinnseadh dhomh fhathast carson a chaidh a chur ann, ach chaneil fhios agam nach fhac iad gu robh botul beag uisge-bheatha agam a fhuair mi bho mo charaid, Mac Ghille Sheathanaich, an Inbhir-pheofharain, ’s gun do shaoil iad gum bu chaomh leam adhealbh de uisge teith a chur am boineag dheth an am dol a laighe. Cha do leig mise dad orm co dhiu. Thachair aleithid de nithean neonach rium air mo thurus, agus dhfhoghlum mi cleoca chumail air maineolas le bhi tosdach samhach, agus le sin ma bha mi aineolach air iomadh cuis chan fhaigheadh càch fios air sin. Bha duine an sud agus an so ag ithes ag ol an uair a chaidh mi sios don t-seomar dhinneireach. Thug mi suil anns gach cuil airson bodach abhotuil, ach cha robh sgiala air. Cha do chuir sin ionghnadh sam bith orm. Ma thraigh e am botul a bha aige an oidhche roimhe sin bhiodh sgornan tioram agus ceann goirt aige as a dheidh. Thainig an sin achaileag dhubh a chunnaic mi an oidhche roimhe sin, agus chuir i mo bhiadh air abhord. Bha poit tea airgid ann agus soitheach airgid eile anns an robh dribeid bheag de bhainne gorm lachdunn, coltach ris an stuth as am bi na bana-bhuidsichean atoirt an toraidh. Bha sliseag no dha de mhuic fheoil phlamach air truinnsear, agusg am falach, mar a shaoil mise co dhiu, bha ubh air a leth bhruich. Cha do thionndaidh iad riamh e, agus an uair a
[60] chuir mise an sgian troimhe, dhfhalbh en a sgid air feadh an truinnsear. Tuigidh sibh gu robh mise iomadh bliadhnan a mo chocaire anns na bataichean-iasgaichs an aird a near, agus is iomadh muc a chaidh a ròsladh leam anns na bliadhnaibh sin.

Thog mi orm gu fear nan speuclaran air ball, agus leis an deagh sheoladh a fhuair mi bho Thorcull an Ceann aBhaigh cha deachaidh mi leth na h-oirlich air iomrall. Steach gun deachaidh mi, agus bhruidhinn mi ri caileag og laghachagus speuclaran oirre cuideachda bha air taobh thall bord na cise. Dhinnis mi dhith mo thurus, agus thug i mi steach do sheomar feitheimh a bha air cul na butha. Bha mi greiseag mhath an sin, ach mu dheireadh thainig bodach mor liath agus speuclaran òir air a stigh. Chuir e failte agus furan orm agus dhfhoighneachd e dhiom co as a thainig mi. Dhinnis ma dha, facal air an fhacal, mar a thachair dhomh, bhon leig Mairi Mhurchaidh agus bantrach Knocs beannachd leam aig an Tom Raineach agus mar a theab mi a bhin a mo phriosanach Staite an Caol Loch-Aills. Co dhiu bha e gabhail suime do meachdraidh gus nach robh, bha eg eisdeachd rithe agus adeanamh fàite gaire an drasda agus a rìs. Bha mi cur cuthaigeadh Gaidhlig am measg na Beurla air uairibh mar a bhios na boirionnaich oga tha tighinn dhachaidh aig am Feill Ghlaschu acur Beurla am measg na Gaidhlig, airson gun tuig na bodaich aig an tigh gun tug iad-san co dhiu brag


[61] no dha air cabhsair na Drochaid an Glaschu. Thuirt mi ris abhodach nach ruigeadh e a leas taing sam bith a thoirt dhomh-sa airson tighinn a dhamharc airgur h-e mo charaid, Torcull Mac Leoid, a Garrabost, a sheol mi, agus gu robh e asior-mholadh na speuclaran a fhuair e uaithe. “Tha mi ro fheumach air speuclaran,” arsa mi-fhein. “Cha mhor nach dfhiach mi speuclaran gach bodaich agus caillich am Bearnaraidh ach chan fhaic mi soillse le h-aon aca ach speuclaran Thormoid Taillear, agus feumaidh mi an leithid eile fhaighinn, agus tha mi smaoineachadh ma gheibh mi iad gu faic mi an Fhirinn a leughadh gu gasda.” Thug e an sin mi steach do sheomar dorcha, mugach, neonach, agus feumaidh mi litir eile a ghabhail airson innse dhuibh gu mionaideach gach ni a thachair an sin.

Soirbheachadh leibh agus roimhibh.

Mise, gu suairce,

ALASDAIR MOR.

titleX
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textSgriob bho’n Tigh
<< please select a word
<< please select a page