[65]

SGRIOB BHO’N TIGHXII.

A CHARAID RUNAICH,

Saoil sibh fhein nacheil lan thide agam sgur den chunntas so mu chuairt nan speuclaran. ’S fhior sin gun teagamh ach bhon thòisich mi ris tha e nas fhearr dhomh crioch onarach a chur air mun toir mi dhuibh naidheachdan Bhearnaraidh aig an am so. Chaneil fhios aig duine beo air an fheum a rinn na speuclaran dhomh. Thug iad sealladh ur dhomh air achruinne gu leir. An uair a thainig mi


[66] mach a buth abhodaich agus a sheall mi leis na speuclaran air gach ni mun cuairt dhomh cha robh dad de fhios agam de theirinn. Bha uinneagan nam buthan cho soilleir dearrsanta, agus gach ni bhannta— ’s gu dearbh fheine cha be sin am bheagag amharcn a mo shealladh ur-sa cho mor toirteil, agus cha robh litir, beag no mor, a bha air na bocsaicheans na ceanglachain a bhan an sreathan anns gach uinneig nach robh mi comasach air a dheanamh a mach gu soilleir. An uair a rachadh bean-uasal, ’n a beachd fhein, seachad orm, dhearcainn air an toll bu lugha bha air cul nan stocainean aice, agus bha miseg radh rium fhein, mar a thuirt an sean-fhacal còir bho chionn fhada, “gur h-iomadh rud buidhe nach bòr, agus rud boidheach bu chòir a sheachnadh.” Thug mi sgriob troimhn bhaile, direach airson an latha chur seachad, a chionn nach fhaighinn toiseachadh air mo thurus dhachaidh gu lar na mhaireach. Bha mi car eolachs abhaile bho chionn fichead bliadhna an uair a bha mi aig an iasgach ann mu dheireadh, achs mor na h-atharraichean a thachair ann bhon uair sin. Cha do shaoil mi gun do sheas mo chas riamh anns acheart bhaile. ’S e carbadan nan each a bha annn a mo latha-sa, agus is iomadh uair a bhiodh mo chridhe goirt airson nam bruidean bochda atarruing lan carbaid de dhaoine agus de mhnathan de gach seorsa, agus achuid bu mho dhiubh a cheart cho comasach rium-sa air an t-sraid a choiseachd, ach tha an leisg a thann
[67] mor an uair a bhuaileas e luchd an airgid. Chan fada gus am bi iad ag iarraidh dhaoine chuireas am biadhn am bial airson nach gluais iad an lamhan. Chaneil each air sgiala anns na carbadan sin an diugh. Tha an dealanachg an giulan gu luath sunndach bho aon cheann den bhaile gus an ceann eile agus cha toir an diulach sin osna as ged a bhiodh an carbad lan de chailleachan agus na h-uile te dhiubh cho trom ri da bholla mhine. ’S e obair naduir fhein an gille nach gearan an sgios agus nach claoidhear le h-aois, agus is miorbhuilleach an inntinn ghleusda thug am Freasdal do chuid an uair a fhuair iad a mach innleachd airson srathair na h-obrach a chur air cumhachd mor an dealanaich fheins gun fhios aig duine beo caitam bheil a neart morn a laighe. Bha e direach acurn a mo chuimhne eachdraidh a chuala mi mu chailleach a bha uair ann an Reinigidils na Hearadh. Thadhail am ministear oirre latha agus bha i ro thursach a chionn gun do stad an t-uaireadair-clag aice agus nach robh doigh aice air fios fhaighinn air uair na h-eaglais Di-domhnaich. Sheall am ministear ris an uaireadair agus chunnaic e nach robh dad cearr ach gu robh an dara spòg abreith air an t-eile. Chuir e air doigh an t-uaireadair ann an tiota, agus dhaisig e gu slan fallain don chaillich e.

O, tapadh leibh-se, dhuine chòir,” arsachailleach, “ ’s mise tha gu morn ar comain.


[68]

Tha mise direach mar a bha Daibhidh beannaichten uair a thuirt e:—

Than t-eolas so ro iongantach
Is orm-sa tha e cruaidh.”

Ach na faiceadh achailleach bhochd ud carbad an dealanaich aruiths aleum air sraidean Obair-Dheathain gun each gun srathairg a tharruing, ’s ann an uair sin abhruidhneadh Daibhidh rithe ann afirinn. Gu cinnteachs ann an linn nan innleachdan a tha sinn beo.

Thog mi orms amhaduinn leis acharbad-iaruinn agus ged nach robh min t-seachduin shlan air falbh, bha mi smaoineachadh gu robh fadachd orm gus afaighinn dhachaidh gu tlath-ghaoth na mara aon uair eile. ’S iongantach an taladh a tha anns aChuan an Iar dhoibh-san a dhol a stigh fallaineachd na mara sin bhon oige, agus cha chuir iad luach air am feasda gus am bi an teachd an tir air a thoirt dhoibh fada uaithesin co dhiu mar a bha mise saoil sinn air amhaduinn ud.

Cuiridh mi crioch onarach air mo thuruss an ath litir.

Mise agaibh, gu muirneach,

ALASDAIR MOR.

titleXII
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textSgriob bho’n Tigh
<< please select a word
<< please select a page