SGRIOB BHO’N TIGH—XIII.
A DHUINE CHRIDHE,
Bha e feumail dhomh-sa nach robh ceilidh fada agam anns an tigh-osda ud an Obair-Dheathain. Na’m biodh thiginn dhachaidh a cheart cho bochd ri radan eaglais. Phaigh mi coig air fhichead airson aoidheachd na h-aon oidhche, agus tha fhios aig sealbh mor nach robh mise comasach air luach leith an airgid ud ithe an latha b’ fhearr mi riamh, ach de math a bhi bruidheann. Bheirinn coig air fhichead eile airson nan speuclaran a fhuair mi, agus ’s ann domh-sa b’ fhiach.
Dh’ fhag mi Obair-Dheathain aig leth uair an deidh seachd ’s a’ mhaduinn, agus air dhomh mi-fhein a shocrachadh anns a’ charbad, thug mi mach mo Bhiobull Gaidhlig as mo phocaid, agus thoisich mi air leughadh direach far an d’ fhosgail dhomh ann an Leabhar an Taisbeanaidh. Cha chreidinn mo shuilean fhein an uair a bha mi faicinn gach litir anns an leabhar cho mor ri cruach mhònadh a bhithinn a’ deanamh anns na Sitheanan. Chan’eil ionghnadh sam bith orm ged bhitheadh daoine agus mnathan le dith fradhairc deidheil air speuclaran cumhachdach fhaotainn mar a fhuair mise, ged a bha mi uair de mo shaoghal a bha mi saoilsinn gu robh gach neach air am bitheadh iad an impis srachdadh leis a’ mhoit
agus a’ mhor-chuis. Co dhiu de dh’ fhosgail dhomh ann an Leabhar an Taisbeanaidh ach an dara caibidil agus an t-seachdamh rann diag far a bheil e’g radh, “Agus bheir mi dha clach gheal, agus air a’ chloich ainm nuadh sgriobhte, nach aithne do neach air bith ach do ’n ti a gheibh i,” agus nach bu neonach leibh-se gur h-e sin a’ cheart phuing air an robh mi-fhein agus Scottie a’ bruidheann timchioll air an teallach agam an t-Sabaid mu’n d’ fhag mi Bearnaraidh. Bha’n earrann a’ toirt mo theannaidh dhomh iomadh latha, agus chuir mi direach mo chomhairle ri Scottie an latha ud fiach de bha e saoilsinn dhith. Thainig mi air as fhaireachadh ach cha do chuir sin miapadh sam bith air. Sparr e a shuilean gu teann agus thug e truiseadh beag air fhiasaig le laimh, agus ars’ esan, “Gun teagamh ’s e cainnt shamhlachail a tha anns an leabhar so bho thus gu eis, agus chan urrainn an duine ’s foghlumaichte sheas riamh ann am broig grunnd na doimhneachd mhor a tha anns na briathran so a’ ruigheachd, ach ’s e mo bheachd fhein nach bitheamaid a’ toirt ana-ceartas do ’n Fhirinn le bhi ’g radh gu bheil a’ chlach gheal so a’ ciallachadh geallaidhean Dhe do ’n chreidmheach mar a tha iad sin uile air an cur sios gu simplidh anns an Sgriobtur, oir geallaidhean Dhe ann-san is seadh iad agus ann-san is amen iad.” “Ciatach,” arsa mise, “tha sin sgriobturail agus chan ’eil leabhar mineachaidh air an Sgriobtur cho math ris fhein. ’S de nise tha ’n t-ainm nuadh a tha sgriobhte air a’ chloich a’
samhlachadh, bheil dad a bheachd agaibh?” “ ’N uair a tha an Tighearna deanamh gnothuich slainteil ri anam sam bith,” ars’ esan, “tha e toirt seallaidh ur agus tograidhean ura dha, agus a’ cur a sheula fein air an anam sin direach mar a thugadh gu h-eachdraidheil Israel air Iacob, agus Mata air Lebhi a bha ri triuthaireachd aig bord na cise.” Abradh sibh-se gu robh sinn coirdte timchioll air ar meorachadh air an earrainn so, agus gu dearbh ’s i chum m’ inntinn rium air an latha ud an uair nach robh duine ann ris am b’ urrainn mi conaltradh a chumail.
’N uair a thainig mi mach as a’ charbad anns a’ Chaol ’s a rinn mi direach air an t-Sheila, co thachair rium ach mo charaid còir, Mgr. Padruig, agus a bhean ’s a nighean. An surd a rinn an duine caomh rium, agus bha sinn a’ bruidheann air na seann laithean aig an iasgach, gu h-araidh a’ bhliadhna bha e an Ceann Phadruig an uair a rinn Rainy searmon tomadach do na h-iasgairean, agus a bheil fhios agaibh gu’m bi Aonghas Neill a’ bruidheann fhathast air cuid de na puingean a chual’ e an latha ud. Bha mi cho toilichte thuigsinn gu’n do chuir Mgr. Padruig an tinneas dona ghabh e seachad, agus nach fhada gus am bi e cho slan agus a bha e riamh. Chan’eil duine an eilean Leodhais nach luigeadh slainte cuirp is inntinn agus sineadh saoghail dha.
Dh’ fhuirich mi an tigh Peigi Aonghais Ruaidh againn fhein an oidhche rainig mi Steornabhagh,
Thainig mi air tir aig ceann an rathaid, agus bha Tormod Beag an sin a’ coinneachadh maileid nan litrichean, agus chuir e a lamh ’n a bhoineid dhomh gu modhail, agus rinn mise an ni ceudna agus ghabh mi seachad. Co thachair rium aig Ceann a’ Mhorghain ach Bean Bhill ’s i dol a mach leis a’ chrodh. “Fine day, ”arsa mise, cho gallda agus a b’ urrainn mi. “Yes, sir, ”ars’ ise. “Could you tell me where Coast Watcher Mr Malcolm Macleod’s house is? ”arsa mise, ’s dh’ innis i dhomh gu doigheil, ach nach ann a bhris air mo ghaire—cha b’ urrainn mi cumail orm na b’ fhaide. ’S iomadh latha bho nach d’ fhuair mi uibhir de mhodh gallda shealltuinn dhomh agus a fhuair mi an latha ud, agus taing do na speuclaran airson sin.
Sin agaibh-se, ma tha, facal air an fhacal, cunntas
Mise, le muirn,
ALASDAIR MOR.
title | XIII |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Sgriob bho’n Tigh |