SGRIOB BHO’N TIGH—II.
A DHUINE CHRIDHE,
Mar a thuirt mi ruibh ’s an litir mu dheireadh, dh’ fhag carbad a’ mhuilleir sinn aig buth Dhomhnuill Alasdair, agus chaidh mi-fhein agus Calum do Thigh-Osda a’ Chruin air a’ Mhol a Tuath, agus dh’ orduich sinn blasad bìdh, oir chan’eil ni air an talamh is fhearr airson deagh chail a thoirt do neach na sgriob bho Bhreascleit gu Steornabhagh—cuiridh tlath-ghaoth fhallain na mointich spionnadh nuadh araon an corp agus an anam. Fhuair sinn tea ghasda agus ar leor de sgadan ur. Bha an sgadan gun teagamh ro mhath, ach air mo shon fhein dheth, chan fhaigh mi an aite sam bith sgadan ur cho blasda cailmhor agus a gheibh mi am Bearnaraidh againn fhein,
De mar a dh’ fhas Steornabhagh cho mor bho’n chiad uair a sheas mise air cabhsair Sraid Chrombhell an toiseach. Ah, dhuine, ’s iomadh ceann a chaidh an currac bho’n latha sin. Cha robh mi ach dusan bliadhna ’n uair a chaidh mi comhla ri Aonghas Drobhair gu Steornabhagh aig am na dròbh. Tha cuimhne agam air an aran-cridhe fhuair mi an ann aon de na buthan—cho milis agus a bha e—agus a’ farmad a bh’ agam ri clann bheaga a’ bhaile gheibheadh e an
Mise agaibh,
ALASDAIR MOR.
title | II |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Sgriob bho’n Tigh |