SGRIOB BHO’N TIGH—III.
FHIR MO CHRIDHE,
Sin agaibhse mar a bha, ma tha. Chaidh sinn gu math trath air bòrd na “Sheila” choir. Tha i a’ fagail a nise aig uair cho mi-araidh ’s a’ mhaduinn ’s nach robh feum sam bith dhuinn smaoineachadh air cadal. Bha ’n oidhche aluinn ’s i cho soilleir ris an latha, agus bha ’n Gearradh-cruaidh ’n a laighe cho samhach thall f’ ar comhair, agus tur Caisteal Mhic Mhathain ag eirigh gu mor-chuiseach eadar sinn agus fàire. Bha duine ’s duine tighinn air bord. Bha saighdeirean gradhach ann a bha dhachaidh air forladh agus a nise tilleadh air ais gu claisean cogaidh na Frainge. Thuirt aon diubh rium—balach briagha sgairteil a Arnoil—gur h-e aon oidhche a b’ urrainn dha chur seachad comhla ri a mhathair a bha gle bhochd bho chionn iomadh bliadhna, ach bu mhath leis sin fhein. ’S beag a tha dh’ fhios aig luchd an airm cho fada agus a tha Leodhas againne as an Fhraing, ach de sin—feumar a bhi striochdte le cuisean mar a tha iad a nise. Thainig mu dhusan nighean air bord, agus chuala mi gu robh iad uile air an t-slighe gu Glaschu far a bheil iad a’ deanamh sligean—fudair airson cur as do’n namhaid. Tha na boirionnaich a’ tighinn gu follais gun teagamh sam bith agus a’ seasamh an aite fhein gu doigheil ’s an rioghachd.
Bhuail a’ chiad ghlag, agus thug a’ chaismeachd sin grunnan eile air bord. ’N am measg dhearc mi air Ian Mac Ghille Aindreis coir, seann phrothaist Steornabhaigh, agus ultach leabhraichean aige fo achlais. B ’e fhein fior charaid Leodhais, agus Bhearnaraidh cuideachd, agus cha di-chuimhnich mi—fhein am feasd an cuideachadh mor a thug e do’n eilean againn an uair a fhuair sinn an drochaid air faodhail Bhalasaidh. Bha Peigi Aonghais Ruaidh againn fhein ag radh rium cuideachd gu’n d’ fhuair e siol-cura do mhoran am Barabhas bho Bhord an Fhearainn. Mo sheachd beannachd, ma tha, air a cheann liath. Gu ma fada beo esan airson tagradh cuisean muinntir Leodhais. Bhuail an dara clag agus an treas clag, agus chaidh Caiptein Camshron coir, fior Ghaidheal, suas a dh’ ionnsuidh na drochaid, agus dh’ ealaidh sinn air falbh gu socrach bho ’n laimhrig, agus bha iad-san a dh’ fhag sinn as ar deidh a’ smeideadh agus a’ guidhe aiseig shabhailte do na cairdean ris an do dhealaich iad. Chuir e gu h-urar ’n am chuimhne an oidhche mhor da bhliadhna na Lunasdal so chaidh, an uair a dh’ fhag na ciadan de ar gillean tapaidh laimhrig mhor Steornabhaigh, agus, mo leireadh ’s mo mhulad, nach iomadh laoch dhiubh sin nach till tuilleadh gu eilean an gaoil no gu’n cairdean gradhach. Leis an smuain so chaidh sinn seachad air tigh-soluis Arinis agus bha soluis Steornabhaigh lion beag is beag a’ dol as an t-sealladh.
’N uair a dhearc mi air an tùr—rabhaidh (beacon) mu choinneimh an tigh-sholuis, dh’ innis mi do Chalum mu shearmon a chuala mi uair aig Murchadh a’ Cheisteir an Eaglais Phadruig an Glaschu. Bha e bruidheann air fireantachd Chriosd air a chur le creideamh ris a’ pheacach, agus bu ghle thoil leis a bhi faighinn gach samhla ann an Leodhas. Thuirt e gu robh tigh-soluis Arinis ’n a shamhla air an fhireantachd so, agus mar a bha solus an tigh-sholuis a’ dearrsadh gu cuilmeanach ’n a bhoillsgean air gloine dhorcha an tùr-rabhaidh mu choinneimh, agus ’g a lasadh suas mar gu’m bitheadh an solus ’s an tur fhein, mar sin gu bheil fireantachd Chriosda ann an anam iompaichte a’ pheacaich, ’g a lasadh suas le gràdh do’n Fhear-Shaoraidh air a’ leithid de dhoigh ’s gu bheil an t-anam sin ’n a sholus iuil anns an aite sam bheil e. Chord an samhla ri Calum. Chuir sinn coinnein ris a’ phiob agus ghabh sinn sgriob sios agus suas air clar-uachdair a’ bhàta. Co thainig a bhruidheann rium ach Mgr. Mac Leoid, Ceistear nan Sgoilean an Leodhas. Bha mi-fhein agus Calum Sheorais comhla ris ann am Bearnaraidh Bheag aon latha ’s t-samhradh so chaidh, ach is beag a bha dhuil agam-sa gu’n aithnicheadh e mi a ris. B’e fhein am fior ghille coir, gun phrois gun fhiaradh—agus cho ealanta agus a labhras e a’ Ghaidhlig. Gu dearbh fheine, ged is ann air a’ Ghaidhlig a thogadh mise, feumaidh mi aideachadh gu robh moran fhaclan aige nach robh mise tuigsinn, agus nach e sin an t-iomrall a tha
Feumaidh mi sgur an drasda. Tha eagal orm gu bheil an litir ro fhada mar tha, ach innsidh mi mu’n fhortan a thachair rium an uair a rainig sinn Caol Loch-Aills.
Mise, le meas mor,
ALASDAIR MOR.
title | III |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Sgriob bho’n Tigh |