[37]

SGRIOB BHO’N TIGHIV.

A CHARAID, MO RUN,

Tha mi creidsinn gum bi sibh asmaoineachadh gur h-e dhol a mach air cliathaich naSheilaagus tumadh fhaighinns aChuan Sgith a thachair dhomh, an uair a thuirt mi gun do thachair an cruidh-fhortan rium anns aChaol. A dhuine chridhe! bfhasa gu mor leam-sa sin air doigh, agus snamh gu leor agam, na na thachair dhomh mun dfhuair mi air tir air fearann na mor-thir. Ma tha, gun a dhol thar mo sgeoil, an uair a rainig sinn Caol Loch-Aills agus a


[38] bha gach duineg a sgioblachadh fhein airson faighinn air tir nach ann a thainig dithis shaighdeirean air bord mun dfhuair mac mathar a mach, agus sheall iad ri litir-shiubhail gach duine. Bha mise gun litir gun phaipeir gun dad, ach ainm agus seoladh an dotair-shul a fhuair mi bho Thorcull an Ceann aBhaigh. Chuala mi gu leor abruidheann air na litrichean-siubhail a dhfheumas a bhi air cliathaich gach duine ma bheir iad ceum bhon tigh, ach an e gun do ghabh mise stigh gu feumainn fhein te, agus mi air turuscha do smaoinich mi riamh air acheart ni, direach coltach ris an amadan a bham Barraidh uair, agus aministear aceasnachadh anns achlachans an robh e, “Bheil na ceistean agad, a Domhnuill?” arsa ministear. “Tud, chaneil gin, a mhinistear, nach dean en gnothuch iad a bhi agaibh fhein, agus cho beag eile agaibh ri dheanamh.” An uair a dhiarr an saighdear mo litir-shiubhail, dhinnis mi an fhirinn agus thuirt mi ris nach bu tric leam-sa bhi air an rathad a nise bhon sguir mi dhol a dhionnsuidh an iasgaich, agus nach robh mi suas ris na riaghailtean ura. Cha dfhosgail e a bhial ach thainig oifigearn a ruith a nuas air fàradh abhàta, agus air dha-san mo cheasnachadh a rìs dhinnis min fhirinn, facal air an fhacal.

Thuirt e rium nach fhaighinn a larach nam bonn gus am faighinn litir-shiubhail, agus cha dthuirt mise dad achuill” —de math a dheanadh e


[39] dhomh. Thoisich an sin Calum Ruadh coir air a dholn a mo leth-sgial, agus dhinnis e gu doigheil an turus air an robh mi, ach cha robh math. Bhruidhinn an sin Iain Mac Ghille Aindreis, agus abradh sibh-se gun dfhiach e gu cruaidh ris an oifigear, agus thuirt e ris gu faiceadh e fhein ceart mi an uair a ruigeadh e oifis Loch-iall an Inbhir-nis, ach cha deanadh so an gnothuch. ’N uair a thog mi mo shuil cha robh duine no boirionnachs aChaol nach robh air an laimhrig agus duil aca, tha mi creidsinn, gur h-e fear-brathaidh Gearmailteach a chaidh a ghlacadh, achs e siubhal gun siucar a bha aca air amhaduinn ud. Bha mise gun teagamh air mo dhearg nàrachadh, agus suil gach duine orm mar gum be mortair a bhiodh annam. Bha dochas agam airson sin gu faighinn as air doigh eigin, ach bha mi duilich gun caillinn cuideachd Chaluim gu Inbhir-pheofharain. Rinn sinn guim nam faighinn-sa as uair-eigin den latha gun gabhainn carbad-smuide an fheasgair gu Baile-Chail, ’s gum deanainn direach air tigh-osda Mhic Ghille Sheathanaich far an robh Calum gu fuireach an oidhche sin. Cha robh caora dhubhs an trend ach mi-fhein, bha litir-shiubhail aig gach duine agus chaidh iad suas air an fhàradh, aon an deidh aoin, le a màileidean agus an achlasain an cois, agus dhfhagadh misen an am aonar air clar-uachdar naSheila.” Thainig an caiptein a bhruidheann rium agus bha e gle dhuilich air mo
[40] shon, ach bha e den bheachd gu faighinn a bruid roimh fheasgar, agus mar a thuirt bfhior. Thainig an t-oifigear mor a nuasn a ruith agus cuallach mor phaipeirean aige agus suaicheantas an righ air gach aon diubh. Cheasnaich agus rannsaich e mi gu mo bhrogan, agus bfheudar dhomh gach cuil agus cialn a mo bheatha fhosgladh dha bhon am a fhuair mi an t-aran cridhe air Beinn na Drobh comhla ri Aonghas Drobhair, agus thuirt e rium nach robh liad an ròinn de amharus aige nach bu Leodhasach da rireamh mi anns nach robh ceilg. Thug e dhomh bileag bheag de phaipeir gorm mu mheudachd paipeirean gorma nan con a bhitheas sinn afaighinn aig abhliadhnuir. “Cum sin cruaidh teann am pocaid t-achlais,” arsesan, “agus bheir e thu air ais do Bhearnaraidh gun dragh gun bhuaireadh.” “Gu robh mile math agaibh-se,” arsa mise, “ ’s gu ma fada beo an righ a thug a mach an t-ordugh gorm so an toiseach.”

Dhfhag mise bata-smuide Steornabhaigh gu toileach as mo dheidh agus rinn mi direach air an ionad-charbad, agus gu fortanach dhomh-sa, bha mi ann an leth uair a thiden am shuidhe gu socrach anns acharbad-iaruinn a bha ruith gu siubhlach (air uairibh) gu baile mor Inbhir-pheofharain.

Soirbheachadh leibh agus roimhibh.

Mise, gu dileas,

ALASDAIR MOR.

titleIV
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textSgriob bho’n Tigh
<< please select a word
<< please select a page