[44]

SGRIOB BHO’N TIGHVI.

FHIR MO CHRIDHE,

Mar a thuirt mi ruibh bha e gle thraths amhaduinn an uair a dhfhag mi Inbhir-pheofharain an carbad iaruinn na smuide. Cha robh moran air an rathad ach direach iad-san dom bfheudar mar a bha mi-fhein. Bha carbad agam dhomh fhein, agus ged a bha sin car aonaranach dhomh-sa, bfhearr e na bhin cuideachd na te a chuir a leithid de chlisgeadhn


[45] am fheoil an latha roimhe sin. Chunnaic mismokingsgriobhte air uinneag acharbaid, ach bu bheag agam-sa co dhiu bha sin ann gus nach robhagus chuir mi coinnein ris aphiob gu h-ealamh, agus abradh sibh-se nach bfhada gus an robh faileadh trom cubhraidh an lus bheannaichte alionadh gach oisein gu h-ard agus gu h-iosal. Ah, dhuine! sud far a bheil an talamh math agus gu leor dheth fad an t-siubhail gu Inbhir-nis. Chan ionghnadh sinne ann am Bearnaraidh fhein a bhi bochd dheth, acaitheamh airgid air ani nach toir aranag aiteachadh nan creagan glasa, rud a bhris mo chridhe fhein bho chionn iomadh bliadhna. Tha croiteirean feadh gach baile ann an Leodhas afaighinn talaimh airson buntata agus coirce am bliadhna, ach chaneil guth air Bearnaraidh bhochd againne. Chaneil fear-iuil againn agus chan fheairrde an gnothuch sin dad. ’S fhearr caraids achuirt no cruns an sporan, agus is fior e, achs e ar cuid a bhi sealltuinn beo air choinneimh na h-ath bhliadhna, agus eirigh ceart a comhladh agus ar guaillean a chur ris achuibhle. Is bochd an rud dhuinne bhi gun talamh aitich, agus gu leors an eilean dheth a bheireadh a mach an deagh thoradh.

Leis na smuaintean so fhuair mi mi-fhein aig Inbhir-nis, ceanna-bhaile na Gaidhealtachd, agus fhuair mi mach gu robh leth-uair de thide agam gus am falbhadh carbad Obair-Dheathain. Bha


[46] stoc amhach agus boineid a dhith orm, agus bha mi smaoineachadh gu robh e cho math dhomh am faighinn an uair a bha fath agam. Fhuair mi mach as an ionad-charbad gun dragh gun bhuaireadh oir bha paipear gorm righ Iompaireachd Bhreatuinnn a mo phocaid. Bha fhios agam gur h-ann am baile Inbhir-nis a bhan seinneadair mor, Gaidhlig, Ruairidh Mac Leoid, agus smaoinich mi gu fiachainn ris abhuth aige fhaighinn a mach. Dhfhoighneachd mi do bheadagan beag de bhalach luideach ragach an robh dad de bheachd aige caitan robh buth Ruairidh Mhic Leoid a sheinneasBeinn Dorainmar nach do sheinneadh riamh roimhe e. Dhinnis mi da air ball, agus thug mi tri sgillinn dha airson mir is im a cheannach, agus gu dearbh bha eg amharc feumach air blasad de bhiadh na tuatha. Abradh sibh-se gun tug e taing dhomh, agus an ath shuil a thug mi nach ann a bha en a sheasamh air a cheann caol air achabhsair chruaidh agus na casan caola cama dannsadhs an athar. Thug mi taing dhurachdach do Dhia nach drugadh anns abhaile mhor mi, agus rinn mi direach air buth Ruairidh. Chaidh mi steach agus bhruidhinn mis aGhaidhlig, agus na faiceadh sibh-se an surd a rinn e rium.

“ ’S ann a Leodhas a tha sibh-se,” arsesan; “thaur cainntgur brath.” “ ’S ann: is fhior sin,” arsa mise.; “Is mise Alasdair Mor a Bearnaraidh.” “O gle mhath,” arsa Ruairidh,


[47]bithidh mi aleughadhlitir Bhearnaraidhagaibh gu math tric. Tha sibh gle dhuineil an uair a tha sibh atoirt naidheachdan an eilein ann an canain Leodhais.” “O,” arsa mise, “cha burrainn dhomh an toirt seachad ann an canain eile. Cha dfhuair mi an cothrom sinn am oige.” “A dhaindeoin gach cothrom air sgoil is ionnsachadh Beurla a than diughn ar tir, is iomadh Gaidheal agus bana-Ghaidheal bhochd gun eanchuinn a tha ar sgoilean Beurla cur air blàr an diugh,” arsesan. “Nach ann a thainig caileag og a steach an so an de, agus ad mhor coltach ri guite air cliathach a cinn.” Arsise, “Im so anonymously glad to saw you. I seen you in Glesca on the Mull and Iona concart.” “Dhia, gleidh mi,” arsa mise, “cha robh duil agam gu robh aleithid sin de dhi-mothachaidh ann an caileag sam bith a thogadh air aGhaidhlig.” “A charaid chaoimh,” arsesan; “is beag sud den dolaidh a tha seorsa foghluim an lathan diugh adeanamh air oigridh na Gaidhealtachd, agus den t-ionghnadh an uair nacheil an canain fhein afaighinn an aite is coir dhith anns na sgoilean agus leis a sin than oigridh afas suas gun eolas air Gaidhlig no air Beurla Shasuinn, agus mur a toir an Gearmailteach leasan dhuinn an drasda mar Ghaidheil, slan leis aGhaidhlig.” “Be am fior Ghaidheal e gu a bhrogan, aguss ann dha is aithne achuid de a luchd-duthcha anns a bheil spiorad na tàire air an tir agus an teanga. Fhuair mi an stoc-amhach agus a
[48] bhoineid a bha dhith orm cho saor agus a fhuair mi iad riamh roimhe, aguss math is dfhiach do Ghaidheal ceart sam bith eolas a chur air Ruairidh, ged nach ceannaicheadh e fiach sgillinn uaithe.

Mise, mar bu nos,

ALASDAIR MOR.

titleVI
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textSgriob bho’n Tigh
<< please select a word
<< please select a page