[52] SGRIOB BHO’N TIGH—VIII.
FHIR A’ PHAIPEIR,
Mar a thuirt mi ruibh air an t-seachduin so chaidh, fhuair mi “copan tea air mo bhois” aig ionad-charbad Eiliginn, agus rinn e mor fheum dhomh. Is trocaireach an rud an tea fhein, ged is tric sinn ’g a caineadh—cha toir sin oirnn sgur dhith. Ghluais sinn gu sunndach air falbh agus bho ’n a bha am feasgar briagha ciuin, bha sealladh grinn againn air an duthaich mu’n cuairt. Bha da bhodach anns a’ charbad comhla rium, ach ma bha mise samhach, cha robh coltas orra-san gu robh comas labhairt aca idir. “Ma thogair,” arsa mise rium fhein, “tha mi ceart gu leor fhad ’s a chumas “paipear an druggist” leughadh rium.” Thainig sinn gu baile beag, ach ged a mharbhadh sibh mi, chan urrainn mi cuimhneachadh de’n t-ainm a bh’ air. Coma co dhiu an uair a stad an carbad, co thigeadh a steach comhla rium fhein agus na bodaich ach caileag og. Gu dearbh cha robh i boidheach, ach, a charaid, na faiceadh sibh-se sgeadachadh a’ bhoirionnaich sin, theireadh sibh ruibh fhein nach robh gainne airgid no òir air sporan an duine a phaigh a’ bhan-taillear aice. Bha brogan iosal ur nodha oirre. Bha na sàilean aca sia oirlich, na ’s docha còrr, air airde, agus bha na barr-iallan cho leathainn ri ribeanan curraic a chitheadh tu air
[53] cailleach ann am Bearnaraidh an uair a bha mise na b’
oige na tha mi ’
n diugh.
Airson na stocainean dheth,
ma bha iad fasanta,
cha robh moran sgoinn annta.
Dh’
itheadh na caoraich am fiar trompa,
agus thuirt mise rium fhein nach e Tomas nan Ioc-
shlaintean a rinn iad sud co dhiu.
Cha b’
e idir samhla de obair iad.
Tha paidhear a rinn e bho chionn leth bhliadhna air mo chasan an diugh,
agus chan’
eil toll no fàiling annta fhathast,
a dh’
aindeoin gach allabain a fhuair iad eadar beinn is baile.
Bha gùn de bhreacan glas nan ciobairean oirre,
agus bha e a cheart cho goirid ’
s ged bhiodh aice ri siubhal troimh ’
n mhointich gu airighean Beinn Mhòclaid.
Bha tri usgraichean air an darna dorn agus dha air an t-
eile comhla ri uaireadair duirn,
agus airson fhainneachan,
a mhic,
ghabhadh e duine b’
fhearr ceann na mise airson an cunntadh,
ach thuirt mise rium fhein ma bha gealltanas posaidh aice air fear mu choinneamh gach fainne bha sud,
gur h-
i dh’
fhaodadh a radh mar a thuirt an t-
eile, “
nach ann orm-
sa tha’
n fheill.”
Bha mi ’
g innse mu deidhinn do Thomas an latha roimhe,
agus cha mhor nach do bhris e a’
chathair air an robh e ’
n a shuidhe leis na rinn e de lachanaich.
Thainig sinn gu’
n cho-
dhunadh gu’
m biodh e iomchuidh agus ro fheagarrach gu’
m biodh Morair araidh ’
s an rioghachd air a chur air leth airson suil a chumail air riomhadh nam boirionnach aig an am so.
Tha Morair Rhondda os cionn cuisean a’
bhìdh,
agus feumaidh sinn a bhi stuama ann an
[54] caitheamh mine agus siucair,
ach chan’
eil guth air boirionnaich ghòrach a tha deanamh gloir ann an aodach cosdail aig an am so an uair a tha an rioghachd againn feumach air a bhi cleachdadh stuamachd chan e mhain ann am biadh ach an eideadh cuideachd.
Ma bhitheas sibh-
se sgriobhadh uair sam bith gu Seumas Iain Mac-
Mhuirich,
ball Parlamaid na siorramachd againn,
bu choir dhuibh a ni chur ’
n a shuilean fiach de theireadh e.
Cha robh ionndrainn oirre gu dearbh an uair a dh’
fhag i ar cuideachd air an t-
slighe gu Obair-
Dheathain.
Chan’
eil fhios agam an do ghabh na bodaich shamhach mi-
chiatamh dhith—
co dh’
aithnicheadh sin air an anail ach bha mise agam fhein mar a b’
abhaist.
Rainig sinn baile mor Obair-Dheathain gun sgiorradh gun tubaist, agus leig mise latha math leis na bodaich, agus rinn mi direach air an t-sraid gus an do sheol Torcull mi mu’n d’ fhag mi Steornabhagh. Cha robh mi tur aineolach air na sraidean le bhi ann gu tric aig an iasgach, agus leis sin cha robh e ro dhuilich dhomh mo cheann-uidhe ruigheachd. Fagaidh mi cuisean mar sin an drasda agus innsidh mi dhuibh mar a thachair dhomh ’s a’ bhaile mhor air an ath sheachduin.
Mar sin leibh ma tha, agus leis gach durachd.
Mise, le meas mor,
ALASDAIR MOR.