[73]

BUACHAILLEACHD A’ CHRUIDH.

A CHARAID SHUAIRCE,

S gann a tha fath agam air peann a chur air paipear air an t-seachduin so le drip na h-obrach. Eadar faing is buachailleachd is strith ri lin-bheaga, thuilleadh air treallaich eile, ’s ann mi-shunndach a tha mi faireachadh an comhnuidh air cul aphinn, agus cha bu ghearan sin uile mur biodh gu bheil meirgeadh atighinn air buadhan na h-inntinn agus sgleo air suilean mo mhac-meanmna. Tha fhios agam airson sin gun gabh sibh mo leth-sgial agus nach bi sibh an comhnuidh ag amharc ri litir shuspainneach bho bhodach sean bochd nach dfhuair cothrom air smior an fhoghluim bho oige.

S ann anns na Sitheanan, agus mi abuachailleachd a tha mi sgriobhadh soan aon fhath a fhuair mi air an t-seachduin so. Tha Murchadh


[74] Knocs is Mairi Mhurchaidh is Catriona Chaluim shios an Roulinis comhla rium, agus air creagan thall mu mchoinneamh tha Bean Bhill ag ionaltradh a treud gu doigheil. Tha Catriona Roulinis adeanamh seanchais do Mhairi air na balaich a bha ceilidh oirre air an airigh am bliadhna, achs beag diu Mairi dheth sin— ’s ann a theann i air bruidheann air an t-searmon ghasda a rinn an t-Urr. Ruairidh Mac Ghille Mhoire, ministear Steornabhaigh, latha na Sabaid so chaidh. Tha mi creidsinn gun cuala sibh fhein gu bheil an duine coirn ar measg bho chionn seachduin no dha, agus sinne than a chomain airson na firinnean mora chuir e for comhair ann an doigh cho simplidh solusach agus sgriobtuireil. ’S ealanta chuireas e aGhaidhlig an eagaibh a cheile, agus mar a thuirt Mairi an latha roimhe, ’s buidhe dhoibh-san a tha fon chrannaig aigen comhnuidh. Nach ann a ghabh mi miapadh mor latha na Sabaid an uair a thoisich e ri leughadh an dara caibidil an Leabhar an Taisbeanaidhnach ann a smaoinich mi gur h-ann adol a theagasg air achloich ghil a bha e, ’s nach robh e riaraichte leis amhineachadh a bha mi-fhein agus Scottie atoirt oirre, ach cha dthuirt an duine gasda facal mun chuis idir. Nach iongantach leibh-se cho buailteach agus a tha an inntinn nadurra air seadh cam a thoirt eadhon a searmonachadh an Sgriobtuir fhein agus a chur gu mi-bhuil. Bha bodach as na Hearadh comhla rium
[75] aig an iasgach ann aFinatie (Findochty) bliadhna, agus thuirt e rium gun dfhag e an eaglais dom babhaist dha bhi dol a chionn gun drinn am ministear searmon cumhachdach aon latha air Iudas Iscariot mac Shimoin, agus cha robh duine beo a bheireadh am bodach ud as a bheachd nach ann air fhein a rinn am ministear an searmon. Fhearaibh, nach mor am beachd a tha aig cuid de dhaoine orra fhein.

Tha mi creidsinn gun deirich mi fichead uair bhon thoisich mi air so a sgriobhadh, a thilleadh amhairt odhair. Tha spealg mhor den donas innte ma dhfhoghnas a bhi falbhanach e. Nach ann a theab mi-fhein agus Mairi a dhol a mach air a cheilen diugh air a son, agus iseg radh gu robh bhó gle choltach rium fheinach ged bhios dubh-fhaclan agam fheins aig Mairi iomadh uair, chaneil dithis eadar da cheann Bhearnaraidh cho coirdte ruinn, a chionn gun tuig sinn a cheile, agus nach-eil an dithis mall ann asgaitearachd.

Bithidh orduighean Steornabhaigh ann latha na Sabaid so tighinn, agus bithidh duil agam ri sgriob eile thoirt bhon tigh. Tha min dochas gum bi Padruig Iain Ruairidh air cheann cuid de na seirbhisean.

Mar sin leibh an drasda,

S mise agaibh,

ALASDAIR MOR.

titleBuachailleachd a’ Chruidh
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textLitrichean Alasdair Mhoir
<< please select a word
<< please select a page