ORDUIGHEAN STEORNABHAIGH.
FHIR IONMHUINN,
Tha sinn uile dripeil a’ buain an eorna agus b’e sin an t-eorna math, ach dripeil agus mar a tha sinn, chan fheum sinn sibh-se dhi-chuimhneachadh. Tha am foghar againn gle thràth am bliadhna agus ma leanas an aimsir mar tha i, bidh gu leor agus r ’a sheachnadh aig duine agus ainmhidh. “Cha threabh gach bliadhna dha cheile” mar a thuirt an sean-fhacal agus nach math sin. Chan’eil Freasdal caomh a’ toirt dhuinn uair air bith cuibhrionn a reir ar toillteanais, agus ged dh’ fhaodas nialan dorcha bhi air aghaidh nan speuran againn aig an am so—agus nach lionmhor iad a dh’ fhaodas sin a radh—gidheadh tha ’n Tighearna nochdadh dhuinn le
Thainig Sine dhachaidh bho orduighean Steornabhaigh Di-ciadain so chaidh, agus chan ’eil dad oirre ach gu bheil i gluasad leis an t-siataig. S math a bha fhios agam-sa gu’m b’e sin bun mu’n stadadh na h-orduighean dhith na’n deanadh siubhal thighean e. Bha i oidhche aig Peigi Aonghais Ruaidh, oidhche eile an Steinis, oidhche eile an Cnoc Shandabhaig, agus oidhche Mhàrt air an Ach an tigh Neill Iain. Bheil ionghnadh oirbh a nise ged a thigeadh te sam bith a tha cladhach ’s an tri fichead dhachaidh le eitig ’n a cnamhan. Thuirt mise sin rithe an clar an aodainn an diugh fhein, ach cha chan mise dad nach coinnich ise leis an Sgriobtur, agus tha glas-ghuib orm-sa an uair sin. Bha i ’g radh rium gu robh coimhthionalan mora aig an ordugh gach latha, agus gu’n cual’ iad searmonan brighmhor. Bha Mac Leoid an Rudha ann, agus Mac Ghille Mhoire Bharabhais, agus Padruig coir a Glaschu, agus is iomadh duine rinn gairdeachas ri aghaidh shiobhalta fhaicinn aon uair eile ann an ceanna-bhaile ar n-eilean. Bha mi gabhail naidheachd mo charaid, Torcull, a Garrabost, ach tha e coltach leam nach robh e ann idir.
An uair a bha mi tighinn dachaidh leis na speuclaran nach do ghabh mi mo thomhas airson
An uair a bha mise og, bhiodh an clo-mor againn fhein ’g ar comhdach, agus ged nach robh e briagha bha e seasgair, agus, eudail, ’s iomadh duine tapaidh a chomhdaicheadh leis a dh’ fhag teisde airson treibhdhireas agus dilseachd ’n a dheidh.
Tha ’n oidhche fas car na ’s fhaide a nise agus an uair a gheibh sinn an coirce agus am buntata stigh ’s ann a dh’ fheumas sinn nadur de cheilidh seachduineach a bhi againn anns gach baile. Dheanadh e feum mor do ar corp agus ar n-inntinn, agus chuireadh e seachad an oidhche
Mise agaibh,
ALASDAIR MOR.
title | Orduighean Steornabhaigh |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Litrichean Alasdair Mhoir |