GOG AGUS MAGOG.
FHIR MO CHRIDHE,
Tha fuachd a’ gheamhraidh air tighinn cheana agus is sinne chuireas an umhail air sin, ach ’s math ged a tha caochladh air iomadh ni anns an latha ’s a bheil sinn beo, gu bheil foghar agus geamhradh, earrach, agus samhradh, a’ dion-ruith a cheile a reir a’ gheallaidh. Bha mi-fhein agus Calum Sheorais a muigh leis na lin-sgadanach troimh ’n t-seachduin ach ’s e beag a bh’ againn airson sin. Shrachdadh na lin ’n an criathar toll, agus cumaidh sin sinne ri buile ’g an càradh mar a gheibh sinn fath. ’S e obair anrach neo-chinnteach a tha an iasgach an sgadain mar a fhuair mise mach le geur fhiosrachadh iomadh latha.
Nach mise bha ’g orduchadh sibh a bhi measg nan ceileach a bha an so an raoir. Co thigeadh an rathad ach mo charaid, Scottie, agus e an deidh na cleibh-ghiomach a chur ’s an loch. Cha robh stigh ach mi-fhein ’s a’ chailleach agus smuid aice-se air deanamh clo-mor. Chunnaic i ann am “paipear an druggist” gu bheil iad a’ toirt ceithir agus sia sgillinn an t-slat air an Glaschu, agus ’s fhada leatha gus a faigh i crioch a chur air. An deidh dhuinn a bhi comhradh a null agus a nall mu na cuisean abhuisteach, ’s ann a thuirt Scottie rium fhein, “Alasdair, bho’n a tha do leirsinn cho
Sinn a rinn an surd rithe, agus gun dail chuir Scottie f’a comhair a’ cheisd, “Co tha Gog agus Magog a’ ciallachadh?” Bha i greis mhath ’n a tamh agus an sin thuirt i air a socair, “An uair a bha Muire dripeil a’ deasachadh, agus i lan dragha mu thimchioll mhoran nithean, ’s e thuirt Iosa rithe, “ach tha aon ni feumail,” agus cha d’ thuirt i ’n corr mu’n chuis. Chuir an sin Sine a teanga ’s an deasbud, agus bu mhor m’ ionghnadh fhein cho fada agus a bha i cumail ’n a tosd.
“Nach e dheanadh an gairdeachas Rainy coir,” ars’ ise, “na’m bu bheo e, na faiceadh e an uibhir so de na deisciobuil aige cruinn.” “A,” arsa mi-fhein, “nach tu tha gorm, a Shine, cha thuigeadh e facal de na tha dol, cha robh Gaidhlig aig Rainy ann.”
Chuir cupan de’n tea crioch air an deasbud, agus ròst Sine na crubagan a thug Scottie dhuinn, agus abradh sibh-se gu robh feisd againn. ’S iomadh duine ’s a’ bhaile mhor a bhiodh taingeil airson a bhi cho faisg air stuth na traghad agus a tha sinne. ’S iad nach ruigeadh a leas a bhi gun annlann fhad ’s a bhiodh maorach agus crubagan agus bairnich aca, cho pailt agus a tha iad againne.
Soirbheachadh leibh agus roimhibh.
Mise, le speis,
ALASDAIR MOR.
title | Gog agus Magog |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Litrichean Alasdair Mhoir |